images1

Daibhidh Rothach

Sgrìobh Ailig Salmond san leabhar Being Scottish (2008), ‘Ann an teangaidh, agus ann an dualchas ionadail agus nàiseanta, chan eil Alba cho eadar-dhealaichte mar dhùthaich (o dhùthchannan eile) is a bha i o chionn, can, leth cheud bliadhna. Ach tha fèin-aithne Albannach cho làidir is a bha e a-riamh.’

On a sgrìobhadh na facail seo, tha dualchas na h-Alba air crìonadh a bharrachd – tha Gàidhlig air leabaidh a’ bhàis agus chan e a th’ anns a’ Bheurla Ghallda a bh’ aig Salmond fhèin ach cainnt maslaich an t-saibheir.

‘S e a’ cheist aig daoine a bu mhiann neo-eisimeileachd do dh’Alba, ach a tha a’ gabhail ri bàs na Gàidhlig uaireannan carson a tha thu a’ gabhail dragh mu deidhinn? Tha Bella a’ feuchainn ris a’ cheist sin fhuasgladh, agus b’ i Bella fhèin a’ chiad iris meas a thoirt don dà chànan, ach ‘s dòcha gur ann aig nàiseantach, Gàidheal, agus boireannach eile, Kay NicMhathain, a tha an fhreagairt a b’ fheàrr: Cha sgar thu Gàidhlig bho Alba, no Alba bhon Ghàidhlig. Chan eil ann am poileataigs ach leth chuid den sgeul.

Ruairidh MacÌomhair

Tha Bella Caledonia air aon dha na corra àitean ann an Alba far am faighear deasbad agus beachdachadh ann an trì cànain na dùthcha. Tha Bella air a bhith a’ cur taic ri sgrìobhadh ann an Gàidhlig bho 2014, agus bhon Dàmhair an uiridh tha i air a bhith a’ foillseachadh colbh gu cunbhalach sa chànan.

Tha an colbh seo aig ìre gu math tràth, ach tha sinn mar-tha air còig-deug alt fhoillseachadh air measgachadh de chuspairean. Mar eisimpleir, thug sinn sùil air comharrachadh a’ chogaidh mhòir agus na tha sin a’ ciallachadh an-diugh; bheachdaich sinn air an t-slighe air adhart as fheàrr airson nan ealan Gàidhlig; chomharraich sinn ceud bliadhna bho rugadh Deòrsa Mac Iain Dheòrsa; rinn sinn agallamh le Iain MacCaluim ann an Uladh; agus sgrìobh sinn aithisg mu cho-labhairt air Craoladh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

Tha diofar sgrìobhadairean air cur ris a’ cholbh cuideachd: rinn Marc Wringe lèirmheas air an dealbh-chluich Shrapnel; thug Aonghas Pàdraig Caimbeul sùil air mar a tha sinn a’ conaltradh tro litreachas; agus bheachdaich Ùisdean MacIllInnein air cò a tha a’ riochdachadh coimhearsnachd na Gàidhlig an-diugh.

Tha sinn airson an colbh seo a ghlèidheadh agus a leasachadh anns na mìosan a tha romhainn. Mar sin, bidh barrachd aithisgean, agallamhan, lèirmheasan agus eile a’ nochdadh bho mheasgachadh de sgrìobhadairean – agus bidh sinn daonnan fosgailte ri beachdan agus sgrìobhadairean ùra. ’S e cnag na cùise ge-tà gu bheil sinn feumach air beagan taic airson seo uile a thoirt gu buil.

Is urrainnear taic a chur ri colbh Gàidhlig Bella an seo

Likes(3)Dislikes(0)