Tha luchd na Gàidhlig a’ call earbsa ann am Bòrd na Gàidhlig
Tha luchd na Gàidhlig a’ call earbsa ann am Bòrd na Gàidhlig – feumaidh Riaghaltas na h-Alba coimhead gu geur air an dòigh anns a bheil a’ bhuidheann air a ruith, a-rèir Misneachd.
Tha a’ bhuidheann-strì Misneachd a’ toirt seachad rabhadh an-diugh gu bheil luchd na Gàidhlig a’ call earbsa ann am Bòrd na Gàidhlig, agus an dìth ceannardais a thaobh poileasaidh cànain bhon Bhòrd agus bho Riaghaltas na h-Alba. Tha iad ag iarraidh air Iain Swinney BPA, am ministear aig a bheil uallach airson na Gàidhlig, coimhead gu geur air an dòigh anns a bheil a’ bhuidheann ga ruith.
Tha an naidheachd an t-seachdain-sa gu bheil Spòrs Gàidhlig a’ dol à bith an dèidh dà bhliadhna, agus triùir a’ call an dreuchd, a’ tighinn an dèidh do dhiofar bhuidhnean cudromach eile leithid Clì Gàidhlig agus Pròiseact nan Ealan tighinn gu crìch thairis air na beagan bhliadhnaichean seo chaidh. Tha Misneachd den bheachd nach do rinn Bòrd na Gàidhlig gu leòr airson na buidhnean seo a chumail a’ dol.
Tha iomadh duine agus buidheann ann an saoghal na Gàidhlig air a ràdh gur e briseadh-dùil a th’ anns an naidheachd, a’ gabhail a-steach Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, a bha gu bhith toirt taic-airgid do Spòrs Gàidhlig.
Thuirt labhraiche às leth Misneachd, Gille-chrìost MacGill’Eòin, “Tha am Bòrd is an Riaghaltas a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘adhartas nas luaithe’ a thaobh na Gàidhlig, ach tha cunnart ann gu bheil sinn a’ dol air ais seach a bhith a’ dol air adhart.”
“Tha fhios againn uile gu bheil dùbhlain mhòra ro choimhearsnachdan Gàidhlig, gu h-àraid a thaobh cleachdadh a’ chànain am measg òigridh. ’S e iomairtean mar Spòrs Gàidhlig an dearbh sheòrsa rud a bu chòir dhuinn a bhith a’ leudachadh, seach a’ dùnadh.”
“Feumaidh Iain Swinney agus Riaghaltas na h-Alba coinneachadh ri Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas airson fuasgladh fhaighinn.”
Tha Misneachd den bheachd gu bheil e riatanach gun tèid Spòrs Gàidhlig a shàbhaladh, air neo gun tèid sgilean an luchd-obrach agus an uidheamachd a chur gu feum ann an structar ùr.
“’S e amas an Riaghaltais foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chur am meud thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn, agus tha sin a’ fàgail gum bi barrachd iarrtais airson seirbhisean mar Spòrs Gàidhlig. Tha co-dhùnaidhean a’ Bhùird agus an Riaghaltais gun a bhith a’ toirt taic dhan bhuidhinn tro ghreis dhoirbh, gus am bi i air stèidh nas daingne, a’ sealltainn dìth lèirsinn agus a’ dol calg-dhìreach an aghaidh amasan an Riaghaltais a thaobh foghlam agus an cànan a bhrosnachadh am measg dhaoine òga.”
“Tha an Riaghaltas ag ràdh nach robh airgead gu leòr ann, ach nam biodh iad dha-rìribh mun Ghàidhlig gheibheadh iad lorg air airgead, chan eil sinn a’ bruidhinn air suimeannan mòra an-seo. Gun bharrachd taic, tha cùisean gu math eu-dòchasach dhan chànan, is tha dleastanas air an Riaghaltas barrachd a dhèanamh mus bi e ro anmoch.”
Am measg nan duilgheadasan a dh’ainmich Spòrs Gàidhlig bha an àireamh bheag de luchd-obrach sgapte air feadh na dùthcha. A-rèir Misneachd, tha seo a’ sealltainn gu robh feum air barrachd taic-airgid is barrachd luchd-obrach, seach crìoch a chur air pròiseact a tha cho prìseil.
“Chan eil e dèanamh ciall airgead poblach a sgapadh cho tana ’s nach soirbhich le buidheann,” thuirt Mgr MacGill’Eòin. “An uair sin tha an t-airgead sin air a chall co-dhiù, gun buannachd ùine-fhada a bhith ann. Bu chòir beagan a bharrachd airgid a chosg, gus am bi iomairtean mar seo seasmhach is soirbheachail san ùine fhada.”
Tha Misneachd cuideachd a’ cumail a-mach gum bu chòir dhan Bhòrd coimhead às ùr air an stiùireadh reachdail air foghlam Gàidhlig, pàipear a tha a’ mìneachadh nan cleachdaidhean a bu chòir do sgoiltean agus ùghdarrasan foghlaim a leantainn. Tha iad ag ràdh gum feum stiùireadh soilleir a bhith ann gum bu chòir do sgoiltean cothroman-bogaidh sa Ghàidhlig a thoirt seachad ann an cur-seachadan taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg cho fad’s a ghabhas, agus luchd-solarachaidh Gàidhlig a chleachdadh far a bheil roghainn. Bu chòir dhan Bhòrd cuideachd a bhith nas daingne is nas misneachail ann a bhith ag iarraidh air buidhnean stiùireadh den t-seòrsa a leantainn.
A bharrachd air cuspair Spòrs Gàidhlig, tha Misneachd ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas coimhead gu geur air an dòigh anns a bheil Bòrd na Gàidhlig ga ruith, as dèidh naidheachd gun do dh’fhalbh grunn bhall is neach-obrach nas tràithe sa mhìos, le cuid dhiubh a’ toirt a chreidsinn nach robh iad toilichte le mar a bha cùisean taobh a-staigh na buidhne.
“Tha cunnart mòr ann gun caill luchd na Gàidhlig earbsa gu tur ann am Bòrd na Gàidhlig,” thuirt Mgr MacGill’Eòin.
Bidh Misneachd a’ sgrìobhadh gu Iain Swinney airson iarraidh air coinneachadh riutha, agus ris a’ Bhòrd cho luath ’s a ghabhas gus bruidhinn air na cuspairean seo.
Crìoch.
“A’ call”, an tuirt thu? Chanainn-sa “chaill, o chionn fhada”