O Na h-Eileanan an Iar do Thaobh an Ear: A’ Fàgail nan Làbarach gus Seann Thraidisean a Ghlèidheadh

BwtZlDFCAAAojKs.jpg-large

“From the Western Isles to the East End: Leaving Labour to preserve an old tradition”

 

B’ e a’ chiad uair a fhuair mi tuigse, no mothachadh air choireigin, air saoghal nam poilitigs, A.D. 1992 – Bliadhna Nèill, nuair a bha gach dòchas aig a’ phàrtaidh Làbarach gur ann leotha a dheidheadh an latha aig taghadh coitcheann Westminster. Tha cuimhne agam air an dòchas a bh’ aig mo phàrantan agus an caraidean aca an Leòdhas gun dèanadh Kinnock gaisgeil a’ chùis air phartaidh Maggie Thatcher sgràthail. Cha robh mi ach deich bliadhna a dh’ aois aig an àm, agus is beag an tuigse a bh’ agam air na bha seo a’ ciallachadh, ach tha cuimhne agam air an dòchas ceart gu leòr. Bha ar-a-mach san adhar.

Làithean beòthail a bh’ annta airson an teaghlaich air fad. Bha mo phàrantan gu mòr an sàs sa phàrtaidh ionadail aig an àm, is am B.P. Calum Dòmhnallach a’ strì an aghaidh an S.N.P gus an seata aige a ghlèidheadh ann an Lunnainn. Tha cuimhne agam gum biodh mi fhìn is mo bhràthair a’ dol timcheall baile Steòrnabhaigh a’ cur steigearan leis an Ròs Dearg anns gach àite (gu h-àraid air muin nan Ribeanan Buidhe), fhad ’s a bhiodh na h-inbhich a’ frithealadh nan coinneamhan ionadail.  Agus abair an t-sealladh a bh’ anns an railidh mhòr chàraichean a chaidh timcheall an eilein: steigearan dearg air gach càr, is ‘beep beep’ bhuap’ a’ dol tro bhailtean beag is mòr; tha mi a’ smaoineachadh gun robh loudspeaker air aon dhiubh. Thàinig Kinnock fhèin fiù ’s chun a’ Chattle Show againn as t-samhradh air Taobh Siar Leòdhais. Bha an rud air fad coltach ri pàrtaidh mòr agus chòrd e rium.

An ceann mìos no dhà bha am pàrtaidh sin seachad agus bha a’ chailleach chruaidh ud fhathast a’ nochdadh air an telly gach latha. Ghlèidh an Dòmhnallach an seata aigesan ceart gu leòr, ach, mar a bhios cuimhne aig mòran, cha do shoirbhich le Niall Kinnock anns an iomairt mhòr. Chaidh sinn gu coinneamh air an t-seachdain às dèidh a’ chaill, agus tha cuimhne agam cho troimh-chèile ’s a bha gach neach a bh’ air a bhith an sàs. Thubhairt aon duine gun do shuidh e anns a’ chidsin aige a’ gal air a’ mhadainn as dèidh an taghaidh. Chur e ioghnadh orm a’ smaoineachadh mun duine seo a’ gal mu dheidhinn dad sam bith; cha robh mi ach òg, agus cha do thuig mi cho cudromach ‘s a tha poileataigs ann am beatha dhaoine.

Tha còrr is fichead bliadhna bhon uairsin agus tha na th’ agam de thuigse mu dheidhinn poileataigs an-diugh, agus tha làn fhios agam cho cudromach sa tha an roghainn a tha romhainn air an 18mh latha dhen mhìos seo. Nuair a chaidh an reifreann a chur air bhonn an toiseach bha mi an aghaidh neo-eisimeileachd, air taobh Devolution, an Aonaidh agus a’ phàrtaidh Làbaraich. B’ ann bhon bhratach sin a thogadh mi, agus, fiù ’s às dèidh deichead Blair is Brown (ged a tha faireachdainnean measgaichte agam mun dithis sin fhathast) cha robh mi dhen bheachd gun tigeadh buannachd à sgaradh bho Bhreatainn.

Cha chaith mi cus ùine a’ mìneachadh nan adhbharan airson nam beachdan a bh’ agam an uairsin; tha gach neach air an cluinntinn tric gu leòr (dìth fiosrachaidh, an NHS, an Not, agus mar sin air adhart). Ach canaidh mi seo: ’s e rud làidir a th’ ann an traidisean, co-dhiù ma bhios sin ann am poileataigs, creideamh, ball-coise no ann an iomadach nì eile. Agus tha mi dhen bheachd gur e na freumhan domhainn a tha nam theaghlach a thaobh taic don phartaidh Làbarach a thog an cnap-starra eadar an t-sealladh a th’ agam an-diugh agus an tè car sgòthach a bh’ agam roimhe, ged nach d’ thug mi mothachadh air na sgothan aig an àm.

Thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh, agus gu h-àraid sna sia mìosan a chaidh, tha na sgothan sin air èiridh agus tha mo bheachdan mun chùis air atharrachadh. Beag air bheag sa chiad àite, ach ann an tonnan mòra bho chionn ghoirid. Carson? Tha am freagairt buileach simplidh: rinn mi rannsachadh. Mhothaich mi gur e an aon chothrom a th’ agamsa a bhith beò anns an t-seòrsa saoghail a bha an dòchas aig gach ginealach nam theaghlach a chur taic rin phartaidh Làbarach romham, mo thaic-sa a chur ri neo-eisimeileachd san t-Sultain.  Chur mo phàrantan taic ri Healey, Foot, Kinnock, agus bu mhòr am beud nach d’ fhuair iad an cothrom taic a chur ri Iain Mac a’ Ghobhainn còir nach maireann. Ach chan eil am pàrtaidh poileataigeach dom bhuin an còmhlan sin ann an-diugh, agus cha till e a-chaoidh tuilleadh.

Tha mi cinnteach gu bheil e a’ còrdadh ruinn uile a bhith a’ smaoineachadh gur e free-thinkers a th’ annainn, ach uaireannan bidh beachdan againn nach biodh sinn air ceasnachadh idir gus an tig cuisean gu a h-aon sa dhà. Tha an t-àm sin oirnne agus chan eil ann ach amaideas a bhith a’ gearain nach eil fiosrachadh gu leòr againn, mar a tha mòran fhathast a’ dèanamh. Tha am fiosrachadh ann ceart gu leòr, ged nach eil e anns na h-àiteachan àbhaistich (a bha uaireigin cothromach, nach robh?).

Gu dearbh, tha am fiosrachadh air mo bheulaibh gach latha: tha mi a’ fuireach air taobh Sear Bhaile Ghlaschu, aon dhe na sgìrean as miosa dheth a thaobh bochdainn ann an Alba, Breatainn agus an Roinn Eòrpa. Agus, ged a bha na Geamannan mìorbhaileach agus gum bi cuid dhen obair-togail maireannach, ’s ann nas miosa a tha cùisean a’ fàs an seo cuideachd.

Ghluais mo bhràthair òg an seo bho chionn beagan mhìosan agus bha aige – airson a’ chiad uair bho dh’ fhàg e sgoil o chionn ochd bliadhna – taic a shireadh bhon an Jobcentre (no an No-Jobcentre mar a th’ aige fhèin air). Thug e a-mach ceàrd mar dealanair agus tha e air a bhith ag obair san dreuchd sin airson seachd bliadhna a-nis. Bha aige fhathast ri cùrsa a dhèanamh, as dèidh dà mhìos a’ sireadh taic, far an deach innse dha gum bu chòir dha obair sam bith a dhèanamh, seach a bhith a’ sireadh taic. De seòrsa cuideachaidh, agus de seòrsa misneachaidh a th’ ann an sin airson duine òg le deagh thrèanadh? Droch chuideachaidh, agus droch mhisneachaidh, ’s e a th’ ann. Tha e coltach gu bheileas fiù ’s a’ bruidhinn air Jobcentre far nach bi luchd-obrach idir ach coimpiutairean. Eh, whit? Mar a chanas iad.

Ged nach e eòlaiche a th’ annam mu dol-a-mach an riaghaltais, tha eòlas gu leòr agam agam airson tuigsinn gur e an riaghaltas a tha an-dràsta ann an Lunnainn a tha air cùl dol-mach an Jobcentre agus iomadh seirbheis poblach eile ann an Alba a tha a’ dol an aon shlighe.  Agus tha e coltach gum bi an riaghaltas sin, ann an cruth air choireigin, os ur cionn airson còig bliadhna eile agus is dòcha còig bliadhna as dèidh sin, mur an atharraich rudeigin.  Bidh mòran ag ràdh ‘ach dè mu dheidhinn a’ mhì-chinnt?’.  Agus tha iad ceart: chan eil càil a dh’fhios dè bhios an dàn dhuinn ma chumas sinn oirnne leis an status quo neo-caochlaideach a th’ againn an-dràsta. Ach bidh Faslann mòr, cosgail, ann co-dhiù – tha sin cinnteach.

Mar sin, tillidh mi chun a’ cheist mhòr: carson a tha mi a’ bhòtadh mar a tha mi? Uill, ri linn s’ gu bheil an cothrom agam agus gum bu chòir dhomh – gu dearbh tha e na dhleastanas orm is am fiosrachadh a-nis rim làimhe. Agus tha mi an dòchas nach e deòir a’ chothrom chaillte ach fiamh-ghàire na misneachd ùire a bhios agamsa is mi a’ gabhail cupan teatha air madainn 19mh an t-Sultain.

Comments (0)

Leave a Reply to Fearchar I MacIllFhinnein Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. seanair says:

    Regret I only have a few words of the Gaelic, but I can recognise the Spey Street Multis (Edinburg) when I see them. Lifts my spirits every time I pass on the bus!

  2. An Duine Gruamach says:

    Tapadh leibh a Ruairaidh – tha mi a’ cluinntinn an aon sgeul gu tric air thaobh a) eachdraidh pearsanta ann an Gluasad Làbrach agus b) cho dìomhain ‘s a tha an Jobcentre. Tha mo bhràthair fhèin a’ fuireach ann an Glaschu cuideachd, agus cha d’fhuir e taic no cuideachadh no dad sam bith bho na amadain ann.

  3. Tuairisceoir says:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

  4. Fearchar I MacIllFhinnein says:

    Rudeigin beagan nas treasa na srùbag, tha fhios! 🙂

  5. Gòrdan MacCoinnich says:

    Math fhèin a Ruairidh. Chord sin rium gu mòr.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.