San alt seo tha Rona Dhòmhnallach a’ beachdachadh air crìonadh Phròiseact nan Ealan agus na tha an dàn dha na h-ealainean Gàidhlig san àm ri teachd. (What is the Way Forward For Gaelic Arts?) In this article Rona Dhòmhnallach looks at the decline of the national Gaelic Arts Agency and considers a way forward for Gaelic arts.

gaelic_1_fig095

O chionn ghoirid, thuirt Pròiseact nan Ealan gum biodh iad a’ dol à bith air sgàth ’s gun do chuir Bòrd na Gàidhlig crìoch air an cuid mhaoineachaidh, a bharrachd air a’ mhaoineachadh stèidhichte a chaill iad o chionn beagan bhliadhnaichean bho Alba Chruthachail.

Rinn PnE obair air leth cudromach sna bliadhnaichean tràtha de dh’ath-bheòthachadh na Gàidhlig bho dheireadh nan ochdadan, rud a bha gu math deatamach, is bha pròiseactan ùr-ghnàthach thar nan ealan an urra riutha agus, anns na mìosan mu dheireadh, prògram dràma proifeiseanta a bharrachd air dràma sa choimhearsnachd. Aig an àm las PnE teintean ealanta air feadh an àite agus, a dh’aindeoin nan duilgheadasan, chruthaich iad pròiseactan cudromach eadar-nàiseanta le sùil gheur is ro-innleachdail. Aig a’ cheann thall, ge-tà, b’ e laigsean ann am bun-structar nàiseanta a rinn cron orra, bun-structar nach robh comasach na h-ealainean Gàidhlig àrdachadh gu ìre a bha co-ionnan ris an deasbad timcheall air togail agus mairsinneachd cànain.

Le bàs PhnE tha e doirbh gun a bhith a’ faireachdainn gu bheil ealain agus cultar proifeiseanta sa Ghàidhlig, ‘s leis a sin a’ Ghàidhlig fhèin, ann an cunnart. Ann an co-theacsa nan gearraidhean, a thàinig thugainn gu geur sa chola-deug a chaidh seachad le gearradh de mhillean not bho bhuidseat MG Alba, gun teagamh mar bhreab cruaidh gu Alba bhon Rìoghachd Aonaichte às dèidh toradh an Reifreinn an-uiridh. Aig an aon àm, bidh dùbhlain ann ro fhoghlam Gàidhlig, bhuidhnean riaghaltais is bhuidhnean leasachaidh sa bhliadhna ri teachd ann an Alba. Agus tha iad uile air an dèanamh nas miosa le meadhanan a tha a’ leum air cùis sam bith le rùn a bhith a’ cur sìos air soidhnichean rathaid sa Ghàidhlig agus a bhith bruidhinn air iomchaidheachd nam buidseatan Gàidhlig ann an ùghdarrasan ionadail.

Mar sin, sna h-amannan doirbh a tha seo, tha e an urra ris an luchd-ealain…bàird, seinneadairean, luchd-ealain lèirsinneach, dannsairean, sgrìobhadairean, luchd-dràma is
ceòladairean…aonaich! Faigh measgachadh de dh’aoireadairean gus dùbhlain a thoirt dhan a’ BhBC no dha Bòrd na Gàidhlig, sgrìobhadairean òrain le faclan ùra mu inbhe na Gàidhlig san àm ri teachd ann an eachdraidh co-roinnte Alba; na beòthaichearan ag ath-dhearbhadh còir FMG bogaidh fhaighinn ann an àite sam bith ann an Alba; obair-ealain phoblach a bhiodh a’ tort taic do dh’ainmean-àite na h-Alba a bhith aig ìre ùghdarail air feadh Alba; na bàird a bhiodh ag ràdh nach ann ann an cumail a’ chànan beò mar shreath de shamhlaidhean is blasan a tha an t-sabaid ach ann am fèin-aithneachadh agus còir air mèinn chultarach le eòlas daonna a tha air a bhith a’ fàs thar mile bliadhna…ach gu mì-fhortanach, tha an t-àrd-ùrlar lom.

An ann air sàilleibh ’s nach do chruthaich na Gàidheil sgiath ghuerrilla airson gearan a thogail? ’S ma dh’fhaoidte nach tug sinn cumhachd dhuinn fhìn a bhith nar ‘provocateurs’? Chanadh Daibhidh Crystal, prìomh ùghdarras air mion-chànain an t-saoghail, nach urrainnear stad a chur air bàs cànain mura h-eil luchd-ealain a’ coimhead air a’ chànain le sùil gheur. Tha na h-ealain ag obair aig ìrean domhainn nach eil cho soilleir, a’ toirt bheachdan beò sa mhac-mheanmna agus san fho-inntinn. ’S e casg-leigheas èifeachdach a th’ ann do luchd-poilitigs lag agus tòisichidh ealan atharrachaidhean a thoirt air beachdan. ’S dòcha gur e leum mòr a th’ ann ach ma dh’fhaodte gun toir bàs PhnE tuigse dhuinn air far am feum sinn a dhol airson raon nan ealan Gàidhlig ath-bheòthachadh.

An toiseach, bidh duilgheadasan daonnan an luib an fhacail ‘Nàiseanta’ a bhith ann an tiotal buidheann ealain. Tha e ag ràdh gu bheil am buidheann a’ riochdachadh an nàisein is gu bheil ùghdarras aig a’ bhuidheann a bhith a’ bruidhinn as leth a h-uile duine, gur e eisimpleir a th’ anns a’ bhuidheann. Tha luchd-maoineachaidh an sàs ann an seo. B’ urrainnear ràdh gu bheil inbhe nàiseanta deatamach airson dearbh-aithne cultarach làidir a shealltainn ann an roinn àraid mar a chithear, mar eisimpleir, ann an Thèatar Nàiseanta na h-Alba. ’S dòcha nach bi sinn air ar faicinn mar chudromach gun an fhacal sin? Ann an co-theacsa Gàidhealach, is cinnteach gu bheil e a’ sealltainn misneachd agus bun-structar a tha cuideachail.

Timcheall air meadhan nan naochadan, bha trì leasachaidhean ùra ann. An toiseach, mar thoradh air an obair chruaidh a rinn PnE, thòisich diofar phròiseactan is bhuidhnean ùra, a bha neo-eisimeileach bho PhnE. An uair sin, a’ leantail air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, bha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh is iad cunntasach airson an Achd a chur an gnìomh agus thòisich na bha seo a’ ciallachadh dha na h-ealain a’ tighinn am follais. Cuideachd, dh’fhàs an raon-dleastanais aig Comhairle Ealain na h-Alba, mar a bha e an uair sin, airson nan ealan Gàidhlig/Albais air feadh Alba agus thug iad ùidh na bu dlùithe ann an ealain Ghàidhlig. Aig an àm seo, chaill na h-ealainean Gàidhlig cothrom a bhith gan ath-innleachadh fhèin mar fhreagairt dhan an àrainneachd ùr a bha a’ tighinn am barr.

Am broinn an structair ùir bha beàrn ann nach robh air a lìonadh airson nan ealan Gàidhlig. Tha a’ bheàrn seo ann fhathast. Cha do dh’atharraich PnE ach dh’fhàs iad gu bhith nan companaidh riochdachaidh is bha iad an uair sin ann am farpais airson an aon mhaoineachaidh fhaighinn ‘s a bha luchd-ealain agus buidhnean eile agus mar sin cha robh na h-amasan aig PnE soilleir – gu h-àraid mar bhuidheann ‘Nàiseanta’ nan ealan Gàidhlig – ach chan e iomradh a tha seo air mathas na h-obrach aca.

Feumaidh sinn cumail nar cuimhne gun caill buidhnean ealain maoineachadh fad na h-ùine. Cò smaoinicheadh gun rachadh 7:84 à bith, no na h-Arches, cridhe Ghlaschu airson ealain ùr a bha a’ tighinn gu barr. Ach thachair sin agus tha ealain fìor mhath fhathast ga chruthachadh ann an Alba. Le bun-structar ceart, ’s urrainn dhan aon rud tachairt airson ealain Ghàidhlig, ach chan eil e tèarainte idir. Feumaidh am maoineachadh a chaill PnE a bhith ga thoirt dha na h-ealainean Gàidhlig – ann an dòigh nach eil eucoltach ri Thèatar Nàiseanta na h-Alba ach thairis air na h-ealainean – agus tèarainte le maoineachadh bhon Riaghaltas, ‘Tsar’ Ealain airson Buannachd. Mar sin, air fhèin, tha dàn PhnE mar phàirt de dh’àrainneachd fhallain far a bheilear gan cumail beò le deòin is comas atharrachaidh. Cha bu chòir dhuinn an coire a chur air PnE ge-tà. Bha – is tha fhathast – daoine le lèirsinn gann ann an cùirt nan luchd-ùidh.

Tha sinn nar comain do Phròiseact nan Ealan, an luchd-obrach is am bòrd aca, san àm a chaidh seachad agus an-diugh. Tha an dìleab a bu mhotha aca nam bheachd-sa – Leabhar Mòr na Gàidhlig – gu math comhfhurtail air a’ bhòrd-cofaidh agam thairis air na bliadhnachan le tòrr dùsgadh-inntinn fhathast na bhroinn dhomhsa co-dhiù.

Likes(0)Dislikes(0)