Lèirmheas na Ràithe: Cuimhneachan, Calanais: Full Circle

DUNCAN MACKINNON (3)

Donnchadh MacFhionghain, bhon t-sreath Cuimhneachan, BBC Alba

Anns a’ chiad lèirmheas ràitheil air earrann na Gàidhlig air Bella Caledonia, tha Ruairidh MacÌomhair a’ toirt sùil air dà shreath thelebhisean ùr.

Chan ann an-còmhnaidh a tha leabhraichean ag obair ro mhath air an sgrìn, co-dhiù nuair a thig e gu filmichean. Smaoinich air The Great Gatsby, a dh’fheuch Baz Luhrmann a dhèanamh na fhilm ann an dà mhìle is ceithir deug, no an oidhirp gus an Iliad aig Homer ath-chruthachadh dhan sgrìn ann an Troy an dà mhìle is ceithir. Òbh òbh (dà uair). Ach uaireannan tha an leabhar agus an sgrìn ag obair còmhla ann an com-pàirteachadh dòigheil, agus ’s ann mar sin a tha an sreath telebhisean ùr stèidhichte air leabhar bàrdachd a’ Chiad Chogaidh, Cuimhneachan. ’S e sàr leabhar a th’ ann an Cuimhneachan, air fhìor dheagh riochdachadh is a’ taisbeanadh a’ phailteis òrain agus bàrdachd Ghàidhlig a chaidh a dhèanamh mun Chogadh Mhòr. Agus tha na h-òrain agus a’ bhàrdachd sin a’ tighinn beò anns an t-sreath ùr tharraingeach seo.

Bha saoghal na Gàidhlig fhathast mòr agus farsaing nuair a bhris a’ Chiad Chogadh, agus tha na bàird a tha a’ nochdadh san t-sreath seo às gach ceàrnaidh, eadar Ìle agus Asainte; Leòdhas agus Canada. Tha am prògram ann an ceithir pàirtean (‘Toiseach a’ Chogaidh’, ‘Aig an Taigh’, ‘Call’, agus ‘Dìleab a’ Chogaidh’) agus thathar a’ faighinn sealladh annta air mar a dh’ atharraich seallaidhean agus beachdan nam bàrd fhad ’s a bha an cogadh a’ leantainn. Thèid seo fhaicinn fiù ’s taobh a-staigh aon òran: tha ‘Òran le Saighdear a bh’ as an Fhraing’ (air a dheagh sheinn an seo le Art MacCarmaig) le Seumas MacCoinnich à Asainte a’ tòiseachadh le sealladh taitneach, dòchasach is na caileagan ‘a’ toirt a làmh’ dha na saighdearan is iad a’ falbh, ach an uairsin ag innse mun fhìrinn uamhasach a bha a’ feitheamh air na saighdearan seo san Fhraing.

Tha am prògram a’ tarraing air measgachadh de chom-pàirtichean à diofar sgìrean cho math ri eòlaichean, agus tha sin ag obair glè mhath: fàsaidh duine sgìth le eòlaichean fad na h-ùine ann am prògram eachdraidh, ged a tha e math bloigh dhiubh a bhith ann an siud ‘s an seo (agus tha e an còmhnaidh math aodainn ùra fhaicinn, mar a th’ aca an seo leis an eachdraiche Leòdhasach Niall Bartlett). Agus chan eil na b’ fheàrr na bhith cluinntinn bho dhaoine a bha eòlach air na bàird fhèin, leithid Dhonnchaidh MhicFhionghain (san dealbh) ag innse dhuinn mu athair Eachann, à Beàrnaraigh na Hearadh, a sgrìobh grunnan òrain chumhachdach mun chogadh. Fhad ’s a tha Donnchadh a’ bruidhinn air mar a chaidh athair a shàbhaladh nuair a chailleadh am bàta air an robh e sna Dardanelles, tha tuigse againn air cho faisg ’s a tha na tachartasan seo ruinn ann an eachdraidh.

Tha e cuideachd math nach eilear a’ caitheamh cus ùine air aon bhàrd no aon dàn, oir tha am fiosrachadh làn anns an leabhar do dhuine sam bith a tha ga iarraidh. Is dòcha gu bheilear a’ feuchainn ri beagan cus dhiubh a chur mar choinneimh tron t-sreath air fad ge-tà, fiù ‘s ged a tha a h-uile gin a’ cur ris an sgeul. Leis na th’ ann de bhàrdachd, ‘s mathaid gum biodh còig no sia prògraman air a bhith na bu iomchaidhe na ceithir.

Tha tionndaidhean nan òran cho measgaichte is a tha seallaidhean nam bàrd, agus chan eil iomagain sam bith air na seinneadairean agus luchd-ciùil nòsan ùra, eadar-dhealaichte a chleachdadh airson nan seann òran seo. Fiù ’s ged a thèid fhoillseachadh ann an leabhar cho cuideamach ri Cuimhneachan, ’s e rud beò a th’ ann an òran agus tha an fheadhainn anns a’ phrògram seo gam beòthachadh as ùr. Is fhiach an dàrna phrògram fhaicinn airson tionndadh Mhurchaidh Dhòmhnallaich de ‘Leòdhas ann an Àm a’ Chogaidh’ a-mhàin, agus tha ‘Cion an Tombaca’ le Raibeart MacDhonnchaidh cumhachdach cuideachd (agus a’ sealltainn gun robh rùm gu leòr fhathast ann airson fealla-dhà is dibhearsan tro bhliadhnachan a’ chogaidh).

Tha an sreath gasta seo an dà chuid a’ tarraing air agus a’ cur ri beartas an leabhair, agus bidh sinn an dòchas gum bi cuid dheth ri fhaighinn air-loidhne ann an riochd air choireigin fhathast.

“Tha e mar shaoghal eile anns an aon bhaile” tha Griogar MacLeòid ag innse dhuinn anns a’ chiad phrògram de Chalanais: Full Circle (càil ceàrr air cearcall?). Bha e a’ bruidhinn mu dheidhinn ionad Chalanais, àite air a bhios a’ mhòr-chuid de dhaoine a th’ air a bhith an Leòdhas thairis air an fhichead bhliadhna mu dheireadh eòlach. Thaisbean an sreath seo bliadhna ann am beatha an ionaid, a’ toirt uinneag dhuinn air a’ cheàrnaidh thrang seo de dh’Innse Ghall. Agus bha e gu math taitneach ùine a chur seachad ann an cuideachd luchd-obrach an ionaid, cho math ri cuid a dhaoine eile ceangailte ris an àite. Tha prògraman mar seo gu mòr an eisimeil nan com-pàirtichean a tha a’ nochdadh annta, agus ’s ann a thug Angus Alec, Griogar, Magaidh agus eile an spionnadh fhèin ri cùisean. Bha uair no dhà a bha thu a’ faireachdainn gun robh na riochdairean a’ strì airson sgeulachd a lorg, ach bidh dùil ri sin ann am prògram den t-seòrsa.

Aon dhe na rudan a bu mhotha a thàinig am follais a’ coimhead an t-sreath seo, ’s e mar a tha Gàidhlig fhathast aig cridhe na coimhearsnachd-sa. Gu dearbh, a dh’aindeoin an tiotail caran annasach, tha am prògram seo a’ toirt sealladh dhuinn air coimhearsnachd Ghàidhlig anns a’ dha-rìribh. Ged a bhios na h-eileanan an Iar anns an fharsaingeachd, agus Leòdhas gu h-àraid, uaireannan a’ faighinn càineadh airson mar a tha a’ Ghàidhlig air crìonadh ann, ‘s fheàirrde dhuinn cuimhneachadh gu bheil i fhathast ann an sin.

Tha e math seo fhaicinn air BBC Alba, a tha air càineadh fhaighinn bho chionn ghoirid nach eil i a’ riochdachadh na coimhearsnachd Gàidhealaich mar bu chòir. Tha na prògraman seo a’ sealltainn a-rithist gu bheil an t-seanail as làidire nuair a tha i mothachail air cò dha a tha i anns a’ chiad àite.

Comments (8)

Leave a Reply to Fionnghal Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Steven Johnson says:

    On the equality front.
    Why isn’t this translated into English???
    How many people can actually read this??
    Even within the spoken language of Gaelic community?

    1. Ruairidh Maciver says:

      If you’re on google chrome, equality is but two clicks away: right-click on the body of the text, then ‘translate to English’. Otherwise, you can copy and paste to google translate.
      But the Gaelic section on Bella Caledonia is in Gaelic.

    2. Ken Guthrie says:

      I don’t think I’ll ever understand why monoglots feel the right or need to have access to everything.

      1. Fearghas MacFhionnlaigh says:

        “Làn-chòir impireil” (“Imperial entitlement”).

  2. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Mòran taing airson na h-aiste inntinneach a tha seo, a Ruairidh.

    Feumaidh mi aideachadh gu bheil ceist ag èirigh nam inntinn fhèin a thaobh càit a bheil luchd-leughaidh agus luchd-sgrìobhaidh na Gàidhlig. A bheil iad dìreach caran diùid? No a bheil iad mar choimhearsnachd cho fada air taobh an Aonaidh gus nach bi iad a’ leughadh a leithid dhe làrach-lìn ri Bella Caledonia? A thaobh sgrìobhaidh dheth, tha fhios gu bheil earbsa a dhìth air a’ mhòrchuid againn. Ach cuiridh mi air chuimhne do dhaoine gu bheil goireasan air loidhne a nì cuideachadh dhaibh, mar eisimpleir –

    PDFan –
    Faclair Rianachd Phoblaich/ Dictionary of Publc Administration – Pàrlamaid na h-Alba 2014 (pdf 714 taobh-duilleagan):
    http://www.gaidhlig.org.uk/bord/wp-content/uploads/sites/2/Faclair-Rianachd-Phoblaich-2014.pdf

    Faclair airson Riaghaltas Ionadail/ Dictionary for Local Government (pdf no e-leabhar, 261 taobh-duilleagan):
    http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/dictionary.asp

    Am Faclair Beag/ Dwelly
    http://faclair.com

    An Seotal – Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig
    http://www.anseotal.org.uk

    Faclair na Sgoile:
    http://www.igaidhlig.net/gd/faclair-na-sgoile/

    Agus dà fhaclair Gaeilge air loidhne a tha airidh air sùil a thoirt orra cuideachd –

    New English-Irish Dictionary:
    http://www.focloir.ie

    Bunachar Náisiúnta Téarmaíochta don Ghaeilge:
    http://www.tearma.ie/Home.aspx

    1. Ruairidh Maciver says:

      Mòran taing Fhearghais. Tha fhios gu bheil mòran ann nach eil a’ faireachdainn cofhurtail a’ sgriobhadh, agus tha na goireasan a tha thu air ainmeachadh cho feumail ‘s a ghabhas do dhuine sam bith anns an t-suidheachadh sin. ‘S e tìde a dh’ innseas am faic sinn barrachd deasbad fon loidhne an seo, ach bidh an cothrom ann co-dhiù!

    2. Fionnghal says:

      O, tha sinn ann, Fheargais. Na gabh dragh, ach, cuid againn, chan eil sinn a’ faireachdain misneachdail gu leor ‘son sgriobhadh a-steach agus sibhse uile cho math air a’ Ghaidhlig.
      Tha an t-earrann Gaidhlig a’ cordadh rium gu mor. 🙂

  3. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Goireas-sgrìobhaidh luachmhor eile. Faclair le Roy Wentworth.
    Tòrr eisimpleirean de abairtean na lùib. Ann an cruth MS-Word (4.8MB):

    ‘Faclair bun-tomhasach Beurla-Gàidhlig’
    http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/wentworth/faclair/bun-tomhasach/

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.