Lèirmheas: Shrapnel

‘S toil le Theatre gu Leòr dùbhlan, a-rèir choltais. Ciamar a bheir thu nobhail a tha an àiteigin eadar Raymond Chandler, Ulysses agus Cré na Cille chun an àrd-ùrlair? Nuair a thuirt Catrìona Lexy Chaimbeul ri h-athair Tormod, ùghdar na nobhail, gu robh i am beachd feuchainn cha robh e a’ creidsinn gun gabhadh e dèanamh. San nobhail tha aithris na sgeòil cho riaslach ’s a tha saoghal nan caractaran, mar sgàthan air a’ bheatha bhuaireanta, mhì-shealbhach a tha mar chrannchur dhaibh ann an cùiltean na mì-rian an Dùn Èideann. Is ma lorg i dòigh, cha b’ e sin deireadh nan dùbhlan.

Iain Beggs, Màiri Mhoireasdan, agus Calum MacDhòmhnaill air an àrd-ùrlar. Dealbh: Mihaela BodlovicTha mise a’ creidsinn o chionn fhada gu bheil an tradaisean briathrach ann dràma Bhreatainn is Èireann na chlach mu mhuineal dràma Gàidhlig, agus gum bu chòir dhuinn toirt an aire do thradaiseanan Eòrpach far am bi an t-sùil cho cudromach ris a’ chluais, agus far nach fheum a’ bhrìgh a bhith uile gu lèir an eisimeil air lìbhrigeadh fhaclan ma tha dràma Ghàidhlig a’ dol a ruighinn leth-fhileantaich, luchd-ionnsachaidh, agus fiù iadsan a tha gun fhacal idir dhith. Ach tha Theatre gu Leòr nas dàna na mise – rinn iad sin le teacsa a tha air a bhreacadh le abairtean is ainmean a tha air an tarraing à litreachas Gàidhlig is clasaigeach, òrain Bheurla, agus àrach Niseach a’ riagail gun abhsadh tron chòmhradh. ’S e theatre ioma-mheadhanach a tha an seo – le dealbhan, ceòl, stoidhle fhiosaigeach agus cuideachd le tiotail Bheurla air cùl na stèidse dhaibhsan a chuireas feum orra (chan ann air aghaidh a h-uile rud, mar a chithear air telebhisean). An dèidh sin, ’s e actadh cnag na cùise.

Theab Iain MacRàth mo chur à cochall mo chridhe mar mhac an uilc, Detective Sgt. Walter ‘Shrapnel,’ Watson, a’ tathaich an stèidse mar fhaileas à duilleagan Chandler. Ach ’s e iomairt sgioba a tha seo, far am feum na cleasaichean uile obrachadh mar ensemble, gun diog a chall ann an dràma luath le seallaidhean, aodach is caractaran ag atharrachadh gu grad is gu tric. Tha sin aca, gun mheang. Tha an t-actair òg Iain Beggs a’ giùlan uallach a’ charactair a tha aig teis-meadhain na dràma le loinn is misneachd, ach gun bannan an ensemble a bhristeadh. ’S e a tha a’ cluich MacLeadharain (mas e sin an t-ainm a tha air – chan eil e fhèin ag innse), fear a tha fo choill is e fo chasaid sgian a chur san DS oillteil. Tha Beggs agus actair ùr eile, Calum MacDhòmhnaill, cho èasgaidh ri gin de na ‘seann eòlaich’, Artair Donald, MacRàth, is Catrìona Lexy Chaimbeul fhèin, ach ’s e Màiri Mhoireasdan as comhfhurtaile leis na bloighean de chainnt chràbhaidh Leòdhais, is i a’ cur suas ùrnaigh an aghaidh sgainneil. Agus tha mòmaid phrìseil ann le clàradh goirid de ghuth Thormoid fhèin, nach maireann.

Fo stiùireadh Muireann Kelly tha an taisbeanadh seo iarratach air na h-actairean, agus air an sgioba theicnigeach (ban-Eadailteach a tha ag ionnsachadh Gàidhlig nam measg), ach ’s e a bhuil gum faigh an luchd-amhairc oidhche nach dìochuimhnich iad, ge bith dè an cànan a tha aca. Bha an criotaig Joyce NicGilleMhaolain na suidhe rim thaobh ann an Glaschu, agus cha bheag an tlachd a ghabh i às an fheasgar. Ach chan eil sin idir a’ ciallachadh lùghdachadh susbaint do na Gàidheil fhèin. Mar a thuirt tè rium, tè a fhuair an suidheachan mu dheireadh, ’s an taigh làn, “Wow. Feumaidh mi a-nise an leabhar a leughadh!”.

Tha aon rud nach fhaic an luchd-amhairc air a’ chòrr dhen chuairt, gu mì-fhortanach. Fhuair a’ chompanaidh maoineachadh airson aon oidhche a thathann le soidhnigeadh ann an cànan nam bodhar. Air a’ bheagan airgead a bh’ ann rinn an tè soidhnigidh ullachadh cho dìcheallach ri duine eile san sgioba, agus air an aon oidhche sin cha b’ ann air leth-taobh a bha i, ach air an stèidse fhèin ag actadh ann am meadhan an ensemble. Bu mhòr am beud nach eil am maoineachadh ann a bheireadh an aon bhuannachd do luchd-amhairc ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh, An t-Eilean Sgitheanach is gach àite eile.

Shrapnel. Peileir on àrd-ùrlar – leig leis amas ort fhèin.

Tags:

Comments (4)

Leave a Reply to Stuart Vallis Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. Stuart Vallis says:

    Chunnaic sinn anns a’ Phloc an-raoir – math dha rireabh. Bha Talla a’ Phluic loma-làn. s s’urrainn mise neach-ionnsachaidh mòr-chuid a’ Ghàidhlig leanntain ‘s lorg mo charaid (gun Ghàidhlig) furasta tuigsinn an dealbh-cluich le cuideacheadh fo-thiotal. Chòrd mise cuideachd an cleachd measg bho Cànan Èorpach eadar-dhealaichte.

    1. Muireann Kelly says:

      Tapadh leibh gu mòr Stuart.
      -Muireann Kelly, Theatre Gu Leòr

  2. Ruairidh Maciver says:

    Abair gun do chòrd Shrapnel rium nuair a chunnaic mi an Dùn Èideann e bho chionn ceala-deug. Dealbh-chluich a tha beartach ann an iomadach dòigh: cànan, cleasachd, neart, òrain. Chan eil teagamh nach b’ e dùbhlan a bh’ ann an leabhar seo ath-riochdachadh dhan àrd-ùrlar, ach choinnich a h-uile duine a bha an sàs ris an dùbhlan sin le dealas airson dealbh-chluich a mhaireas fada sa chuimhne a chruthachadh.

    1. Muireann Kelly says:

      Mìle taing ‘son na faclan laghadh!

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.