Dè an Slighe air Adhart airson nan Ealan Gàidhlig?

San alt seo tha Rona Dhòmhnallach a’ beachdachadh air crìonadh Phròiseact nan Ealan agus na tha an dàn dha na h-ealainean Gàidhlig san àm ri teachd. (What is the Way Forward For Gaelic Arts?) In this article Rona Dhòmhnallach looks at the decline of the national Gaelic Arts Agency and considers a way forward for Gaelic arts.

gaelic_1_fig095

O chionn ghoirid, thuirt Pròiseact nan Ealan gum biodh iad a’ dol à bith air sgàth ’s gun do chuir Bòrd na Gàidhlig crìoch air an cuid mhaoineachaidh, a bharrachd air a’ mhaoineachadh stèidhichte a chaill iad o chionn beagan bhliadhnaichean bho Alba Chruthachail.

Rinn PnE obair air leth cudromach sna bliadhnaichean tràtha de dh’ath-bheòthachadh na Gàidhlig bho dheireadh nan ochdadan, rud a bha gu math deatamach, is bha pròiseactan ùr-ghnàthach thar nan ealan an urra riutha agus, anns na mìosan mu dheireadh, prògram dràma proifeiseanta a bharrachd air dràma sa choimhearsnachd. Aig an àm las PnE teintean ealanta air feadh an àite agus, a dh’aindeoin nan duilgheadasan, chruthaich iad pròiseactan cudromach eadar-nàiseanta le sùil gheur is ro-innleachdail. Aig a’ cheann thall, ge-tà, b’ e laigsean ann am bun-structar nàiseanta a rinn cron orra, bun-structar nach robh comasach na h-ealainean Gàidhlig àrdachadh gu ìre a bha co-ionnan ris an deasbad timcheall air togail agus mairsinneachd cànain.

Le bàs PhnE tha e doirbh gun a bhith a’ faireachdainn gu bheil ealain agus cultar proifeiseanta sa Ghàidhlig, ‘s leis a sin a’ Ghàidhlig fhèin, ann an cunnart. Ann an co-theacsa nan gearraidhean, a thàinig thugainn gu geur sa chola-deug a chaidh seachad le gearradh de mhillean not bho bhuidseat MG Alba, gun teagamh mar bhreab cruaidh gu Alba bhon Rìoghachd Aonaichte às dèidh toradh an Reifreinn an-uiridh. Aig an aon àm, bidh dùbhlain ann ro fhoghlam Gàidhlig, bhuidhnean riaghaltais is bhuidhnean leasachaidh sa bhliadhna ri teachd ann an Alba. Agus tha iad uile air an dèanamh nas miosa le meadhanan a tha a’ leum air cùis sam bith le rùn a bhith a’ cur sìos air soidhnichean rathaid sa Ghàidhlig agus a bhith bruidhinn air iomchaidheachd nam buidseatan Gàidhlig ann an ùghdarrasan ionadail.

Mar sin, sna h-amannan doirbh a tha seo, tha e an urra ris an luchd-ealain…bàird, seinneadairean, luchd-ealain lèirsinneach, dannsairean, sgrìobhadairean, luchd-dràma is
ceòladairean…aonaich! Faigh measgachadh de dh’aoireadairean gus dùbhlain a thoirt dhan a’ BhBC no dha Bòrd na Gàidhlig, sgrìobhadairean òrain le faclan ùra mu inbhe na Gàidhlig san àm ri teachd ann an eachdraidh co-roinnte Alba; na beòthaichearan ag ath-dhearbhadh còir FMG bogaidh fhaighinn ann an àite sam bith ann an Alba; obair-ealain phoblach a bhiodh a’ tort taic do dh’ainmean-àite na h-Alba a bhith aig ìre ùghdarail air feadh Alba; na bàird a bhiodh ag ràdh nach ann ann an cumail a’ chànan beò mar shreath de shamhlaidhean is blasan a tha an t-sabaid ach ann am fèin-aithneachadh agus còir air mèinn chultarach le eòlas daonna a tha air a bhith a’ fàs thar mile bliadhna…ach gu mì-fhortanach, tha an t-àrd-ùrlar lom.

An ann air sàilleibh ’s nach do chruthaich na Gàidheil sgiath ghuerrilla airson gearan a thogail? ’S ma dh’fhaoidte nach tug sinn cumhachd dhuinn fhìn a bhith nar ‘provocateurs’? Chanadh Daibhidh Crystal, prìomh ùghdarras air mion-chànain an t-saoghail, nach urrainnear stad a chur air bàs cànain mura h-eil luchd-ealain a’ coimhead air a’ chànain le sùil gheur. Tha na h-ealain ag obair aig ìrean domhainn nach eil cho soilleir, a’ toirt bheachdan beò sa mhac-mheanmna agus san fho-inntinn. ’S e casg-leigheas èifeachdach a th’ ann do luchd-poilitigs lag agus tòisichidh ealan atharrachaidhean a thoirt air beachdan. ’S dòcha gur e leum mòr a th’ ann ach ma dh’fhaodte gun toir bàs PhnE tuigse dhuinn air far am feum sinn a dhol airson raon nan ealan Gàidhlig ath-bheòthachadh.

An toiseach, bidh duilgheadasan daonnan an luib an fhacail ‘Nàiseanta’ a bhith ann an tiotal buidheann ealain. Tha e ag ràdh gu bheil am buidheann a’ riochdachadh an nàisein is gu bheil ùghdarras aig a’ bhuidheann a bhith a’ bruidhinn as leth a h-uile duine, gur e eisimpleir a th’ anns a’ bhuidheann. Tha luchd-maoineachaidh an sàs ann an seo. B’ urrainnear ràdh gu bheil inbhe nàiseanta deatamach airson dearbh-aithne cultarach làidir a shealltainn ann an roinn àraid mar a chithear, mar eisimpleir, ann an Thèatar Nàiseanta na h-Alba. ’S dòcha nach bi sinn air ar faicinn mar chudromach gun an fhacal sin? Ann an co-theacsa Gàidhealach, is cinnteach gu bheil e a’ sealltainn misneachd agus bun-structar a tha cuideachail.

Timcheall air meadhan nan naochadan, bha trì leasachaidhean ùra ann. An toiseach, mar thoradh air an obair chruaidh a rinn PnE, thòisich diofar phròiseactan is bhuidhnean ùra, a bha neo-eisimeileach bho PhnE. An uair sin, a’ leantail air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, bha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh is iad cunntasach airson an Achd a chur an gnìomh agus thòisich na bha seo a’ ciallachadh dha na h-ealain a’ tighinn am follais. Cuideachd, dh’fhàs an raon-dleastanais aig Comhairle Ealain na h-Alba, mar a bha e an uair sin, airson nan ealan Gàidhlig/Albais air feadh Alba agus thug iad ùidh na bu dlùithe ann an ealain Ghàidhlig. Aig an àm seo, chaill na h-ealainean Gàidhlig cothrom a bhith gan ath-innleachadh fhèin mar fhreagairt dhan an àrainneachd ùr a bha a’ tighinn am barr.

Am broinn an structair ùir bha beàrn ann nach robh air a lìonadh airson nan ealan Gàidhlig. Tha a’ bheàrn seo ann fhathast. Cha do dh’atharraich PnE ach dh’fhàs iad gu bhith nan companaidh riochdachaidh is bha iad an uair sin ann am farpais airson an aon mhaoineachaidh fhaighinn ‘s a bha luchd-ealain agus buidhnean eile agus mar sin cha robh na h-amasan aig PnE soilleir – gu h-àraid mar bhuidheann ‘Nàiseanta’ nan ealan Gàidhlig – ach chan e iomradh a tha seo air mathas na h-obrach aca.

Feumaidh sinn cumail nar cuimhne gun caill buidhnean ealain maoineachadh fad na h-ùine. Cò smaoinicheadh gun rachadh 7:84 à bith, no na h-Arches, cridhe Ghlaschu airson ealain ùr a bha a’ tighinn gu barr. Ach thachair sin agus tha ealain fìor mhath fhathast ga chruthachadh ann an Alba. Le bun-structar ceart, ’s urrainn dhan aon rud tachairt airson ealain Ghàidhlig, ach chan eil e tèarainte idir. Feumaidh am maoineachadh a chaill PnE a bhith ga thoirt dha na h-ealainean Gàidhlig – ann an dòigh nach eil eucoltach ri Thèatar Nàiseanta na h-Alba ach thairis air na h-ealainean – agus tèarainte le maoineachadh bhon Riaghaltas, ‘Tsar’ Ealain airson Buannachd. Mar sin, air fhèin, tha dàn PhnE mar phàirt de dh’àrainneachd fhallain far a bheilear gan cumail beò le deòin is comas atharrachaidh. Cha bu chòir dhuinn an coire a chur air PnE ge-tà. Bha – is tha fhathast – daoine le lèirsinn gann ann an cùirt nan luchd-ùidh.

Tha sinn nar comain do Phròiseact nan Ealan, an luchd-obrach is am bòrd aca, san àm a chaidh seachad agus an-diugh. Tha an dìleab a bu mhotha aca nam bheachd-sa – Leabhar Mòr na Gàidhlig – gu math comhfhurtail air a’ bhòrd-cofaidh agam thairis air na bliadhnachan le tòrr dùsgadh-inntinn fhathast na bhroinn dhomhsa co-dhiù.

Comments (11)

Leave a Reply to Rona Dhomhnallach Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Neil Mcrae says:

    “Faigh aoireadairean gus dùbhlain a thoirt dhan a’ BhBC no dha Bòrd na Gàidhlig” …

    Dèante!

    iolairelochtreig.blogspot.co.uk

    “Mar as mò de quangos, ‘s ann as lugha de Ghàidhlig”

  2. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Tapadh leat airson na h-aiste lèirsinnich seo agad, a Rona. Tha fhios gu bheil iomadach puing inntinneach ann a tha airidh air beachdachadh. Ghabh mi ùidh shònraichte sna loidhnichean a leanas –

    “Daibhidh Crystal, prìomh ùghdarras air mion-chànain an t-saoghail, nach urrainnear stad a chur air bàs cànain mura h-eil luchd-ealain a’ coimhead air a’ chànain le sùil gheur. Tha na h-ealain ag obair aig ìrean domhainn nach eil cho soilleir, a’ toirt bheachdan beò sa mhac-mheanmna agus san fho-inntinn.”

    Tha mi ag aontachadh gu h-iomlan leis an dàrna seantans (“Tha na h-ealain ag obair aig ìrean domhainn…”). Tha dìomhaireachd sna h-ealainean a chìthear san dòigh ‘s a bhios iad an sàs aig ìre imfhios seach reusan lom stuama. Cha bhi na h-ealainean a’ suidhe gu modhail sa bhàta, mar gum biodh. Bidh iad a’ leum gu h-aighearach às a’ bhàta, a’ snàmh gu domhainn fon bhàta, a’ crathadh a’ bhàta. Uaireannan fiù ‘s a’ cur car dhen bhàta.

    Gun teagamh sam bith tha dìomhaireachd ann an cànanan mar an ceudna. Dìomhaireachd fa leth aig gach cànan fa leth. Is e sin a tha cho prìseil mun Ghàidhlig againn. Mar sin tha mi ag aontachadh gu ìre mhòr leis a’ chiad sheantans cuideachd: “nach urrainnear stad a chur air bàs cànain mura h-eil luchd-ealain a’ coimhead air a’ chànain le sùil gheur”. Ach chan eil buileach…

    Is fhiach cumail air chuimhne, chanainn-sa, nach e dìreach “objet d’art” a th’anns a’ Ghàidhlig (no cànan sam bith). Ma tha i gu bhith beò dha rìribh, feumaidh i bhith slàn fallain air iomadach ìre eile seach ealain (aig ìre sgoileireachd, marsantachd, riaghaltas, spòrs, eaglais, ‘s mar sin air adhart). Is dòcha mar sin nach miste sinn an seantas ud ath-sgrìobhadh ann an dòigh nas sìmplidh a tha a’ cheart cho fìor, is e sin: “nach urrainnear stad a chur air bàs cànain mura bi daoine ga labhairt ri càch a-chèile gu nàdarra ‘s gu làitheil”.

    Mar sin, air cho feumail ‘s a tha na h-ealainean ann a bhith brosnachach na Gàidhlig, bu chòir dhan Ghàidhlig briseadh a-mach (craiceann uaine ann no às!) tro gach balla gus èigheachd a dhèanamh san àrd-shraid.

    Tha làn fhios agam gu bheil thu fada air thoiseach orm sna cùisean seo, agus nach eil mi idir ag ràdh rud sam bith ùr dhutsa. Chan eil mi ach a’ feuchainn ri smuaintean luchd-leughaidh a dhùsgadh beagan.

  3. Jim sutherland says:

    Is there an English translation of this at all?

    1. K.A.Mylchreest says:

      The article is an extended plea against cuts in funding for the arts in Scotland, especially the Gaelic regions. It emphases the central rôle of all the arts, writing, drama, music, visual arts etc. to the maintenance of the language and culture.

      Fearghas MacFhionnlaigh (comment above yours) OTOH emphasises the fact that the arts are just one strand in the fabric, and that for a language to live it needs to be used in all aspects of daily life, from spontaneous casual conversation, through to commerce, education, administration and government.

      Both writers are a bit on the long-winded side; this is not an essential feature of Gaelic prose however, you can ramble on in any language.

    2. K.A.Mylchreest says:

      Jim, I spent some time over the last couple of days preparing an English translation of this article for you and anyone else who might have been interested. It was for me a useful exercise in itself, but also I saw no reason why, after a few days, the matter should not be opened to anyone, since I imagine most readers here will have little or no Gaelic. I posted my translation in two sections, but I see now that it has been removed (c’mon it wasn’t *that* bad, was it?)

      I’d be interested to hear the views of the editorial staff as to why they seem intent on creating a ghetto. Bu toigh leam baralaichean an luchd deasachaidh a chluinntinn air a shon-sa. Dé an feum a th’againn ghettos a chruthachadh?

      1. Cha robh càil idir ceàrr air an eadar-theangachadh agad ach tha am pìos seo gu bhith dol a-mach sa Bheurla, mar a tha Rona ag ràdh. Tha sinn airson na pìosan Gàidhlig againn fhoillseachadh air Bella anns a’ Ghàidhlig a-mhàin oir tha e cudromach àite a bhith ann airson beachdachadh agus deasbad sa chànan, ach chan eil seo a’ ciallachadh nach bi Bella cuideachd a’ foillseachadh pìosan sa Bheurla mun Ghàidhlig.

        There was nothing wrong with your translation but this particular article will be going out in English, as Rona has mentioned. Our general policy is not to publish English translations as we think it’s important to have a space for commentary and debate in Gaelic, but Bella will also continue to publish pieces in English about Gaelic.

  4. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Ma dh’fhaodas mi beagan a bharrachd breislich fhathast a chur rim chuid rabhdaireachd… 🙂

    A’ tionndadh a-rithist ri cuspair na h-aiste seo, ma bhios cultar sam bith fo bhagairt (mar a tha a’ Ghàidhlig gun teagamh) tha fhios gum bi còmhstri an-còmhnaidh ann eadar bàidh ri traidisein agus bàidh ri nuadhas – eadar claonadh ais-ghnìomhach agus claonadh adhartach.

    Seo pìos à leabhar Èireannach inntinneach (Téacs agus Comhthéacs). Comhairle an luchd-deasachaidh san rò-ràdh mun cho-chothrom air a bheil iad an tòir:

    “Ba mhaith linn ár seasamh féin a shoiléiriú. Creidimid sa nua-aois, ach nua-aois nach dtréigeann an dúchas, i bhfocail AlanTouraine arís: ‘A modern society is a society which transforms the old into the new without destroying it’. Ní chuirimid muinín san idirnáisiúntacht gan ancaire, mar is ró-éasca a thugann sí an chumhacht do mhórchultúir impiriúlacha; ar an láimh eile, ní sheasaimid ar ardán na féiniúlachta dúchais amháin, mar tá baol na cúinge agus na doichte air [oir tha cunnart na cuingeid agus na neo-lùbachd air].” (Téacs agus Comhthéacs: Gnéithe de Chritic na Gaeilge, Curtha in eagar ag Máire Ní Annracháin agus Bríona Nic Dhiarmada, Cló Ollscoile Chorcaí,1998)

    Tha Bellacaledonia a’ toirt sàr chothrom dhuinn an-dràsta deasbadan sa Ghàidhlig a dhèanamh air cùisean cudromach an là ‘n diugh. Mar eisimpleir, air a’ cho-rèite chugallach a tha seo eadar dùthchas agus eadar-nàiseantachd. Co-chòmhraidhean nach gabh seachnadh ma tha ùidh dha-rìribh againn ann an cor na Gàidhlig sna bliadhnaichean ri tighinn. Agus ma tha misneachd a dhìth air cuid a thaobh sgrìobhaidh, tha faclairean ri làimh a nì feum, is dòcha:

    PDFan –

    Faclair Rianachd Phoblaich/ Dictionary of Publc Administration – Pàrlamaid na h-Alba 2014 (pdf 714 taobh-duilleagan):
    http://www.gaidhlig.org.uk/bord/wp-content/uploads/sites/2/Faclair-Rianachd-Phoblaich-2014.pdf

    Faclair airson Riaghaltas Ionadail/ Dictionary for Local Government (pdf no e-leabhar, 261 taobh-duilleagan):
    http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/dictionary.asp

    ——–
    Air-loidhne –

    Am Faclair Beag/ Dwelly
    http://faclair.com

    An Seotal – Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig
    http://www.anseotal.org.uk

    ——
    Agus dà app ùr a mholainn gu mòr –

    Faclair na Sgoile:
    http://www.igaidhlig.net/gd/faclair-na-sgoile/

    New English-Irish Dictionary:
    http://www.focloir.ie/en/page/app.html

    —–
    Agus nan robh duilgheadas againn leis a’ pharagraf ud sa Ghaeilge shuas, is mathaid gun dèan an ceangal mu dheireadh sin feum!

    1. K.A.Mylchreest says:

      Gabh mo lethsgeul a Fheargais. Tha mi ag aonteachadh ris na baralaichean shuas agad.

  5. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Agus tha mi ag aontachadh (tha agus iomadach neach eile!) rid ghearan rim thaobh-sa, a charaid. Is math an airidh. Cha ruig thu leas dragh sam bith a ghabhail dhe na sgrìobh thu 🙂

  6. Rona Dhomhnallach says:

    Moran taing airson na beachdan a tha sibh air thoir seachad. . Bidh am pios a sgriobh mi a dhol suas sa beurla air larach Bella an ceartair.
    Many thanks for your comments. The piece I wrote will be going up in English on the Bella site soon.

  7. K. A. Mylchreest says:

    Seo cothrom againn beagan cúl-taice eadar-cheiltich a shealltainn :

    https://petition.parliament.uk/petitions/128474

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.