Dealbh le Peter Jolly.

Dealbh le Peter Jolly.

Fhuaras sealladh air fìor ghnùis cheannardan nan Tòraidhean Diciadain nuair a thog Aonghas Robastan cùis an teaghlaich Brain ann an Taigh nan Cumantan. Mar bu dual dha, chuir an Robastanach a’ cheist aige ann an dòigh fhaiceallach, chumhachdach dhan Seansalair, is e a’ cur cuideam – mar bu chòir – air mar a tha gille an teaghlaich ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

’S e ceist chòraichean-daonna a th’ ann an seo, agus – ged a tha gu leòr air beingean an riaghaltais nach eil toilichte ma dheidhinn – tha na còraichean seo fhathast gan dìon san Rìoghachd Aonaichte (no bu chòir dhaibh a bhith co-dhiù). Agus chan urrainnear luach a chur air cho cudromach ’s a tha neach-labhairt òg Gàidhlig dha coimhearsnachd Ghàidhealach agus dhan Ghàidhlig fhèin san 21mh linn.

Dh’fhaighnich an Robastanach dè a bh’ aig an Seansalair ri ràdh ris an teaghlach agus a’ choimhearsnachd anns a bheil iad a’ còmhnaidh an Inbhir Pheofharain. Agus bha e glè fhollaiseach bho fhreagairt Sheòrais nach robh eòlas sam bith aige mun chùis – agus nach robh ùidh sam bith aige ann a bharrachd.

Chuir an Robastanach ìmpidh air a-rithist leis an dàrna cheist, ach cha d’ fhuair e ach fanaid mar fhreagairt, is Osborne ag ràdh gum biodh na nàiseantaich nas fheàrr feuchainn ri spiorad a’ ghnìomhachais a chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd an àite a bhith a’ bodraigeadh an riaghaltais. Agus e a-mach air àite às an deach an cridhe a reubadh o chionn fhada ri linn muinntir a’ ghnìomhachais aois eile, thaisbean an Seansalair uair eile dìth-thuigse agus beag-spèis a phàrtaidh airson coimhearsnachd sam bith a tha taobh a-muigh an eòlais aca.

Bha e glè shoilleir an Taigh nan Cumantan nach robh anns a’ chùis chudromach seo ach criomag bheag shuarach ann an saoghal Thòraidhean Lunnainn. Tha iad sin trang gan reubadh fhèin às a chèile mu reifreann an Aonaidh Eòrpaich, agus abair sealladh a th’ ann an sin. Anns na trì deicheadan gu leth a tha mi air a bhith mun cuairt san t-saoghal bhochd seo, chan eil mi air iomairt phoileataigeach fhaicinn a tha cho uile gu lèir dòrainneach ’s a tha deasbad an reifrinn Eòrpaich.

Is dòcha gu bheil còmhradh beòthail agus iomadh-fhillte a’ dol gu deas, ach chan eil seo a’ tighinn am follais san deasbad phoblach. Cha mhòr nach eil e èibhinn mar a tha taobh Fuirich, gun mhac-mheanmna sam bith aca, air pròiseact an eagail ath-bhlàthachadh airson an reifrinn seo. Ach ’s e an diofar gu bheil taobh Brfhàgail a cheart cho cumhang agus an eisimeil feagal airson na h-argamaid acasan a chur an cèill. Cò as motha a bhrosnaicheas feagal an t-sluaigh, ’s e sin a’ cho-fharpais. Cumaidh sin na Tòraidhean trang ceart gu leòr.

Às dèidh an taghaidh Albannaich, chanadh cuid gu bheil creideas aig na Tòraidhean a-nis ann an Alba – gu bheil muinntir na dùthcha (no cnap dhiubh co-dhiù) air maitheanas a thoirt dhaibh airson mì-rùn a’ phàrtaidh thairis air na bliadhnachan. Ach – agus tha gu leòr air a’ phuing seo a dhèanamh cheana – tha e follaiseach gur ann dha Rut NicDhaibhidh a bha luchd-bhòtaidh a’ cur taic sa Chèitean, agus chan ann dha pàrtaidh Lunnainn. Agus cha d’ fhuair Rut fhèin, a dh’aindeoin gach cleas agus plòigh agus buabhall, ach 22% den bhòt.

Tha Rut deònach a cas a chur a-steach do dh’iomadh còmhradh agus deasbad ann an Alba, ach tha i air a bhith gu math sàmhach mu dheidhinn cùis nam Brainich. Is cinnteach g’ eil i ag aithneachadh gu bheil a’ chuspair air aire an t-sluaigh a ghlacadh an Alba, agus is fheàirrde dhi gun aire a tharraing air cho beag ùidh a bh’ aig a ceannardan gu deas dad a dhèanamh ma dheidhinn. Gu dearbh, is fheàirrde dhi gun aire a thoirt gu bheil i san aon phàrtaidh riutha idir (dh’obraich e an taghadh Taighe an Ròid).

Ged a tha e coltach an-diugh gu bheil Oifis na Dùthcha air gèilleadh ri ìmpidh a’ phobaill sa chùis seo, co-dhiù anns a’ gheàrr-ùine, feumaidh an riaghaltas gealltanas fada nas maireannaiche a thoirt dha na Brainich – an dà chuid dhan teaghlach agus a’ choimhearsnachd anns a bheil iad air an dachaidh a dhèanamh.

Nan robh iad a’ coimhead airson maitheanas son dìmeas an t-Seansalair Diciadain, bhiodh sin na àite math airson tòiseachadh.

 

*** Is urrainnear taic a chur ri Bella an seo – agus nach co-roinn sibh an ceangal seo ***

Likes(1)Dislikes(0)