An Tango Mu Dheireadh am Partaig

last-tango-in-partick-3Am mìos seo chaidh, bha mi toilichte an rathad-iarainn a thogail bho Dhùn Èideann gu taobh siar Ghlaschu gus an dealbh-chluich as ùire, ga chur air dòigh airson Pleidh Paidh is Pinnt aig Òran Mòr, fhaicinn. ’S e seo a’ chiad dhealbh-chluich sa Ghàidhlig a tha air bhith air an àrd-ùrlar chliùiteach seo o chionn bhliadhnaichean is, mar sin, bha mi gu mòr airson faicinn na dhèanadh sgioba Òrain Mhòir leis a’ chothrom sin, às dèidh dhealbhan-chluich eile, air bhith cho soirbheachail an-uiridh is a’ bhon-uiridh, leithid ‘Shrapnel’ aig Theatre gu Leòr, ‘Sequamur’ aig Pròiseact nan Ealan, mach maireann, is ‘Uisge Beatha gu Leòr’ aig Thèatar Nàiseanta na h-Alba.

Ràinig mi an àite air dheireadh is bha mi air uamhannachadh fhaicinn loma-làn de dhaoine, le muinntir na Gàidhlig is na Beurla, nam measg. Fhuair mi pinnt leanna-dhuibh is sèithear aig a’ chùl, eadar dà bhuidheann de luchd-amhairc aig nach robh a’ Ghàidhlig. Bhiodh e inntinneach fhaicinn an dèanadh iad stem dheth.

An turas mu dheireadh a choinnich mi ri Alison Lang, sgrìobhadair na deilbh-chluich, bha sinn ann an Dùn Èideann, pìos air falbh bhon Mhìle Rìoghail, is a’ cabadaich air sgrìobhadh de gach seòrsa is na cothroman a tha ro sgrìobhadairean na Gàidhlig, san là an-diugh. Bha Lang, seachdain roimhe, air bhith ann sàs ann an là fada de leasachadh, far an d’ fhuair i ciad shealladh air coileanaidhean an triùir chluicheadair, às dèidh mìosan de dh’obair air an sgriobt, a bha na phròiseas-ionnsachaidh dhi fhèin, ga chur air dòigh le Òran Mòr is Thèatar Nàiseanta na h-Alba.

Aig an àm sin bha Lang dòchasach ach cuimhneach gur e seo a’ chiad choimisean poblach airson obrach-dràma ùr, ga lìbhrigeadh o chionn fhada, is cha b’ urrainn dhomh seachnach gun robh i mothachail air sin.

Cha bu chòir dhi sin idir. O thòisich an dealbh-cluich ann an taigh-chluiche an Òrain Mhòir is o chuala mi ciad shreathan a’ chiùil Laidinnich, bha fios agam gum biodh am pìos seo làn aotramachd is àbhachdais eirmsich a tha ri fhaicinn ann sgrìobhadh eile aig Lang. Aithnichte mar thè de na sgrìobhadairean as motha a shoirbhich le a cuid sgrìobhaidh sa Ghàidhlig cho-aimsireil, tha i air dealbhan-chluich, nobhailean is filmichean goirid a chur mu choinneamh t-saoghail, gu ruige seo. Tha duais no dhà airson a cuid sgrìobhaidh sin anns an taigh, cuideachd.

San dealbh-chluich ùir seo, bha triùr ann: Moira (Màiri Mhoireasdan) a bha na bean-taighe shàraichte, Iain (Dàibhidh Walker) a fear-chèile, is cuid dìomhaireach càirtidh eile air an robh Lachaidh, an t-oide-dannsa Barrach ga chluich le Iain Beggs. Bhon chiad dol a-mach, bha e soilleir gur e caractar Moira a bha aig cridhe a’ phìos is a cuid strì eadar dealas do a fear-chèile, is am pòsadh aca, is miann rudeigin ùr fheuchainn, ga riochdachadh leis an dannsa fhèin is cruachain luaisgeach Lachaidh.

Gu ìre mhath dh’obraich an triùir le chèile, mar ensemble, glè mhath. Bha e tuilleadh is soilleir gun robh geàrr-sgrìobhadh cruthachail eadar Mhoireasdan is Walker, ga thogail fad nam bliadhnaichean mòra a tha iad air a bhith ag obair còmhla air saoghal dràma na Gàidhlig. Mar sin, dh’obair an clisgreadh aig Beggs, an riochd Lachaidh, glè mhath, mar cluicheadair meadhanach ùr air an t-saoghal sin, a tha a’ cosnadh deagh chliù airson a chuid obrach-dràma anns na beagan riochdachaidhean eile anns an bheil e air a bhith an sàs, roimhe.

Anns an dithis pòsta, chunna mi gun do dhealbhaich Lang dithis air a bhiomaid uile gu math eòlach mar Ghàidheil; dithis a bha Gàidhealach gun smior ach gu math comhfhurtail sa bheatha a chruthaich iad a chèile air tìr-mhòr. Tromhpasan, mhothaich mi sùil gheur Lang air a’ Ghàidhlig fhèin is na bhios ar cultar a’ riochdachadh san linn anns a bheil sinn beò, a bha follaiseach san dòigh a chàin Moira is Iain còisirean na Gàidhlig is am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Mar sin, bha e inntinneach dhòmhsa fhaicinn mar a bhiodh loidhnichean a’ chomadaidh seo a’ landadh air luchd-amharc aig nach robh an cànan againn, san fharsaingeachd. Rinn an stiùiriche, Muireann Ní Cheallaigh, feum mòr de chleas tionnsgalach le dà sgàthan, far an do nochd na h-os-thiotalan sa Beurla. B’ e deagh mheatafor lèirsinneach a bha sin, do na caractaran gu lèir, a chaidh uile tro phròiseas fèin-sgrùdaidh, fhad ’s a bha an sgeulachd ga neo-phasgadh romhainn.

Le sin, bha mi toilichte fhaicinn gun do dh’obraich an dealbh-cluich math gu leòr son an luchd-amhairc gu lèir is gun robh sna caractaran uile rudeigin a dh’aithnicheadh is a chòrdadh ris an fheadhainn aig nach robh a’ Ghàidhlig, ged a bha seudan beaga gu leòr den chultar againn ri fhaicinn ann, cuideachd. Bha Lang soirbheachail ann an sgeulachd a tharraing a chèile a bha fìor-choitcheann ann an dòigh, ged a rinn i roghainnean a bha uaireannan, gu math sàbhailte leatha. Gu dearbh, bha mi mothachail gun tàinig an sgeulachd seo gu crìoch ann an dòigh ris an robh an luchd-èisteachd gu lèir an dùil, is mar sin, dh’fhalbh mi bhon àite aig an deireadh le ceist no dhà nam inntinn.

Às dèidh làimhe, bha mi fortanach cothrom facal no dhà fhaighinn de Ní Cheallaigh, cuideachd. Mhol mi am ‘montage’ far am faca sinn Moira ann a ioma-chomhairle an dithis fhireannach na beatha fhaicinn, le measgachadh de shàr-actadh gun fhacal aig an triùir chleasaiche, dannsa agus ceòl. Dh’aidich Ní Cheallaigh gur i fhèin a chruthaich am pìos sin; rud nach robh sgrìobhte san sgriobt ann an dòigh shlàn, ach mhol i Lang, cuideachd, mar sgrìobhadair, airson pìos dràma ùr a chruthachadh is a thug àite is cothrom mòr gu leòr do na cleasaichean is stiùiriche an cuid coileanaidhean is mìneachaidh a thoirt seachad.

Le sin, smaoinich mi air na beàrnan beaga far an d’ rinn an sgeulachd leuman mòra is na bhiodh ga ghearradh a-mach bho na bh’ aice de dhreachan eile, roimhe. Cha b’ urrainn dhomh ach faireachdainn gun dèanadh Lang feum air cruth dràma nas fhaide na bha ga thabhann dhi ann an cruth Pleidh Paidh Pinnt; cruth a dh’iarras air an sgrìobhadair snaidhm clis a chur air snàithlean ann an giorrad caogad mionaidean.

Dhòmhsa dheth, b’ e caractar Lachaidh a dh’fhuiling an giorrad sin; caractar a bha gu ìre mhath neo-leasaichte is ga chleachdadh mar innealachd, no cnap-starra, do dhàimh is sgeulachd an dithis eile. Bha siud follaiseach san dòigh nach d’ rinn an caractar ach mìneachadh beag air ciamar a thàinig e do dhannsa fhèin, mar eileanach aig an robh tuilleadh eòlais air tractaran seach tango, is e ga thogail ann am Barraigh. Fhuair sinn seo ann an còmhradh goirid doimh, far an d’ fhuair e eòlas air Moira is iad còmhla aig a’ chiad leasan. ‘S ann aig an aon àm, a bha sin, gun d’ fhuair iad a-mach, cuideachd, gun robh a’ Ghàidhlig aig an dithis aca – rud a bha gu math goireasach ann an dealbh-chluich sgrìobhte sa Ghàidhlig, a bhruidhinn air an dòigh a thèid a bhogadh daoine ann an diofar chultaran. Nam bheachd, chaill Lang cothrom leis a’ chòmhradh sin; cothrom rudeigin a bharrachd den dithis charactar a shealltainn dhuinn, is na bhiodh gan ceangail le chèile, a thuilleadh air ceist chànain.

A-rithist, le sin, mhiannaich mi tuilleadh fhaicinn. Caractar slàn aig Lachaidh, a gheibheamaid fiù ’s le gàg na chraiceann tapaidh, no ceum na bhraighlich, far am faiceamaid a cuid strì fhad ’s a rinn e mire le boireannach pòsta na ceathradan. Chòrdadh e rium, cuideachd, tuigse fhaighinn air Iain is na rudan a thug air am pòsadh aige a sheannlachadh, a bharrachd air an iomradh a rinn Lang air ùidh ann an càraichean agus uallach a chuid obrach.

Mar sin, bha aig na cluicheadairean na rudan sin a thoirt seachad eadar na loidhnichean; cothrom a chleachd Mhoireasdan is Walker cho tric ’s a b’ urrainn dhuibh. Thig sin air Beggs, le cinnt, le tuilleadh eòlas air a’ cheàird, is nì mi fiughair fhaicinn ann am ròl far as urrainn dha mothachalachd is tioma a thaisbeanadh. ’S e cnag na cùise, gun iarrainn air an sgeulachd fhaicinn ann cruth eile, nas fhaide gun teagamh, is le sin, tha mi cinnteach gun dèanadh an sgrìobhadair, an stiùiriche is na cluicheadairean tuilleadh a bharrachd leis.

A dh’aindeoin na laigsean sin, chòrd an dealbh-chluich rium gun teagamh, is na coileanaidhean a bha uaireannan brìoghmhor is soganach. Chòrd e ris an luchd-amhairc, cuideachd; rud a bha dòchasach is a sheall dhuinn nach eil a’ Ghàidhlig, mar mhodh sgrìobhaidh, na bacadh idir do luchd-amhairc dealasach Pleidh Paidh Pinnt. Sheall an Tango dhaibh rud air an robh fios againn o bha a’ Ghàidhlig aig na h-eòin; gu bheil e comasach dealbh-cluich, film, no dràma sam bith a chur air dòigh sa Ghàidhlig, a tha ceart cho tarraingeach do luchd-èisteachd sam bith is a chuireas ceistean romhpa a dh’fheumas luchd-ealain a chur.

A thuilleadh air sin chuirinn ceist air Òran Mòr a bheil iad airson togail air an deagh shoirbheachas a fhuair tron Tango seo. ‘S e rud annasach gun tug o cheithir bhuidhnean fa-leth a thighinn còmhla gus aon coimisean a thoirt seachad; cothrom nach faighear ach uair san ràithe. Dh’fhaighnichinn, nam faigheadh iad sgriobtaichean air an deasg aca, am biodh iad deònach sgriobtaichean sa Ghàidhlig, Beurla is Beurla Ghallta a sgrùdadh fon aon phrosbaig, is cothroman a thoirt do sgrìobhadairean an cuid obrach fhaicinn air an àrd-ùrlar, ge ’s bith de chànan. ‘S e rud duilich feallsanachd ghettoisation a bhriseadh, ach thig sin rè ùine, ma nithear dealas do fhìor-cho-ionnanachd chànanach.

’S ann air chionn dhan dannsa a thighinn gu crìoch, chunnaic mi ann am bualadh bois an luchd-amhairc gu bheil tòrr ri mholadh san dealbh-chluich seo, is ann an dràma na Gàidhlig san là an-diugh. Gun robh iad, a bha an làthair, taingeil sealladh fhaighinn air saoghal cànanach eile, taobh a-staigh Partaig mac-meanmna Lang. Ged a b’ e seo an tango mu dheireadh aig Moira, tha mi an dòchas nach e seo am Pleidh Paidh Pinnt a-mhàin a chì sinn sa Ghàidhlig, san àm ri theachd.

Comments (4)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Neil McRae says:

    Glè mhath, ach cha chreid mi nach eil tuilleadh agitprop a dhìth air na duilleagan Gàidhlig agaibh ‘sna làithean a th’ ann, a Bhella chòir

  2. Neil McRae says:

    Thighearna! A bheil neach sam bith eile ach mi-fhìn a’ leughadh ghetto na Gàidhlig?

  3. Catrìona says:

    Bidh mise a’ leughadh pìosan mar am fear seo ach cha bhi mi a’ fàgail beachdan air sàilleibh ‘s nach eil mòran Gàidhlig agam fhathast.

    1. Neil McRae says:

      Tha corra bhlogaichean ann an “Ghetto na Gàidhlig” gun comment sam bith às an dèidh. Droch chomharra a tha sin ‘son na cànain – tha beagan ‘vibrancy’ a dhìth oirnn, nach eil?

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.