Cò leis Cànan? Agallamh le Iain MacCaluim: Breatannach, Ultach, agus Gàidheal

Ged a tha an cuid a bu mhiosa de dhaonnachd uaireannan a’ tighinn am bàrr leis an daingneachadh de dh’aithne a thig o chòmhstri, ‘s ann gu tric a tha ath-nuadhachadh cultarail a’ tighinn còmhla cuideachd. Mar b’ fhuiltiche an strì, ’s ann as motha an t-ath-nuadhachadh, is dà thaobh an sgaraidh, tha e coltach, a’ feuchainn ri astar a chur eatarra. Ach ge b’ e cho gràineil is a dh’fhaodadh seo a bhith, tha eachdraidh a’ sealltainn – ’s mòr am beannachd – nach eil loidhnichean a’ bhlàir nan ruith gu dìreach, le cuid de dhaoine a-riamh ann nach eil a’ gabhail ri treubhachas ro shìmplidh mhic an duine.

An Dotair Iain MacCaluim taobh a-muigh An Lorgan, am baile aige fhèin.

An Dotair Iain MacCaluim taobh a-muigh An Lorgan, am baile aige fhèin.

Na Phròstanach le dualchas Eaglais na h-Èireann, tha an Dotair Iain MacCaluim (Ian Malcolm) às an Lorgain ga aithneachadh mar Bhreatannach. ‘S e a tha sònraichte gu bheil e cuideachd na òraidiche, na chraoladair, agus na sgrìobhadair ann an Gàidhlig na h-Èireann. Is e na ùghdair den leabhar Towards Inclusion: Protestants and the Irish Language (2009), tha ùidh shònraichte aige ann an eachdraidh na Gaeilge sa coimhearsnachd Chlèireach, agus tha e a’ feuchainn ri beagan solas a leigeil air a’ mhì-thuigse a mhaireas air gach taobh na Crìche, agus air taobh a-muigh na h-Èireann, mu eachdraidh a’ chànain. Tha am misneachd aige na fhèin-aithne mar Bhreatannach, ’s dòcha, a cheart cho cudromach dha ri eòlas agus tuigse air eachdraidh an eilein.

“Tha mi gun teagamh nam Bhreatannach, ach cha tèid mi às àicheadh gu bheil pìos mòr dhìom na Èireannach cuideachd. Ach am broinn nan Eileanan Breatannach, tha mi am beachd gu bheil Èirinn a Tuath na àite sònraichte – chan eil sinn uile gu lèir nar Breatannaich is chan eil sinn uile gu lèir nar Èireannaich, agus tha sin fìor air gach taobh den choimhearsnachd. Tha barrachd gar aontachadh na tha gar sgaradh.”

Chan eil na facail urramach, fìrinneach seo a-mhàin a’ toirt sealladh a-steach do dh’aithne ioma-fhillte an Ulaidh, tha iad, ‘s dòcha, a’ nochdadh beagan a bharrachd mu dheidhinn na beàirn eadar an t-sluagh. Mar a dh’ aidich an Dotair MacCaluim fhèin, thathar a’ faireachdainn gu bheil Cóigeamh Ulaidh an còmhnaidh air a bhith eadar dhealaichte bhon chòrr den eilean agus an Rìoghachd Aonaichte, agus tha ìomhaigh an àite agus an fhèin-aithne cho-roinnte a th’ aig na daoine air nochdadh chan ann mar thoradh air, ach a dh’aindeoin, stiùireadh oifigeil no cultarail o riaghaltas ann an Lunnainn no Baile Átha Cliath.

‘S mathaid, ge-tà, mar as lugha de dhiofar eadar nàimhdean ’s ann as mhotha de ghràin. Mar a tha eachdraidh a’ sealltainn, ’s e an t-sabaid eadar cultaran no deasbadan a tha gu ìre mhòr faisg air a chèile a tha uaireannan as fhuiltiche – Cogadh Sìobhalta nan Stàitean Aonaichte, no strì mhòr nan Cùmhnantach air na puingean as fhìnealta de dhiadhaireachd Phròstanach ann an Alba fhèin. Mar a leasaich Ian, tha an treubhachas air gach taobh an sgaraidh ann an Èireann a Tuath a’ ciallachadh gun deach ceistean a thogail mun roghainn aige Gaeilge a dh’ionnsachadh.

“Mar Ghàidheal agus mar Phròstanach, tha trioblaid air nochdadh o àm gu àm. Chuireadh e an t-iongnadh air cuid de dhaoine sa choimhearsnachd agam fhèin gun robh Pròstanach ag ionnsachadh seann chànan na Fèinne, agus tha mi air tachairt le iomadh Poblachdach a tha den bheachd nach bu chòir daoine Gaeilge a bhruidhinn mur a bheil iad a’ dol leis na beachdan Poblachdach cuideachd.”

Is e ri aghaidh an leithid de dh’aineolas, tha e na bheannachd gu bheil Iain a’ tuigsinn nach ann do threubh shònraichte a tha a’ Ghaeilge, agus làidir gu leòr na inntinn a chumail a’ dol le chòmhstri phearsanta gus eachdraidh a’ chànain a sgaoileadh sa choimhearsnachd Dhìlseach. Tha e na ìorantas, agus na chnap-starra gu adhartas a’ chànain, ma tha Poblachdaich no daoine sam bith eile a’ feuchainn ri sealbh cultarail a ghabhail oirre, agus nas cudromaiche tha e a’ cur barrachd meas air a’ Bheurla. Ma tha mion-chànan gu bhith beò, feumaidh comas a bhith aig luchd-labhairt a chleachdadh ann an suidheachadh sam bith, ach a-rèir na feallsanachd tana seo, ‘s ann a tha a’ Ghaeilge na cànan a tha freagarrach airson cabadaich shocair eadar daoine den aon bheachd, no a tha a’ frithealadh an aon eaglais, ach chan ann airson spàirn, no sìth, no còmhradh sam bith eile le nàmhaid aig a bheil Beurla. Ma ‘s i a’ Bheurla a’ bhun–roghainn chànanach ann an suidheachadh sam bith, ‘s i a bhuannaicheas, agus tha e riatanach gu bheil an leithid Iain MacCaluim agus muinntir na Gaeilge air fad a’ cur ceann ris an leithid no cha tig às ach ghettoachd agus mùchadh air a’ chànan.

Ach tha an Dotair MacCaluim, còmhla ri Pròstanaich is luchd-Aonaidh eile aig a bheil a’ Ghaeilge – leithid Linda Ervine, oifigear leasachaidh cànain ann am Beul Feirste agus piuthar-chèile Dhaibhidh Ervine nach maireann, a bha na bhall den UVF agus na bhall-pàrlamaid – le eachdraidh air an taobh. B’ ann air Rathad Bheersbridge, air a shuidheachadh ann an sgìre Dhìlseach, a chaidh a’ chiad mheur de Chonradh na Gaeilge a stèidheachadh san Lùnastail 1895, agus bha iomadh fir a bh’ aig ceann an Òrda Orainds an sàs sa bhuidheann air feadh na mòr-roinne, gun iomradh air na Pròstanaich aig an robh Gaeilge on ghlùn o na linntean a dh’fhalbh. Tha an Dotair MacCaluim am beachd gum b’ e an t-aramach poileataigeach aig toiseach an Fhicheadaimh Linn a bu choireach airson Pròstanaich iomain air falbh on a’ chànan.

“Chaidh An Conradh a ghabhail os làimh le Poblachdaich radaigeach, agus bhrosnaich iad Aramach na Càisge gu falaichte. Aig an Árd Fhéis ann an 1915, cheangail An Conradh e fhèin gu h-oifigeil gu Poblachdas, agus còmhla ris cheangail iad an cànan gu ideòlas poileataigeach. B’ ann an uairsin a chrìon an ùidh a bh’ aig Pròstanaich agus luchd-Aonaidh agus cha robh mòran ann a bha deònach an cànan ionnsachadh.”

Fhad ‘s a bha Èireannaich nam mìltean a’ cur cùl ris a’ Ghaeilge agus a’ togail na Beurla a bha, mar a tha i fhathast air feadh an t-saoghail, fosgailte do na h-uile ge b’ e am blàs no dùthaich, chaidh slabhraidhean an nàiseantachais a cheangail mu chasan na Gaeilge. Ma tha cànan air a chumail beò a-mhàin gus samhla de dh’aithne nàiseanta fhoirfichte a bhrosnachadh, thèid an cuid den t-sluagh nach gabh ris an aithne sin a chur chun an iomaill, gu h-àiridh ma tha mòr-chànan aca ri bruidhinn. Tha an fheallsanachd seo cuideachd a’ togail cheistean inntinneach mu fhamhairean litreachas na dùthcha, nàiseantaich agus Pròstanaich a chunnaic a’ Bheurla mar a’ chainnt aca fhèin.

Na bhalach, b’ e a’ chiad fhacail Ghaeilge a chuala Iain oíche mhaith agus codladh sámh o athair. A dh’aindeoin dhuilgheadasan, tha e fhathast ga cluinntinn is ga bruidhinn na bheatha làitheil, a’ diùltadh le misneachd agus le eòlas daoine a chanadh nach b’ ann dha a leithid a tha i. Ach tha Ulaidh na tìr a th’ air atharrachadh gu mòr o na seachdadan, agus thathar an dòchas, mar a tha teas na còmhstri a’ fionnarachadh, gum bi barrachd on a’ mhòr-roinn a’ toirt sùil air eachdraidh a’ chànain le sùilean soilleir agus, ge brith dè tha iad an dùil airson riaghailt phoileataigeach, ag aithneachadh gu bheil i na pàirt, gu ìre air choireigin, den fhèin-aithne aca uile.

Comments (2)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Dhaibhsan aig a bheil ùidh sa chùis a tha seo, agus comas-leughaidh sa Ghaeilge, gheibhear eachdraidh mu iomadach pròstanach eile a bha an sàs sa Ghaeilge tron fhicheadamh linn san leabhar thomadach ‘De bhunadh Protastúnach: rian Chonradh na Gaeilge’ le Risteárd Ó Glaisne (Carbad, 2000, €12.70).
    http://www.litriocht.com/shop/product_info.php?products_id=1627#.VyMrhNR4WrV

  2. Breandán says:

    Ian Malcolm – tha e ga aithneachadh mar Bhreatannach agus mar Ghaidheal. Nach eil sin sgoinneal? Math thu a Iain

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.