Taigh Tasgaidh Mara na h-Alba

Anns an dàrna alt san t-sreath Gàidhlig againn, tha Daibhidh Rothach a’ toirt sùil air Taigh Tasgaidh Mara na h-Alba agus ath-bheothachadh seann ghnìomhachais san sgìre timcheall air.

 

Aig deireadh nan seasgadan, chaidh Irbhinn a stèidheachadh mar bhaile-ùir, am fear mu dheireadh ann an sreath a thogadh sna bliadhnaichean a lean an Dàrna Cogadh. B’ ann connspaideach a bha tòrr de na leasachaidhean, is tha cuid de na toglaichean a’ riochdachadh na h-ailtearachd a bu ghrànnda den linn sin. A’ dol le sruth na h-Aibhne Irbhinn mu mhìle bho aon de na mearachdan as miosa, an t-ionad bhùthan robach (a ghabh àite sheann drochaid àlainn) ge-tà, agus lorgar Taigh Tasgaidh Mara na h-Alba agus Taobh a’ Chalaidh, sgìre a tha a’ sealltainn mar bu chòir am baile-ùir air fad a bhith air a dhealbhachadh: ailtearachd tarraingeach air an taigheadas-sòisealta, le taighean-bìdh, bùithtean beaga neo-eisimeileach, agus fiù s ealain-lainn sgapte nam measg.

Tha an taigh-tasgaidh fhèin na chuimhneachan tiamhaidh do bhuaidh na doimhneachd air ar dùthaich bheag, le bàtaichean de gach seòrsa a’ sìneadh fad na linne, ach ged a b’ e Irbhinn am port as motha san dùthaich ri linn Raibeirt Bhurns mus deach grunnd na Linne Cluaidh a sgrìobadh is a dhoimhneachadh, ‘s ann gu math gann a tha bàtaichean a thogadh sa bhaile fhèin. Bha an Antares, tràlair a dhraghadh shìos leis an long-fo-mhuir HMS Trenchant sna Caoil Bhòdach ann an 1990, air a shuidheachadh sa chaladh mus deach i a briseadh suas. Tha am Bass Conqueror ri fhaicinn cuideachd, an t-eathar a bh’ aig Coinneach MacGilleChiar, a chaidh a chall an dèidh 156 làithean aig muir nuair a dh’ fheuch e iomradh thar a’ Chuan Siar ann an 1980.

‘S ann ann an Taigh Tasgaidh Mara na h-Alba cuideachd a tha am bàta-teasairginn T.G.B. a bha ag obair air a’ Chaol Arcach sna seasgadan is seachdadan. Sa Mhàrt 1969, is e a’ fàgail Longhope ann an Arcaibh gus cobhair a thoirt don an t-soitheach Irene a ghabh air tìr ann an gailleann, bhuail tonn timcheall air ceud troimhe a dh’ àirde oirre agus, leis nach robh comas aig bàtaichean-teasairginn aig an àm ud an ceartachadh fhèin air sàl, bhàth ochdnar: triùir on aon teaghlach, triùir o theaghlach eile, agus dithis o threas teaghlach. Ann an dùthaich a tha loma-làn de chuimhneachan chogaidh, ‘s ann gu math iomchaidh a tha e gu bheil daoine a chaill am beathannan gu neo-fhèineil ri linn sìthe air an aithneachadh, agus ‘s dòcha nach eil gaisgeachd na b’ àirde ann.

download

Am bàta-teasairginn T.G.B.

‘S mathaid, ge-tà, gur e bàs gnìomhachais an luinge-thogail fhèin a thug a’ bhuil a bu mhaireannaiche air iar-dheas na h-Alba, agus tha an taigh-tasgaidh ga aithneachadh. Chìthear na h-innealan agus uidheamachd a bhuainnich cliù thar choimeas do Ghlaschu air feadh an t-saoghail, tòrr dhiubh fhathast le comas obrachaidh, agus chaidh an togalach air fad – an t-seann bhùth inneil aig a’ ghàrradh Linthouse – a ghluasad o Bhaile Ghobhainn gu Irbhinn an 1991.

Ach fhad ‘s a tha an taigh-tasgaidh a’ toirt sùil air ais, tha e cuideachd a’ coimhead adhart ris an àm ri teachd. Mar a mhìnich am manaidsear, Daibhidh Mann, tha seo den phrìomh cudthrom do thaigh-tasgaidh sam bith.

“Tha taighean tasgaidh, sa mhòr chuid, nam buidhnean adhartach, agus tha seo riatanach an là an-diugh ma tha iad gu bhith maireann. ‘S e goireas coimhearsnachd a th’ annainn, agus tha sinn a’ cleachdadh an ama a dh’ fhalbh gus an àm ri teachd a chruthachadh, tro dh’ obair

shaor-thoileach agus tro dh’ fhoghlam.”

O chionn sia mìosan, thòisich sgeama trèanadh òigridh a bhios a’ toirt cothrom do dheugairean na sgìre beagan eòlas fhaighinn air obair an t-saoir-luinge, agus ged nach eil maoineachadh gu leòr an-dràsta gus na balaich a chur tro phreantasachd, tha e gan ullachadh airson an t-saoghail obrach. Tha Maighstir Mann an dòchas gun tig leasachadh air a’ phròiseact gus preantasachd ceart a thabhainn dhaibh.

“Cha mhòr nach eil sinn ceadaichte teisteanasan City and Guilds ann an saor-luinge a thoirt a-mach, ach tha sinn airson a’ Vagrant, am bàta as sine aig an dealbhaiche-luinge cliùiteach Uilleam Fìobha a tha fhathast maireann, ath-nuadhachadh. Bhiodh e na bhuannachd mhòr don an taigh-tasgaidh nam b’ urrainn dhuinn maoineachadh fhaighinn airson seo, agus preantasachd a thoirt do na balaich fhad ‘s a tha iad ag obair oirre.”

download2

Preantas ag obair air Sally Salcombe, soitheach a thugadh don an taigh-tasgaidh.

Tarraingeach is brosnachail ‘s gu bheil an sgeama seo, ge-tà, ‘s e a tha soilleir gu bheil astar mòr eadar obair nam preantasan an là an-diugh agus na famhairean mòra iarrainn a tha gan cuairteachadh san taigh tasgaidh, agus leis gu bheil an gnìomhachas air crìonadh cho mòr air an Linne Chluaidh, dh’ fhaodadh nach bi iad a-riamh ach nan cuimhneachan air linn na bu dhòchasaiche, neo-eisimeileachd ann no às.

An-diugh, tha Irbhinn a’ dol tro leasachadh eile. Tha a’ chomhairle air sgrios a chur air na taighean as miosa a dh’ èirich sna seachdadan, agus tha am prìomh sràid air a sgioblachadh le ìomhaighean-meatailt a bhios a’ comharrachadh cinn-là sònraichte ann an eachdraidh a’ bhaile. Mairidh e spaideil airson greis, ach tha seo uile gun fheum fhad ‘s a tha na trioblaidean sòisealta is a’ bhochdainn a thàinig le crìonadh a’ bhaile fhathast ann.

A’ coimhead air preantas, tha an locair aige a’ cumadh, ag ùrachadh, bùird a’ Sally Salcombe, seann fhiodha a’ tighinn beò fon a’ chraiceann mharbh, agus beatha ùr do shoitheach aosda. Mura bheil comas ann seann ghnìomhachas an luinge-thogail ath-stèidheachadh, ‘s dòcha gur ann tro chiùird traidiseanta, le sgilean àrsaidh a’ cruthachadh batharan air leth mar a rinn Uilleam Fìobha o chionn ceud bliadhna, a thig cothrom do dh’ òigridh agus do bhailtean-mara air Linne Chluaidh, agus air an taobh an iar air fad.

Comments (0)

Leave a Reply to Dean Richardson Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Just wish I was able to read and write also speak fluently Gaelic,its nice to see it written down and being used.I cant attend classes unless my wife takes I did look into it a couple of years ago,but anybody willing to come and teach a grumpy old man while his wife laughs at him I’m willing to be the pupil!! LOL

    1. Dean Richardson says:

      I understand ‘Alba’ and ‘City and Guilds’, if that’s any help.

  2. D.J. says:

    Great to see an article IN Gaelic as opposed to ABOUT Gaelic! Fantastic from Daibidh Reothach.

    We are tired of reading ‘how to save the language’ or ‘questions about the language’ etc. We just want to read through the medium of the language about politics, culture, current issues, oddball articles, crazy features, even just ordinary musings about – anything. Thank you. If I see one more article ABOUT Gaelic I will go crazy! Thank you again.

    1. Nach bi thu leughadh seo?! —- http://danamag.org/

      Tha mi dol leat – tha airtigilean Dhaibhidh Rothach air an Scotsman daonnan ealanta, inntinneach agus mu dheidhinn iomadh cuspair.

  3. toirdhealbhach says:

    Glè cheart D.J . Mòran taing a Dhaibhidh. Bha mi an ìre mhath aineolach mun chuspair, feumaidh mi aideachadh.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.