Ceist Mhòr an Fhearainn

Bho chionn bheagan mhìosan a-nis, tha mi air a bhith ag obair air rannsachadh airson sreath do dh’obraichean ealain ùra. Tha riamh ùidh air a bhith agam anns a’ cheangal a th’ againn ris an àrainneachd agus ris an t-saoghal – gu h-àraid a’ coimhead air cho dlùth ’s a tha a’ bheatha ris an talamh fhèin. Tha mi uabhasach fhèin titheach air a bhith a’ coimhead air ainmean-àite agus a’ smaoineachadh air dè an t-adhbhar a chaidh an t-ainm sin a thoirt air àite, mar Bogach nan Sgadan ann an Uibhist a Tuath (carson an e sin a thug iad air agus nach eil e cho faisg sin air a’ mhuir?). Tha e inntinneach a bhith a’ smaointinn air ar dàimh ri àite – mar sin tha tòrr dhen obair agamsa co-cheangailte ris an sin.  Tha e cuideachd fìor gu bheil ceangal làidir agam cuideachd thoradh gun deach mu thogail mu chuairt air croitearachd agus tha fhathast ùidh mhòr agam ann an croitearachd agus mar as urrainn dhuinn coimhead air dòighean nas fheàrr, agus nas ciallaiche ri innse na fìrinn, airson am fearann a chleachdadh.

Tha an ùidh seo anns an talamh, an àrainneachd agus cùisean fearainn air m’ aire a thoirt gu cuspairean mar “rewilding” – ath-fhiathachadh – cuideachd. Nise, tha mise a’ gabhail ri tòrr dhen na h-argamaidean a thaobh ath-fhiathachadh, gu h-àraid an damaist a tha aig tuilleadh ’s a’ chòir de fhèidh agus caoraich ag ionaltradh air an talamh. Tha cuideachd cùisean mar an strì an aghaidh Driven Grouse Shooting a’ tighinn a-steach ann – ‘s e eisimpleir a th’ ann dè dhòigh obrachaidh an aghaidh an talaimh airson àrainneachd mhì-nàdarra a dhèanamh airson brosnachadh chearc-fhraoich. Tha cuideachd na failisgeirean a tha iad a’ lasadh a’ dèanamh cron mòr air a’ mhòinteach agus na bogaichean a tha cudromach mar “carbon-sinks”; tha na bogaichean seo cudromach nuair a tha sinn a’ smaointinn air atharrachadh na gnàth-shìde. ‘S e rud a dh’fheumas stad a th’ ann nam bheachd: ‘s e fuigheall bho linn nam fuadaichean a th’ ann, agus tha e air damaist uabhasach a thoirt air an talamh fhèin, far am b’ àbhaist e bhith beò le daoine agus iomadach beathach agus craobh. Mar sin, ‘s e sin an t-adhbhar mòr a tha ùidh agamsa ann an ath-fhiathachadh, neo ceartachadh na h-àrainneachd, gum bi am fearann fallain.

Ach tha cunnart ann gum bi neo-fhiathachadh na dòigh airson uachdarain mhòra ùra seòrsa de fhuadachadh ùr adhbharachadh anns a’ Ghàidhealtachd – ged nach e sin tha dùil aca ris ‘s dòcha.  Tha e cudromach gum bi na daoine a tha às an àite fhèin mar phàirt mòr dhen phròiseas; feumaidh tu barrachd air beagan de neach-glèidhteachais airson ath-fhiathachadh obrachadh. Tha còir aig ceartachadh na h-àrainneachd toirt a-staigh na daoine a tha beò anns na h-àiteachan a tha dùil ath-fhiathachadh a steidheachadh – ma dh’obraicheas e, tha e follaiseach gun e dòigh mhath a bhiodh ann airson airgead a thoirt a-staigh dhan àite le luchd-turais (fhad ‘s a tha sin air a dhèanamh ann an dòigh a tha freagarrach dhan àite agus a’ choimhearsnachd) agus airson obraichean ùra a stèidheachadh. Ach, tha daoine feumach air àite airson fuireach, agus bhithinn fhìn ag iarraidh àiteachan far an deach daoine fhuadachadh às a’ Ghàidhealtachd agus na h-eileanan tighinn beò le coimhearsnachdan ùra cuideachd. ‘S e an ceist: ciamar ‘s urrainn sin tachairt? Nach fheumadh barrachd oidhirp airson ath-leasachadh an fhearainn a bhith ann an toiseach?

Ma tha sibh air mo leantail air na meadhanan sòisealta bidh ‘s dòcha fios agaibh gu bheil ùidh mhòr agam ann an eachdraidh an fhearainn, gu h-àraid oir tha eachdraidh an teaghlaich agam fhèin a bhith a sàs ann an Land Raids – Baile Raghaill. Sgrìobh bràthair mo sinn-shinn sheanar ‘Òran nan Raiders’ (an stòiridh air fàd agus an t-òran rim faighinn an seo. Mar sin tha e uabhasach cudromach dhomhsa gum bi fearann airson croitearachd air a chumail airson nan daoine agus furasta ri fhaighinn, ach tha a-nis duilgheadas ann airson daoine òga a tha a’ gluasad air ais, neo a’ fuireach, ann an àiteachan mar Uibhist. Tha fios agam fhìn cho doirbh ’s a tha e, ach tha mise fortanach ann an dòigh thoradh gun tèid agam air fuireach ann an taigh mo phàrantan – ach b’ fhearr leam nach robh cùisean mar seo. Tha mi an-dràsta a’ coimhead a-mach airson àite fuirich, ach tha tòrr mòr “short term lets” ann – mar sin dh’fheumainn gluasad a-mach as t-samhradh airson an t-àite a thoirt seachad gu luchd-turais.

Tha sinn feumach air coimhead air mar a chumas sinn daoine òga mu chuairt air an aois agamsa agus nas òige ann an coimhearsnachdan mar Uibhist a Tuath agus mar a nì sinn an t-àite nas tarraingiche do dhaoine òga bho àiteachan eile a tha ùidh aca a bhith fuireach agus ag obrachadh ann an àite mar sin. ‘S e sin cuideachd mar a chumas sinn an cànan làidir anns a’ choimhearsnachd – le cumail an t-sluaigh beòthail agus dòchasach. Feumaidh na comhairlean coimhead ri cuideachadh a thoirt seachad airson barrachd taighean a thogail airson dèanamh cinnteach gu bheil àite-fuirich ann airson daoine a tha ag iarraidh tilleadh dhachaigh neo gluasad a steach dha na coimhearsnachdan againn.

Mar sin, tha sinn feumach air ath-leasachadh fearainn farsaing a bhith ann agus chun an latha an-diugh chan eil mi air mòran adhartas fhaicinn bhon Riaghaltas. Nam bheachd tha iad air a bhith gealtach nach cuireadh iad an fhearg air na h-uachdarain mhòra agus tha sin air stad a chur air obair bhrìoghmhor gu ath-leasachadh fearainn ceart a chuir air dòigh.

Seo na ceistean a th’ agamsa ri cur a-steach do dheasbad an fhearainn:

  • Dè seòrsa dòigh air an fhearann a roinn a b’ fheàrr? Tha e follaiseach gum feum rudeigin atharrachadh, ach dè ‘s urrainn dha na daoine a dhèanamh airson an àrainneachd a chuideachadh agus daoine a chumail mar phàirt dhen obair?
  • Dè na duilgheadasan a th’ ann, neo a dh’fhaodadh tighinn gu bàrr?
  • Dè a’ bhuaidh a bhiodh aige air coimhearsnachdan a bhrosnachadh, nam biodh ath-leasachadh fearainn ceart ann? Agus, a’ cheist mu dheireadh;
  • Ciamar a chuidicheas seo leis an strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde? Le bhith a’ cur cuideam air dòighean beatha so-sheasmhach?

Comments (1)

Leave a Reply to Neil McRae Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Neil McRae says:

    Siuthad a Fhiona.

    A’ falbh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Cataibh, tha corra rudan air tighinn am follais dhomh:
    – sgìre croitearachd = daoine, teaghlaichean, gnìomhachasan, beatha
    -sgìre gun croitearachd = talamh falamh fàs, ‘a beautiful desert’

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.