Leabharlann a’ Mhitchell, far an robh Ralph Glasser ga oideachadh fhèin, agus an dòras aige a-mach às a’ Ghorbals gu Ocsford

Leabharlann a’ Mhitchell, far an robh Ralph Glasser ga oideachadh fhèin, agus an dòras aige a-mach às a’ Ghorbals gu Ocsford

Aig deireadh nan tritheadan, dh’fhàg Ralph Glasser am flat san robh e a’ fuireach còmhla ri athair anns a’ Ghorbals air rothair a fhuair e air ionmhas o charaid teaghlaich, agus chuir e a cheann gu deas. Nuair a ruig e Oilthigh Ocsford trì là na dhèidh, cha robh e ach a’ cur crìoch air turas a thoisich a phàrantan fhèin nuair a theich iad à Liotuain sna bliadhnaichean eadar-chogadh. Ann am foghlam, agus san dreuchd cliùiteach a lean, dhealraich innleachd Ghlasser tron dalm-bheachd a bha na mhollachd air a chuid chreideamh agus a chlas shòisealta fad linntean gus an ìre as àirde san t-Seirbheis Chatharra a ruigsinn.

B’ e an dìleab as motha aige, The Gorbals Trilogy (Growing up in the Gorbals, 1986; Gorbals Boy at Oxford, 1988; Gorbals Voices, Siren Songs, 1990), anns a bheil e a’ dealbhachadh brìgh choimhearsnachd agus sgìre nach maireann air taobh deas na h-Aibhne Chluaidh: cabhag nam factaraidhean agus othail an t-sluaigh, clàbar is airc, gaol, call, an t-urram agus an nàire a tha an cois sin uile. Chan e a bhith a’ cur cus cliù air na leabhraichean seo ri ràdh gur e a th’ annta, ‘s dòcha còmhla ri Crowdie and Cream (1982), am fèin-eachdraidh Albannach a bu chudromaiche den fhicheadamh linn. Ged a bu mhòr an diofar ann an àrainneachd an Hearaich agus an Iùdhaich, ‘s beag an sgaradh eadar an cuid sgeulachdan, le sannt nan uachdaran a’ bualadh air an dà chuid teanamant agus machair, agus Alba fhèin air beul a’ chogaidh. Mar a tha e an là an-diugh do dh’òigridh clas-obrach, b’ e foghlam a thug dhaibh an rathad às.

Ach fhad ‘s a bha clas na cheangail eadar a’ bhaile mhòr is am beann gun fhiosta do Ghlasser is MhacDhòmhnaill is iad a’ fàs suas, ’s ann a bu mhotha buileach am pàirt a chluich e ann am beatha Ghlasser ri làithean fhoghlaim. Aig Ocsford, cha b’ fhada gus an do thog e beachd air clas is cumhachd an aghaidh an leithid Rìdseard Crossman OBE, a bha na bhall-pàrlamaid Làbarach sna seasgadan anns a’ chaibineat aig Harold MacUilleim, agus am Mòrair Uilleam Beveridge, a bha cuideachd a’ taobhadh ri poileataigs an làimh chlì. Is iad a’ togail na brataich deirge, dh’fhairich Glasser nach tuig iad idir a’ bhochdainn air an robh iad a’ deasbad agus, na bu chudromaiche, nach robh an leithid dhaoine a bhuin gu làidir ris na clasaichean uachdarach ach a’ lùbadh ri feachd nach deidheadh a dhiùltadh: bha sòisealachas air sgaoileadh air feadh na Roinn Eòrpa, agus ann an cruth air choireigin bha e a’ dol a dh’fhuireach – nan robh Beveridge agus a chuid chàirdean airson buaidh agus cumhachd aig mullach an t-saoghail ùir seo a ghlèidheadh, bhiodh aca ri gabhail ris na poileataigs aige.

Gu ìre, bha e ceart, agus ann an Westminster chan eil mòran air atharrachadh, oir Skinner no Scargill chan e a th’ ann an Jeremy Corbyn. Is e a’ frithealadh an àrd-sgoil phrìobhaidich, Adam’s Grammar School na òige, tha an ceannard Làbarach cho fada on a’ chlas-obrach ‘s a tha Seòras Galloway on an fhìrinn – agus tha e a’ leantainn traidisean: a-mach às na deich ceannardan Làbarach o Eòghann Gaitskell ann an 1955, tha ceathrar dhiubh air an cuid fhoghlam fhaighinn ann an sgoil phrìobhaideach, agus o 1979 tha an àireamh de bhuill-phàrlamaid a bha roimhe ri obair-làimhe air tuiteam o shia deug sa cheud gu trì sa cheud. Ged nach eil figearan Riaghaltais Westminster ag innse dè am pàrtaidh san robh iad, chan ann tric a tha Tòraidhean nam mèinneadairean.

Ach ged a tha cathraichean mòra an fhoghlaim ann an Alba fhèin air a bhith a’ cur fàilte air barrachd oileanaich o sgìrean ana-chothromaichte no teaghlaichean clas-obrach sna bliadhnaichean a dh’fhalbh na bha iad sna ficheadan, tha tallaichean na cumhachd dùinte do dhaoine gun cheum, agus an-dràsta chan eil ministear no rùnaire caibineid san Riaghaltas Albannach nach deach don oilthigh. Comasach is còir is gu bheil cuid dhiubh, cha tig sradag o dhà chlach lìomhte ge b’ e cho tric ‘s a thèid am bualadh ri chèile, agus tha beagan a dhìth ann an deasbadan Thaighe an Ròid ann linn an neach-poileataigs proifeiseanta.

Tha romansa strì an t-sòisealachais daonnan air a bhith a’ tarraing cuid o na clasaichean-meadhanach ge-tà – chan fheumar ach sùil a thoirt air mullach liosta Phartaidh na h-Àrainneachd son an Taghaidh Albannaich – agus cha bhiodh e ach mì-chothromach a ràdh nach ann san da-rìreabh a tha co-dhiù beagan dhiubh a tha a’ dol a-mach air bochdainn no còraichean luchd-obrach. Tha poileataigs na h-Alba o stèidheachadh na Pàrlamaide air an fhìor uachdaraich a dhiùltadh, ge-tà, agus tha coltas ann uaireannan gur e foghlam prìobhaideach fhèin an comharra neo-oifigeil de mhòrchuis san dùthaich. Tha daoine an ìre mhath measail fiù air Ruth NicDhàibhidh, ’s dòcha o chionn ’s gu bheil i na b’ fhaisge air an àbhaist na tha Tòraidhean Albannach ann an Westminster leithid Calum Rifkind (aig a bheil cuideachd, gu h-inntinneach, sinnsearan Iùdhach à Liotuain), agus ‘s e Dòmhnall Deòireach, a bha fad bhliadhnaichean na phàirt de dh’àirneis Westminster agus aig an robh cruinneachadh ealain, an t-aon Prìomh-mhinistear aig an robh foghlam prìobhaideach ann an Alba. Gabhaidh luchd-bhòtaidh ri foghlam, ach tha foghlam air a cheannach a’ togail amharas.

Chaidh treas de bhuill-phàrlamaid a chaidh a thaghadh do Westminster ann an dà mhìle is a còig gu sgoil phrìobhaideach, agus tha riochdachadh don chlas-obrach a’ crìonadh à bith. Tha e na bheannachd gur e diofar mòr eadar Westminster agus Dùn Èideann gur e comas is foghlam, chan e airgead agus clas, as cudromaiche do dh’adhartas, ge b’ e am beachd poileataigeach a th’ aig a’ bhall-pàrlamaid. ‘S ann gu domhainn a tha traidisean is eachdraidh Màthar nam Pàrlamaidean fighte don chlò aice, agus cha tèid a’ chuid a bu mhiosa dheth a phiocadh às le balach òg às a’ Ghorbals mur a bheil muinntir Shasainn fhèin a’ faicinn na tha ceàrr air an t-siostam aca. ‘S e an t-iongnadh mu sgeul Ralph Ghlasser gun do thachair e idir. ‘S e an t-adhartas nach fheum e tachairt a-rithist – ann an Alba co-dhiù.

Likes(0)Dislikes(0)