Ceist Mhòr an Fhearainn
Tha an ùidh seo anns an talamh, an àrainneachd agus cùisean fearainn air m’ aire a thoirt gu cuspairean mar “rewilding” – ath-fhiathachadh – cuideachd. Nise, tha mise a’ gabhail ri tòrr dhen na h-argamaidean a thaobh ath-fhiathachadh, gu h-àraid an damaist a tha aig tuilleadh ’s a’ chòir de fhèidh agus caoraich ag ionaltradh air an talamh. Tha cuideachd cùisean mar an strì an aghaidh Driven Grouse Shooting a’ tighinn a-steach ann – ‘s e eisimpleir a th’ ann dè dhòigh obrachaidh an aghaidh an talaimh airson àrainneachd mhì-nàdarra a dhèanamh airson brosnachadh chearc-fhraoich. Tha cuideachd na failisgeirean a tha iad a’ lasadh a’ dèanamh cron mòr air a’ mhòinteach agus na bogaichean a tha cudromach mar “carbon-sinks”; tha na bogaichean seo cudromach nuair a tha sinn a’ smaointinn air atharrachadh na gnàth-shìde. ‘S e rud a dh’fheumas stad a th’ ann nam bheachd: ‘s e fuigheall bho linn nam fuadaichean a th’ ann, agus tha e air damaist uabhasach a thoirt air an talamh fhèin, far am b’ àbhaist e bhith beò le daoine agus iomadach beathach agus craobh. Mar sin, ‘s e sin an t-adhbhar mòr a tha ùidh agamsa ann an ath-fhiathachadh, neo ceartachadh na h-àrainneachd, gum bi am fearann fallain.
Ach tha cunnart ann gum bi neo-fhiathachadh na dòigh airson uachdarain mhòra ùra seòrsa de fhuadachadh ùr adhbharachadh anns a’ Ghàidhealtachd – ged nach e sin tha dùil aca ris ‘s dòcha. Tha e cudromach gum bi na daoine a tha às an àite fhèin mar phàirt mòr dhen phròiseas; feumaidh tu barrachd air beagan de neach-glèidhteachais airson ath-fhiathachadh obrachadh. Tha còir aig ceartachadh na h-àrainneachd toirt a-staigh na daoine a tha beò anns na h-àiteachan a tha dùil ath-fhiathachadh a steidheachadh – ma dh’obraicheas e, tha e follaiseach gun e dòigh mhath a bhiodh ann airson airgead a thoirt a-staigh dhan àite le luchd-turais (fhad ‘s a tha sin air a dhèanamh ann an dòigh a tha freagarrach dhan àite agus a’ choimhearsnachd) agus airson obraichean ùra a stèidheachadh. Ach, tha daoine feumach air àite airson fuireach, agus bhithinn fhìn ag iarraidh àiteachan far an deach daoine fhuadachadh às a’ Ghàidhealtachd agus na h-eileanan tighinn beò le coimhearsnachdan ùra cuideachd. ‘S e an ceist: ciamar ‘s urrainn sin tachairt? Nach fheumadh barrachd oidhirp airson ath-leasachadh an fhearainn a bhith ann an toiseach?
Ma tha sibh air mo leantail air na meadhanan sòisealta bidh ‘s dòcha fios agaibh gu bheil ùidh mhòr agam ann an eachdraidh an fhearainn, gu h-àraid oir tha eachdraidh an teaghlaich agam fhèin a bhith a sàs ann an Land Raids – Baile Raghaill. Sgrìobh bràthair mo sinn-shinn sheanar ‘Òran nan Raiders’ (an stòiridh air fàd agus an t-òran rim faighinn an seo. Mar sin tha e uabhasach cudromach dhomhsa gum bi fearann airson croitearachd air a chumail airson nan daoine agus furasta ri fhaighinn, ach tha a-nis duilgheadas ann airson daoine òga a tha a’ gluasad air ais, neo a’ fuireach, ann an àiteachan mar Uibhist. Tha fios agam fhìn cho doirbh ’s a tha e, ach tha mise fortanach ann an dòigh thoradh gun tèid agam air fuireach ann an taigh mo phàrantan – ach b’ fhearr leam nach robh cùisean mar seo. Tha mi an-dràsta a’ coimhead a-mach airson àite fuirich, ach tha tòrr mòr “short term lets” ann – mar sin dh’fheumainn gluasad a-mach as t-samhradh airson an t-àite a thoirt seachad gu luchd-turais.
Mar sin, tha sinn feumach air ath-leasachadh fearainn farsaing a bhith ann agus chun an latha an-diugh chan eil mi air mòran adhartas fhaicinn bhon Riaghaltas. Nam bheachd tha iad air a bhith gealtach nach cuireadh iad an fhearg air na h-uachdarain mhòra agus tha sin air stad a chur air obair bhrìoghmhor gu ath-leasachadh fearainn ceart a chuir air dòigh.
Seo na ceistean a th’ agamsa ri cur a-steach do dheasbad an fhearainn:
- Dè seòrsa dòigh air an fhearann a roinn a b’ fheàrr? Tha e follaiseach gum feum rudeigin atharrachadh, ach dè ‘s urrainn dha na daoine a dhèanamh airson an àrainneachd a chuideachadh agus daoine a chumail mar phàirt dhen obair?
- Dè na duilgheadasan a th’ ann, neo a dh’fhaodadh tighinn gu bàrr?
- Dè a’ bhuaidh a bhiodh aige air coimhearsnachdan a bhrosnachadh, nam biodh ath-leasachadh fearainn ceart ann? Agus, a’ cheist mu dheireadh;
- Ciamar a chuidicheas seo leis an strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde? Le bhith a’ cur cuideam air dòighean beatha so-sheasmhach?
Siuthad a Fhiona.
A’ falbh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Cataibh, tha corra rudan air tighinn am follais dhomh:
– sgìre croitearachd = daoine, teaghlaichean, gnìomhachasan, beatha
-sgìre gun croitearachd = talamh falamh fàs, ‘a beautiful desert’