#SP16 Results: Beachdan le Ruairidh MacÌomhair agus Daibhidh Rothach

Screen Shot 2016-05-03 at 3.33.34 PMChan eil a’ chòmhstri mun dàrna bhòt eadar dà phàrtaidh a tha còmhla a’ dèanamh mòr-chuid airson neo-eisimeileachd ach a’ sealltainn gu bheil mu leth chuid de luchd-bhòtaidh fhathast am beachd gum bu chòir an t-Aonadh a bhriseadh. Do chuid, ’s e sgaradh a tha seo. ‘S fheàirrde saothair co-roinnte agus co-obrachadh.

Mar a dh’aidich na Nàiseantaich fad na reifrinn, ge-tà, tha feum, ‘s dòcha aig ìre saidhg-eòlach, air riochdachadh de bheachdan am broinn beachd. Ged a tha neo-eisimeileachd do thòrr dhaoine na adhbhar fhèin, thuig Yes Alba gun robh feum ann airson boireannaich, Gàidheil, Làbaraich agus mar sin air adhart a bhith air an riochdachadh nan robh an iomairt gu bhith tarraingeach do na h-uile.

Cha do dhearbh gearradh mòr-chuid nan Nàiseantach ach gu bheil an iomadachd sin fhathast beò. ’S e cnag na cùise gur e brìgh dheamocrasaidh, aig a’ char as simplidhe, an roghainn fhèin air cò a b’ fheàrr a bhios a’ riochdachadh bheachdan, agus do chuid, bidh na beachdan sin air an riochdachadh na b’ fheàrr leis an leithid Iain Finnie. Do na Nàiseantaich a tha a’ miannachadh neo-eisimeileachd nas motha na rud sam bith eile, chan eil sin na adhbhar dragh idir.

Daibhidh Rothach

As dèidh naoi bliadhna ann an cumhachd, tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air barrachd roinntean-phàrlamaid a bhuannachadh na na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Libearalaich Deamocratach còmhla. A-rèir tomhas sam bith, ’s e buil iongantach a th’ ann an sin.

Mar bhall sa Phartaidh Nàiseanta, eil dragh sam bith orm a thaobh a bhith ag obair nas dlùithe leis na h-Uainich anns an ath phàrlamaid? Chan eil idir: chan e rud dona a th’ ann a bhith feumach air dòigh-obrach ùr a lorg, agus bidh Andy Wightman gu h-àraid na ghuth làidir, adhartach, ùr anns an ath phàrlamaid.

Fhuair na Làbaraich buille bàis eile an-raoir; cumaidh iad orra ann an cruth air choireigin, ach mar phartaidh nach eil a-mhàin air slighe ach air anam agus adhbhar a chall. ’S iad na Tòraidhean a-nis prìomh phàrtaidh An Aonaidh ann an Alba, agus tha sin a’ fàgail na roghainn a tha mu choinneamh Alba airson an ama ri teachd cho soilleir ’s a ghabhas e a bhith.

Ruairidh MacÌomhair

Comments (1)

Leave a Reply to carthannas Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. carthannas says:

    Is miann lean gun robh mi cho sàsaichte leis an taghadh agus a tha sibh fhèin is Dabhaidh. Ged a tha mi a’ tuigsinn na tha sibh ag ràdh, ‘s e àite na Toraidhean sa phàrlamaid adhbar airson caoineadh is aithreachas mòr gun luaidh air call mòr-chùid SNP.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.