An Tèid Sruthan a Shaoradh o Sheann Dhìleab?

Dama a' Ghàrraidh anns an t-seann Oighreachd Eglinton.

Dama a’ Ghàrraidh anns an t-seann Oighreachd Eglinton.

Beag air bheag, tha an abhainn ag atharrachadh. Gu h-àraidh fad mhìosan a’ gheamhraidh, tha an t-sruth ga cumadh, ga h-ùrachadh, a’ togail is a’ tuiteam dhòrlaich ghreabhail agus a’ dèanamh leapadh–cladha ùr don bhradan is don bhreac. Thèid na bruaichean a sgùradh, am poll ga shuidheachadh far am bu laige an t-sruth, agus thar nam bliadhnaichean thig car, tionndaidh, agus coltas ùr air fad air an uisge.

Ach mar as truime a bhuaileas làmh mhic an duine oirre, ‘s ann as motha a tha an call do bhith-iomadachd, agus le a bhith a’ togail mhuilnean no ga dìreachadh airson àiteachas agus leasachadh baile fad linntean, chuireadh stad air beòthalachd nàdarra na h-aibhne. Is iad a’ cur stad air èisg–imrich o a bhith a’ ruigsinn nan alltan sìolachaidh aca air a’ mhòinteach, tha buaidh dhamaichean gu h-àraidh dona, agus mar a bu mhotha an structar agus mar a b’ fhaisge air an linne a tha e, ‘s ann a bu mhiosa an cron. A-nis, ge-tà, tha Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, mar phàirt den dàrna Phlana Manaidsearachd Srath–Aibhne, a’ dèanamh sgrùdadh air gach structar mòr is beag san dùthaich gus fhaighinn a-mach dè a’ bhuaidh a th’ aca air an àrainneachd uisgeach mun timcheall, agus gu dè thèid a dhèanamh gus a toirt am feabhas.

S mòr an fhàilte a tha cuid de dh’iasgairean agus bith-eòlaichean air cuir air a’ phròiseact seo, agus tha Alba, coltach ri iomadh dùthaich eile, mu dheireadh thall gu bhith a’ cur ceart eucoirean nan linntean a dh’fhalbh. Anns na Stàitean Aonaichte, ’s ann a tha na mìltean de structaran mar-tha air a bhith gan toirt a-mach, le iomairtean leithid Free the Snake airson ‘s gun tèid fiù na structaran as motha air an Abhainn Nathair – leas-abhainn na h-Aibhne Coluimbia – ann an Idaho agus Oregon an leagail. Ann an Sasainn, tha gnìomhachas air fàs an àirde mu thimcheall ath–fhiadhachadh uisgeachan, gu h-àraidh aibhnichean a tha a’ ruith tro bhailtean a bha uaireigin nan dachaigh do ghnìomhachas trom, agus chìthear èisg den gnè salmo air ais ann an aibhnichean an dèidh dà cheud bliadhna.

A dh’aindeoin seo ann an Alba chan eil e fhathast soilleir an tèid structaran a thoirt a-mach uile gu lèir no an tèid bealaich–èisg a chur a-steach gus èisg–imrich a leigeil seachad air cnaip-starra. Ged a bhios seo na cheum air adhart, cha tig piseach air a’ chron a rinneadh air àrainn uisgeach mura thig an structar fhèin a-mach. Air cùl dhamaichean tha an t-sruth a’ fàs mall, agus ann an tachartas air an cuirear pollachadh, no siltification, tha mìrean phuill a’ tuiteam chun a’ gharbhlach am meadhan na h-aibhne seach far an ruitheas an t-uisge gu slaodach air leithid sleamhnachaidh no sna cùrsaichean ìochdarach den abhainn. Sa gheàrr-ùine, tha seo a’ mùchadh mion-èisg a’ bhradain is a’ bhric, ach fad bhliadhnaichean dh’fhaodadh gun tèid na ceudan de mheatair de dh’abhainn shoilleir, fhuar, na chanal eabarach. Mar a thuirt neach-labhairt, Scott Crawford, bidh BDAA a’ coimhead air na buannachdan ri taobh cosgaisean.

“Tha sinn a’ crochadh air ùghdarrasan iasgach ionadail agus èic-eòlaichean gus fiosrachadh agus beachdan an t-sluaigh a thoirt dhuinn. Bidh sinn a’ measadh structaran a-rèir dè na cosgaisean gus an toirt a-mach, bith-iomadachd air an cùl, luach eachdraidheil, agus am biodh cunnart tuile na b’ àirde mura robh iad ann.”

Agus ‘s ann a tha ùghdarrasan mar-tha air an t-slighe a bu shaoire a roghnachadh air cuid de dh’aibhnichean. Ged a tha rannsachadh aig Urras Aibhnichean Siorrachd Àir air sealltainn gur gann an t-iasg a gheibh seachad air Dama a’ Ghàrraidh, thèid bealach–èisg a thogail air an Abhainn Lugaidh (ainmeil mar na bruaichean air a sgar Raibeart Burns agus Màiri Chaimbeul, Highland Mary), a dh’aindeoin is gun deach an dama a dhealbhachadh sa cheud dol a-mach le oighreachd an teaghlaich MhicGumaraid le troch no sloc air a’ mhullach gus bradain a ghlacadh. Ged a bhios am bealach na chuideachadh, is an dama fhathast na àite cha tèid stad air a’ phoidseadh eachdraidheil a bhios a’ gabhail àite fon structar fhèin agus bidh crìochan air na buannachdan a thig leis. Bha cuideachd co-dhùnadh cosail aig ùghdarrasan mu dhama ann an Ceiteirein, a tha a’ ciallachadh nach ruig na mìltean de dh’èisg na leapannan–cladha sna h–alltan uachdarach den Uisge Àir. 

Uisgeachdan nach eil a' ruigsinn inbhe math airson siubhail-èisg a-rèir BDAA fhèin.

Uisgeachan nach eil a’ ruigsinn inbhe math airson siubhail-èisg a-rèir BDAA fhèin.

Ged a tha cead o BhDAA aig seilbheadairean de dhamaichean a tha fhathast gan cur gu feum, cha robh Maighstir Crawford idir soilleir mu na comharran–measaidh aca gus seann structaran a leigeil,

“Tha sinn a’ coimhead air an dà chuid bealaich–èisg a chur a-steach agus structaran a thoirt a-mach. ’S ann gu tric a tha sinn a’ ruigsinn co-dhùnadh a leig leotha mar a tha iad. Tha sinn airson dèanamh na bhios ag obair a b’ fheàrr a-rèir an t-suidheachaidh, ach ’s ann gu tric nach dèan sinn dad idir leis an structar.””

Facail mhuladach gu dearbh do luchd–àrainneachd a tha airson ’s gun till na h-aibhnichean gu staid nàdarrach, agus le buidhnean leithid comainn eachdraidh ionadail agus Dualchas Nàdair na h-Alba mar-tha air damaichean agus muilnean a shàbhaladh, bidh strì air fàire. ’S ann aig a’ bhradan fhèin a tha an strì a bu mhotha, ge-tà, ach le treas den àrainn uisgeach ann an Alba a’ fàilligeadh gus inbhe èic-eòlach math a-rèir an Steòrnaidh Frèam Obrach Uisge Eòrpaich a ruigsinn, tha an obair seo aig BDAA co-dhiù na dhòchas gu bheil cuid de mhac an duine, mu dheireadh thall, air an taobh.

Comments (1)

Leave a Reply to Hilary Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Hilary says:

    Hi Daibhaidh
    Gabh mo leisgeul ach am biodh tu deonach colbh beag a scriobhadh anns an raitheachan ‘iScot – for those o independent mind’ ? Tha iad a lorg cuideigin sin a dheanabh.

    Taing dhutsa.

    Hilary

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.