Is an Linne Chluaidh air a bhith a’ crìonadh gu mòr airson còrr is leth-cheud bliadhna, tha Daibhidh Rothach a’ beachdachadh air an oidhirp as ùire gus smachd a chur air an iasgach neo-sheasmhach a rinn sgrios oirre. Daibhidh Rothach looks at the latest attempts to curtail the unsustainable fishing methods which have led to the ruination of the Firth of Clyde over the past fifty years.Ardrossan Harbour

Tha an Huntress, is i a’ fàgail Inbhir Garbhain air a màl le iasgairean-slaite, na h-ìomhaigh bhrònach aonarach, a’ dèanamh cuairt thar a’ mhuir gu long-bhriseadh air choireigin san d’ fhuair beagan shaoidhein fasgadh on a’ chreach. O chionn trithead bliadhna bha co-dhiù ceud bàta charter eile eadar na lochan mu thuatha agus na Rannaibh, bàtaichean a tha a-nis air a’ chladach, nan ìobairt do dh’obair nan tràilearan a th’ air a’ Chluaidh a dhèanamh na tuathanas creachainn. Ged a tha trì roinnean dìonta mara gu bhith stèidhichte air feadh na linne – ‘s iad Sòla Chluaidh, Loch Fìne is Loch Goill, is Ceann Deas Àrainn – tha fada cus a dhìth ma tha an linne gu bhith a’ tilleadh gu slàinte.

Tha a’ mhòrchuid a bhuidhnean àrainneachd agus luchd-saidheans ag aontachadh, agus tha SIFT, an Sustainable Inshore Fisheries Trust, no Urras Iasgach ri Cladach Co-sheasmhach, airson na linne a chur fo Òrdan Riaghlaidh, is cead a thoirt do bhàtaichean-sgrìobaidh a dh’obair aig amannan sònraichte a-mhàin.

Fiosrachadh bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba

Meud glacaidh (tràlairean) an t-saoidhein sa Chluaidh (Fiosrachadh bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba)

‘S e a tha sònraichte mu na mhol UICC an coimeas ris na roinnean dìonta – a tha stèidhichte air glèidhteachas – gu bheil iad airson siostam a chur air dòigh a bhios a’ brosnachadh iasgach de gach seòrsa san linne mar a bha – iasgach-slaite nam measg – agus mar sin a’ toirt bhuannachdan ionmhasail na bu fharsainge do choimhearsnachdan na iasgach a’ chreachainn agus a’ ghiomaich. Tha na figearan aca fhèin a’ sùileachadh gun cuireadh tilleadh an iasgaich-slaite fhèin £7.5 millean not a-steach don eaconamaidh, is barrachd na ceud dreuchdan ùra a chruthachadh, agus ‘s e sin gun bhruidhinn air iasgach coimeirsealta.

Ach a dh’ aindeoin is gu bheil an dà chuid bith-iomadachd na mara agus meud glacaidh èisg is chreachainn air a dhol an àirde air feadh an t-saoghail far a bheil a’ mhuir ga manaidseadh gu ceart, tha Caidreachas Iasgairean Chluaidh – a tha cuideachd a’ togail guth an aghaidh nan roinnean dìonta mara – gu dubh an aghaidh barrachd chrìochan air iasgach. ‘S e na h-iasgairean, a-rèir iad fhèin, a tha eòlach air a’ mhuir. Sheòl iad oirre fad iomadh ginealach is rè gach ràidh, ‘s iadsan a tha ga tuigsinn is ‘s ann fon stiùireadh aca fhèin a bu chòir dhi a bhith.

Agus nach romansach an sgeul a tha iad ag innse. Tha am bàta beag dathail a’ fàgail a’ chalaidh, ga dubadaich air toinn ghorma fo ghathan na grèine is a’ tilleadh air an fheasgar le gu leòr de dh’èisg airson a’ bhùird is a’ mhargaidh. Tha an ìomhaigh duilich a dhiùltadh oir, còmhla ris, thathar a’ diùltadh sgeulachdan Mhic Dhùghaill Hay, Rothaich, is Ghunna, dualchas na mara agus dòigh-bheatha a tha, sa mhac-meanmna co-dhiù, nas simplidhe na gleadhrach is cabhag a’ bhaile. Ach air cùl romansa tha fìrinn, agus ‘s e sgeul iasgach a’ Chluaidh sgeul crìonaidh agus croin san do sheall iasgairean, mar a dh’innis Mac Dhùghaill Hay fhèin, gu bheil fèin-riaghailteachadh a’ fàilligeadh ro shannt mhac an duine.

Meud glacaidh (tràlairean) an truisg, na h-adaige, na cuiteige is a' ghiomaich Nirribhidh (Fiosrachadh bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba)

Meud glacaidh (tràlairean) an truisg, na h-adaige, na cuiteige is a’ ghiomaich Nirribhidh (Fiosrachadh bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba)

Ann an 1984, b’ e guth nan iasgairean a bh’ air cùl Achd Iasgach ri Cladach. Thogadh an casg air tràlairean mòra o a bhith ag obair taobh a-staigh na crìche trì mìle a chuairtich oirthir na dùthcha, agus thàinig iad a-steach. Ged a chaidh am meud glacaidh an àirde airson grunn bhliadhnaichean na dhèidh, cha b’ fhada gus an do thuit e a-rithist, is creach a’ tighinn air, a bharrachd air na h-èisg fhèin, raointean a’ bhilearaich-mhara a tha riatanach airson altramachadh èisg òige. Fad na 60an, thugadh cead do chaochladh sheòrsa acainn air an do chuireadh casg aig deireadh an 19mh linn, is dragh – smaoinich – aig luchd-saidheans an ama gun robh àireamhan èisg a’ crìonadh. A-rithist, dh’ àrdaich am meud glacaidh airson beagan bhliadhnaichean na dhèidh – ann an 1967 thàinig trì mìle tunna de chuiteag gu cladach, figear na b’ àirde na sna bliadhnaichean roimhe agus o sin a-mach – agus thuit e.

Cha bheag a’ bhuaidh a rinn seo air na coimhearsnachdan oir, mar a dh’fhalbh an t-iasg, dh’fhalbh an t-iasgair-slaite, agus mar a thiormaich an driamlach, thiormaich an sruth airgid don a’ bhùth. A dh’innis ach beagan den sgeul, ann an 1995 ghuidh gnìomhachasan ionadail eadar Stinston agus Grianaig sòraidh slàn le Co-fharpais Fhosgailte a’ Bhaile Shalainn. Is e na linn a’ cho-fharpais iasgach-slaite a bu motha san dùthaich, le cèilidh bhliadhnail, sponsaireachd on a’ chompanaidh uisge beatha An t-Each Geal, is na mìltean de not ann an duaisean, dh’fhàillig cha mhòr mìle iasgair-slaite gu leth trosg fhaighinn gu cladach, agus chuireadh stad oirre. Chuireadh stad cuideachd air Fèis Loch an Eilein, cruinneachadh a thug na mìlean de not do dh’ eaconamaidh Àrainn gach bliadhna nuair a thuit am meud glacaidh fo thunna, agus tha bàtaichean charter, mar an Huntress, a-nis cho gann ris an sgadan fhèin.

Ged nach eil coimeas eadar meudan glacaidh na dhòigh fhoirfichte gus slàinte na mara no àireamhan èisg a thomhas, ‘s e a tha soilleir gu bheil an crìonadh air tràladh an èisg-ghil agus àrdachadh mòr ann am meud glacaidh giomach na Nirribhidh (nephrop) is a’ chreachainn air a dhol cuide ri togail air bacaidhean. Ga chur gu simplidh, chuir tràlairean às do stòras an èisg-ghil san linne, agus tha obair nan sgrìobairean a’ dèanamh cinnteach nach till iad a-riamh.

Meud glacaidh (bàtaichean-sgrìobaidh) a' chreachainn sa Chluaidh (Fiosrachadh bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba )

Meud glacaidh (bàtaichean-sgrìobaidh) a’ chreachainn sa Chluaidh (Fiosrachadh bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba )

A-rèir iasgairean, ge-tà, chan eil ann an seo ach co-thachartas. ‘S iomadh adhbhar, tha an sgeul aca a’ dol, airson crìonadh a’ Chluaidh – blàthachadh an t-saoghail, iasgairean-slaite gun chomas agus, gu h-iongatach, nach eil crìonadh ann idir; tha an linne slàn fallainn is tha draghadh an sgrìobair air grunn na mara fiù a’ biathachadh nan iasg. Is an deasbad aca stèidhichte air seachnadh agus sluagh-ghairm shuarach, chan e a th’ ann an Caidreachas Iasgairean Chluaidh ach deise spaideil air eucorach, na dhotair-grèisidh a’ cur lìomh air an dunaidh àrainneachdail as miosa ann an eachdraidh na h-Alba, agus le a bhith a’ dìon a chuid bhuill o ìobairt sam bith, ‘s ann a tha iad a’ cumail o choimhearsnachd is dùthaich buannachd luachmhor.

Is e a’ toirt a bheannachd do chor nan iasgairean an t-seachdainn ‘s a chaidh, chuir Torcall Crichton aig an Daily Record a chas a-steach air an deasbad, a’ cur coire – ‘s beag an t-iongnadh – air a’ Phàrtaidh Nàiseanta, agus a’ dealbhachadh nam buidhnean glèidhteachais mar uilebheistean beartach cèin fo mhionnan cosnadh is beatha an iasgaire chòir a sgrios. Cò iad gu dearbh, an luchd-àrainneachd ghallda a tha seo, leis an cuid saidheans is rannsachadh is leabhraichean, a dh’ innis do dh’Albannaich gun d’ rinn iad rud ceàrr? Thathar ag ràdh, uaireannan, nach urrainnear deasbad le glaoic, oir chan fhaighear boinneag de chiall às, ach ‘s e a tha nas fhaisge air an fhìrinn gu bheil an nàmhaid seòlta le cosnadh mì-mhoralta, no gu dearbh an neach-naidheachd le claon-bhreith phoileataigeach, nas cunnartaiche buileach. Ann an suidheachadh mar seo, tha e feumail cluas bhodhar a chur ris an dithis.

Chan eil coltas ann gun cuirear casg air a’ mhodh iasgach tàmailteach a tha seo, no fiù gun ath-stèidhich an riaghaltas a’ chrìoch trì mìle, ach tha na molaidhean aig UICC na cheum, beag ‘s a tha e, a dh’ionnsaigh ceartas do mhuinntir oirthir a’ Chluaidh. Feumaidh an riaghaltas gabhail riutha agus smachd a thoirt do choimhearsnachdan a bhios a stiùireadh le dleastanas is cùram buannachd a bu chòir a bhith againn uile, chan ann aig beag-chuid de bhalgairean a tha gan adhartachadh fhèin ge b’ e dè a’ chosgais do chàch.