Litreachas na Sgìre, Conaltradh an t-Saoghail

Heaney

San alt seo, tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a’ meòrachadh air mar a tha sinn a’ bruidhinn leinn fhìn agus leis an t-saoghal mhòr tro litreachas. In this article, Angus Peter Campbell considers how we communicate with ourselves and with the world through literature.

Gu mì-fhortanach tha mi sean gu leòr son cuimhneachadh na làithean sin nuair a b’ e dìreach an leabhar tomadach donn ud ris an canadh iad ‘Bàrdachd Ghàidhlig’ air a dheasachadh le Uilleam MacBhatair an aon leabhar a bh’ againn san sgoil. Abair cridhe trom tùrsach nuair a dh’fhosgladh an tidsear, Dòmhnall Beag MacThòmais e a-rithist, agus siud againn ri fhosgladh aig taobh-duilleig fichead ‘s a còig, agus esan ag ràdh, “A Chaimbeulaich, eadar-theangaich”…..

Blàr na h-Òlaind:

Air mìos deireannach an fhoghair
An dara latha, is math mo chuimhne….


The Battle of… er the Battle of Holland?

On the last day of autumn,
On the second day, if my memory….

agus siud an clag, taing do Dhia, ‘s a mach a chluich ball-coise.

Tha cuimhn ’am bruidhinn bliadhnachan as dèidh sin ri Tormod Caimbeul nach maireann (Tormod a’ Bhocsair) agus dh’innse esan sgeulachd fhada dhomh mar a b’ fheudar dha an leabhar sin a leughadh anns a’ chiad bhliadhna ann an Àrd-sgoil MhicNeacail…agus anns an dara bliadhna….agus air an treas bliadhna… gus mu dheireadh thall theich e às an sgoil sìos a Ghlaschu, ach nuair a chaidh e dhan Oilthigh an uairsin an ceann beagan bhliadhnachan cò agus dè bha roimhe sin ach an sgoilear iongantach sin Uilleam MacMhathain, le ‘Bàrdachd Ghàidhlig’ aig MacBhatair fosgailte air a bheulaibh.

“Leugh mi chean’ e” thuirt Tormod.
Rinn Uilleam còir snodha gàire.
“Aidh – ach chan ann mar a leughas tu an seo e” ars’ Uilleam.
Agus gu dearbha bha e ceart, a’ toirt beò gach seud da-rìreabh a th’ anns an leabhar sin, eadar ‘Cumha Choire A’ Cheathaich’ agus ‘Òran na Comhachaig’.

B’ e seo an rud: aig an àm a bha mise san sgoil, agus anns an oilthigh, bha litreachas Cudromach. Trom agus Cudromach, le capital C. Chan ann a-mhàin cudromach ach Fìor Chudromach. Chan ann a-mhàin trom ach Tomadach Trom. Mo thruaighe rud a leughadh a thuigeadh tu; mo thruaighe rud a leughadh nach robh ruith gu ceithir-rannan-deug-thar-fhichead a’ moladh ceann-fine nan Leòdach a bha na shàr-ghaisgeach aig Blàr Inbhir Chèitean (no an ann aig Blàr na h-Òlaind a bha e?). A dh’aindeoin an critique a rinn an Clàrsair Dall is eile, b’ e bàrdachd a bha seo a bha a’ dearbhadh agus a’ daingneachadh nan cumhachdach: na cinn-chinnidh, agus Ìmpireachd mhòr Bhreatainn nuair a thàinig e. Bha e uile poilitigeach, agus na fhianais phoilitigeach, a thaobh structair agus teachdaireachd.

Agus bha seòrsa de chanon ann. Chan e canon a bhios a’ losgadh urchraichean, no canon a bhios a’ dèanamh aifreann Caitligeach, ach canon mar a rinn Harold Bloom anns a’ Bheurla – The Canon of English Literature. Seòrsa de Phremier League Litreachais, le capital L…. agus tha mi cinnteach gu bheil Premier League Albannach cuideachd ann air liosta nan sgoilearan.

Agus Gàidhlig: bha sreath de leabhraichean buidhe a bha air am foillseachadh leis an Scottish Gaelic Texts Society. Ortha nan Gàidheal (Carmina Gadelica); Òrain Dhonnchaidh Bhàin; Òrain Iain Luim, agus mar sin air adhart, agus ged a bha na h-òrain agus a’ bhàrdachd ann an Gàidhlig bha na notaichean agus na ro-ràdhan agus na mìneachaidhean ann am Beurla. Oir aig an àm (fhathast?) bha sgoilearachd anns a’ chainnt uasal seach anns a’ chainnt ìseal.

Bha na còmhdaichean air na leabhraichean sin stòlda sgoileireil: cha robh iad air an truailleadh le dealbhan neo ‘blurb’; bha e gu leòr dhut dìreach faicinn ‘The Blind Harper’ (An Clàrsair Dall) – The Songs of Roderick Morison and his Music, Edited by William Matheson. Cha ruigeadh tu leas sanas grot fhaicinn air a’ chòmhdach ag ràdh:
‘Seo an leabhar as fheàrr a chaidh riamh a sgrìobhadh ‘s fhoillseachadh ann an Gàidhlig na h-Albainn bhon a chaidh Leabhar Deathan Lios Mòir fhoillseachadh aig toiseach na Siathamh Linn Deug”. Còig *****, Gaiseat Steòrnabhaigh’.

Tha mi cinnteach gun robh na leabhraichean iongantach sin (oir tha iomadach seud prìseil nam broinn) nan clachan-mìle agus nan slatan-tomhais a thaobh Litreachas na Gàidhlig. Bha iad mar Messi is Ronaldo fhad ’s a bha an còrr againn a’ cluich le seann bhall rubair air pàirce bhog fhliuch aig Loch a’ Mhuilinn no an àiteigin.

Shìos an staidhre bho sheòmar na Gàidhlig ann an Àrd-sgoil an Òbain bha fear de phrìomh-bhàird an t-saoghail: Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn, a bha a’ teagasg Beurla. Anns an t-seòmar aige-san, dh’fhosgail dorsan is uinneagan a-mach dhan t-saoghal mhòr (“Tha bùird is tàirnean air an uinneag….): Robert Lowell, Arthur Miller, Shakespeare, Burns, MacDiarmaid, MacCaoig, Elizabeth Bishop is eile.

Agus thuig mi gun robh fealla-dhà a bharrachd air feallsanachd ceangailte ri litreachas. Bha Shakespeare loma-làn spòrs, agus nuair a leughadh tu Eòsaph Heller (Catch 22) neo E.L. Doctorow is mar sin air adhart gheobhadh tu gàire a bharrachd air adhbhar smuain. Chan eil cuimhn’ am mòran gàire a dhèanamh a-riamh a’ leughadh ‘Bàrdachd Ghàidhlig’.

Feumar a ràdh, ge-tà, gun robh gàireachdainn gu leòr ri fhaotainn ann am “bàrdachd Ghàidhlig” ach airson sin dh’fheumadh tu a dhol gu na bàird-baile mar Iain MacNeacail (An Sgiobair) anns an Eilean Sgitheanach. Beag air bheag, thàinig na laoich sin a-steach dhan chanon Gàidhlig.

Saoilidh mi gur e sin pàirt dhen adhbhar gun robh an leabhar Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig cho fìor phrìseil nuair a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1976. Thug e an litreachas againn a-steach gu cinnteach dhan t-saoghal mhòr eadar-nàiseanta, agus leughadh tu Dòmhnall MacAmhlaigh taobh ri taobh Pasternak, leughadh tu Deòrsa Mac Iain Deòrsa taobh ri taobh Gunter Grass, Somhairle taobh ri na dealbhan aig Picasso, Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn còmhla le Stravinsky, Ruairidh MacThòmais fhad ’s a bha thu faighinn tlachd à Tarjei Vasaas.

Seo mar a bu chòir litreachas na Gàidhlig (agus le sin tha mi ciallachadh saoghal na Gàidhlig) a bhith air a mheas. Chan ann a-rèir chrìochan na cànain ach a-rèir chrìochan an t-saoghail. Oir tha cànan dualtach a bhith ceangailte ri àite (beag no mòr) fhad ’s a tha litreachas gu tur ceangailte ri cor mhic an duine.

Mar sin, ‘s e mo bheachd-sa gur e còmhradh no conaltradh eadar-nàiseanta a th’ ann an litreachas, oir ‘s e gnothach bith-bhrìgheach (existential) a th’ ann, a’ toirt beatha dha na faileasan a tha gar stiùireadh ‘s gar tàladh ‘s gar mealladh ‘s gar tarraing fad na h-ùine. Mar sin, chan eil sinn dìreach a’ bruidhinn leinn fhìn, no le ar coimhearsnachd fhìn, le ar dualchainnt no le ar cànan fhèin: tha sinn a’ bruidhinn, agus ag èisteachd, ris an t-saoghal mhòr.

Le sin tha mi a’ ciallachadh nuair a thig e gu litreachas chan ann dìreach le Sìleas na Ceapaich no le Somhairle a tha sinn a’ còmhradh agus ag èisteachd, ach ri Salinger agus Soyinka, chan ann ri Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair is Aonghas MacNeacail, ach cuideachd ri Aleksandr Solzhenitsyn agus Ailean Ginsberg. Tha na slatan-tomhais againn ceangailte ri cridhe dhaoine agus chan ann ri cànan dhaoine, chun an ìre co-dhiù as urrainn dhut sgaradh a dhèanamh eadar na dhà. Tuigidh tu an uairsin gu bheil daonnan dòighean eile ann rud a dhèanamh seach an dòigh ris a bheil thu cleachdte: chan eil duine sam bith na eilean, mar a thuirt John Donne.

Agus tha fhios gu bheil e follaiseach gu feum sinn uile lingua franca a bhith againn airson càch-a-chèile a leughadh agus a thuigsinn anns a’ chonaltradh seo. Aig aon àm b’ e Laideann no Fraingis (no eile) an lingua franca sin, ach ‘s i a’ Bheurla bhrèagha an drochaid sin an-diugh. ‘S ann am Beurla a bhruidhinn mi (a leugh mi) ri Tolstoy; ‘s ann sa Bheurla a thuig mi Halldor Laxness; ‘s ann sa Bheurla a dh’èist mi ri Italo Calvino – agus ‘s ann sa Bheurla a sgrìobh mi litir air ais thuige nuair a sgrìobh mi ‘Invisible Islands’ mar an fhreagairt chun an ‘Invisible Cities’ aige-san.

Saoilidh mi mar sin gu bheil cothrom na Fèinne againn mar Ghàidheil anns an 21mh Linn. An àite a bhith glaiste nar faing fhìn, tha làn-chothrom is làn-chomas againn an-diugh sinn fhìn a dhealbhachadh agus a mhìneachadh taobh ri taobh ri ar co-chreutairean air feadh an t-saoghail. Labhramaid agus sgrìobhamaid nar cànan fhìn, ach cha bu chòir eagal sam bith a bhith oirnn an uair sin a’ chainnt sinn eadar-theangachadh feuch an tuig cuideigin ann an Sìona sin a cheart cho math ri cuideigin ann an Staoinebrig. Faodaidh sinn a bhith mar an fheadhainn a bha thall ‘s a chunnaic.

Chuir Seamus Heaney e cho grinn sa ghabhas anns an dàn ‘From the Republic of Conscience’. Anns a’ chiad phàirt tha e falbh dhan Phoblachd sin:

When I landed in the republic of conscience
it was so noiseless when the engines stopped
I could hear a curlew high above the runway.

At immigration, the clerk was an old man
who produced a wallet from his homespun coat
and showed me a photograph of my grandfather.

The woman in customs asked me to declare
the words of our traditional cures and charms
to heal dumbness and avert the evil eye.

No porter. No interpreter. No taxi.
You carried your own burden and very soon
Your symptoms of creeping privilege disappeared.

Agus an uair sin anns an treas pàirt dhen dàn, tha am bàrd a’ tilleadh:

I came back from that frugal republic
with my two arms the one length, the customs woman
having insisted my allowance was myself.

The old man rose and gazed into my face
and said that was official recognition
that I was now a dual citizen.

He therefore desired me when I got home
to consider myself a representative
and to speak on their behalf in my own tongue.

Their embassies, he said, were everywhere
but operated independently
and no ambassador would ever be relieved.

Tags:

Comments (7)

Leave a Reply to Aonghas Pàdraig Caimbeul Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Mòran taing dha-rìribh. Chòrd sin rium.

    Tha e cho follaiseach ‘s a ghabhas bho na sgrìobh thu cho riatanach ‘s a tha e litreachas an t-saoghail eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig. Feumaidh sinn ar drochaid eadar-nàiseanta fhèin dhan t-saoghal a-muigh, gun a bhith an còmhnaidh an eisimeil air drochaid na Beurla, air cho spaideil ‘s gu bheil i.

    A thaobh eadar-theangachaidhean dhan Ghàidhlig, chan eil agam air mo sgeilpichean ach na leabhraichean a leanas –

    – ‘Bàrdachd na Roinn-Eòrpa an Gàidhlig’ deas. le Ruaraidh MacThòmais
    – ‘Thall ‘s a-Bhos’ (sgeulachdan eadar-nàiseanta) eadar-th. le Calum Greum & Donnchadh Mac Ill Iosa
    – ‘Eachdraidh Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas’ le Lewis Carroll
    – ‘Eilean an Ionmhais’ le Robert Louis Stevenson
    – ‘Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus’ le Ian Rankin
    – ‘Mairidh an Dòchas: 100 Latha a dh’Atharraich Alba gu Bràth’ le Ailig Salmond

    Ann an Gàidhlig na h-Èireann tha mi rud beag nas fheàrr dheth –

    – ‘Eachtraí Eilíse i dTír na nIontas’ le Lewis Carroll (eadar-th. le Nicholas Williams)
    – ‘Eachtra Eibhlíse i dTír na nIontas’ le Lewis Carroll (eadar-th. le Pádraig Ó Cadhla)
    – ‘Lastall den Scáthán agus a bhFuair Eilís Ann Roimpi’ le Lewis Carroll
    – ‘An Hobad’ le JRR Tolkien
    – ‘An Leon, An Bandraoi agus an Prios Éadaigh’ le CS Lewis
    – ‘Oileán an Órchiste’ le Robert Louis Stevenson
    – ‘Cás Aduain an Dr Jekyll agus Mhr Hyde’ le Robert Louis Stevenson
    – ‘An t-Ardeiriceach agus a Chuid’ le Guillaume Apollinaire
    – ‘An tAilceimiceoir’ le Paulo Coelho
    – ‘An Strainséara’ le Albert Camus
    – ‘An Fhondúireacht’ le Isaac Asimov
    – ‘Cú na mBaskerville’ le Arthur Conan Doyle
    – ‘Cuairt na Cruinne in Ochtó Lá’ le Jules Verne
    – ‘Cogadh nan Reann’ le HG Wells
    – ‘Don Cíochótae’ le Miguel de Cervantes
    – ‘An Eochair os cionn an Dorais’ le Maurice Welsh
    – ‘Rashoomon’ (gearrscéalta) le Akutagawa Ryuunosuke

  2. Aonghas Pàdraig Caimbeul says:

    Tapadh leat Fhearghais. Saoilidh mi gu bheil a cheist seo mu ‘eadar-theangachadh’ gu math cudromach.Tha sinn uile beò ann an saoghal air ar cuartachadh (air ar bàthadh) le Beurla, agus feumaidh sinn straiteagaidh – gu pearsanta, nar teaghlaichean, nar coimhearsnachdan, nad dùthaich – airson dèiligeadh ri sin gu fallain, cruthachail. Drochaidean brèagha a thogail mar a tha thu ag ràdh (cleas Tòmas Telford!).

    Cha bu chòir dhuinn sinn fhìn a chròdhadh a-steach ann am faing bheag, ach aig an aon àm chan urrainn dhuinn leigeil leinn fhèin (le ar teaghlaichean etc) dhol fodha sa Bheurla. Feumaidh sinn a bhith sgiobalta nar dòighean son gnothaichean a chothromachadh: the incredible lightness of being, mar a chuir Kundera e. Air neo na còig subhaileach a mhol Calvino: Aotromachd, Luathas, Mionaideachd, Soilleireachd,Iom’-Fhìllteachd.

    1. Neil McRae says:

      Aotromachd aig bàrr na liosta! Thuirt thu e, APC chòir!

      iolairelochtreig.blogspot.co.uk

  3. Aonghas Pàdraig Caimbeul says:

    Och,duilich mi na mearachdan beaga (typos) a rinn mi thaobh litreachadh – cus cabhaig! ‘Nar dùthaich a bu chòir a bhith ann; agus ‘drochaidean bhrèagha’; agus ‘subhailcean’! “Is fheàrr na tomhaisean na na tuairmeis”!

    1. Fearghas MacFhionnlaigh says:

      Is ann a tha fada cus litrichean sa chànan, chanainnse! Cionnas as urrainn dha neach sam bith ann an cabhaig sùil a chumail orra uile? 🙂

      Agus faclan tuilleadh ‘s fada gan cruthachadh cuideachd! – Mar eisimpleir: “Is e beachd-smaoineachadh nàdar-fheallsanachail a tha seo air beachd-smaoinealasan beachdachail a thaobh gnìomhachasan-saothrachaidh an ùr-bhriathrachais! 🙂

      “Aotramas do-chreidsinn na bithe”? Ciamar an dèan ar cànan danns ris an fhonn ud is i ri strì fad an t-siubhail fo chuideam còta-oilisgin ro mhòr is bòtannan loma-làn concrait?!

  4. Jenny Campbell says:

    Please translate this into English as I would love to be able to read it.

  5. Aonghas Pàdraig Caimbeul says:

    Sin cnag na cùise. Cha ruig thu leas cànan doirbh airson doimhneachd. Nuair a dh’èisteas tu ri na seann sgeulachdan a bh’aig daoine mar Dunnchadh Clachair, bidh e daonnan a’ tighinn a-steach orm cho ‘sìmplidh’ ‘s a bha a’ chainnt, ach cho fìllteach ‘s a bha na sgeòil.

    Bheir grabhataidh dhan uaigh thu, ach togaidh an spiorad suas thu!

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.