2007 - 2020

Mairidh an Solas air a’ Mhòr-cuid, ach na Guthan Beaga fo Sgàil

Às aonais na Fèise Eadar-nàiseanta, Fèis an Iomaill is Fèis nan Ealain, bhiodh tu an dùil gu bheil Dùn Èideann air tilleadh gu 1947. Ach, air an làimh eile, tha luchd-eagrachaidh is luchd-ealain a’ gabhail ris an là sa bhios sinne beò. Mar sin bidh am film ùr aig na Fèisean, ga sgaoileadh air loidhne an t-seachdain-sa an àite cuirm fosglaidh no previews, a’ toirt a-steach beagan eachdraidh agus obair ùr, fhad ’s a dh’fhàgas e a’ cheist romhainn is dè cho mòr am b’ urrainn, no am bu chòir, na fèisean a bhith air loidhne is fosgailte do dhaoine air feadh an t-saoghail.

An àite nan sluaighean is ciuthan mòra, bidh daoine, am bliadhna, gan cruinneachadh air beulaibh sgrìonaichean, a’ seachnadh Zoom agus Skype airson rudan a lorg, a bheir dhaibh an dibhearsan ris a bhios iad cleachdte fad deireadh an t-samhraidh. Ach, fhad ’s a nì grunn bheag de bhuidhnean mòra agus seann ghaisgich nan ealain buinig dhe na cothroman gann a bheir am film seachad, dh’fhàg e mi fhathast a’ cnuasachadh na buaidhe a bheir staing Covid-19 air luchd-ealain, a bhios an sàs ann an obair ùr a chruthachadh.

Aig cridhe an fhilm, tha sreath de dh’agallamhan le luchd-ealain, agus ainm mòr no dhà nam measg. Bidh seòd nam filmichean Alan Cumming is a’ bhana-chleasaiche Èireannach Fiona Shaw a’ toirt sealladh air soirbheachas is dùbhlanan is iad às dèidh an sgoil-dràma fhàgail, le bhith a’ cur an cuid sgilean gu feum air an àrd-ùrlar an Iomaill, airson na ciad uarach. Bhruidhinn Cumming, gu seachd àraid, mar as cothrom obair ùr a leasachadh a th’ ann am Fèis an Iomaill is mar thill e gun gnè-ealain cabaret, a bha aig tùs ghnothaichean aige-san, gus a leudachadh tro shlighean ùra, airson coileanaidhean cliùiteach ann an Eabhraig Nuadh, le Club Cumming.

Tha saoghal drùidhteach an taighe-cluiche ga chur caoin air ascaoin, san fhilm, le dà choileanadh bhon choimisean ùr aig an Thèatar Nàiseanta – Ghost Light – a bheir a-steach cleasachd aig Siobhán Redmond agus James McArdle, a’ toirt sùil air beatha nan daoine a bhios ag obair air cùlaibh an àrd-ùrlair. Leis an taisbeanadh seo, tha an taigh-cluiche fhèin ga ath-dhealbhadh mar àite dìomain is sealach, le beatha nan cleasaichean ga filleadh a-steach do na caractaran a bhios iad a’ toirt beò, a là ’s a dh’oidhche. Thug seo fianais air an tàlant nach bi luchd-amharc fhaicinn tric, agus taighean-cluiche air feadh na rìoghachd a’ tàladh daoine cruthachail gu grunn dhreuchdan far an àrd-ùrlar fhèin, airson trèanadh ann an gnìomhachas thèatair agus ionnsachadh a dhèanamh de na rionnagan a bhios a’ tighinn is a’ falbh le gach dealbh-cluich.

Am measg nam pìosan as fhèarr tha coileanadh aig Ballet na h-Alba le Nicholas Schuessen aig an stiùir. Sa phìos eireachdail seo, bidh na dannsairean a’ nochdadh aon air aon, gun ghluasad ach air astar o chèile, agus a’ leudachadh an gàirdeanan gus toirt gu cuimhne an dìth beantainn chorporra a bhios sinn uile ag aithneachadh, rè na stainge. Bidh an coileanadh a’ cur milleadh dùil is fròmhais mu choinneamh dealbh-tìre fuaimeil dhe cheòl dealanach, a’ sealltainn nach fheum ballet fhèin a bhith na rud ‘clasaigeach’, ach na ghnè-ciùil a bhios freagarrach, gu teagamh, airson sgeulachdan an là a th’ ann a thoirt seachad is, gu seach àraid, tro mheadhan fhilm, a bharrachd air a bhith san taigh-opara.

Tha cùisean làitheil, a bharrachd air a’ choròna-bhìoras fhèin, gan riochdachadh gu math san fhilm agus dìleab na h-iomairt Black Lives Matter ri fhaicinn gu mòr ann, ann an dà phròiseact dannsa-sràide, gan lìbhrigeadh leis a’ chòmhlan Lunnainn Boy Blue. Bidh Project R.E.B.E.L. a’ cur cùisean òigridh aig cridhe ghnothaich, gu dearbh, far an tug an còmhlan cothrom dhaibh an cuid eòlas a chur gu feum tro dhannsa is ga fhaicinn air àrd-ùrlar proifeasanta. Tha an aon in-ghabhaltas ri fhaicinn anns an taisbeanadh aig Fèis nan Ealain, far a bheil Dùn Èideann fhèin ga chleachdadh mar thaigh-tasgaidh agus dealbhan-camara aig luchd-ealain dubha air an crochadh air feadh meadhan a’ bhaile, a’ toirt cothrom saor ’s an asgaidh do luchd-tadhail is luchd-còmhnaidh beagan ealain fhilleadh a-steach dhan bheatha làitheil, nuair a thogras iad.

Ged a chaidh na Fèisean a chàineadh an t-seachdain-sa airson cus cuideam a chur air luchd-ealain fireann is geala, tha an fhilm, san dòigh seo co-dhiù, a’ dèanamh luaidh air iomadachd nas fheàrr na bhios clàr nan tachartasan. Mar sin, ’s e fianais fhuadain a nì an fhilm de fhìorachas is thogainn fhìn ceist a bharrachd os cionn in-ghabhaltas mion-chànanan na h-Alba. Chan eil a’ Bheurla Ghallta ri cluinntinn ann idir, ach a’ Ghàidhlig ri faicinn, is dòcha, ann an sàr-phìobaire Brìghde Chaimbeul, an sàs ann an coimeasan-ciùil aig Aidan O’Rourke – O Chiadain gu Lò – a chleachdas mar bhunait na seiseanan ciùil gan ruith sa bhaileLe sin, tha ainm Gàidhlig air, ach an cànan a-rithist gun cluinntinn ann. Is seann phort a tha sin.

Dhòmhsa dheth bha dìth na Gàidhlig is na Beurla Gallta as motha ri faicinn sna criomagan bàrdachd a chaidh a thaghadh eadar Michael Pedersen, Jenni Fagan, Val McDermid agus Jenny Lindsay. Nam measg, ’s e dàn Lindsay as motha chòrd rium – bàrdachd eirmseach a’ toirt sealladh air beatha ìochdarain nan ealan, beò air feadh dualchas is eachdraidh na cathair-bhaile. Ach chan e sin saoghal an litreachais trì-chànanaich as aithne dhomhsa. Càite an robh Màrtainn Mac an t-Saoir, Pàdraig MacAoidh is Christine de Luca a chuireas cho mòr ri beatha litreachas Dhùn Èideann nan cànanan fhèin?

San fhilm air fad, chìthear seann charaidean a’ sìor nochdadh, le sealladh ga thoirt ach air saoghal a’ mhòr-chuid, le bàrdachd, air no coileanaidhean, co-dhiù, a dh’fhreagras an àrd-ùrlar, ach nach riochdaich beartas bàrdachd na duilleige idir. Tha leasanan ri dhèanamh dhe seo, an dà chuid aig luchd-eagrachaidh agus luchd-ealain, a chaidh an sàs ann gun chùis ioma-chànanachais a thogail. Mairidh an solas, is dòcha, ach na mion-chànanan, cuideachd, gan sìor-chumail sna marghain.

 

Join the Discussion

Your email address will not be published. Required fields are marked *

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.