Anns an alt seo tha Daibhidh Rothach a’ coimhead air seasamh nan Làbarach ann an Alba air Trident, agus a’ togail cheistean mu rùn a’ phàrtaidh. (‘Trident and Labour: A Tale of Two Parliaments’) In this article Daibhidh Rothach looks at Scottish Labour’s position on Trident, and questions the party’s motives in adopting an anti-renewal stance.

trident-protest-001Tha an deasbad air an armachd niùclasach sa Chluaidh ann an linn ùr, is na Làbaraich ann an Alba a-nis an aghaidh siostam ùr a bhith a’ gabhail àite Trident nuair a ruigeas e ceann a bheatha ann an deich bliadhna. Gu ruige seo, ge-tà, chan e a th’ ann ach samhladh, is nam biodh am pàrtaidh a’ bhòtadh ann an tallaichean Westminster seach ann an Taigh an Ròid, far a bheil còmhradh air cumhachdan glèidhte gun bhrìgh, tha e teagmhach am biodh iad air tilleadh leis an aon fhreagairt. Ach air pàipear co-dhiù tha a’ mhòr mhòr chuid de Phàrlamaid na h-Alba a-nis an aghaigh armachdan niùclasach air a’ Gheàrr Loch, agus ann an saoghal far a bheil e nas èifeachdaiche raon an deasbaid a ghluasad na an argamaid a bhuannachadh, tha seo na cheum mhòr.

Faighnich dha Jeremy Corbyn bochd. Ged a ‘s ann ris a’ Chamshronach a tha e a’ strì, tha an àrainneachd phoilitigeach aig Westminster an là an-diugh air a chailbhreachadh do phoileasaidhean Maighreid Thatcher, poileasaidhean a rinn Tony Blàrach nan àbhaist, agus tha a-nis a’ leigeil leis na meadhanan Corbyn a chrochadh mar radaigeach cunnartach. Ach a dh’ aindeoin nam beachdan aige air cumhachd loisgeadh gu bàs nam poileas agus air Trident fhèin, tha coltas ann gun tèid am pàrtaidh a chuipeadh gus am bhòt a sheachnadh ann an Deasbad Là nan Dùbhlanaiche air ath-nuadhachadh an ath-sheachdain. Tha Corbyn, is meud na saothrach a th’ air a bheulaibh a-nis follaiseach, a’ feuchainn ri rèiteachadh a ruighinn leis a’ phàrtaidh aige, ach ma tha na fathannan fìor gum bhòt cuid dhiubh leis an riaghaltas, ‘s ann a bhios e gu math luath na cheannard gun smachd.

B’ e làidir a bha an rabhadh aig a’ Bharan Niall Kinnock – cuideigin a th’ air gèilleadh gu tur gu buaidh agus àirneis an taobh dheas – na bu tràithe air a’ mhìos seo, “’S aithne dhomh nach bhòt muinntir Bhreatainn airson dì-armachadh aon-taobhach. Agus ‘s e sin fìrinn leis am feumar dèiligeadh.” Agus tha Corbyn a’ dèiligeadh leis san aon dòigh a tha comasach ann am poileataigs: tha e ag atharrachadh agus, aig an aon àm, a’ dearbhadh gu bheil cuid de na poileasaidhean a bha, ann an linn Kinnock co-dhiù, reusanta, a-nis cho fada o raon deasbaid Westminster ‘s gu bheil iad nam bagairt air cumhachd ceannard an dearbh phàrtaidh aig am bu chòir dhaibh a bhith.

Ach ‘s mathaid nach robh cuimhne aig Kinnock air an reifreann agus mar a tha an deasbad air gluasad gu àird eile tuath air an Uisge Thuaidh, agus ‘s mathaid nach robh cuimhne aige air mar a bhòt am pàrtaidh aige ann an Alba gus dì-armachadh aon-taobhach a ghabhail mar phoileasaidh oifigeil. Nach e a tha fàs aosda. Tha cùis a bha o chionn deich bliadhna na adhbhar strì aig fir an fhuilt fhada is an aodaich robaich aig Campa Sìth Faslainn a-nis na dheasbad chudromach ann an cogais phoilitigeach na h-Alba. Bidh an argamaid aig pàrtaidhean ann an taghaidhean Taighe an Ròid an ath-bhliadhna air ath-nuadhachadh Trident a-nis a cheart cho cudromach ‘s a bhios na poileasaidhean aca air an t-Seirbheis Slàinte, foghlam, agus cìsean.

Fèin-mharbhtach is a tha na Làbaraich air a bhith fad dà bhliadhna, agus a dh’ aindeoin beachd ceannard a’ phàrtaidh, Kezia Dugdale, a tha airson dì-armachadh ioma-thaobhach – ann an da-rìribh a’ toirt taic do dh’ath-nuadhachadh oir cha tachair seo a-riamh – tha e do-chreidsinneach aig an ìre seo gun atharrachadh iad am beachd ron an taghadh Albannach. Car poilitigeach ann no às, tha iad a-nis ag aontachadh leis na Nàiseantaich agus an aghaidh poileasaidh oifigeil a’ phàrtaidh ann an Lunnainn. Ach is dùil gun gabh a’ phrìomh bhòt air ath-nuadhachadh àite ron na taghaidhean Albannach, chan e Coinneach Odhar a tha a dhìth gus an t-slighe air adhart fhaicinn. Togaidh na Làbaraich ann an Alba guth an aghaidh ath-nuadhachadh fad na h-iomairte, a’ gairm air na freumhan sòisealach aca is a’ cur fàilte air a’ bhràithreachas eadar-nàiseanta a bhios air fàire fon riaghailt, gun a’ bhìdeag de nàire nach d’ rinn am pàrtaidh ann an Westminster dad ach, aig a’ chuid as fheàrr, am bhòt a sheachnadh.

Do dh’ Alba, mura tig sgaradh air an Rìoghachd Aonaichte, bidh beatha fo sgàil bhàis niùclasaich a’ maireann gu co-dhiù meadhan an linn seo. Ceistean moralta ann no às – oir ‘s ann pailt is ioma-fhillte a tha iad ann an cogadh – ‘s e cnag na cùise nach eil Trident a’ dìon na dùthcha seo, ach a’ cur dleastanas uabhasach oirre mar thargaid do dh’ armachdan na Ruise, na Sìne, is ge b’ e cò na stàitean ùra a bhios a’ leasachadh armachdan niùclasach mar a tha teicneòlas ag adhartachadh. ‘S e dèideag mhòr Bhreatainn a th’ ann, dèideag a tha a’ toirt meas is cliù dhi am measg chàirdean a tha nas trice a’ cur cùl rithe ann an tachartasan an t-saoghail. Is Alba bheag, ga leantainn mar bhràthair òg, socharach is gòrach, gun tuigse air cho cunnartach ‘s a tha an gèam.

Agus tha cumhachd na droga làidir: chan ann gu saor-thoileach a thathar a’ gèilleadh, agus cho fad ‘s a tha airgead aig Westminster a chosg agus Pàrlamaid na h-Alba gun chumhachd, bidh armachd niùclasach air a’ Gheàrr Loch. Tha am poileasaidh ùr aig na Làbaraich a’ sealltainn far a bheil an deasbad ann an Alba an là an-diugh; beagan adhartas do dhì-armachadh agus chan eil taic do dh’ath-nuadhachadh Trident a-nis ach na bheag-chuid. Ach nach furasda beachdan connspaideach a ghairm ma tha na facail gun bhuil, agus fhad ‘s a tha na Làbaraich ann an Alba a’ diùltadh chumhachdan don a’ Phàrlamaid gus armachdan niùclasach a ghluasad on tìr, ‘s ann a tha an cuid fhacail cho math ris a’ bhreug.

 

Likes(0)Dislikes(0)