O chionn ceithir bliadhna, bha bodach às a’ bhaile agam fhèin a’ bruidhinn ri iasgair roistiche thaobh canal shuas sa Chrios Mheadhanach. Bha an t-iasgair a bha seo, arsa e ris a’ bhodach, a’ dol a mharbhadh gach gead anns an uisge gus stad a chur orra o chreach a dhèanamh air na roistich. Le gàire shàmhach an eòlais, thug am bodach dha a’ chomhairle nach tig às an leithid ach sgrios air an iasgach air fad ach, is e rud beag toinnte na dhòighean, cha tuirt e a bharrachd.

Co-dhiù, là soilleir an ath shamhradh thadhal am bodach air an aon sgìre, agus na sheasamh air drochaid le speuclairean polaroid air, choimhead e shìos air na ceudan de gheadag a’ siorradh air feadh a’ chanail an tòir air na roistich bhochda. Is an t-iasgair air cur às don na geadan mòra a bhios ag ithe an fheadhainn òig, cha robh dad ann gus smachd a chumail orra: chaidh an àireamh dhiubh am meud gun bhacadh ‘s rinn iad cuirm de na roistich. Cha tig tomhas air èiceo-shiostam a’ chanail gus am fàs aon ghead nas motha na càch a-rithist.

Riatanas fearainn àiteachais chun an aon taobh, ‘s iomadh uair a chuir mac an duine làmh air an àrainneachd gus a cruthachadh a-rèir a thoil fhèin, agus ged a tha cuid de na h-atharraichean a rinneadh gam faicinn an là an-diugh mar bhuannachd, an leithid teachd a’ choineanaich, no neo-chiontach, mar a’ bhioran-deamhnaidh san allt, ‘s ann gu minig nach tàinig asta ach sgrios – bailm-Innseanach air bruaichean aibhne no sgaoil a’ mhionc. ‘S ann o mharbhadh bheathaichean tùsach, chan e teachd an fheadhainn ùir, ge-tà, a thàinig na h-atharrachaidhean as motha, agus tha gainnead sealgairean – gead no madadh-allaidh – air beàrn mhòr a leigeil san èiceo-shiostam nach lìon mac an duine idir.

Tha am pailteas fianais a-nis a’ sealltainn cho cudromach ‘s a tha na beathaichean seo chan ann do thomhas an èiceo-shiostaim a-mhàin, ach do chruth na tìre is nan aibhnichean, ach tha a’ cheist mhoralta ann cuideachd: chan urrainn muinntir an t-Saoghail Leasaichte impidh a dhèanamh air an dùthaich bhochd a cuid choilltean a ghlèidheadh gun a bhith a’ tilleadh fiù beagan den an àrainneachd aige fhèin gu staid nàdarra. Tha e coltach, ge-tà, nach eil cuid ann an Alba deònach aideachadh gur e làmh nàdair a b’ fheàrr air a chùrsa fhèin a stiùireadh, agus b’ e an fhreagairt aig oighreachdan gu marbhadh nam maighichean-bàna air a’ Mhonadh Ruadh o chionn cola-deug dealbh-chluich le sgriobt sgìth. Bha feum aca a’ mhaigheach-bhàn a mharbhadh oir, tha iad ag ràdh, tha iad a’ sgaoileadh a’ ghalair louping ill am measg a’ choilich-fhraoich agus a’ dèanamh sgrios air an fhiùrain. Fìor is gun fhaod seo a bhith – ged nach ann gun dùbhlan a tha am beachd – fhad ’s a tha oighreachdan a’ cur às don t-sionnach agus easan a bhios a’ cumail smachd air a’ mhaigheach-bhàn fhèin, tha e nas coltaiche gur ann airson na prothaid, chan ann tomhas air an èiceo-shiostam, a thachair e.

Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh (Còir-lethbhreac aig a' Chrùin)

Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (Còir-lethbhreac a’ Chrùin)

Ach chan eil e na iongnadh gu bheil uachdaran a’ faireachdainn rud beag iomaganach mun chàineadh a fhuair iad. Nach iad seo na h-amannan duilich dhaibh, is ath-leasachadh fearainn de sheòrsa air fàire agus – hoots! – coltas gu bheil ìseal air choireigin air innse gum feum iad cìsean a phàigheadh air prothaid a’ ghunna. Ach tha iad cuideachd a’ strì an aghaidh dhaoine a tha airson casg a chur air a’ ghunna uile gu lèir, agus mar sin daonnachd fhèin a thoirt a-mach à èiceo-shiostam anns a bheil iad air a bhith nam pàirt fad nam mìltean bliadhna, beachd a tha cho uaibhreach is a tha poileasaidh nan uachdaran air a’ mhaigheach-bhàn fhèin. Chan e a’ cheist am bu chòir daoine beathaichean a mharbhadh, no am bu chòir dhuinn làmh stiùiridh a chur air an àrainneachd, ach dè cho mòr ‘s a bu chòir a’ bhuaidh èic-eòlach aig daoine a bhith air àrainneachd nam pàircean nàiseanta.

Sna Stàitean Aonaichte, chruthachadh na pàircean mòra san linn ‘s a chaidh sa chiad dol a-mach gus bòidhchead agus buadhan a’ bhlàir a-muigh a bhrosnachadh don t-sluagh. B’ e daonnachd, ge-tà, an rìgh, agus cha robh fàilte air a’ mhadadh-allaidh a chuireadh à bith sna Stàitean air fad, no fiù, gu h-iongantach, air an iolair-mhaol, a chunnacadh mar smal air ìomhaigh an nàdair fhoirfichte anns an robh bèistean na fiacla gèire is a’ chròig fhathast nam bagairt. Ach tha an cearcall air tionndadh: ‘s ann a tha a’ mhòr-chuid a-nis a’ tuigsinn gu bheil sealgairean an dà chuid riatanach airson slàinte an èiceo-shiostaim agus luachmhor mar phàirt de dhualchas nam pàircean. Agus cha bheag am buadh a th’ air a bhith aca: mar a sheall National Geographic ann an 2010, on a dh’ath-thilleadh am madadh-allaidh gu Yellowstone agus garbhlaichean Idaho ann an 1995, tha barrachd chraobhan, barrachd eòin, barrachd mathain, agus tha fiù barrachd èisg mhòra anns na h-aibhnichean. Tha bith-iomadachd, tha e soilleir, a’ crochadh air sealgairean aig mullach na slabhraidhe bìdh cho math ‘s a tha e air a’ chraobh agus an damh.

Madaidhean-allaidh ann an Yellowstone, 2007

Madaidhean-allaidh ann an Yellowstone, 2007

Ann an Alba, ge-tà, tha ìre mhòr de mhì-chinnt ann mu dheidhinn dè a th’ anns na pàircean, agus feumaidh soillearachadh a thighinn o Dhualchas Nàdair na h-Alba agus o ùghdarrasan nam pàircean fhèin, a tha gu ruige seo air a bhith lag ann an dùbhlan a thoirt do dh’oighreachdan. An-dràsta fhèin tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhònaidh Ruaidh ann an roinn còig a-rèir seòrsachadh an Aonaidh Eadar-Nàiseanta airson Glèidhteachas Nàdair, inbhe a tha a’ ceadachadh gu ìre mhòr buadh mhic an duine. ‘S e as cudromaiche do dh’oighreachdan, ge-tà, gu bheil e cuideachd a’ ceadachadh manaidsearachd eachdraidheil san sgìre cho fad ‘s a dh’fhaodadh e bith-iomadachd a bhrosnachadh. Agus sin agad e – leisgeul gus a’ mhaigheach-bhàn agus a chuid louping ill a mharbhadh nan ceudan.

Tha ulfhartaich a’ mhadaidh-allaidh air taobh Chàrn an t-Sabhail, ma-thà, fada air falbh. Ach is cinnteach nach robh fèill mhòr aig Loch Lomond Shores is monaidhean lom a’ chlò Hearaich air inntinn Iain Mhuir nuair a chunnaic e Pàirc Nàiseanta Yellowstone na mhac-meanmna, agus feumar roghainn a dhèanamh: pàircean nàiseanta airson cur-seachad a-mhàin, no fìor oidhirp ceàrn beag den tìr a ghlèidheadh do nàdar. Tha an fhreagairt, ‘s dòcha, ri lorg ann an roghainn eile: a bheil Albannaich airson a bhith nam pàirt den èiceo-shiostam mun timcheall mar a tha iad air a bhith on a chuireadh greim air a’ chiad shleagh, no a’ toirt ceud do dh’uachdaran ga chruachadh mar a bu toil leotha, is beathaichean a mharbhadh no a bhrosnachadh a-rèir prothaid?

Likes(0)Dislikes(0)