Ceòl Cosmaig ga Chrochadh ann an Earball Rèile

Ceòl Cosmaig ga Crochadh ann an Earball Rèile
Lèirmheas – Inyal – 26mh a’ Ghearrain, 2019. The Gilded Balloon, Dùn Èideann

Air an rèile a-nìos o chathair-bhaile nan Sasannach, bha mi air mo dhòigh fhaighinn a-mach gun robh Inyal gu bhith a’ cluich ann an Dùn Èideann a-nochd. Gu dearbh, b’ e seo a’ chiad turas a bha iad riamh anns an Gilded Balloon, àite beag tairiseamh fo taigh-cluiche an Ròis air Sràid an Ròis fhèin agus lìon iad an àite le sàr-cheòl bho thòiseach gu crìch.

Às aonais cuirm-taice, chuir iad a’ chiad phàirt den oidhche seachad ann am buidhnean beaga, a’ riochdachadh an cuid phròiseactan eile, taobh a-muigh Inyal, le coileanaidhean a thug fianais air an cuid thàlantan, ann an dòigh iom-fhuasglach, gun bhuaidh nam buillean as aithne dhan chuid luchd-leantainn. Cuideachd, fhuair sinn cothrom am faicinn a’ cluich ionnsramaidean eile, gu seachd àraid Owen Sinclair, a thug seachad dreach de ‘Green Grow The Rushes’ le giotàr na làimh is taic-gutha aig prìomh-sheinneadair Josie Duncan.

Às dèidh dhuinn beagan fois a ghabhail, gus cothrom meòrachadh air taisbeanaidhean Inyal Unplugged fhaighinn, thòisich an dàrna seat mar as nòs dhaibh is sinne gar toirt air chuairt leotha, tro chruinne-cè cosgmaig – dealbh-speura de bhuillean, beus agus seinn bhinn, mar lainnir ga fhàgail le rionnaig-earbaill.

Dhòmhsa dheth, b’ e an seata ‘Yokes’ a bu mhotha a chòrd rium, far an d’fhuaireas cothrom sar-fhìdhlearachd Robbie Greig, à Lìte fhèin, a chluinntinn, mu sgaoil. Gus dabht sam bith a sguabadh air falbh, tha is bu chòir cliù Hendrix-each a bhith aig a’ cheòladair seo, le a cuid cluiche a bheir a-steach sèistean jazz do na fuinn ùr ann an stoidhle traidiseanta. Thàinig an seata seo gu crìch le deàrrsadh dealanach aig Hamish MacLeod agus breathan ciùil-ghutha aig Duncan fhèin.

Gu dearbh, tha am boillsg reulach ga fhighe a-steach is tro mhòr-chuid den cheòl air a’ chiad chlàr fèin-ainmichte aca, gu seachd àraid an t-òran mu dheireadh, ‘Chì Mi Bhuam’, a chluich iad air an oidhche. Leis a’ choileanadh seo, thuigear a’ chumhachd chiùin aig Duncan, is i aig teis-mheadhan a’ ghnothaich le seinn a chuir gaoir tro fheòil mo ghàirdeanan is biorg dham chnàmh-droma.

Bha e uabhasach fhèin math cothrom fhaighinn air dà sheata ùr, nach eil rin cluinntinn air a’ chlàir is iad fhathast gun aimn cheart, ach iomradh air an gleus san deach iad an sgrìobhadh le ceòladair Conal McDonagh, a tha os cionn nam fonn, uile gu lèir. Eatarra, bha ‘E Minor’ far an robh blas jazz ri chluinntinn a-rithist aig Greig is ann an drumaireachd Sinclair, ach chòrd na bu mhotha rium ‘B Minor’ – fonn breabach diosgò – a thug sinn air ais gu linn Donna Summer, slighe bothain Ghàidhealaich. Ma tha ainm fhathast a dhìth air an fhear seo, seo a mholainn-sa agus nach gabh sibh mi leisgeul airson na bàrdachd a spreag e – rud nach fhaic gu tric ann an lèirmheasan, ach gu math cumanta aig peann a’ bhàird bhig seo:

Liath-sholas

’S sibh rinn sgleò de na
rionnagan romham a-nochd,
’s mi gam chrochadh ann am
pronnag phlanaidean a’ co-bhualadh:
cabhsair boillsg ann an earball-rèile, a thug
mi, dìon, gu tìr, air saoghal-aisling agus balgach
na neòil-cheiridh de lainnir a’ teannachadh umam,
thog mi mo làmhan ’s iad ri dannsadh an liath-sholais.

’S ann le cinnt, gur ann an Duncan a tha seinneadair Ghàidhlig cho math is a bh’ againn riamh, le seinn nàdarra shèimh-luaisgeach, ann ‘Iri Ù’ – ‘Air’, air a’ chhlàr – a bha na òran glacmhor, a’ toirt sgeul leannain seachad, a chaidh a mhurt ann an Leòdhas – taisbeanadh a chaidh a phuingeachadh le teine-sionnachain pizzicato aig Greig. Thàinig a’ chùis gu ceann le ‘Ò, Cuine Chì Mi Thusa, Luaidh’, òran Leòdhasach eile, far an robh guth Duncan tàlach ann an creachall dù-bi-dù fillte.

Thug an oidhche seo cluas air mac-talla traidisein Ghàidhealaich ga boillsgeadh air ais gun Talamh o aiteal cèin, guth Duncan brònach muladach, ga bhrùthadh air adhart le gleadhran airmilteach Sinclair air an droma-gaiste. Air an t-slighe dhachaigh, bhuail e orm is do choimhearsnachd aig nach eil cultar ‘celebrity’, mar a th’ againn air saoghal na Beurla, bha e sònraichte fhaicinn an luchd-ciùil seo a’ toirt cothrom don èisteachd, a bha nan cuideachd, a bhith bruidhinn riutha às dèidh làimh, rud a bheireadh air òigear sam bith bogha-fìdhle a thogail is òrain Ghàidhlig ionnsachadh. Gu dearbh fhèin, ’s ann ann an ceòl den leithid seo, aig còmhlan beòthail òg, far an cluinnear so-dhèantas bruadaran sam bith a dhèanamh fìor.

 

Join the Discussion

Your email address will not be published.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.