Aoibhneas a Dhìth am Bliadhna na Camanachd is Sgòthan air Fàire Fhathast

Tha saoghal na camanachd aig crois-rathaid, no `s dòcha air cearcall-rathaid. Aig deireadh sèasan a mhair timcheall air dà fhichead seachdain (agus a chrìochnaich air an deireadh sheachdain seo chaidh le farpais òigridh chloinne fo aois seachd deug) tha an spòrs a’ coimhead air adhart ri bliadhna ùr gu math cugallach is mì-chinnteach.

Bha adhartas aig camanachd nam ban am bliadhna na adhbhar dhòchais

Bha adhartas aig camanachd nam ban am bliadhna na adhbhar dhòchais

Cluinnidh na sgiobaidhean agus buill a chruinnicheas dhan Ghearastan chun na Coinneimh Bliadhnail air an 25mh nach deach aig buidheann-riaghlaidh a’ gheama, Comann na Camanachd, air àrd-oifigear ùr fhasdadh agus gu bheil iad fhathast gun ghoistidheachd airson prìomh dhuais a’ gheama, Cupa na Camanachd fhèin.

A’ coimhead ri na thachair air a’ phàirc an toiseach, chanadh a’ mhòr-chuid a tha air a bhith a’ leantainn a’ ghèama son grunn bhliadhnaichean nach robh cùisean ach flat. Cha robh cus gheamaichean ann a bha airidh air èigheach mhòr sam bith ged a bha aon lasair ann, agus sin sgioba Chinn Loch Seile a’ togail a’ cheud dhuais aca aig àrd-ìre a’ gheama nuair a bhuinnig iad Cupa MhicAmhlaigh anns an Òban. Bha deagh naidheachd ann cuideachd anns an Òban agus sgioba camanachd a’ bhaile a’ tilleadh gu na seann làithean far an robh iad gu cunbhalach ann an cuairtean deireannach agus a’ cumail ceann a’ mhaide ri sgiobaidhean eile aig mullach lìogaichean.

Ach a bharrachd air sin fhèin, cha robh cus ann a b’ fhiach a mholadh. Bha an Gearastan truagh agus bha na Sgitheanaich cha mhòr a’ cheart cho lapach, ged nach do chaill iad uidhir sin de gheamaichean gu dubh. Bha iad co-ionnan ro thric agus cha robh duine aca a bha a’ cur a’ bhuill dhan lìon tric gu leòr. Bidh iad a-nis a’ tuiteam sìos dhan lìog nàiseanta agus gheibh aid a-mach nach bi e furasta idir cruinn-leum a dhèanamh a-mach às. Tha e math Glaschu fhaicinn a’ gabhail cothrom leum suas seachad orra.

Ma tha aon bhoillsgeadh air fàire do na Sgitheanaich – agus `s dòcha gu bheil seo fìor mun ghèam anns an fharsaingeachd, `s e sin an t-adhartas a rinneadh le na boireannaich air feadh na dùthcha. Deich bliadhna fichead air ais – seadh deich no `s dòcha còig bliadhna air ais – cha robh mi air sgillinn a ghealltainn air uidhir seo de dh’fhàs agus anns na sgìrean far a bheil e a’ tachairt. Gur math a thèid leotha.

Dè a-rèisd a tha a’ fàgail a’ ghèama ann an suidheachadh far nach urrainn dhaibh àrd-oifigear ùr fhastadh aig tuarastal suas gu £40,000 anns a’ bhliadhna, agus nach urrainn dhaibh buidheann no companaidh sam bith a thàladh a thoirt taic dha? Tha camanachd ga shealltainn air telebhisean gu ìre nach gabh creidsinn le cuid de na spòrsan eile a tha a’ strì airson iad fhèin fhoillseachadh air a’ bhocsa.

Gu ìre tha an dàrna ceist nas fhasa a freagairt seach gu bheil an eaconamaidh an staing agus companaidhean fìor leisg airgead a chur an dàrna taobh mu choinneamh goistidheachd agus iad air an làimh eile a’ cur daoine far an dreuchdan agus a’ gearradh air gach taobh. Bha latha eile ann far an robh e furasta gu leòr iarraidh air luchd an uisge-bheatha botal a chur air a h-uile bòrd (air uair mu choinneamh a h-uile duine) aig cuirmean is eile. Tha comhairlean ionadail cuideachd a’ sìor ghearradh ghnothaichean an co-cheangal ri spòrs, agus tha sin a’ bualadh air leithid oifigearan leasachaidh agus cosgaisean ghoireasan.

Tha a h-uile càil dhen sin a’ cur barrachd ìmpidh air gach sgioba agus mar as motha a tha a’ cluich aig sgioba sam bith, ‘s ann as dorra a tha e airgead a chruinneachadh ann an sgìrean-taic, gu h-àraidh far a bheil cion airgid ann an sgoiltean a’ cur am barrachd ìmpidh air daoine le taic-airgid a tha a dhìth orra fhèin. Agus anns an latha a th’ ann tha aon chaman a’ cosg suas gu £40 do dh’inbhich. Bha latha eile ann far nach robh iad ach leth-chrùn.

Seach nach deach aig Comann na Camanachd air àrd-oifigeir ùr fhastadh, bidh iad a-nis a’ dol air adhart air leth-chois, agus a’ feitheamh gus an teich Bodach na Nollaige agus gus an tionndaidh daoine an aire gu bhith a’ sireadh ceum ùr nam beatha. Airson suas gu £40,000 anns a’ bhliadhna, cha b’ e ruith ach leum chanadh tu. Ach chan e sin a tha air tachairt agus chan e sin a thachras mur an atharraich a’ bhuidheann-riaghlaidh an dòigh anns a bheil iad a’ sireadh neach aig a bheil gliocas Sholaimh, foghlam neach-lagha à Philadelphia, agus foighidinn Iòb. Sin a bharrachd air sròn a lorgas airgead ann an uaimh agus a nì rèite eadar suas gu trì fichead sgioba a tha uile a’ coimhead a-mach air an son fhèin, seach a bhith a’ cur ris an dealbh mhòr. Chan eil leithid de bheathach ann.

Tha cùmhnant aon bhliadhna eile a’ tighinn chun spòrs bhon BhBC. Ach le sporan Dhòmhnaill aig BBC Alba cho gann, `s e saoghal gu math mì-chinnteach a th’ann anns a’ gheàrr-ùine, agus romhainn, a’ chiad ghreis chanainn.

Agus mo dhìochuimhne. An sgioba as fheàrr a bh’ ann am bliadhna? Bail’ Ùr an t-Slèibhe gun cheist sam bith a chuir slighe cha mhòr cho fad ris an A9 eatarra fhèin is a h-uile sgioba eile. Agus meala naidheachd air sgioba na h-Alba a rinn a’ chùis air Èireann, ged nach robh an gèam sin cuideachd ach flat.

Comments (4)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Gilleasbuig Aotrom says:

    Artagail bhàighbrant, chòrd i rium glan.

  2. Alf Baird says:

    Mak aw Scots fowk e’en-haundit, gie thaim thair Scots Language (Scotland) Act. Nae mair cultural hauden doon. Whaur is wir Scots Langage Meenister?

  3. Neil Mcrae says:

    Trobhad, a Bhella – càite bheil de chonnspaid anns a’ Ghetto, agus Gàidhlig a’ dol fodha ceithir-thimcheall oirnn? Càite bheil spiorad an neo-eisimeileachd, a thaobh nam bumalairean a tha ruith na Gàidhlig (a-steach dhan talmhainn) cho math ri thaobh cor na dùthcha?

  4. Stephen Smyth says:

    As a Scot who moved to Ireland, I take great interest in the grassroots of shinty. My son is 10 years old. He has played hurling since he was 5 year old. He has also played gaelic football all this time aso well. This has him training at least twice a week for the Parish. It is also played at school as well, through long established competitions. Our village has a population of 1500. From this we have 10 teams for the Village. Around 250 players. Around 20 train with the relevant County team. This gives a great sense of belonging through sport for all. I would love if Scotlands villages/towns and cities would partake in Shinty. More money needs to be ploughed into our ancient game and the benefits to the country will be huge.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.