Deòrsa Mac Iain Dheòrsa: Clach air a’ Chàrn

GCH GW

San alt seo tha Ruairidh MacÌomhair a’ cuimhneachadh air a’ bhàrd Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, air ceann-bhliadhna a bhreith. In this article Ruairidh Maciver remembers the poet George Campbell Hay on the centenary of his birth.

Aig toiseach na Dùbhlachd, chomharraich sinn ceud bliadhna bho rugadh am bàrd Earra-Ghàidhealach Deòrsa Mac Iain Dheòrsa. Tha Mac Ian Dheòrsa air aon dhe na bàird Ghàidhlig agus gu dearbh Albannach as cudromaiche bhon fhicheadamh linn, agus ged a tha sreath thachartasan fìor mhath air a bhith ga chomharrachadh am bliadhna, chan eil e idir cho aithnichte is a tha bàird mhòr eile an Ath-bheothachaidh Albannaich, leithid Ùisdean MacDhiarmaid agus Somhairle MacGillEathain. Is dòcha gur e am prìomh adhbhar airson seo nach deach a chuid obrach a chruinneachadh còmhla gu 2000, nuair a chaidh an deasachadh mìorbhaileach a rinn Michel Byrne a chur an clò. Leis gu bheil sin air a bhith againn grunn mhath bhliadhnaichean a-nis, tha làn thìde an t-urram agus an t-àite air a bheil Mac Iain Dheòrsa airidh a thoirt dha.

Rugadh Deòrsa Mac Iain Dheòrsa ann an Ach na Feàrna, Siorrachd Rinn Friù air an 8mh latha den Dùbhlachd 1915. Bu mhac e do dh’ Iain MacDhùghaill Hay, à Tairbeart Loch Fìne, am ministear agus ùghdar a sgrìobh an nobhail ainmeil Gillespie (1914). Thug an leabhar sin seachad dealbh cruaidh de bhaile beag iasgaich, anns an robh muinntir an àite làn sannt agus brùidealachd. Bha an t-àite a dhealbhaich MacDhùghaill Hay san leabhar gu math coltach ris an Tairbeart agus mar sin feumaidh nach robh e furasta dhan teaghlach nuair a bha aca ri gluasad air ais dhan bhaile as dèidh bàs an ùghdair ann an 1919.

B’ ann air an Tairbeart a chur Mac Iain Dheòrsa eòlas air cànan agus cultar na Gàidhlig, bho pheathraichean a mhàthar agus iasgairean a’ bhaile, gu h-àraid fear Calum MacIain. Ged a bha a’ Ghàidhlig air crìonadh gu mòr mar chànan làitheil air an Tairbeart gu ruige na 1920an, bha gu leòr a bha fhathast comasach air a bruidhinn. B’ ann air an Tairbeart cuideachd a leasaich Mac Iain Dheòrsa ùidh mhaireannach ann an saoghal na h-iasgachd agus cruth na tìre Chinn Tìre. Chan eil bàrd Albannach idir coltach ris nuair a thig e gu dealbhachadh obair na h-iasgachd, mar a tha e a’ dèanamh san dàn iongantach aige mu bhàta iasgach, ‘Seeker Reaper’. Cluinnear cainnt nan iasgairean air a chur Mac Ian Dheòrsa eòlas na òige san dàn:

She’s a solan’s hert, a solan’s look;
She canna thole a lee.
I’ll coil her ropes and redd her nets,
and ease her through a sea.
She’s a seeker, she’s a hawk, boys.
Thon’s the boat for me.

Bha aig Mac Iain Dheòrsa ris an Tairbeart fhàgail airson sgoil an Dùn Èideann aig deich bliadhna a dh’ aois agus chaidh e an uairsin a dh’ Ocsford ann an 1934, far an d’ thug e a-mach ceum ann an clasaigeachd. Thog e ùidh ann an nàiseantachas na h-Alba an Ocsford, agus tro bheatha bha a nàiseantachas air aon dha na rudan a bu mhotha a bha ga bhrosnachadh mar bhàrd. Nuair a thill e a Dhùn Èideann ann an 1938 chaidh e an sàs gu mòr sa ghluasad nàiseantach a bha sìor-fhàs ann an Alba aig an àm. Cleas an latha an-diugh, bha sgaradh air an taobh chlì an Alba mun dòigh as fheàrr dùbhlan a thoirt air an status quo Breatannach. Sgrìobh Mac Iain Dheòrsa aig an àm:

The pity is that any Scotsman who thinks or is alive or revolutionary is strongly for Scottish self-government; but they are nearly all side-tracked into being communists, Labour men, Liberals and God knows what. If they had eyes in their heads they would see that under the present dispensation nothing will be done for the good of the people… Surely they can at least see how thin the cloak of parliamentary representation is wearing, and notice the fascist posturings of those on high.

Bha sgaradh a-measg nàiseantaich aig an àm cuideachd mun t-seasamh a bu chòir a bhith aca mun chogadh Eòrpach a bha air fàire sna 30an. Bha Mac Iain Dheòrsa a-measg na feadhna a bha gu tur an aghaidh seirbheis armailteach sam bith, agus chaidh e air falach ann am beanntan Earra-Ghàidheil eadar 1940 agus 1941 ann an oidhirp dleastanas-airm a sheachnadh. Ach chaidh greim a chur air leis an CID, agus fo ìmpidh ghèill e ri seirbheis ann am Feachd an Òrdanais. Chuir e seachad an cogadh ann an Afraga an Tuath, an Eadailt agus a’ Ghrèig. B’ ann san Eadailt a sgrìobh e an dàn is dòcha as ainmeile a rinn e, ‘Bisearta’, stèidhichte air ionnsaigh air a’ bhaile Thuiniseanach sin. Tha an dealbh drùidheadh aige san dàn air call ana-cneasta a’ chogaidh gun choimeas ann am bàrdachd an Darna Chogaidh:

C’ ainm nochd a th’ orra,
na sràidean bochda anns an sgeith gach uinneag
a lasraichean ‘s a deatach,
a sradagan is sgreadail a luchd thuinidh,
is taigh air thaigh ga reubadh,
am broinn a chèile am brùchdadh toit’ a’ tuiteam.

Ged a bhrosnaich na bliadhnachan aige sa chogadh cuid dhe na dàin as fheàrr a rinn e, dh’ fhuiling e gu mòr air an sgath le tinneas-inntinn ceangailte ris na thachair dha. Bha seo aige fad a bheatha as dèidh seo, a’ mhòr chuid dheth a chur e seachad ann an Dùn Èideann, le ùineachan fada san ospadal, mus do bhàsaich e ann an 1984. Chum e air a’ sgrìobhadh sna bliadhnaichean seo, ged a bhà e sàmhach airson ùineachan mòra, agus cha do dh’ fhoillsich e ach trì cruinneachaidhean na bheatha, eadar 1948 agus 1952.

Bhiodh Mac Iain Dheòrsa cuideachd a’ foillseachadh gu cunbhalach ann an irisean agus pàipearan-naidheachdan nàiseantach, leithid The Scots Independent, cho math ris an iris Ghàidhlig Gairm, agus mar sin bha tòrr dhen bhàrdachd aige sgapte ann an diofar àiteachan nuair a bhàsaich e. Cha mhòr nach deach cuid mhath dhe na pàipearan aige air chall buileach, mus deach an lorg am broinn màileid aig reic-tairgse ann an Dùn Èideann an 1985 leis an fhear-reic leabhraichean, Dòmhnall MacCarmaig. Tha na pàipearan seo air fad a-nis cruinn-còmhla ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Bha dàin Mhic Iain Dheòrsa air tòiseachadh a’ nochdadh anns na 30an, mun aon àm a nochd bàrdachd Shomhairle MhicGilleEathain. Còmhla, chuir an dà bhàrd neart ùr ann am bàrdachd na Gàidhlig, a’ tarraing air an traidisean ach ga leudachadh le susbaint agus seallaidhean nuadh. Bha Mac Iain Dheòrsa gu h-àraid measail air seann mhodhan agus fhoirmean bàrdachd na Gàidhlig agus chuir e gu feum na modhan seo na bhàrdachd fhèin, gu ìre mhòr a’ seachnadh nam foirmean ùra a bha air tighinn a-steach le modarnachd san fhicheadamh linn. ’S cinnteach gun do chuir seo cuideachd ris an dìth aithne a th’ air obair an-diugh, oir chan eil teagamh nach robh co-dhiù coltas seann-fhasanta air obair Mhic Iain Dheòrsa an taca ris a’ mhòr-chuid de nua-bhàrdachd Ghàidhlig.

’S e a tha gu sònraichte iongantach mu dheidhinn Mac Iain Dheòrsa gun robh e a’ sgrìobhadh gu cunbhalach agus gu cumhachdach ann an trì cànain na h-Alba. Tha a’ mhòr chuid ag aontachadh gur ann ’sa Ghàidhlig a bha an obair as fheàrr a rinn e, ach tha e follaiseach gun robh e cuideachd gu math cofhurtail, agus, a bharrachd air sin, air leth ealanta a’ sgrìobhadh sa Bheurla Ghallta. Abair eisimpleir a th’ ann dhuinn an-diugh agus ar cànain dhùthchasach cho feumach air neart a tharraing bho chàch a chèile. Anns an dàn tràth, ‘Ceithir Gaothan na h-Albann’, tha an stèidh dà-thaobhach a bh’ aige ann an cultar na Gàidhealtachd agus na Galltachd follaiseach:

Fad na bliadhna, rè gach ràithe, gach là ‘s gach ciaradh feasgair dhomh,
is i Alba nan Gall ‘s nan Gàidheal is gàire, is blàths, is beatha dhomh.

Dh’ aidich am bàrd fhèin nach b’ ann daonnan a bha a dhìlseachd do dh’ Alba a’ tighinn am buil ann an deagh bhàrdachd. Thubhairt e ann an 1940: “I have done the most awful things for my country’s sake, even to turning out a goodly amount of doggerel”. Agus chan eil teagamh nach eil sreathan ann an cuid dhen bhàrdachd nàiseantach aige a tha simplidh agus lag. Ach tha tuilleadh ’s a chòrr fianais cuideachd air eadar-nàiseantachd a’ bhàird agus tha a cho-fhaireachdainn airson cinne-daonna a’ tighinn am follais gu minic. ‘S docha gur e an eisimpleir as fheàrr airson sin an dàn fada, neo-chrìochnaichte a rinn e mu dhearbh-aithne chultarach, ‘Mochtar is Dùghall’, stèidhichte air Arabach agus Gàidheal a tha gam marbhadh còmhla san Dàrna Chogadh. Ann an dùnadh an dàin sin, tha am bàrd ag ràdh:

Saoghal fa-leth mac an duine,
Domhan beò leis fhèin gach urra;
Grian is dorchadas na cruinne,
Siùil mhara ’s grianstad sa fhuil ann.

Agus bha domhan beò gun teagamh ann an Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, a thàinig am barr ann am pailteas bàrdachd. ’S e bàrd susbainteach a th’ ann ann an gach dòigh agus tha sinn fortanach airson a shaothair fhèin agus an obair mhòr, mhionaideach a chaidh a dhèanamh gus na dàin aige a thoirt còmhla. Tha a chuid obrach na theisteanas air bàrd a thuig luach iomlan a chultair fhèin, agus a tharraing is a chuir ris a’ chultar sin na trì cànain. Tha e ceart gu bheil Mac Iain Dheòrsa ga chuimhneachadh air a’ cheann-bhliadhna seo, agus tha sinn a’ cur ar clach beag fhèin air a’ chàrn an seo.

Taing dhan W L Lorimer Trust airson cead bàrdachd Mhic Iain Dheòrsa a chleachdadh, agus dha Gordon Wright airson cead an dealbh fhoillseachadh.

Tha na h-às-earrannan san alt seo air fad bho: M. Byrne (ed.), Collected Poems and Songs of George Campbell Hay (Edinburgh, 2000).

Comments (4)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Fearchar says:

    An gabh ceartachadh beag a chur ann? Is e “air an Tairbeart” a bu chòir a sgrìobhadh air àite sam bith dhen ainm sin, dìreach mar “air a’ Chomraich”.

    1. Ruairidh says:

      Taing Fhearchair, air sin atharrachadh.

  2. Donnchadh Sneddon says:

    Mòran taing airson seo, a Ruaraidh! Aon de na bàird as fheàrr leam.

  3. Garry Patrick Cooke says:

    Math fhèin, a Ruairidh ! Tapadh leat !

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.