Lèirmheas na Ràithe: Turas a’ Bhradain

Nam biodh co-dhiù aon cheudamh de phrògraman iasgach math air an teilidh na th’ ann de dh’iasgairean gearanach air bruaichean aibhne na h-Alba, ‘s mathaid gun tig gàire air an aodann gruamach o àm gu àm. ‘S e an fhìrinn ge-tà gu bheil a’ mhòr-chuid dhiubh uabhasach, air am milleadh le amaideas phreasantair leithid Robson Green, no air an clàradh tro bhuntàta is air an sgaoileadh air YouTube gun deasachadh ceart agus gun innleachd ann an sgrìobhadh.

Ach gus cothrom na Fèinne a thoirt do riochdairean is stiùirichean, tha e duilich cur-seachad a tha cuid a’ faicinn mar spòrs nan uachdaran no a tha cho dòrainneach ’s gun cuireadh e cadal air Argus fhèin a dhèanamh tarraingeach don mhòr-chuid de luchd-amhairc.

‘S e Turas a’ Bhradain, prògram iasgach air BBC Alba a tha gar toirt timcheall air aibhnichean na dùthcha, ma-thà, a th’ air a bhith na iongnadh. Is cuid den na seallaidhean ann an Cataibh, Ros an Ear agus Dùthaich Mhic Aoidh – far an suidheachadh an sreath a b’ ùire a chaidh a sgaoileadh sa gheamhradh – cho bòidheach ‘s gum biodh e duilich a dhol ceàrr.

Ged nach eil i cho ainmeil, tha am preasantair, Neen NicAoidh, ann am buidheann cliùiteach còmhla ri Rex Hunt (Fishing Adventure), Paul Young (Hooked on Scotland), agus John Wilson (Go Fishing) nach deach an dubh-chàineadh air a’ bhruach no san duilleag litir Trout and Salmon. ’S e a tha cudromach nach eil i ga dealbhadh mar eòlaiche air an spòrs, facal ann am briathrachas iasgach a tha ag eadar-theangachadh eadar mòr-chùis agus glaoic.

Mar a tha leabhar-riaghailt iasgach a’ dol: Ma tha thu comasach, cha chòrd thu ri iasgairean eile. Mur a bheil thu comasach, bithibh bragail, ged nach còrd sin ri iasgairean eile nas motha. Gu taingeil, chan eil Neen a’ toirt aire dha, a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim ann an dòigh a tha taitneach agus a’ sealltainn gu bheil fìor ghràdh aice air a’ bhradan agus air na h-aibhnichean. Is am prògram a’ cur bhuadhan Neen ri rudan simplidh – aoighean freagarrach agus sgriobt is ceòl nach robh a-riamh a’ feuchainn ris an spòrs a dhèanamh rock n’ roll, bha Turas a’ Bhradain cho math ‘s a ghabhas a thaobh iasgach fhèin.

Ach a dh’aindeoin seo, bha laigsean ann. Is an sreath ùr a’ gabhail ceum a-mach bho iasgach fhèin gu àrainneachd agus poileataigs an spòrs, chaidh e air chall. B’ e gann an fhianais a thugadh don luchd-amhairc air ceist an tuathanais bhradain, fianais a tha pailt agus a tha a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid de dh’ aibhnichean air taobh an iar cha mhòr marbh. ‘S e an fhìrinn gu bheil mialan-mara agus am puinnsean ceimigeach, a tha companaidhean leithid Marine Harvest a’ cleachdadh ann am meud a tha a’ sìor fhàs nas motha, a’ cur sgrios air àireamhan èisg – rud a tha riaghaltasan ann an Aimeireaga a Tuath air aithneachadh fhad ‘s a tha Dùn Èidinn a’ brosnachadh a‘ ghnìomhachais thall thairis gun bhoinneig nàire.

Gu h-anabarrach, ged a bha tìde ga toirt gu riochdairean gnìomhachais a’ bhradain gus an obair aca dhìon, cha robh sgeul air bith-eòlaiche uisge no riochdaire o aon de na h-urrasan aibhne air feadh na dùthcha. Bha seo, aig a’ char as fheàrr, rud beag dearmadach.

Agus chunnacadh an t-aon sgeul leis na damaichean-hydro. Ged a bha cothrom aig ceannardan Scottish Hydro bruidhinn air mar a tha iad a’ cuideachadh le tilleadh bhradain gu aibhnichean a chaidh a mharbh nuair a thogadh na damaichean, cha robh beachd on làmh eile a bhiodh air innse gu bheil damaichean a’ briseadh siostaman-eco agus a’ bualadh air èisg a leasaich thàr nam mìle bliadhna .

Seach seo, pheant Turas a’ Bhradain dealbh sa bheil aibhnichean marbh gan tilleadh gu slàinte tro charthannas gnìomhachais mhòir a bha uaireigin sgriosail, saoghal sa bheil làmh dhaonnachd comasach air àite fiadhaich, snasail, èabhlaid a ghabhail mar dhia fiùghanta air choireigin. ‘S e nach deach innse nach eil na h-oidhirpean gus aibhnichean ath-bheothachadh ag obair, agus mar as motha de ghillean-ruadh a bhios sinn a’ cur annta, ’s ann a bu lugha – air sgàth adhbharan ceangailte ri iomadachd-ginntinneach – a tha an àireamh èisg a bhios a’ tilleadh on mhuir san ùine fada. Agus tha rannsachadh ùr on Fhionnlainn a’ sealltainn nach ruig ach treas de bhradain òga muir ma tha sgeama hydro air an abhainn ged a tha fàradh bhradain ann.

Mar a tha rudeigin domhainn san fho-chogais aige ag iomain a’ bhradain fhèin o linne gu linne sa chiaradh, ’s ann a bha an teachdaireachd a bu mhotha sa phrògram air innse gun fhiosta. Is na sgrìobhadairean mu dheireadh thall a’ fighe sgeul a’ bhradain ann an litreachas na h-Alba a-steach don sgriobt, chaidh innse dhuinn mu Kenn òg agus am bradan mòr a fhuair e san leabhar Highland River aig Niall Gunn.

Bha seo, ma-tha, na chothrom aig BBC Alba bruidhinn air cò dha a tha iasgach ann an Alba. Cha do ghabh iad e. Cha b’ ann air maghar beag, air a sgaoil gu h-ealanta thar linne, a ghlac Kenn am bradan, ach ann an lìon am meadhan na h-oidhche, na phoidsear bheag shuarach san tìr aige fhèin. Fhathast an là an-diugh chan ann tric a chluinnear a’ Ghàidhlig, no fiù feadaireachd nan cìobairean Gallda a thàinig na h-àite, o bheul iasgairean air na h-aibhnichean seo.

Rugadh mo shinn-seachad-sinn-seanair, Tòmas Rothach, ann an Abhach ann an 1813. B’ e a mhac, Eòghann, am fear mu dheireadh san teaghlach a ruig air Ghàidhealtachd – Inbhir Nis – ann an 1840. Ged a chaidh am prògram do dh’aibhnichean Alanais agus Nis, cha robh sgeul air an adhbhar airson a dh’fhàg iad – sannt an Rothaich Mhòir, sruthlag den tuil a dhòirt air Ghàidhealtachd agus a bh’ air a h-iomain le reic iasgach bhradain (agus sealg an fhèidh) don fhear bheartach a bharrachd air mòinteach don chìobair Ghallda.

‘S e sgeul nan aibhnichean is am bradan tè nach deach innse: na mìltean mìle de dh’abhainn is a’ mhòr cuid aca cho daor ’s nach fhaigh muinntir an àite orra ach an-dràsta is a-rithist, is cuid dùinte uile gu lèir ach don t-sealbhadair airson seachdain san fhoghar.

Ma ‘s iad na sealbhadairean seo a tha airson ‘s nach tig an sgeul seo am follais, agus ma tha an siostam fhathast stèidhichte air a’ mhì-cheartas a sguaib na Gàidheil on a’ ghleann, ’s e an dleastanas aig Tbh is luchd-naidheachd sin innse. ‘S dòcha ge-tà gum b’ ann a dh’aona-ghnothach a bha Turas a’ Bhradain ga seachnadh.

Bha Turas a’ Bhradain a-rithist soirbheachail mar phrògram iasgach. Mar fhear a bha ag aithris air staid a’ bhradain agus iasgach, dh’ fhàillig e gu tur.

 

Join the Discussion

Your email address will not be published.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.