And_the_Land_Lay_Still_coverIn this Gaelic article, Daibhidh Rothach argues that a change in the way we look at the institutions and people who have held sway over Scottish life for centuries is as important an aspect to land reform as is the return of the land itself.

San alt seo, tha Daibhidh Rothach ag innse mar a tha an t-atharrachadh air inntinn agus mar a tha sinn a’ faicinn nan daoine aig an robh cumhachd is pribhleid ann an Alba fad linntean na thaobh aig leasachadh-fearainn a tha a cheart cho cudthromach ri tilleadh na tìre fhèin.

Nam shuidhe aig coinneamh buidheann iasgaich o chionn cola deug, thàinig a’ chòmhradh gu dà phìos de ghnothaich riaghaltais air fàire a bhios a’ bualadh air an spòrs – Ath-sgrùdadh an Iasgaich Fhiadhaich, agus nas cudthromaiche, a’ bhile air leasachadh-fearainn a nochd Nichola Sturgeon. Is bodaich na driamlaich caran amharasach, ge-tà, cha robh uile an làthair toilichte: ‘Tha tòrr obair ann, ‘s e a tha ceàrr air muinntir na sgìre seo gu bheil iad leisg. Carson a dh’ fheum cuideigin a rinn obair gus iasgach math fhaighinn pàigheadh don an leithid?’, is faileas de ghaire air oisean beòil na bànrigh san dealbh air a chùl.

Tha am bodach seo a’ fuireach ann an taigh-chomhairle, dh’ obair e fad bhliadhnaichean le sluasaid na làimh, ach is e aig iomall seann thraidisean is chumhachd fad a bheatha (tha e na bhall de bhuidheann dhìomhair is a’ toirt crathadh-làimhe sònraichte do chuid san sgìre), gheibh e iasgach o bhan-tighearna aig a bheil oighreachd san t-siorrachd aig prìs sònraichte, agus, is cinnteach, fhuair obair ann an làithean òigridh nuair a bu ghann i don a’ mhòr chuid. Tha dualchas, ge-tà, a cheart cho cudthromach ann an a bhith a’ stiùireadh bheachdan phoilitigeach ‘s a tha airgead agus clas-sòisealta. Agus ‘s e sin cnag na cùise – chan e atharrachadh air riaghailtean iasgach, no an dùil gu bheil roinneadh tìre na bu chothromaiche don a’ mhòr (mhòr) chuid air fàire, no fiù daoine ‘leisg’ a’ bhaile a bh’ air cùl a chuid fhacal, ach gum bi planaichean an riaghaltais a’ toirt crathadh do na structaran air a bheil e eòlach. ‘S e an cnap-starra saidhg-eòlach de dh’ atharrachadh, chan e an t-atharrachadh fhèin, an dùbhlan as motha, agus buannachd ann no às, bidh cuid na aghaidh.

‘S e a th’ ann an leasachadh-fearainn – mura a bheil am facal ‘radaigeach’ a chleachd am Prìomh-mhinisteir air a lùbadh fhad ‘s a tha a’ bhile a’ gluasad tron a’ Phàrlamaid – poileasaidh a bhios atharrachadh mar a tha Albannaich, cuid aca le sinnsearan nach b’ àithne ach ballachan glasa nam bàiltean mòra on a ruig iad an tìr seo, a’ toirt sùil orra fhèin. Dh’ fhaodadh atharrachadh a thighinn air a’ chàirdeis eadar na daoine is an tìr, eadar sràidean a’ bhaile agus na raointean mòra, agus nas cudthromaiche, air an t-urram in-ghnèitheach a th’ aig cuid ann an structar mì-chothromach agus na th’ ann de chinn-chinnidh.

Bha facail Nichola Sturgeon na bu làidire na bha iomadh an dùil, agus leis an amharas (agus uaireannan fios) gun deach na h-uachdaran mòra an aghaidh toil a’ Phartaidh Nàiseanta san reifreann, ‘s dòcha gum bi solas an riaghaltais a’ sìneadh beagan na b’ fhaide gu oiseanan duslach nan caistealan. Ach ‘s e dè dìreach a tha fhathast fo ghlas is falaichte o shùilean a’ phoblaich a chuireadh iongnadh air a’ mhòr chuid. An-dràsta, chan eil ach cairteal de thalamh dhùthchail na h-Alba clàraichte agus ri lorg gu poblach. Ged a tha daoine airidh air an cuid phrìobhaideachd, chan ann air taigh no flat a tha sinn a’ bruidhinn, ach na raointean as motha san dùthaich, agus uaireannan Roinn Eòrpa, a tha ag obair mar ghnothaichean agus a’ toirt do sheilbheadairean cosnadh agus taic-airgid nach tug àite ann an Dennistoun a-riamh.

Agus chan eil sin ach na bhoinneag de na tha ceàrr – gu h-anabarrach, tha leth chuid den tìr dhùthchail ann an Alba fo sheilbh 432 daoine, agus nas mìosa fhathast, tha a’ chìs chomhairle aig a’ mhòr chuid den na daoine seo – aig a bheil na cilemeatairean de ghleann is de mhònadh – co-ionnan le cuideigin aig a bheil taigh spaideil sa bhaile-mhòr. Tha Diùc Buccleuch ann an Caisteal Droma Lannraig sa Ghall-Ghàidhealaibh, ma-thà, a’ pàigheadh an t-aon uiread de dh’ airgead ‘s a tha neach-lagha ann am Park Circus ann an Glaschu. Ach ged a tha an neach-lagha a’ pàigheadh cìsean, tha an t-iasgach bhradain aig an Diùc air an Abhainn Nid – a’ toirt dha suas ri ceud not san là airson gach iasgair – saor o reataichean ghnothachais a bhios a’ dol don an sporan phoblach, agus tha na th’ aige de shealg uile gu lèir saor dhiubh. Chan ann aig a’ chlò àrsaidh a-mhàin a tha inbhe sònraichte le HMRC nas motha. Mar a tha Andy Wightman ag innse san leabhar aige, The Poor Had No Lawyers, cha phàigh cuideigin às an Danmhairg aig a bheil oighreachd ann an Alba ach cìsean chomhairle, ged a tha iad a’ pàigheadh cìs-fearainn do riaghaltas na Danmhairge fhèin air a son, aig ìre fada nas àirde.

Mì-fhreagarrach is gu bheil an t-suidheachadh do dhùthaich sam bith san linn seo, tha na h-uachdaran gu dubh an aghaidh atharrachadh. Tha na guthan aca mar-thà ri cluinntinn tro na pùpaidean aca sna pàipeirean, agus bidh rudan fada na bu mhiosa sna h-irisean iasgach – b’ e Ailig Salmond a dh’ adhbhraich Krakatoa agus bàs Ìosa a-rèir cuid dhiubh – agus Scottish Field agus Shooting Times. Bidh an t-eagal agus an rabhadh, ge-tà, as soirbheachaile air cuid de na daoine a gheibheadh am buannachd as motha o atharrachadh. Tha mi fhèin eòlach air cuideigin a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd oir, sna facail aige fhèin, Bidh Nichola Sturgeon a’ cur stad air an t-sealg is a’ ghunna, facail a thàinig gu dìreach on an uachdar ionadail dha a bhios e a’ faghaid gu saor-thoileach aig àm na circ-fhraoich.

‘S e gu bheil iad a’ cruthachadh obrach do dh’ eaconomaidhean laga a’ chiad deasbad a bhios a’ nochdadh – sin iad na h-uaislean a tha cho còir is fialaidh is is gu bheil iad uaireannan a’ pàigheadh tuarastal nas ìsle na tha laghail (nochd an Daily Record sgeul o chionn dà bhliadhna mun an t-Sealg Eglinton ann an Siorrachd Àir nach robh a’ pàigheadh ach not gu leth san uair do neach-obrach). ‘S e argamaid eile air a bheil iad deidheil gu bheil iad ‘a’ manaidsearachd’ nam bèist fiadhaich – às aonais na saoithreach neo-fhèineil seo, bhiodh fèidh a’ siùbhail nam beann, ag ithe pàistean Gàidhealach, no ‘s dòcha a’ bagairt caillich ann am Sràid Bhochanan, agus bhiodh am bradan, a th’ air a bhi a’ tilleadh do dh’ abhnaichean na h-Alba on an linn deighe mu dheireadh, gu h-obann air chall aig muir. Cò aig a tha fios dè na beachdan aca air a’ chroiteir bhochd? Tha na h-argamaidean seo cho anabarrach, cho airidh air magadh, ‘s gu bheil iad uaireannan a’ dèanamh car air an inntinn ciallach.

Airson an adhbhair sin, tha e riatanach gum bi an iomairt airson leasachadh-fearainn – na daoine bhios a’ sparradh is a’ brosnachadh an riaghaltais fad a’ phròiseis – a’ sìneadh seachad air na h-àiteachan traidiseanta, seachad air na daoine air a bhios e a’ bualadh gu dìreach, a’ cleachdadh nam meadhanan-sòisealta mar a chleachd ri linn na reifrinn. Ma tha Alba a-nis – mar a tha Nàiseantaich a’ sìor innse – air a h-atharrachadh gu sìorraidh, agus mas i an dùthaich as poilitigiche air a’ mhòr-thìr, feumaidh i a dearbhadh, oir ged a b’ e an reifreann a dhùisg an t-sluagh gu poilitigeach, cha robh ann ach na roghainn simplidh mu chumhachdan a thoirt air ais – ‘s e a th’ ann an leasachadh-fearainn cothrom cumhachdan a chleachdadh ann an dòigh brìoghmhor.

Ma tha fiù boinneag den an neart a bh’ aig an taobh Bu Chòir agus na th’ air fhàgail de thaobh chlì a’ Phartaidh Làbaraich a’ cur guth ris an deasbad, ‘s ann a bhios an t-sean gheàrd a’ coimhead air adhart chun an àm ri teachd le teagamh is dragh. Agus tha e coltach gu bheil a’ bhùidhean Scottish Land Action Movement  (http://www.scottishlandactionmovement.org) a nochd o chionn greis, a’ feuchainn ri cudthrom a chur air cho riatanach is a tha leasachadh-fearainn don na bailtean-mòra: Tha leasachadh-fearainn a cheart cho cudthromach do choimhearsnachdan ann am meadhan Ghlaschu ‘s a tha e do choimhearsnachdan ann an Innse Ghall, tha an làrach-lìn aca ag innse. ‘S e cùis simplidh a th’ ann – nì na mìltean ann an Glaschu is Dùn Èidinn barrachd fuaim na na ceudan air a’ ghleann, ach gu ruige seo tha a’ mhòr chuid aca aineolach mu mhì-cheartas na tìre aca fhèin. Feumaidh sin atharrachadh.

Gu ruige seo ‘s e sgeul sheilbheadaireachd-fearainn na h-Alba fear a sgrìobh na h-uachdaran dhaibh fhèin, agus tha e caran coltach ri Monarch of the Glen agus The Thirty-Nine Steps. Tha sgeul an eileanaich a strì gus an talamh aige a dh’ obair mar bu chòir, sgeul a’ bhalaich air a dhèanamh na eucorach airson driamlaich a fhliuchadh, fad linntean air a bhith na thaobh-sgeul, agus fear a bha an t-sluagh deònach a ghabhail ris. Ach ‘s ann a tha daoine cuideachd a-nis ag aithneachadh gu bheil mì-cheartas sheilbheadaireachd-fearainn air a’ mhònadh a’ bualadh air sgeul a’ bhaile mhòr – prìs thaighean agus talamh, bochdainn chloinne, gainnead ghoireasan. ‘S dòcha, ge-tà, gur e an ceum a dh’ ionnsaigh dì-cholononaidheachd na h-inntinne Albannaich an rud as cudthromaiche a thig à leasachadh-fearainn san dùthaich àrsaidh, chadalach seo. Nuair a leaghas am fionn-sgeul, bidh Her Ladyship, mar a th’ aig bodach na buidhne iasgaich fhèin oirre, a’ call barrachd na airgead iasgairean ghallda.