(c) British Library; Supplied by The Public Catalogue Foundation

(c) British Library; Supplied by The Public Catalogue Foundation

Is iomadh fear agus tè às na h-Eileanan an Iar a choisinn cliù dhaibh fhèin san t-saoghal. Smaoinich air Alasdair MacCoinnich à Steòrnabhagh, an taisgealaiche a thug ainm dha prìomh abhainn Chanada, Ruaraidh MacThòmais à Pabail, am bàrd agus sgoilear Gàidhlig ainmeil, agus Flòraidh NicNèill, an sàr sheinneadair Barrach a thug ceòl na Gàidhlig gu luchd-èisteachd an t-saoghail.

Ach tha aon ainm nach eil idir cho aithnichte an-diugh is a bu chòir dha a bhith, a dh’aindeoin euchdan a chaidh, ma dh’fhaoidte, seachad air duine sam bith eile às a cheàrnaidh. ‘S e an t-ainm sin Cailean MacCoinnich, ciad shuirbhidhear coitcheann nan Innseachan an Ear, sàr chruinniche stuthan àrsaidh na dùthcha, agus am brosnachadh airson pròiseact ealain ùr leis An Lanntair ann an Steòrnabhagh – far a bheil sreath thachartasan ceangailte an-dràsta a’ gabhail pàirt.

Rugadh Cailean MacCoinnich ann an Steòrnabhagh mu 1753 no 1754, mac dha Murchadh MacCoinnich, marsanta agus post sa bhaile. Ged nach eil mòran fiosrachaidh againn mu bheatha na òige, tha e coltach gur e an t-oifigear cìsean a bh’ ann ann an Steòrnabhagh eadar 1778 agus 1783. Fhuair e coimisean ann an Companaidh nan Innseachan an Ear an 1783 agus ràinig e Madras anns an t-Sultain a’ bhliadhna sin. Bha e ma thrithead bliadhna a dh’aoise aig an àm agus cha do thill e a-chaoidh tuilleadh ri tìr a bhreith.

Nochd ùidh MhicCoinnich ann an nithean àrsaidh nan Innseachan goirid as dèidh dha an dùthaich ruighinn, agus thairis air an ath thrithead bliadhna thrus e aon dha na cruinneachaidhean as motha agus as cudromaiche a th’ ann de stuthan agus sgrìobhainnean na dùthcha.

Tha sgeulachd iongantach Chailein air cùl pròiseact Purvai; warm wind from the east, a tha ga stiùireadh le Catherine NicIleathain, neach-ealain agus curadair pròiseict leis an Lanntair. Nochd ùidh Catherine anns a co-eileanach agus a chruinneachadh às dèidh iomlaid luchd-ealain sna h-Innseachan an 2010. Chuir e iongnadh mòr oirre nach robh i air ainm Chailein MhicCoinnich a chluinntinn roimhe agus lean an t-iongnadh sin gu beachd airson pròiseact. Mar a tha i ag innse, “S e cruinneachadh mìorbhaileach a th’ ann an seo agus chan eil e no an duine a chruinnich e aithnichte le mòran dhaoine, agus ‘ s e a bhith a’ sgaoileadh fios ma dheidhinn aon dha na prìomh bhrosnachaidhean a th’ againn le Purvai“.

Tha am pròiseact a’ cleachdadh cruinneachadh MhicCoinnich mar bhealach a-steach gu cultar agus ealan Àisia a Deas. Agus cha bheag an cothrom a tha an cruinneachadh a’ tabhann airson sin a dhèanamh. Tha na mìltean de sgrìobhainnean, co-dhiù 1700 deilbh agus 521 làmh-sgrìobhainnean ann an cruinneachadh MhicCoinnich ann an Leabharlann Bhreatainn. Tha làmh-sgrìobhainnean agus deilbh eile gan cumail ann an Leabharlann a’ Chomainn Asiatic ann an Kolkata agus Leabharlann Oilthigh Madras. Agus tha na nithean a chruinnich e, eadar sgillinnean agus sculptaran mòra, gan taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn, Taigh-tasgaidh Bhictoria agus Albert, Taigh-tasgaidh Riaghaltas Chennia, Taigh Tasgaidh nan Innseachan Kolkata agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Innseachan.

Thèid stuthan bhon chruinneachadh an sealltainn aig taisbeanadh a dh’fhosglas anns An Lanntair san Fhoghar an ath bhliadhn’. Tha 2017 a’ comharrachadh seachdad bliadhna bho sgaradh agus neo-eisimeileachd nan Innseachan agus tha am pròiseact làn mothachail gu bheileas a’ dèiligeadh le àm connspaideach, uaireannan gu math duilich, ann an eachdraidh nan Innseachan. Thathar ag obair ann an co-bhonn le buidhnean eile ann am Breatann agus na h-Innseachan, an leithid Leabharlann Bhreatainn an Lunnainn agus an India International Centre ann an Delhi. Agus chan eil teagamh nach eil na stuthan a chruinnich MacCoinnich na phrìomh chunntas air eachdraidh co-roinnte na Rìoghachd Aonaichte agus Àisia gu Deas.

Gu h-iongantach, ’s e seo a’ chiad uair a thèid taisbeanadh sònraichte a dhèanamh de chruinneachadh MhicCoinnich, agus leis bidh pròiseact Purvai a’ coileanadh miann a’ chruinniche fhèin. Sgrìobh e ann an 1809 mun dòchas a bh’ aige gun deidheadh aige air a chruinneachadh a chur air beulaibh an t-sluaigh na dhùthaich fhèin:

‘It would be my ambition to carry home with me a body of material that I conceive may be very interesting to the public if properly brought forward, and it is my object now in remaining a few years longer in India to devote my chief attention to it.’

Ged nach d’ fhuair Cailean, a bhàsaich ann an 1821, an cothrom sin, tha Purvai a-nis ga thoirt gu buil air a shon.

A-measg snàithean eile a’ phròiseict seo, tha an Lanntair ag obair ann an co-bhonn le Tara Books an Chennai agus Acair ann an Steòrnabhagh air leabhar-cloinne ùr, ann am Beurla, Gàidhlig agus cànanan Innseanach, stèidhichte air cruinneachadh MhicCoinnich; agus thèid da sculptar, a bhios gan taisbeanadh ann an Kolkata agus Steòrnabhagh, a chruthachadh leis an neach-ealain Steve Dilworth, a tha stèidhichte sna Hearadh. Ann an 2014, cho-obraich an còmhlan BLOT à Delhi leis an neach-ciùil Leòdhasach Iain Moireasdan air cuirm anns an Lanntair, a’ measgachadh ceòl mòr na h-Alba le fuaim eileagtronaigeach nan Innseachan nuadh. Agus tha diofar thachartasan a’ gabhail àite aig fèis a’ cheala-deug seo: eadar ceòl clasaigeach nan Innseachan, Blues na h-Àisia, agus bàrdachd agus sgeulachdan à Pagastàn, tha cultar Àisia a Deas an-dràsta a’ tighinn beò ann am baile Steòrnabhaigh.

‘S e eisimpleir air leth a th’ ann am Purvai air mar a thèid eachdraidh ath-bheothachadh tro obair ealain, agus air mar a thèid cultaran diofar cheàrnaidhean a thoirt còmhla sa phròiseas. Agus tha am pròiseact mu dheireadh thall a’ dèanamh cinnteach gum faigh cruinneachadh Chailein MhicCoinnich an aire ris a bheil e airidh.

Airson barrachd fios mu na tachartasan Purvai a tha a’ gabhail àite thairis air an ath sheachdain, faic: http://lanntair.com/wp-content/uploads/2016/07/Purvai-Brochure-2016-RS.pdf

Likes(12)Dislikes(0)