Cuach na h-Eòrpa a’ Fàs Doilleir is e a’ Sealg na Glòir

1024px-Logo_uefa_2012_newDaibhidh Rothach a’ bruidhinn air mar a tha Roinn nan Gaisgeach, is e a’ sìor fhàs nas motha thall-thairis, air crìonadh ann an cliù aig dachaidh, agus mar  a dh’fhaod na molaidhean aig a’ Chomann Chlub Eòrpach a mhùchdadh. Daibhidh Rothach looks at how the Champions League, as it has grown in stature outside of Europe, has diminished in status at home, and how the recommendations of the European Club Association threaten to stifle the game even further.

On a shaor an t-inneal sìobhaltas mhic an duine o shaothair chianail na talmhainn, chaidh seann ghlòir na seilge agus a’ bhlàir a riochdachadh ann an spòrs, le cur-seachad a’ gabhail àite riatanas. Agus sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha daoine air ceum eile a ghabhail air falbh o fhìorachd an dualchais àrsaidh, le coimhearsnachd ùr bhall-coise air beulaibh tbh a’ briseadh an dàimh eadar sgioba spòrs agus luchd-taic. Cha mhair dìleas a th’ air a toirt nach ann air sgàth ceangal teaghlaich no sgìre bhreith ach cleas margaidheachd ghlic, ge-tà,ach cho fad ‘s a tha an t-soirbheachas agus an glàmar mu thimcheall, agus tha na molaidhean aig a’ Chomann Chluba Eòrpach airson cruth ùr air Roinn nan Gaisgeach na aideachadh gu bheil a’ cho-fharpais a’ fàilligeadh mar-tha.

Ged nach b’ ann anns na mhol an ceann-suidhe aca, Karl-Heinz Rumminegge, seachdain ‘s a chaidh ach a’ chuairt as ùire san t-sabaid eadar mòr is beag, no mòr is na bha meadhanach mòr, ann am ball-coise na h-Eòrpa, an turas-sa ‘s ann a bha an cuid iarrtasan na bu bhragaile na bha iad a-riamh. Tha uachdaran ùra a’ dèanamh deiseil an crùnadh fhèin mar rìghrean bhall-coise na mòr-thìr, agus feumaidh càch an adhradh ann an iongnadh o thaobh a-muigh na lùchairte: Ajax, Celtic, Galatasaray, Porto, uile à dùthchannan a tha ro bheag is ro bhochd cuireadh fhaighinn. Bidh an luchd-taic aca, thathar an dùil, sàsaichte a strì airson ghlòirean na b’ ìsle fhad ‘s a tha muinntir Bheijing is Chicago a’ leantainn sgioba an cridhe sa chuairt mu dheireadh sa cho-fharpais mhòr.

Ann an da-rìribh chan e a tha Rumminegge agus an CchE a’ moladh an roinn Eòrpach air an robh cuid an dùil, ach co-fharpais a tha dùinte don a’ mhòr chuid de sgiobannan air a’ mhòr-thìr, agus ged a bhios cuid dhiubh a’ faighinn troimhe chun na roinne mòire gach bliadhna, thathar a’ faireachdainn nach ann ach mar an aoigh suarach a bhios càch a’ coimhead orra. Bha an t-seann chluicheadair Ghearmailteach ceart mu aon rud, ge-tà – tha na sgiobannan as motha air fàs ro làidir, ach ‘s e ag iarraidh barrachd dhiubh a leigeil a-steach o na roinnean as motha gun dùbhlan, tha e a’ moladh adhbhar mar leigheas. ‘S e aon adhbhar nach obraich roinn Eòrpach, ge b’ e an cruth no ainm a th’ oirre, nach eil na dùbhlain ionadail a mhaireas sna roinnean nàiseanta rim faighinn. Bha seann Chuach na h-Eòrpa soirbheachail oir bha e sònraichte, na chothrom don a’ chuid as fheàrr o gach roinn nàiseanta an dùthaich aca a riochdachadh agus na atharrachadh o fheasgair Dhisathairne fhliuch aig Tannadice.

‘S e adhbhar eile nach eil muinntir na h-Eòrpa ga h-iarraidh, agus gun taic a’ mhòr-shluaigh, ‘s ann gu luath a bhios an crùn a’ tuiteam. Cha robh fainne òr nach do chaill a chuid lainnir, no dèideag leis nach do dh’fhàs pàiste sgìth, ach nas cudromaiche, cha do shàsaich airgead a-riamh an cridhe sanntach – cha do dh’iarr e ach an tuilleadh. Glàmarach is gu bheil Barcelona an aghaidh Inter Milan, tha e neo-bhuntainneach don a’ mhòr chuid, agus tha a’ cho-fharpais a’ fàilligeadh an-dràsta oir tha  na geamannan seo a-nis air fàs àbhaisteach. Tha an rathad aon-shligheach aig ball-coise na h-Eòrpa a dh’ionnsaigh na tha nas motha, nas fheàrr, nas spaideile, agus mar sin – nam beachd fhèin – na bu tharraingiche do luchd-amhairc, air tachairt gun smaoin air dè thachras nuair nach eil ceum na b’ àirde ann.

Seach a bhith a’ tilleadh do sheann chruth Chuaich na h-Eòrpa agus a’ brosnachadh ùidh sa cho-fharpais am measg an luchd-taic traidiseanta a-rithist, no fiù ga dhèanamh na b’ fhasa airson gaisgich à dùthchannan an leithid Èirinn no an Danmhairg fhaighinn a-steach agus airgead a sgaoileadh air feadh na h-Eòrpa, tha na sgiobannan mòra a’ sìneadh, a-rithist, airson beartas sa gheàrr-ùine. Ach tha am poileasaidh seo neo-sheasmhach, agus mar as motha de ghlàmar is de mhòrchuis bhrèige a tha mu thimcheall Roinn nan Gaisgeach, ‘s ann as lugha de luchd-taic traidiseanta a bhios a’ coimhead oirre. Feumaidh Comann Chluba na Eòrpa, agus UEFA, dèanamh co-dhùnadh air an ann aig luchd-taic ann an Rotterdam no ann an airgead Ameireaga a Tuath a tha anam ball-coise na h-Eòrpa ri lorg, agus mas e an deireannach, ‘s dòcha gum bi a’ chòrr den Roinn Eòrpa na b’ fheàrr as an aonais

Bu chòir tachartasan ann an Alba fhèin a bhith na rabhadh don a’ mhòr-thìr air fad. Thachd an t-airgead aig daoine beartach, agus na cùmhnantan tbh a thug fada cus don Old Firm, an geama. B’ e tuit Rangers, ge-tà, a thug ath-bheothachadh don roinn: tha airgead air crìonadh, ach tha a’ cho-fharpais nas tarraingiche na bha i a-riamh, le àireamhan luchd-taic aig na geamannan an àirde mar thoradh air. Tha ball-coise na h-Alba cuideachd, ann an dòigh, air a chuid bhrìgh a lorg, rud a chaidh a chall fad linn nach robh beartach ach ann an airgead. Feumaidh UEFA, ann an dòigh air choireigin, seo a thoirt air ais gu na co-fharpaisean Eòrpach: mholainn-sa rud simplidh – ball beag leathair, fichead fir ‘s a dhà, agus raon-cluiche còmhnard eadar gach sgioba anns an Roinn Eòrpa.

Tags:

Comments (2)

Leave a Reply to Alan Munro Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Alan Munro says:

    Over 13k at Rugby Park the other night as Champions League meant a media blackout. An easy choice over Chelskie v PSG for 3rd year in a row

  2. Neil Mcrae says:

    Glè cheart a Dhaibhidh. B’fhèarr leamsa Ross County v. Obar Dheathainn a choimhead – geama bha sònraichte math! – na Barcelona v. Real an là an-diugh

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.