Crìoch air Seann Thraidisean Eòrpach: Luchd-ciùird Bhreatannach air a’ Mhòr Thìr

S ann ann an tuil a thàinig an rabhadh o Remain mu Bhrexit a’ bualadh air an eaconomaidh, mun chrìonadh air obair nam bancaichean agus institiuidean ionmhais ann an Lunnainn. Agus o thaobh Leave, beachdan aig luchd-ciùird is obair leth-sgileil – mar a chòrd e riutha a ràdh, ordinary people – a bha a’ nochdadh dhraghan mu imrich a’ lìonadh obair nan clasaichean-obrach Breatannach. Truas dhan phròiseas dheamocratach – ‘s ann an glaodhraich na h-ionnsaighe poileataigiche aon-taobhach a bhàth iomadh boinneag den fhìrinn. 

The IJmuiden Ferry: For years chock-full of British tradesmen

Slighe an Aiseig IJmuiden: fad iomadh bliadhna loma-làn luchd-ciùird Bhreatannach

Ach ‘s dòcha nach cuireadh e iongnadh idir orrasan a tha a’ stìogadh mun chuairt oiseanan dorcha phoileataigs Shasainn nach b’ e an clachar Pòlannach ann an Lunnainn a’ chiad neach-ciùird a lìon spòran tro ghluasad saor do luchd-obrach Eòrpach. No an dàrna. Tha na mìltean de Bhreatannaich air a bhith ag obair air mòr-thìr na h-Eòrpa ann am factaraidhean agus air làraich togail o thoiseach nan ochdadan, dualchas a chaidh a chomharrachadh as fheàrr, ‘s mathaid, san t-sreath Auf Wiedersehen, Pet, a dh’innis sgeul Oz (Jimmy Nail) agus buidheann Shasannaich ann an Düsseldorf.

A’ gluasad tro thaigh-seinnse Èireannach ann an Eindhoven no Nordrhein-Westfalen feasgar Dhisathairne o chionn deich bliadhna, b’ ann a bha an t-adhar tiugh le cabadaich luchd-imrich – grunnan dhaoine a’ bruidhinn am-measg a chèile is pinnt ri làimh, a’ dol nan tost corra uair is neach-aithris a’ tarraing aire a dh’ionnsaigh na sgrìn mòir agus geama on Phremiership. Guthan on a’ Chaisteal Nuadh, o Shiorrachd Eabhraig, Cuimrich, daoine o Mhiddlesborough agus, uaireannan, guthan Lunnainn. Ach thar chàch, an guth Albannach, blas an t-sluaigh aige fhèin na mhagnat don fhear uaigneach a’ coiseachd tro mhì-chinnt shràidean ghallda. Còmhla, tha na guthan seo a’ giùlan teachdaireachd nas motha na naidheachd na seachdaine no freagairtean a’ bhall-coise: tha iad nam prìneachan air mapa an sgrios a rinn poileasaidhean Maighreid Thatcher agus nan Toraidhean air gnìomhachas agus sìobhaltas clas-obrach ann an ceann a tuath Bhreatainn.

Tha Uilleam MacAoidh à Beinn na Faoghla air a bhith ag obair san Òlaind agus ‘sa Ghearmailt o thoiseach a’ Mhìle Bhliadhna. Àrd, socair, smuainteach, agus a’ seachnadh deoch làidir, tha e eu-coltach, ‘s dòcha, ri cùmhnantach a’ mhic-meanmna a dh’ òl aig breacaist, mar a tha an t-òran a’ dol, seven pints of stout. Do dh’Uilleam, bha an cothrom a dh’obair thall thairis na dhùbhlan pearsanta, ach tha Brexit a-nis a’ ciallachadh atharrachadh mòr ann an stoidhle beatha agus fiù gearradh ann an cosnadh.

Thàinig mi an seo nuair a bha prìs ìosail na h-òla a’ mùchadh na h-eaconomaidh aig an taigh. Bha mi airson deuchainn a thoirt dhomh fhèin, oir shaoil mi nach biodh ach an cuid a b’ fheàrr de luchd obrach a-nall ann an-seo. Mar a thachair e, ‘s ann a bha am beachd seo gu math ceàrr!”

A dh’aindeoin a chuid aotramachd, tha Uilleam air mothachadh gu bheil rudan ag atharrachadh air a’ mhòr-thìr, agus leis gu bheil prìs na h-ola a-rithist a’ bualadh air eaconomaidh an t-saoghail agus Brexit air fàire, tha e ag ullachadh airson beatha air falbh o obair-làimhe is e a’ treànadh gu bith na sgiobair bhàta. Brosnachail ‘s gu bheil e a bhith a’ faicinn cuideigin gan atharrachadh is gan leasachadh fhèin, tha Maighstir MacAoidh glic, tha e comasach, agus thigeadh soirbheachas leis ann an gach roinn den t-saoghal obrach san do chuir e a làmh. Cha deach an càirdeas eadar cruinn-eòlas, beartas, agus cothrom a chall air.

Thachair e orm gun robh ceangal eadar tùs-àite iomadh cùmhnantach san Òlaind agus far an deach an cuid a bu mhotha de rangan ìsle an airm a thrusadh. Tha e coltach gu bheil cutadh na h-eaconomaidh traidiseanta agus brosnachadh nan seirbheisean ionmhasail sna h-ochdadan air coimhearsnachd aig a bheil dìth obrach agus beatha seasmhach, ach a tha fhathast dìcheallach, a chruthachadh. Bha gu leòr à Alba, às a’ Chuimrigh, à ceann tuath Shasainn agus Lunnainn, ach mas math mo chuimhne cha do thachair mi ach le aon chùmhnantach às na Home Counties.”

S e an t-ìorantas as motha gum bi Brexit, a thàinig gu bhith le iomairt taghaidh a chluich gu ìre mhòr air eagalan clas-obrach, a’ toirt lìon shàbhailteachd air falbh o dhaoine nach d’ fhuair a-riamh cothrom na Fèinne aig dachaigh, agus cothrom air falbh o luchd-ciùird math am beartachadh fhèin. ‘S fuar an smaoin gu bheil na mìltean ann nach eil comasach air atharrachadh, daoine dha an dàn, mura thig ath-sheilbheachd ann an gnìomhachasan troma agus innleadaireachd sna sgìrean traidiseanta, beatha de bhochdainn is de dh’ fhàsalachd na h-inntinne is an anama.

Bha Keith Bevin, Cuimreach a th’ air a bhith ag obair mar àidseant-cosnaidh fad fichead bliadhna ‘s a seachd san Òlaind, gun mhisneachd airson na h-ama ri reachd do luchd-obrach à Breatann air a’ mhòr thìr mura bheil rèite air gluasad dhaoine.

Tha e coltach, mar thoradh air an dòigh a tha an caibineat aig a’ Bhean-phòsta May ga ghiùlan fhèin, nach bi rudan furasda don Rìoghachd Aonaichte. Tha e gun teagamh a’ dol a bhith na bu dhuilghe dhomhsa, agus dh’fhaodadh gun tig siostam cead-obrach a-steach far nach tèid bhiosa a thoirt a-mach ach airson obraichean a tha duilich a lìonadh (le muinntir an Aonaidh Eòrpach fhèin).”

A dh’aindeoin reatoraig Thoraidhean a th’ air a bhith a’ sgràilleadh ris an AE fad ghinealach, tha an rèite na chuideachadh do na poileasaidhean aca: bha is tha e fhathast nas fhasa do chompanaidhean factaraidhean a dhùnadh mura robh dà cheud luchd-ciùird a’ strì is a’ stailc taobh a-muigh, agus do riaghaltasan a tha a’ cleachdadh gach innleachd is car gus figearan cion-cosnaidh (tha cùmhnantaich sna tìrean ìsle is sa Ghearmailt fhathast a’ pàigheadh ìre bheag de chìsean san Rìoghachd Aonaichte) a shuathadh sìos. Gu dearbh a-rèir Maighstir Bevin, bha timcheall air còig mìle luchd-ciùird Breatannach ag obair san Òlaind a-mhàin sna naochadan, gun iomradh air iadsan a bha sa Ghearmailt agus sa Bheilg.

S dòcha nach robh a’ chiad luchd-ciùird, is iad a’ coimhead thar a’ Chuan a Tuath on aiseag bhon Chaisteal Nuadh gu IJmuiden cha mhòr dà fhichead bliadhna air ais, idir an dùil gum biodh dualchas cho maireannach no suaicheanta gan leantainn.

Tha mi dìreach air tilleadh o chùmhnant sa Ghearmailt,” arsa Uilleam MacAoidh “ach le Brexit air fàire tha an ìre mhòr de mhì-chinnt ann. Ma tha siostam bhiosa a’ tighinn a-steach saoilidh mi nach fhaigh mi cothrom a dh’obair air a’ mhòr thìr a-rithist. Chan eil mi ach fortanach gun do chuir mi romham an t-slighe bheatha agam atharrachadh. ”

Chan eil a h-uile fear cho fortanach. Do chuid, dh’fhaodadh Breatainn a’ Bhrexit fàs gu bhith nas miosa na gin den na h-ìomhaighean a dhealbhaich na nàimhdean poilitigeach san Ògmhios.

Comments (2)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Dòmhnall Faragach says:

    Deagh phìos

  2. Neil McRae says:

    Tha iomadach rud a tha gu tur cèarr mun EU, ged-tà, nach eil? Chan eil e idir deamocrataig, chan eil e freagradh beachdan nan daoine.

    An dèidh sin ‘sna dhèidh, ‘s e mìorbhailt a th’ann, dhol a dh’obair thall-thairis gun visa gun heut. ‘S gann gun gabh a chreidsinn gun do bhòt Sasainn ‘falbh’

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.