Poileasaidh, Poilitigs is Iomairteachd: Feum air Atharrachadh?

Seo agaibh tar-sgrìobhadh den òraid a thug sinn seachad aig a’ cho-labhairt #AnAthCheum2019 a chaidh a chumail an t-seachdain sa chaidh le UofG Oilthigh Ghlaschu – taing mhòr dhaibh-san airson a’ chòmhraidh chudromaich seo a chur air dòigh agus airson fiathachadh a thoirt dhuinn pàirt a ghabhail ann!

Tha, agus bidh, Beurla nas tarraingiche don chloinn. Ann an saoghal didseatach cruinneil bidh Netflix, Call of Duty, Hollywood a’ cur ri tarraing na Beurla – chan urrainn dhuinn a dhol an aghaidh sin – ’s e sin dìreach co-theacsa mhion-chànain. Feumaidh sinn cur ri goireasachd na Gàidhlig ann an Alba, ach cuideachd gach rud a dhèanamh gus sgeulachd is fèin-aithne – adhbhar làidir – a thoirt do dhaoine ga h-ionnsachadh is ga cleachdadh. Cha bhuanaich sinn strì an aghaidh na Beurla bho shealladh eaconomaigeach no tarraingeachd, bidh feum againn air sealladh eile, sealladh Gàidhealach, gus luach na Gàidhlig a shealltainn.

 

Chan urrainn cànain a bhith beò às aonais choimhearsnachdan far a bheil iad aig a’ mhòr chuid ann an dùmhlachd (density) a leigeas le daoine na cànain sin a thoirt seachad don ath-ghinealach ann an dòigh a tha seasmhach. Mar a thuirt na sòiseo-cànanaichean Dauenhauer & Dauenhauer, ‘Gabhar cànain ionnsachadh le daoine fa-leth, ach ’s ann leis an t-sluagh a bheirear seachad iad’. Tha millean ag ionnsachadh High Valyrian, is leth mhillean Klingon air Duolingo! Tha “coimhearsnachdan” aig na cànain sin, ach a bheil iad beò? Airidh air taic an Riaghaltais?

Dh’aithnich an Dr. Padraig Ó Riagáin gu bheil leasachadh na Gàidhlig ann an Èirinn stèidhichte air lìonraidhean lag tana sgapte nach eil seasmhach, no comasach daoine ùra a tharraing thuca, ged a bhios iad a’ faighinn taic bho phoileasaidhean na stàite. Tha a’ phuing seo a’ dearbhadh na bha aig Joshua Fishman ri ràdh, gu bheil uallach air sgoiltean is poileasaidhean àrd-ìre coltach ri bhith a’ togail thogalaichean gun bhunaitean – agus feumar an togail às ùr le gach ginealach.

Nuair a thathar a’ bruidhinn air “dà-chànanas” ann an suidheachaidhean mion-chànain, an cànan as motha san t-saoghal agus cànan ann an cunnart mar a’ Ghàidhlig, ’s e dà-chànanas aon-taobhach neo-iomlain a tha ann. Às aonais dùmhlachd de luchd-labhairt ’s e togail cànain neo-iomlan a bhios aig an ath-ghinealach, thoradh air cearcall millteach – dìth cleachdaidh, dìth misneachd – a’ ciallachadh gu bheil Beurla nas làidire na Gàidhlig aig an òigridh.

Chan eil, cha mhòr àite sam bith, air fhàgail againn an Alba far a bheil an dùmhlachd sin ann. – Dearbhaidh an rannsachadh domhain aig Soillse sin a dh’aithghearr. Chan eil aithneachadh gu leòr air cho cugallach ’s a tha na coimhearsnachdan mu dheireadh a th’ againn, no cho riatanach ’s a tha iad do àm ri teachd na Gàidhlig. Ge brith dè cho lag ’s a tha iad, feumar togail air na tha air fhàgail dhuibh gus buntanas a thoirt do rudan ùra didseatach,
do lìonraidhean sna bailtean agus thall thairis, do na sgoiltean is na meadhanan. Tha lìonraidhean ann sna bailtean, mar a bha riamh, ach bha iad riamh air am biathachadh bho thobar nam fileantach às na h-eileanan. Cò às am bi na luchd-labhairt ùra a’ tighinn nuair a tha an tobar sin air tràghadh? Tha fios againn nach tig gu leòr a tha dha-rìribh fileanta às na sgoiltean no a-mach à clasaichean-oidhche.

Tha sinn a’ leantainn phoileasaidhean nàiseanta, a’ chuid as motha dhiubh samhlachail. Chleachdadh poileasaidhean den t-seòrsa seo, ach fada nas làidire, ann an Èirinn thairis air a’ cheud bliadhna mu dheireadh, fhad ’s a bha, agus tha, cleachdadh làthail Gàidhlig na h-Èireann a’ sìor dhol am miosad. Tha e follaiseach gu bheil sinn ann an Alba a’ diùltadh ceud bliadhna de dh’fhianais ann an Èirinn nach eil soidhnichean, sgoiltean agus na meadhanan ag atharrachadh chleachdaidhean chànain taobh a-staigh nan dachaighean is nan coimhearsnachdan. Chan eil iomairt no sgeama againn a’ coimhead gu dìreach air “ath-ghluasad cànain” anns na coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig fhathast aig a’ mhòr chuid, no aig ceudad meadhanach àrd co-dhiù.

Air cuspair na co-labhairt seo, tha sinn a’ faicinn cothroman an lùib saoghal a tha “a’ sìor fhàs cruinneil agus didseatach” ach tha sinn a’ tuigsinn an t-saoghail dhidseataich sin mar “taca àrd-ìre” mar a bh’ aig Fishman, mar phàirt de na Meadhanan. ’S e roinn a th’ ann far am bi làmh an uachdar aig a’ Bheurla gu bràth, mar a thuirt Chris Harvey, bho Oilthigh Thoronto, feumaidh luchd-labhairt mion-chànain gabhail ris gum bi cuid mhath de roinnean ann nach bi gu bràth co-ionnan ris a’ mhòr chànan agus nach bu chòir neart a chaitheamh a’ strì an aghaidh rud nach gabh atharrachadh. Bu chòir coimhead air na roinnean far a bheil am mion-chànan làidir fhathast agus togail air sin ri bhith gan leudachadh is gan neartachadh. Feumar coimhead air na tha ann gu h-onarach, neartan agus laigsean.

Cha d’fhuaradh buannachd sam bith às aonais strì is iarrtas – tro na linntean, Màiri Mhòr, na fuadaichean, Strì an Fhearainn gus na h-iarrtasan airson Gàidhlig air an rèidio, TBh, anns na sgoiltean is mu dheireadh airson Achd na Gàidhlig fhèin. A dh’aindeoin na chluinneas tu, ’s e rud Gàidhealach a th’ ann a bhith a’ strì, ged a tha cus modh air a bhith ann ro fhada. Tha buidhnean iomairt àbhaisteach ann an co-theacsan eile, leithid aonaidhean-ciùird, Greenpeace, RSPCA, Stonewall, Amnesty International, msaa.

Feumar strì is putadh is deasbad a bhith ann, iarrtasan bhon t-sluagh a chuireas ìmpidh air luchd poileataigs. Chan eil teagamh ann gu bheil an leithid a dhìth ann an saoghal na Gàidhlig.

Tha Misneachd a’ feuchainn ri seo a chur ceart – dh’fhoillsich sinn Plana Radaigeach airson na Gàidhlig mar fhreagairt air a’ Phlana Nàiseanta aig Bòrd na Gàidhlig an-uraidh is Còig Ceumannan bhon uairsin. Bidh sinn a’ cumail a’ dol is a’ foillseachadh pàipearan fa-leth air cuid de na molaidhean a th’ againn – leithid Oifigearan Coimhearsnachd, taic do theaghlaichean, msaa, is a’ mìneachadh gu dìreach dè bhiodh iad a’ dèanamh gus stad a chur air crìonadh na Gàidhlig anns na h-eileanan.

Sa Chuimrigh bithear a’ coimhead air cleachdadh làitheil a’ chànain, agus sgìrean far a bheil Cuimris aig a’ mhòr chuid, ann an doimhneachd is a’ rannsachadh is ag obair còmhla ris an fheadhainn a tha air adhartas a dhèanamh; Quebec, Dùthaich nam Basgach, Catalòinia, gus ro-innleachd a chur an gnìomh. Carson nach dèanar an aon rud ann an Alba? Tha a-nist farsaingeachd de dh’eòlas air ath-ghluasad cànain ri fhaodainn, a’ togail air ro-innleachdan a dh’obraich ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail.

Carson a tha daoine an Alba cho leisg ionnsachadh bho dhaoine eile a bha thall ’s a chunnaic? Thathar ag aithneachadh gu bheil bogadh riatanach don chloinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, thuirt John Swinney fhèin sin o chionn ghreis – ach tha an aon rud fìor aig gach aois is gach ìre de chomas cànain. ’S e sgil a th’ ann an cànain is obair bheatha gan ionnsachadh – cleachd i no caill i – mar a chanas iad. ’S e àireamhan seasmhach de dhaoine a’ fuireach ri chèile a bheir na cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh sin dhuinn.

Tha Gàidhlig an-dràsda ann an stàid a tha eagalach fhèin cugallach is chan eil fuasglaidhean rim faighinn air loidhne ach am measg nan coimhearsnachdan a bhruidhneas i. Cha seas lìonraidhean no cànan sgrìobhte air loidhne an àite cànan nàdarra beò, air bilean an t-sluaigh, agus an dàimh a nì daoine le chèile tro mheadhan a’ chànain.

Comments (4)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Neil McRae says:

    Cha chreid mi gu bheil neach sam bith ag èisteachd, a Mhartainn (ach mi-fhìn)

  2. Susanne NicDhomhnaill says:

    Caite am faigh mi am Plana Radaigeach agaibh?

  3. JACK ELLIOT says:

    .

    .

    Tapadh leat.

    Tha an còmhradh seo a ’mìneachadh suidheachadh ar cànain gu soilleir.

    Far am bu chòir dhuinn a dhol a leasachadh agus a bhrosnachadh.

    .

    .

    http://jackelliot.over-blog.com/2019/10/scottish-gaelic-positive-links.html
    .

    .

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.