Gainnead de Ghàidhlig aig NMS

Tha MISNEACHD a’ togail fianais an aghaidh Taisbeanadh nan Seumasach, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Bliadhna Theàrlaich, Mac Mhaighstir Alasdair agus sgeulachd nan Seumasach, chan eil mòran san t-saoghal seo nas ceangailte ris a’ Ghàidhlig, a bheil? Carson, an uair sin, nach eil ach àite glè shuarach gu bhith aig a’ Ghàidhlig san taisbeanadh mhòr ùr aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, ‘Bonnie Prince Charlie and the Jacobites’ (http://www.nms.ac.uk/national-museum-of-scotland/whats-on/bonnie-prince-charlie-and-the-jacobites/) a’ fosgladh an 23mh den Ògmhios?
Chan eil seo na aonar agus tha eachdraidh air cùlaibh an t-suidheachaidh seo. Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba na ùghdarras poblach, fo bhuaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Ri linn a’ chiad Phlana Cànain Ghàidhlig aig a’ bhuidheann, tha e coltach nach d’ rinneadh tòrr adhartais ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig am broinn an ùghdarrais. Mar eisimpleir, nuair a rinneadh sgeadachadh air an togalach bho chionn corra bliadhna, cha tugadh tionndadh Gàidhlig a-steach dhan phrìomh shanas aig aghaidh an togalaich air Sràid Chambers. Bho chionn ghoirid, cha robh cuairtean treòirichte rim faighinn sa Ghàidhlig, ged a bha sin na ghealltanas sa chiad Phlana.

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an-dràsta a’ crìochnachadh an dàrna Plana Cànain Gàidhlig. Ri linn a’ cho-chomhairleachaidh aca, chunnacas nach eil iad ag amas air mòran piseach a thoirt air an dòigh-obrach aca.

Ann an taisbeanadh nan Ceilteach (http://www.nms.ac.uk/celts), a bh’ ann an-uiridh, cha robh ach àite glè bheag ga thoirt do shuidheachadh nan cànan Ceilteach idir, rud a bha na ‘curious omission’, mar a chuir Donnchadh Sneddon sìos ann an lèirmheas (https://bellacaledonia.org.uk/2016/09/05/celts-a-review-of-the-nms-exhibition/). Airson taisbeanadh a bha airson ealan is cultar Ceilteach a chnuasachadh, b’ amaideach an suidheachadh gun a bhith a’ toirt nan cànan fa-near. Chaidh an taisbeanadh a dhealbhachadh sa chiad dol-a-mach leis an Taigh-tasgaidh Bhreatannach shìos an Lunnainn an tòiseachd, agus dh’fhaoidte gur e sin as leisgeul nach deach a’ Ghàidhlig a chur ann.
Ach chan eil an leisgeul sin ann an turas seo. Tha taisbeanadh mòr nan Seumasach a’ dol nas fhaide buileach ann a bhith a’ tarraing a’ chànain Gàidhlig às an eachdraidh mhòr eadar-nàiseanta seo.

Chan eil mìr de sgeulachd nan Seumasach far nach eil Gàidheal a’ nochdadh agus tha gach pàirt dhith inntinneach do mhuinntir na Gàidhlig. Bha Gàidhlig aig a’ Phrionnsa Stiùbhartach, agus e air ionnsachadh le Mac Mhaighstir Alasdair rè Bliadhna Theàrlaich agus bha i na modh conaltraidh aig an arm Sheumasach. Bidh sinn fhathast a’ seinn nan òran a rinneadh san uair sin agus ag innse nan sgeulachdan co-cheangailte rithe. Agus tha a’ Ghàidhlig, agus muinntir na Gàidhlig mar shluagh mion-chuid, fhathast a’ fulang bho na dh’èirich dhaibh an dèidh blàr fuilteach Chùil Lodair.

Ann an iomadh seagh, ’s e cultural appropriation agus colonachd na Beurla a th’ ann an seo, a’ tighinn bho ùghdarras a tha fo sgèith an Riaghaltais Albannaich. Tha an Taigh-tasgaidh a’ feuchainn ri airgead a dhèanamh às an eachdraidh a tha air a làn bhreacadh le cànan nan Gàidheal, ag àrdachadh na h-ìomhaigh aca gu h-eadar-nàiseanta. Nì iad iomradh gu sònraichte air a’ phrògram telebhisein mhòr-chòrdte Outlander, anns an robh blasad nach beag den Ghàidhlig, agus iad a’ feuchainn ris an luchd-ùidhe sin a tharraing ann.
Bidh MISNEACHD a’ togail fianais an aghaidh Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gus sealltainn dhaibh nach eil sinn coma mun dìmeas a tha iad a’ dèanamh air a’ Ghàidhlig. Chan e rud eachdraidheil a tha seo, ‘s e aon de na duilgheadasan as motha a th’ againn an t-aineolas aig a’ mhòr-chuid air cho làidir ‘s a tha am buntainneas eadar a’ Ghàidhlig agus na tachartasan cudromach a thachair ann an Alba thar nan linntean. Ma tha sinn a’ taisbeanadh ar n-eachdraidh gun luaidh air a’ phàirt chudromach a bha aig na Gàidhlig innte, ‘s beag an t-iongnadh nach eil muinntir na h-Alba a’ creidsinn gu bheil buntainneas aice ri Alba san latha an-diugh.

Cuine: 1f, DiSathairne 24mh den Ògmhios.
Càite: Sraid Chambers, Dùn Èideann.

Comments (4)

Leave a Reply to Neil McRae Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Neil McRae says:

    A bheil sibh deimhinne nach bi mòran Gàidhlig? Oir cha do dh’fhosgail e fhathast. Ma tha e deimhinne – agus cha bhiodh sin na iongnadh idir! – ma thà, gu math thèid leibh, deagh adhbhar a th’ann son togail fianais

  2. MISNEACHD says:

    Tha sinn air bruidhinn riutha agus dh’innse iad dhuinn nach bi. Cuiridh sin am fiosrachadh a tha seo thuca agus iarraidh sinn orra freagairt a thoirt dhuinn.

  3. MISNEACHD says:

    Tha sinn air bruidhinn riutha agus dh’innse iad dhuinn nach bi. Cuiridh sinn am fiosrachadh a tha seo thuca agus iarraidh sinn orra freagairt a chur thugainn.

  4. Neil McRae says:

    An ann an aghaidh NMS a-mhàin a bhios sibh a’ togail fianais, no an aghaidh siostam nam planaichean-cànain san fharsaingeachd? Bhiodh e math nan rachadh na planaichean sin uile don t-sitig, mura h-eil susbaint sam bith a’ dol a bhith annta.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.