13709891_1576647279307433_1112022726367085111_nNuair a chuala Mairead NicLeòid guth Mhurchaidh MhicPhàrlain airson a’ chiad uair, cha robh dòigh fios a bhith aice air a’ bhuaidh a bheireadh esan air a beatha-se (agus a’ bhuaidh a bhiodh aicese airsan). Thachair seo aig pàrtaidh ann am flat air sràid Belmont an Glaschu san t-Samhain an 1970. Mar a tha Catriona Mhoireach ga innse:

“Fhad ’s a bha am pàrtaidh is an cabadaich a’ dol mun cuairt oirre shuidh i ann an oisean ag èisteachd ri guth a’ bhodaich agus ris na h-òrain a bha e a’ seinn – òrain agus fuinn a bha ùr dhi. Bha i air a beò-ghlacadh!”

Ann am beachd Maireid fhèin, mur a b’ e an oidhche sin is dòcha nach robh na h-Òganaich air a bhith ann idir. Agus mur a b’ e na h-Òganaich, cha bhiodh ainm Mhurchaidh MhicPhàrlain cho aithnichte an diugh is a tha e. Faodaidh sinn uile a bhith taingeil airson na thachair an oidhche sin.

’S ann stèidhichte air a’ chàirdeas eadar Murchadh agus Mairead a tha an leabhar ùr Le Mùirn, agus taisbeanadh ceangailte ris, a chaidh a chur air bhog oidhche Haoine mar phàirt de dh’fhèis Bhaile nam Marsantan an Glaschu. Bha na bha an làthair aig an tachartas (còrr is ceud) na chomharra air a’ mheas a th’ air Bàrd Mhealboist fhathast an-diugh, agus, gu dearbh, air Mairead na h-Òganaich. Tha e duilich smaoineachadh air mòran bhàird eile a tharraingeadh uibhir de shluagh barrachd air deich air fhichead bliadhna as dèidh am bàs.

’S e bàrd a chaidh thar nan ginealaichean a bh’ ann am Murchadh MacPhàrlain. Thèid seo fhaicinn nam theaghlach fhèin. Dha mo sheanmhair ann am Pabail Uarach, bha i eòlach air mar bhàrd baile Mhealboist (agus b’ ann bhuaithe a thàinig an cù a bh’ aig an teaghlach sna caogadan). Chuala mo phàrantan guth Mhurchaidh airson a’ chiad uair air clàradh ann an taigh a caraidean Fionnlagh agus Norma an Obair Dheathan anns na seasgadan. Chuir iad eòlas air an uairsin nuair a ghluais iad air ais a Leòdhas, is iad an sàs còmhla anns a’ phàrtaidh Làbarach agus an iomairt Nato a chumail a-mach às an eilean. Ach cuideachd dhan ghinealach acasan, bidh Murchadh a-chaoidh ceangailte ri sgeul na h-Òganaich agus a’ bhuaidh a bh’ aca air saoghal ciùil na Gàidhlig anns na seachdadan. Agus dhomh fhìn, ged nach robh mi ach bliadhna a dh’aoise nuair a bhàsaich e an 1982, fhuair mi a’ chiad eòlas – mar a fhuair a h-uile leanabh le Gàidhlig – air obair Mhurchaidh gu math òg a’ seinn ‘Cànan nan Gàidheal’ aig Mòdan agus Fèisean. Sin dìleab a’ bhàird.

Ach ged a tha eòlas fad is farsaing air Murchadh ann an saoghal na Gàidhlig, tha dìth leabhraichean ann mu bheatha agus bhàrdachd agus mar sin tha fàilte mhòr air an fhoillseachadh ùr seo. ’S e leabhar air leth tarraingeach a th’ ann an Le Mùirn, ann an iomadh dòigh. Tha Catriona Mhoireach air sgeulachd a’ chàirdeis eadar Murchadh agus Mairead innse le meas, cùram agus tuigse. Tha i ag innse:

“’S ann a tha an leabharan-sa mu dheidhinn nithean pearsanta, mu dheidhinn dithis àraidh a thàinig còmhla airson ùine glè ghoirid sna seachdadan agus a bhrosnaich mòran againn, tro bhriathran agus tro cheòl agus tro mheadhanan-clàraidh, ùidh a ghabhail nar cànan fhèin.”

Chaidh deilbh ùr a chruthachadh le luchd-ealain dhan phròiseact agus tha iad sin a’ cur an snas fhèin ri dàin Mhurchaidh san leabhar. Chithear eisimpleir cuideachd de dh’obair ealain a’ bhàird fhèin – taobh dheth nach eil idir cho aithnichte an-diugh. Agus aon dha na rudan as tlachdmhoire mun leabhar, ’s e ath-riochdachaidhean nan litreachan a bhiodh Murchadh a’ cur gu Mairead. ’S e cruinneachadh prìseil, fìnealta a th’ ann an seo.

B’ e aon dha na ceistean a chaidh a thogail oidhche Haoine, an e bàrd baile a bu mhotha a bh’ ann am Murchadh no an robh a shealladh nas fharsainge na sin? Agus dh’aontaichinn leis an fhreagairt: gun robh sealladh eadar-nàiseanta aig a’ bhàrd ach chan eil sin a’ ciallachadh nach b’ e bàrd baile a bh’ ann cuideachd.

Tha saothair Mhurchaidh ioma-taobhach. Buinidh e dhan latha anns an robh am bàrd fhèin beò gun teagamh sam bith: linn eilthireachd agus atharrachaidhean sòisealta; linn nan cogaidhean mòra agus na bagairt niùclasaich. Ach tha freumhan domhainn aig bàrdachd Mhurchaidh ann an saoghal eile cuideachd – seann saoghal na Gàidhealtachd agus an traidisean litreachais a bha aig a chridhe, na bàird nan luchd-labhairt air a shon. Agus tron bhàrdachd air fad tha mac-meanmna agus caractar iongantach a’ bhàird a’ ruith – rud nach do bhuin dha càil ach an duine fhèin.

Tha an leabhar agus an taisbeanadh ùr seo na chothrom air leth airson duine sam bith le eòlas air Murchadh MacPhàrlain a chuimhneachadh. Do dhuine sam bith nach eil eòlach air fhathast, seo agaibh àite airson tòiseachadh.

Tha Le Mùirn le Catriona Mhoireach foillsichte le Faram. Tha an taisbeanadh, mar phàirt de dh’fhèis Bhaile nam Marsantan, anns A’ Bhriggait, 151 Bridgegate, Glaschu – fosgailte eadar 11m is 5.30f, 30 Iuchair gu 7 Lùnastal.

Taing dha Aonghas Caimbeul airson cead an deilbh a chleachdadh.

Likes(20)Dislikes(0)