Lisa Storey

Lisa Storey bhon bhuidheann Craoladh Gàidhlig


 

Bho chionn còrr is ceala-deug, chaidh co-labhairt a chumail air Craoladh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha a’ cho-labhairt fhèin na chomharra gu bheil feum air còmhradh agus deasbad mun t-slighe air adhart airson BBC Alba, agus bha e follaiseach bhon t-sluagh mòr a nochd gu bheil mòran a’ faireachdainn làidir mun chuspair seo. Chuala sinn aig a’ cho-labhairt bho mheasgachadh de riochdairean, eòlaichean, ministearan agus luchd-strì (uill, neach-strì, ach bha tuilleadh san luchd-èisteachd).

Cò ris a bha an deasbad coltach? A-measg nan rudan ris a bhiodh dùil (àireamhan, grafaichean, diagraman dathte agus mar sin air adhart), chaidh cuspairean susbainteach, inntinneach a dheasbad. Mar eisimpleir, bha e air leth inntinneach cluinntinn bho an t-Ollamh Eithne O’ Connell, eòlaiche air craoladh agus mion-chànain, a dh’innse na h-òraid gu bheil fo-thiotalan Beurla a’ dèanamh feum don Bheurla fhèin, agus cron air a’ mhion-chànan. Cha b’ urrainn dhi air a bhith na bu shoilleire mu dheidhinn sin, agus cha deach facal a thogail na h-aghaidh san t-seòmar. Thubhairt an t-Ollamh O’ Connell cuideachd gu bheil feum air còmhradh fallain eadar luchd-ùidhe, agus tuigse shoilleir mu dè dìreach na h-amasan agus prìomhachasan a tha aig craoladairean. Bha i ceart mun dà phuing sin.

Chan eil mi a’ smaoineachadh gun deidheadh mòran às àicheadh briathran Aonghais Pàdraig Chaimbeil san Herald bho chionn beagan sheachdainean nuair a thubhairt e gu bheil BBC Alba air aon dha na buannachdan as motha a tha air nochdadh ann an craoladh na h-Alba anns an deichead mu dheireadh. Tha e cho ceart ri ceart gu bheil seanail Ghàidhlig ann; tha TBh sa chànan riatanach ma tha i gu bhith beò idir san àm ri teachd, agus tha sinn gu mòr an comain an fheadhainn a bha an sàs anns an iomairt gus an t-seanail a thoirt gu buil sa chiad àite. Ach ’s e cuis-nàire a th’ ann gum feum cuid a bha a’ strì airson seanail sa chiad dol a-mach fhathast a bhith a’ spàirn airson fìor sheirbheis Ghàidhlig ann an 2016.

Chuala sinn o Lisa Storey bhon bhuidheann coiteachaidh Craoladh Gàidhlig aig a’ cho-labhairt, agus bha e na fhaochadh an òraid làidir, chalma a thug i seachad a chluinntinn. Na bu tràithe san latha bha am BPA Mìcheal Russell air iomradh a thoirt air dìth luchd coiteachaidh na Gàidhlig an-diugh, agus tha fhios gu bheil fìrinn anns na thubhairt e, ach tha Lisa na eisimpleir air neach a th’ air a bhith deònach fad a beatha bruidhinn a-mach às leth na Gàidhlig. Bha e na bhriseadh-dùil nach do ghabh Ailean Esslemont, ceannard phrògraman MG Alba, cothrom leisgeul Lisa iarraidh aig a’ cho-labhairt airson an dìmeas a rinn e oirrese agus eile ann an 2015, nuair a thubhairt e gur e ‘iomall’ a tha airson ‘ghetto Gàidhlig’ a chruthachadh a th’ anns an iomairt (tha an cothrom sin fhathast ann ge-tà, agus tha Craoladh Gàidhlig air sgrìobhadh gu MG Alba bho chionn goirid gus seo a chur nan cuimhne).

Chuir Lisa far comhair seachd molaidhean airson BBC Alba: fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith gan toirt air falbh; tuilleadh luchd-aithris Gàidhlig; thar-ghuthan Gàidhlig; Gàidhlig a bhith deatamach airson obraichean anns na meadhanan Gàidhlig; fo-thiotalan Gàidhlig; stiùireadh cànain ùr; agus slatan-tomhais ùra airson soirbheachas. Chan eil càil ann an seo a tha cho connspaideach no radaigeach sin, agus thèid a chur an gnìomh gun mhòran cosgais – ’s e a tha a dhìth ach miann.

Ged nach tuirt riochdairean MG Alba agus BBC Alba mòran mu fho-thiotalan no Bheurla san taisbeanadh aca fhèin, bha iad deònach dèiligeadh ri seo ann an ceistean. Agus thubhairt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG Alba, gum faod dùil a bhith againn ri cothrom fo-thiotalan Beurla a thoirt air falbh ann an 2017. ’S e ceum air adhart a th’ ann an seo, ach chan eil e math gu leòr. Le aire air rabhaidhean an t-Ollaimh O’ Connell mu bhuaidh fho-thiotalan air mion-chànain, feumaidh sinn a bhith ag amas air suidheachadh far nach eil fo-thiotalan sam bith a’ nochdadh anns a’ chiad àite, le cothrom an uairsin Beurla no Gàidhlig a thaghadh (mar a th’ aca air S4C sa Chuimrigh). A-rèir MG Alba, bhiodh seo a’ cur dùbhlan ro mhòr mu choinneamh luchd na Beurla. Gus a bhith soilleir: tha seo a’ ciallachadh gum biodh e ro dhuilich dhaibh putan a phutadh. Ma tha luchd-coimhead comasach air BBC Alba a chur air anns a’ chiad àite, tha iad comasach air na fo-thiotalan a thoirt a-nuas.

A-thaobh uiread na Beurla, ’s ann bhon luchd-èisteachd a thàinig aon dha na puingean as inntinniche. Dh’fhaighnich Aonghas Pàdraig Caimbeul a bheil MG Alba a’ cumail ri riatanasan laghail a-thaobh a bhith a’ dèanamh phrògraman ann an Gàidhlig. Tha Achd Conaltraidh 2003 ag ràdh: “The functions of the Service shall be to secure that a wide and diverse range of high quality programmes in Gaelic are broadcast so as to be available to persons in Scotland”. ’S e na briathran ‘in Gaelic’ as cudromaiche an seo, oir tha ceist a bheil cuid a phrògraman air BBC Alba ‘ann an Gàidhlig’ idir. Chaidh prògram a-mach an-uiridh mu dheidhinn Jim Baxter agus bha a h-uile agallamh ann am Beurla, le ceanglaichean Gàidhlig. Deagh phrògram ann no às, cha b’ e prògram Gàidhlig a bh’ ann.

Chan e nach bu chòir facal Beurla a bhith ri cluinntinn air BBC Alba, agus bha am poileasaidh a b’ àbhaist a bhith an àite (a-rèir freagairt aig aon dhe na tachartasan conaltraidh a chum MG Alba an uiridh) nach biodh nas lugha na 80% de Ghàidhlig ann am prògraman sa chumantas reusanta. Chaidh Craoladh Gàidhlig beagan na b’ fhaide na sin aig a’ cho-labhairt le iarrtas gum biodh 90% de Ghàidhlig ann am prògraman bho seo a-mach. ’S e a tha cho soilleir ’s a ghabhas gum feum poileasaidh air choreigin a bhith ga chur an àite a-rithist, gus riatanasan an dà chuid laghail agus moralta a choileanadh.

Càite a bheil sin gar fàgail ma-tha? Tha ceist nam fo-thiotalan mu dheireadh thall a’ faighinn prìomhachas, agus gach aithris ceangailte ris a’ cho-labhairt air cuideam a chur air. Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Ailean Dòmhnullach air innse nach gabh iad pàirt ann am prògram sam bith air BBC Alba gus an tèid ceistean mu fho-thiotalan agus Bheurla fhuasgladh. ’S e seasamh làidir a th’ ann an seo bho dhithis le inbhe ann an saoghal na Gàidhlig, agus chan urrainn – no co-dhiù cha bu chòir – MG Alba gun aire a ghabhail ris.

Tha beachdan làidir timcheall craoladh na Gàidhlig agus tha e coltach gu bheil gu leòr còmhraidh, deasbaid agus coiteachaidh romhainn fhathast – agus ’s e rud fallain a th’ ann an sin.

Likes(1)Dislikes(0)