Raon-Cluiche no Tìr Fhiadhaich: Marbhadh nam Maigheach a’ Togail Cheistean

O chionn ceithir bliadhna, bha bodach às a’ bhaile agam fhèin a’ bruidhinn ri iasgair roistiche thaobh canal shuas sa Chrios Mheadhanach. Bha an t-iasgair a bha seo, arsa e ris a’ bhodach, a’ dol a mharbhadh gach gead anns an uisge gus stad a chur orra o chreach a dhèanamh air na roistich. Le gàire shàmhach an eòlais, thug am bodach dha a’ chomhairle nach tig às an leithid ach sgrios air an iasgach air fad ach, is e rud beag toinnte na dhòighean, cha tuirt e a bharrachd.

Co-dhiù, là soilleir an ath shamhradh thadhal am bodach air an aon sgìre, agus na sheasamh air drochaid le speuclairean polaroid air, choimhead e shìos air na ceudan de gheadag a’ siorradh air feadh a’ chanail an tòir air na roistich bhochda. Is an t-iasgair air cur às don na geadan mòra a bhios ag ithe an fheadhainn òig, cha robh dad ann gus smachd a chumail orra: chaidh an àireamh dhiubh am meud gun bhacadh ‘s rinn iad cuirm de na roistich. Cha tig tomhas air èiceo-shiostam a’ chanail gus am fàs aon ghead nas motha na càch a-rithist.

Riatanas fearainn àiteachais chun an aon taobh, ‘s iomadh uair a chuir mac an duine làmh air an àrainneachd gus a cruthachadh a-rèir a thoil fhèin, agus ged a tha cuid de na h-atharraichean a rinneadh gam faicinn an là an-diugh mar bhuannachd, an leithid teachd a’ choineanaich, no neo-chiontach, mar a’ bhioran-deamhnaidh san allt, ‘s ann gu minig nach tàinig asta ach sgrios – bailm-Innseanach air bruaichean aibhne no sgaoil a’ mhionc. ‘S ann o mharbhadh bheathaichean tùsach, chan e teachd an fheadhainn ùir, ge-tà, a thàinig na h-atharrachaidhean as motha, agus tha gainnead sealgairean – gead no madadh-allaidh – air beàrn mhòr a leigeil san èiceo-shiostam nach lìon mac an duine idir.

Tha am pailteas fianais a-nis a’ sealltainn cho cudromach ‘s a tha na beathaichean seo chan ann do thomhas an èiceo-shiostaim a-mhàin, ach do chruth na tìre is nan aibhnichean, ach tha a’ cheist mhoralta ann cuideachd: chan urrainn muinntir an t-Saoghail Leasaichte impidh a dhèanamh air an dùthaich bhochd a cuid choilltean a ghlèidheadh gun a bhith a’ tilleadh fiù beagan den an àrainneachd aige fhèin gu staid nàdarra. Tha e coltach, ge-tà, nach eil cuid ann an Alba deònach aideachadh gur e làmh nàdair a b’ fheàrr air a chùrsa fhèin a stiùireadh, agus b’ e an fhreagairt aig oighreachdan gu marbhadh nam maighichean-bàna air a’ Mhonadh Ruadh o chionn cola-deug dealbh-chluich le sgriobt sgìth. Bha feum aca a’ mhaigheach-bhàn a mharbhadh oir, tha iad ag ràdh, tha iad a’ sgaoileadh a’ ghalair louping ill am measg a’ choilich-fhraoich agus a’ dèanamh sgrios air an fhiùrain. Fìor is gun fhaod seo a bhith – ged nach ann gun dùbhlan a tha am beachd – fhad ’s a tha oighreachdan a’ cur às don t-sionnach agus easan a bhios a’ cumail smachd air a’ mhaigheach-bhàn fhèin, tha e nas coltaiche gur ann airson na prothaid, chan ann tomhas air an èiceo-shiostam, a thachair e.

Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh (Còir-lethbhreac aig a' Chrùin)

Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (Còir-lethbhreac a’ Chrùin)

Ach chan eil e na iongnadh gu bheil uachdaran a’ faireachdainn rud beag iomaganach mun chàineadh a fhuair iad. Nach iad seo na h-amannan duilich dhaibh, is ath-leasachadh fearainn de sheòrsa air fàire agus – hoots! – coltas gu bheil ìseal air choireigin air innse gum feum iad cìsean a phàigheadh air prothaid a’ ghunna. Ach tha iad cuideachd a’ strì an aghaidh dhaoine a tha airson casg a chur air a’ ghunna uile gu lèir, agus mar sin daonnachd fhèin a thoirt a-mach à èiceo-shiostam anns a bheil iad air a bhith nam pàirt fad nam mìltean bliadhna, beachd a tha cho uaibhreach is a tha poileasaidh nan uachdaran air a’ mhaigheach-bhàn fhèin. Chan e a’ cheist am bu chòir daoine beathaichean a mharbhadh, no am bu chòir dhuinn làmh stiùiridh a chur air an àrainneachd, ach dè cho mòr ‘s a bu chòir a’ bhuaidh èic-eòlach aig daoine a bhith air àrainneachd nam pàircean nàiseanta.

Sna Stàitean Aonaichte, chruthachadh na pàircean mòra san linn ‘s a chaidh sa chiad dol a-mach gus bòidhchead agus buadhan a’ bhlàir a-muigh a bhrosnachadh don t-sluagh. B’ e daonnachd, ge-tà, an rìgh, agus cha robh fàilte air a’ mhadadh-allaidh a chuireadh à bith sna Stàitean air fad, no fiù, gu h-iongantach, air an iolair-mhaol, a chunnacadh mar smal air ìomhaigh an nàdair fhoirfichte anns an robh bèistean na fiacla gèire is a’ chròig fhathast nam bagairt. Ach tha an cearcall air tionndadh: ‘s ann a tha a’ mhòr-chuid a-nis a’ tuigsinn gu bheil sealgairean an dà chuid riatanach airson slàinte an èiceo-shiostaim agus luachmhor mar phàirt de dhualchas nam pàircean. Agus cha bheag am buadh a th’ air a bhith aca: mar a sheall National Geographic ann an 2010, on a dh’ath-thilleadh am madadh-allaidh gu Yellowstone agus garbhlaichean Idaho ann an 1995, tha barrachd chraobhan, barrachd eòin, barrachd mathain, agus tha fiù barrachd èisg mhòra anns na h-aibhnichean. Tha bith-iomadachd, tha e soilleir, a’ crochadh air sealgairean aig mullach na slabhraidhe bìdh cho math ‘s a tha e air a’ chraobh agus an damh.

Madaidhean-allaidh ann an Yellowstone, 2007

Madaidhean-allaidh ann an Yellowstone, 2007

Ann an Alba, ge-tà, tha ìre mhòr de mhì-chinnt ann mu dheidhinn dè a th’ anns na pàircean, agus feumaidh soillearachadh a thighinn o Dhualchas Nàdair na h-Alba agus o ùghdarrasan nam pàircean fhèin, a tha gu ruige seo air a bhith lag ann an dùbhlan a thoirt do dh’oighreachdan. An-dràsta fhèin tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhònaidh Ruaidh ann an roinn còig a-rèir seòrsachadh an Aonaidh Eadar-Nàiseanta airson Glèidhteachas Nàdair, inbhe a tha a’ ceadachadh gu ìre mhòr buadh mhic an duine. ‘S e as cudromaiche do dh’oighreachdan, ge-tà, gu bheil e cuideachd a’ ceadachadh manaidsearachd eachdraidheil san sgìre cho fad ‘s a dh’fhaodadh e bith-iomadachd a bhrosnachadh. Agus sin agad e – leisgeul gus a’ mhaigheach-bhàn agus a chuid louping ill a mharbhadh nan ceudan.

Tha ulfhartaich a’ mhadaidh-allaidh air taobh Chàrn an t-Sabhail, ma-thà, fada air falbh. Ach is cinnteach nach robh fèill mhòr aig Loch Lomond Shores is monaidhean lom a’ chlò Hearaich air inntinn Iain Mhuir nuair a chunnaic e Pàirc Nàiseanta Yellowstone na mhac-meanmna, agus feumar roghainn a dhèanamh: pàircean nàiseanta airson cur-seachad a-mhàin, no fìor oidhirp ceàrn beag den tìr a ghlèidheadh do nàdar. Tha an fhreagairt, ‘s dòcha, ri lorg ann an roghainn eile: a bheil Albannaich airson a bhith nam pàirt den èiceo-shiostam mun timcheall mar a tha iad air a bhith on a chuireadh greim air a’ chiad shleagh, no a’ toirt cead do dh’uachdaran ga chruachadh mar a bu toil leotha, is beathaichean a mharbhadh no a bhrosnachadh a-rèir prothaid?

Comments (4)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Neil McRae says:

    Deagh alt. Chanainn-sa gur h-e galar salach grànta th’ann an louping ill – a bhuaileas crodh is caoraich, agus daoine – ach cur às dhan a’ gheàrr-monaidh air a shon, cha robh ann ach an t-amaideas.

    ‘S e “a’ chrith” a bh’aca air louping ill san Eilean Sgitheanach bho shean, tha e ann bho shean.

    1. Fionnghal says:

      De an diofar a th’ ann eadar A’ Chrith agus ‘Scrapies’, Neil? Bha amharas agam gur e an stuth ‘dipping’ a thug Scrapies air na beathaichean ach, leis an fhirinn innse, cha robh mi riamh cinnteach.
      Chuireadh as dha na gearran-monaidh uile mun cuairt oirnn, o chionn bliadhna no dha, a chionn ‘s gun ro muinntir na h-oighreachd dhen bheachd gur iad a bu choireach gun robh an t-uiread de ghartain ann agus gun robh sin a’ bualadh air na cearcan-fraoich priseil aca. Dhomh fhin dheth, ‘s e na cearcan-fraoich as coireach! Ach, co air a thilgeadh an t-uachdaran mura b’e na cearcan-fraoich?

      1. Neil McRae says:

        A’ chrith = louping ill, galar (virus as coireach dha) a bheir paralysis do bheathach agus daoine. Tha a’ virus air a sgapadh leis a’ ghartan.
        Scrapie = galar chaorach, cause: “prion” (protein molecule annasach) a bheir paralysis AGUS tinneas-eanchainn dhan chaora bhochd. Chan eil an gartan ga sgapadh, chan eil sinn buileach cinnteach ciamar a THA e air a sgapadh, ged a tha laimh aig genetics a’ bheathaich ‘sa chuis.

        1. Fionnghal says:

          Taing mhor, Neil. hm! Saoil a bheil na cearcan-fraoich a’ fulang leis a’ Chrith. Tha mi ag ionndrainn nan gearr-monaidh. Bhithinn gam faicinn on bhus gu Inbhir Nis bho am gu am. Bha iad snog, is eibhinn agus cha robh iad araidh air na thachair dhaibh. Tha mi fhathast an dochas gun deach feadhainn as leis am beatha agus pobull ur a’ dol am meud aiteachan air choireigin sa Mhonadh Ruadh. Chuireadh as dha na gobhair fhiadhaich againn cuideachd. Bha iad miorbhaileach. Aig amannan bhiodh am bian a ruigsinn an talamh cha mhor.

          oidhche mhath

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.