Cruth-tìre nan Stàitean Aonaichte, mòr agus drùidhteach ann an ìomhaigheachd na dùthcha, tìr a’ bheinn mhòir is na h-aibhne gile a tha fhathast saor o chuibhleachan gnìomhachais agus o làmh ghionach mac an duine. Agus o linn Roosevelt, ’s ann a tha na h-earrannan mòra dhith air a bhith saor o sheilbh phrìobhaideach. Nach mòr am beàrn eadar an dealbh seo agus aodann eile na h-Aislinge Aimeireaganach – malairt, an dolar mòr, agus, am beachd cuid, aingidheachd a’ mhargaidh ionmhasail. Dà chultar nan seasamh cho daingeann an aghaidh a chèile is gu bheil iad a’ toirt stèidhealachd is meidh don deuchainn mhòr – Aimearaga fhèin.

An Dìthreabh Bhridger, Wyoming. Le buidheachas do Mhason Chuimeanach (Mason Cummings) aig Comann na Dìthreibh.

An Dìthreabh Bhridger, Wyoming.
Le buidheachas do Mhason Chuimeanach (Mason Cummings) aig Comann na Dìthreibh.

An là an-diugh tha 640 millean acair de dh’fhearainn phoblach sna Stàitean Aonaichte is gach òirleach dhith air a dhìon ann an lagha. Ma tha an càrn mòr de chòrdadh eadar cumhachdan mòra an t-saoghail is sluaghan nan ìmpireachdan aca a’ sealltainn dad, ge-tà, ’s e a th’ ann nach mair iad ach cho fad ’s a tha sruthan eaconomaigeach, cultarail, agus poilitigeach ga cheadachadh. Chan eil an t-ìorantas air chall gun robh sluagh eile air an tìr seo mus tàinig Roosevelt agus Iain Muir, agus ’s e sgeul de chrìonadh is geallaidhean briste a th’ann. Cha mhòr ceud bliadhna an dèidh dhan Innseanach mu dheireadh a choiseachd a-steach on raon, tha am mì-chinnt a th’ air èaladh a-steach don chogais Aimeireagach ag adhbhrachadh sùilean gu bhith a’ coimhead a-rithist gu beann agus gu tìr phoblach.

Tha taghadh Thrump agus na gheall e de dh’obraichean ùra sna gnìomhachasan traidiseanta air rabhadh a thoirt dhaibhsan dha na tha tìr phoblach luachmhor. Ach cionnas a thig sin gu bith? An dràsta fhèin, ’s ann a tha tìr phoblach fo sheilbh fheadarail, agus fo lagha feumar ga cleachdadh ann an dòigh ris an canar ioma-fheum, le cur-seachadan eadar-dhealaichte oirre agus am poball an sàs ann an stiùireadh. Chan eil tìr a tha fo sheilbh nan stàitean fa leth, ge-tà, ceangailte ris na riaghailtean seo: faodaidh riaghaltas stàite ga reic don an tairgse a b’ àirde. Chan e an cunnart, ma-thà, gum bi an riaghaltas feadarail ga reic, ach gun toir e na tìrean poblach do stàitean aig a bheil cead a dhèanamh. Leasaich Ceit NicAoidh bho Chomann na Dìthreibh (The Wilderness Society), buidheann a stèidheachadh o chionn ceithir fichead bliadhna gus na tìrean feadarail a ghlèidheadh,

“Tha gach Aimeireaganach na uachdaran mòr le tòrr fearainn fo sheilbh, ach dh’fhaodadh duine sam bith a tha a’ cèilidh air ar dùthaich ga chleachdadh, mar as trice gu saor an-asgaidh. ’S e traidisean air leth a th’ ann, ach tha tìr phoblach air a stiùireadh fo laghan feadarail agus tha am poball an sàs ann an co-dhùnaidhean a-rèir mar a tha i ga ruith. ’S e a tha cudromach nach e tìr a tha fo sheilbh stàite tìr phoblach idir. ”

Agus tha am poball air sealltainn gu bheil e airson na tìre àlainn seo a chleachdadh ann an iomadh dòigh. Do mhòran, ’s ann a tha i na pàirt de bheatha làitheil, ged a tha iad a’ sgìtheadh, ri seilg, ag iasgach no a’ coiseachd. Tha i cuideachd na dachaigh fhathast do dh’ionaltradh bhèist, gu h-àraidh san Iar, traidisean a th’ air a bhith connspaideach fad eachdraidh na dùthcha agus a las a’ chiad strì eadar muinntir an àite – a bha airson na tìre a cheannach is a ghlèidheadh dhaibh fhèin – agus an riaghaltas feadarail. Chan eil seilbh ionadail, tha e àiridh air iomradh, an còmhnaidh na fhuasgladh do mì-cheartas fhearain.

Tha figearan aig Comann Gnìomhachais a’ Bhlàir a-Muigh a’ sealltainn gu bheil cur-seachadan sa bhlàr a-muigh a’ cur $646 millean do dh’eaconomaidh Aimearagaidh, agus a’ cruthachadh 6.1 millean dreuchdan – nas motha na an gnìomhachas chungaidhean-leighis. Leis gu bheil a’ mhòr chuid de na cur-seachadan seo a’ gabhail àite air an tìr phoblach, bhiodh prìobhaideachadh sam bith ga chur ann an cunnart. Ach tha coltas ann nach eil na buannachdan ionmhasail seo follaiseach, no gu leòr, do na h-uile. On a chaidh Idaho a ghabhail mar stàit ann an 1890, chaidh 1, 760, 783 acair, no fichead is a h-aon sa cheud, de thìr stàite ga reic, le gnìomhachas, coilltearachd, agus fiù iasgach is seilg phrìobhaideach mar a tha sinn a’ fuiling ann an Alba, a’ tighinn a-steach an àite tìr phoblach. Far an robh fàilte, tha a-nis feansa.

Ged a tha Ceann Suidhe Dòmhnall Trump air innse gum b’ fheàrr gun do dh’fhuirich tìr phoblach fo sheilbh fheadarail, ag ràdh san iris Field and Steam gum feum Aimeireaganaich a bhith nan ‘stiùbhardan mòr den tìr seo’, bidh Comann na Dìthreibh na dhùbhlan nas làidire na na beagan dhaoine a dh’fhuadaich e far an taighean ann an Siorrachd Obair Dheathain ma tha a chuid fhacail a’ siubhail air falbh leis an tìde an ceann sia miosan. Arsa Ceit NicAoidh,

“Chan eil sinn buileach cinnteach dè bhios Trump a’ ciallachadh do thìr phoblach Aimearagaidh, ach bidh Comann na Dìthreibh a’ dèanamh cinnteach gu bheil dleastanas aige airson an dà chuid fhacail agus ghnìomh. Tha ar tìr phoblach luachmhor, agus meadhanach do na th’ annainn mar Aimeireaganaich. ‘S e an tìr phoblach a bhios ri Making America Great.”

Ach mar tha tha amharas ann nach eil Maighstir Trump cho deidheil air an tìr phoblach is a rinn e a-mach, agus bidh e fo impis tìr a thoirt do na stàitean le buidhnean a tha a’ riochdachadh gnothachas agus airgead mòr, a bharrachd air luchd-poileataigs sa Phàrtaidh Phoblachdach. An dèidh dha tachairt le Dòmhnall Trump aig deireadh an Lùnastail, thuirt an Coimiseanair Demar Dahl – na fhigear mòr san iomairt gus fearainn a thoirt do na stàitean – gun d’ fhreagair Trump ‘Tha mi còmhla riut’ nuair a dh’fhaighnich an coimiseanair mu thìr fheadarail ann an Neabhada. Tha aig maighstir Trump fhathast ri freagairt a chur do litir ris an do chur dà fhichead buidhnean spòrs a bha ag iarraidh soillearachadh air a bheachd.

Tha e fhathast ri fhaicinn, ma-tha, am bi Dòmhnall Trump a’ lìbhrigeadh rudeigin a tha riatanach do dh’anam nan Stàitean Aonaichte do làmhan luchd-leasachaidh, no am bi e ag aithneachadh gu bheil rudeigin aig Aimeireaganaich nach eil aig mòran sluagh air saoghal, gu bheil na tìrean poblach riatanach airson cothrom agus meidh ann an tìr de sgaraidhean mòra. Ged a tha an dòigh san do dhèilig Maighstir Trump le Buidheann Dìon na h-Àrainneachd agus Pàirc Nàiseanta a’ Bhadlands sna beagan làitheachan a chaidh seachad na dhroch chomharradh, ach tha aon rud soilleir: cha tèid an Iar, no a shamhla, a-mach à bith gun strì.