Dè an t-Slighe air Adhart airson Craoladh na Gàidhlig?

Lisa Storey

Lisa Storey bhon bhuidheann Craoladh Gàidhlig


 

Bho chionn còrr is ceala-deug, chaidh co-labhairt a chumail air Craoladh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha a’ cho-labhairt fhèin na chomharra gu bheil feum air còmhradh agus deasbad mun t-slighe air adhart airson BBC Alba, agus bha e follaiseach bhon t-sluagh mòr a nochd gu bheil mòran a’ faireachdainn làidir mun chuspair seo. Chuala sinn aig a’ cho-labhairt bho mheasgachadh de riochdairean, eòlaichean, ministearan agus luchd-strì (uill, neach-strì, ach bha tuilleadh san luchd-èisteachd).

Cò ris a bha an deasbad coltach? A-measg nan rudan ris a bhiodh dùil (àireamhan, grafaichean, diagraman dathte agus mar sin air adhart), chaidh cuspairean susbainteach, inntinneach a dheasbad. Mar eisimpleir, bha e air leth inntinneach cluinntinn bho an t-Ollamh Eithne O’ Connell, eòlaiche air craoladh agus mion-chànain, a dh’innse na h-òraid gu bheil fo-thiotalan Beurla a’ dèanamh feum don Bheurla fhèin, agus cron air a’ mhion-chànan. Cha b’ urrainn dhi air a bhith na bu shoilleire mu dheidhinn sin, agus cha deach facal a thogail na h-aghaidh san t-seòmar. Thubhairt an t-Ollamh O’ Connell cuideachd gu bheil feum air còmhradh fallain eadar luchd-ùidhe, agus tuigse shoilleir mu dè dìreach na h-amasan agus prìomhachasan a tha aig craoladairean. Bha i ceart mun dà phuing sin.

Chan eil mi a’ smaoineachadh gun deidheadh mòran às àicheadh briathran Aonghais Pàdraig Chaimbeil san Herald bho chionn beagan sheachdainean nuair a thubhairt e gu bheil BBC Alba air aon dha na buannachdan as motha a tha air nochdadh ann an craoladh na h-Alba anns an deichead mu dheireadh. Tha e cho ceart ri ceart gu bheil seanail Ghàidhlig ann; tha TBh sa chànan riatanach ma tha i gu bhith beò idir san àm ri teachd, agus tha sinn gu mòr an comain an fheadhainn a bha an sàs anns an iomairt gus an t-seanail a thoirt gu buil sa chiad àite. Ach ’s e cuis-nàire a th’ ann gum feum cuid a bha a’ strì airson seanail sa chiad dol a-mach fhathast a bhith a’ spàirn airson fìor sheirbheis Ghàidhlig ann an 2016.

Chuala sinn o Lisa Storey bhon bhuidheann coiteachaidh Craoladh Gàidhlig aig a’ cho-labhairt, agus bha e na fhaochadh an òraid làidir, chalma a thug i seachad a chluinntinn. Na bu tràithe san latha bha am BPA Mìcheal Russell air iomradh a thoirt air dìth luchd coiteachaidh na Gàidhlig an-diugh, agus tha fhios gu bheil fìrinn anns na thubhairt e, ach tha Lisa na eisimpleir air neach a th’ air a bhith deònach fad a beatha bruidhinn a-mach às leth na Gàidhlig. Bha e na bhriseadh-dùil nach do ghabh Ailean Esslemont, ceannard phrògraman MG Alba, cothrom leisgeul Lisa iarraidh aig a’ cho-labhairt airson an dìmeas a rinn e oirrese agus eile ann an 2015, nuair a thubhairt e gur e ‘iomall’ a tha airson ‘ghetto Gàidhlig’ a chruthachadh a th’ anns an iomairt (tha an cothrom sin fhathast ann ge-tà, agus tha Craoladh Gàidhlig air sgrìobhadh gu MG Alba bho chionn goirid gus seo a chur nan cuimhne).

Chuir Lisa far comhair seachd molaidhean airson BBC Alba: fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith gan toirt air falbh; tuilleadh luchd-aithris Gàidhlig; thar-ghuthan Gàidhlig; Gàidhlig a bhith deatamach airson obraichean anns na meadhanan Gàidhlig; fo-thiotalan Gàidhlig; stiùireadh cànain ùr; agus slatan-tomhais ùra airson soirbheachas. Chan eil càil ann an seo a tha cho connspaideach no radaigeach sin, agus thèid a chur an gnìomh gun mhòran cosgais – ’s e a tha a dhìth ach miann.

Ged nach tuirt riochdairean MG Alba agus BBC Alba mòran mu fho-thiotalan no Bheurla san taisbeanadh aca fhèin, bha iad deònach dèiligeadh ri seo ann an ceistean. Agus thubhairt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG Alba, gum faod dùil a bhith againn ri cothrom fo-thiotalan Beurla a thoirt air falbh ann an 2017. ’S e ceum air adhart a th’ ann an seo, ach chan eil e math gu leòr. Le aire air rabhaidhean an t-Ollaimh O’ Connell mu bhuaidh fho-thiotalan air mion-chànain, feumaidh sinn a bhith ag amas air suidheachadh far nach eil fo-thiotalan sam bith a’ nochdadh anns a’ chiad àite, le cothrom an uairsin Beurla no Gàidhlig a thaghadh (mar a th’ aca air S4C sa Chuimrigh). A-rèir MG Alba, bhiodh seo a’ cur dùbhlan ro mhòr mu choinneamh luchd na Beurla. Gus a bhith soilleir: tha seo a’ ciallachadh gum biodh e ro dhuilich dhaibh putan a phutadh. Ma tha luchd-coimhead comasach air BBC Alba a chur air anns a’ chiad àite, tha iad comasach air na fo-thiotalan a thoirt a-nuas.

A-thaobh uiread na Beurla, ’s ann bhon luchd-èisteachd a thàinig aon dha na puingean as inntinniche. Dh’fhaighnich Aonghas Pàdraig Caimbeul a bheil MG Alba a’ cumail ri riatanasan laghail a-thaobh a bhith a’ dèanamh phrògraman ann an Gàidhlig. Tha Achd Conaltraidh 2003 ag ràdh: “The functions of the Service shall be to secure that a wide and diverse range of high quality programmes in Gaelic are broadcast so as to be available to persons in Scotland”. ’S e na briathran ‘in Gaelic’ as cudromaiche an seo, oir tha ceist a bheil cuid a phrògraman air BBC Alba ‘ann an Gàidhlig’ idir. Chaidh prògram a-mach an-uiridh mu dheidhinn Jim Baxter agus bha a h-uile agallamh ann am Beurla, le ceanglaichean Gàidhlig. Deagh phrògram ann no às, cha b’ e prògram Gàidhlig a bh’ ann.

Chan e nach bu chòir facal Beurla a bhith ri cluinntinn air BBC Alba, agus bha am poileasaidh a b’ àbhaist a bhith an àite (a-rèir freagairt aig aon dhe na tachartasan conaltraidh a chum MG Alba an uiridh) nach biodh nas lugha na 80% de Ghàidhlig ann am prògraman sa chumantas reusanta. Chaidh Craoladh Gàidhlig beagan na b’ fhaide na sin aig a’ cho-labhairt le iarrtas gum biodh 90% de Ghàidhlig ann am prògraman bho seo a-mach. ’S e a tha cho soilleir ’s a ghabhas gum feum poileasaidh air choreigin a bhith ga chur an àite a-rithist, gus riatanasan an dà chuid laghail agus moralta a choileanadh.

Càite a bheil sin gar fàgail ma-tha? Tha ceist nam fo-thiotalan mu dheireadh thall a’ faighinn prìomhachas, agus gach aithris ceangailte ris a’ cho-labhairt air cuideam a chur air. Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Ailean Dòmhnullach air innse nach gabh iad pàirt ann am prògram sam bith air BBC Alba gus an tèid ceistean mu fho-thiotalan agus Bheurla fhuasgladh. ’S e seasamh làidir a th’ ann an seo bho dhithis le inbhe ann an saoghal na Gàidhlig, agus chan urrainn – no co-dhiù cha bu chòir – MG Alba gun aire a ghabhail ris.

Tha beachdan làidir timcheall craoladh na Gàidhlig agus tha e coltach gu bheil gu leòr còmhraidh, deasbaid agus coiteachaidh romhainn fhathast – agus ’s e rud fallain a th’ ann an sin.

Comments (5)

Leave a Reply to Fionnghal Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Neil McRae says:

    Chan chreid mi gun atharraich càil sam bith fhad’s a tha Ailean Dòmhnallach na chathraiche aig Bòrd na Gàidhlig, agus a’ dèanamh phrògraman Beurla do BBC Alba mun aon àm.

  2. Aonghas Pàdraig Caimbeul says:

    Tapadh leat a Ruairidh son an aithris shoilleir chothromach seo a tha toirt dealbh cheart dhuinn air an latha-craolaidh a bh’ againn an Dùn Èideann.

    Mar a tha thu ag ràdh, cha b’ urrainn dhan fhianais a thug an t-Ollamh Eithne O’Connell dhuinn a thaobh fo-thiotalan Beurla ‘mar default’ a bhith na bu shoilleire: tha iad a’ dèanamh cron uamhasach dhar cànan.

    Tha e dìreach tàmailteach gu bheil MG/BBCALBA cho rag a thaobh poileasaidh cleachdadh na Beurla a tha mùchadh na Gàidhlig gach oidhche gu ìre a tha cèarr agus mi-fhallain.

    Tha fhios’am gu bheil a’ bhuidheann-iomairt GàidhligTV air trì litrichean a sgrìobhadh an t-seachdain seo gu MGALBA, agus tha mi coimhead air adhart ri freagairtean adhartach bhuapa mu na cuspairean a tha iad a’ togail:

    a) ceist na fo-thiotalan a bhith falaichte
    b) ag iarraidh air MGALBA aithreachas a shealltainn airson nam briathran grod a chleachd fear dhe na h-àrd-oifigearan aca, Ailean Esslemont, mu na Gàidheil agus an ‘ghetto’, agus
    c) a’ cheist a tha thu fhèin ag ainmeachadh anns an alt mu dheidhinn prògramman a bhith ‘ann an Gàidhlig’ (‘in Gaelic’) seach ‘mu dheidhinn’ na Gàidhlig. Ged a tha amharas agam nach ann fiù’s ‘mu dheidhinn na Gàidhlig’ a tha 4 latha cròlaidh (curling)!

    A thaobh mi fhìn agus Ailean Gleann Ùige tha e a-rithist tàmailteach gu feum sinn fulang a thaobh beo-shlaint mar thoradh air poileasaidh-cànan na sianal. Tha e cèarr gu bheil guthan mar Ailean air an sèimheachadh air BBCALBA ri linn sin, fhad’s a tha guthan Beurla a’ taomadh aiste gach oidhche.

    Tha an t-àm aig MG/BBCALBA u-turn a dhèanamh, doirbh agus gu bheil a leithid air an single-track road air a bheil iad.

  3. Fionnghal says:

    Bhiodh e air a bhith gu math inntinneach a bhith ann. Tapadh leat ‘son na h-aithris sin, a Ruairidh. Tha mi a’ dol leis na bha aig Lisa ri radh is ri mholladh. Tha mise seachd searbh leis na th’ ann de Bheurla is de dh’fho-thiotalan nam mallachd. Fiu ‘s mur a h-eil mi ‘son an leughadh, tha na faclan geala mar chlach-iuil a’ stobadh as a scrin, agus is iomadh uair a fhuair mi mi fhin a’ leughadh a’ phrograim seach a bhith ag eisteachd ris! Nach mi a tha goireach! Bhithinn air a bhith na b’fhearr dheth le leabhar – an-da, leis an fhirinn innse tric is minig ‘s ann a tha mi a’ leughadh leabhar seach a bhith a coimhead an teilidh – gu h-araidh leabhraichean Gaidhlig.
    Oidhche a bh’ ann, mhothaich mi dha program air leth inntinneach air seanail BhBC air choireigin agus choimhead mi air. Math fhein smaoinich mi. Agus seachdain neo dha as deidh laimh, chunnaic mi an dearbh chuspair is e gu bhith air BBC Alba. Sgoinneil, smaoinich mi agus chuir mi comharradh am paipear an teilidh gus a chumail nam chuimhne. Abair bristeadh duil, get-tha. B’e an dearbh phrogram – am fior dhearbh phrogram, facal air an fhacal – a bh’ ann ach le tar-ghuth? Gaidhlig thairis air agus a h-uile duine eile a’ bruidhinn ann am Beurla! Bu mhise nach robh air mo dhoigh! Tha e cho math direach a bhith a coimhead air na steiseanan Beurla.

  4. Des Scholes says:

    Mar neach-ionnsachaidh chan eil BBC Alba gu feum sam bith dhomhsa, ma tha mi a’ lorg Gàidhlig thèid mi air Radio nan Gaidheal. Chan eil fhios’m de direach a th’ann an BBCAlba chanainnsa gur e BBCAlbeurla an t-ainm ceart air. Airgead Gàidhlig dhan t-sitig bheurla agus Bòrd na Gàidhlig toilichte leis.

  5. Fionnghal says:

    Chan eil BBC Alba gu feum do neach-ionnsachaidh sam bith nam beachd. Cha robh no dhomhsa. Fhad’s a tha thu an toir air an fhacal Bheurla air an abairt nach do thuig thu, tha an conaltradh air gluasad air adhart agus sin thu, caillte! A-mach air a bheag de dh’fhileantaich a tha cleachdta ri bhith ag obair tro dha chanan comhla, theirinns gu bheil gle bheag de dhaoine aig a bheil comas a bhith ag eisteachd anns an aon chanan agus, aig an dearbh dhiog sin, a leughadh ann an canan gu tur eadar-dhealaichte agus gan toirt a-steach! Cia mheud aig a bheil an comas sin?

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.