Thairis air na beagan mhìosan a chaidh seachad tha connspaid ann an Èirinn a Tuath air aire an t-sluaigh a tharraing, le buaidh ‘An Dream Dearg’ am measg eile, gu h-àraid don iarrtas airson ‘Acht na Gaeilge’ aig Stormont. ‘S e deagh rud a tha seo, ach tha e a’ togail cheistean cuideachd. Carson nach eil na cànain Ghàidhealach, ma chuireas sinn mar sin e, a’ faighinn an aon urraim ‘s a gheibh a’ Chuimris bho Riaghaltas Westminster?

Tha a’ cheist seo a cheart cho cudromach don Ghàidhlig ‘s a tha i don Ghaeilge. Ged a tha ‘Achd na Gàidhlig’ againne ann an Alba mar-thà, chan eil sin a’ buintinn ri na buidhnean glèidhte a tha fhathast fo smachd Westminster. Ma thèid sibh gu làrach-lìn sam bith le Riaghaltas Westminster no buidhnean poblach stèidhichte fon riaghaltas sin, gheibh sibh tionndadh dheth sa Chuimris, thèid agaibh air companaidh ùr a stèidheachadh tro mheadhan na Cuimris, b’ urrainnear cìsean a phàigheadh, no MOT fhaighinn is an leithid sin cuideachd. Mar a chunnacas anns na meadhanan o chionn greis, tha cothrom aig muinntir na Cuimrigh an cànan aca a chleachdadh tro na cùirtean cuideachd.

Chan eil teagamh ann nach eil e gu math cuideachail riaghaltas a bhith aca sa Chuimrigh le lèirsinn agus amasan soilleir airson na Cuimris, ach tha e cuideachd fada nas fhasa dhaibh sin a bhith aca leis gu bheil ìomhaigh a’ chànain stèidhichte agus aithnichte aig ìre Westminster. Mar a chìte ann an Èirinn an-dràsta, agus mar a thachras aig amannan ann an Alba cuideachd, tha na cànain Ghàidhealach air am faicinn mar rudan ceangailte ri nàiseantas. Ach ‘s e Westminster a tha gam fàgail mar sin. Tha iarrtas air a bhith ann airson Achd na Gàidhlig aig Westminster fad bhliadhnaichean mòra agus sheall Dòmhnall Stiùbhairt dhuinn an nàimhdeas aig cuid don chànan ann an 1981 nuair a dh’fheuch esan Bile a chur air adhart.

Mar a tha cùisean, ‘s e an teachdaireachd a tha Westminster a’ cur a-mach do Ghàidheil na h-Alba agus na h-Èireann nach eil meas no urram aca do na cànain againne no an strì co-cheangailte riutha, agus- ao-choltais ris a’ Chuimrigh – gu bheil na cànain Ghàidhealach cudromach aig ìre ionadail a-mhàin. Air a’ chiad latha de dh’Alba neo-eisimeileach bhiodh a’ Ghàidhlig na b’ fhearr dheth na tha i an-dràsta, oir bhiodh Achd na Gàidhlig an uair sin a’ toirt a-steach a h-uile buidheann glèidhte. An e sin an teachdaireachd a tha iad ag iarraidh a chur thugainn? Tha cothrom aca seo a cheartachadh ann an Alba agus ann an Èirinn. Ma reachdaicheas Westminster airson Achd nam Mion-chànain Bhreatannach chuireadh iad teachdaireachd làidir thugainn gu bheil iad a’ ghabhail ri ioma-chultaras agus ioma-chànanas agus a’ toirt urram co-ionnan do chultaran agus chànain dhùthchasach na Rìoghachd Aonaichte.

Acht na Gaeilge an Èirinn a Tuath

Dh’adhbhraich toradh an taghaidh Westminster mu dheireadh gu bheil an DUP, pàrtaidh a tha air a bhith a’ cur stad air Acht na Gaeilge san sgìre aca fhèin, ged a chaidh sin aontachadh cheana san Aonta Cill Rìmhinn, a’ toirt buaidh mhòir air poileasaidhean aig ìre nàiseanta a-nis. Tha seo air torr dhaoine ann an Èirinn a Tuath fhàgail frionasach ach cuideachd ann an Alba, is ceangail làidir eadar na dùthchannan is cànain bho riamh.

‘S e fuasgaladh a bhiodh ann do shuidheachadh Èirinn a Tuath nam biodh Westminster deònach gabhail ri na chaidh aontachadh san Aonta Cill Rìmhinn agus dhèanadh e feum do phàrtaidhean an Aonaidh cuideachd nam biodh Westminster seach Sinn Fèin as coireach airson Achd na Gaeilge a chur an gnìomh agus le sin nach do ghèill an DUP ris.

Reachdas na Gàidhlig a neartachadh fo sgàth Westminster.

Tha Achd na Gàidhlig ann an Alba air adhartas mòr dhan a’ Ghàidhlig adhbhrachadh agus i, am measg eile, a’ toirt air buidhnean tiomnaichte Planaichean Gàidhlig fhoillseachadh. Ri linn an Achd tha beag air bheag barrachd Gàidhlig ri fhaicinn ’s ri cluinntinn ann an Alba, tha sgoiltean Gàidhlig air a bhith gu math soirbheachail, agus ged a tha fhathast fada cus gràin dhan chànan ann, tha daoine san fharsaingeachd a’ fàs nas bàidheile rithe.

Cho fad ’s a tha Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte ge-tà, chan eil e math gu leòr do phàrlamaid Westminster a h-uile dleastanas a thaobh chòraichean cànain fhàgail fo chùram pàrlamaid Holyrood. Tha e cothromach gun coimhead Pàrlamaid na h-Alba an dèidh còraichean cànain ann an Alba, ach tha fhathast dleastanas aig Westminster coimhead an dèidh còraichean mion-chànanan ann am Breatainn air fad, ’s iad a chuir an ainm ri Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan. Tha aithne ga toirt don Chuimris a ghabhas cleachdadh nuair a bithte a’ dèiligeadh ri ùghdarrasan is buidhnean poblach, ach chan eil an aon rud fìor airson nan cànan Breatannach eile.

An t-aon seasamh aig Gàidhlig & Gaeilge ’s a th’ aig a’ Chuimris

Tha Achd na Cuimris air còraichean a thoirt don a’ Chuimris nach eil aig mion-chànan sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte. Bidh buidhnean glèidhte a’ foillseachadh fiosrachaidh sa Chuimris agus faodar a leithid iarrtas son cead-siubhail no foirmichean DVLA a lìonadh anns a’ Chuimris. Chan eil an aon rud fìor airson na Gàidhlig no Gaeilge. Tha sinne gu làidir den bheachd gum bu chòir na h-aon chòraichean a bhith aig a’ Ghàidhlig ’s Gaeilge ’s a tha aig a’ Chuimris.

Cead bruidhinn ann an Cuimris, Albais, Gàidhlig, Gaeilge msaa aig deasbadan sa phàrlamaid

Mar chànain oifigeil na Rìoghachd Aonaichte bithte an dùil gum biodh cead is cothrom aig daoine an cleachdadh anns a h-uile suidheachadh, gu seachd àraid nuair a thathas a’ bruidhinn ann an suidheachaidhean oifigeil a leithid ann am pàrlamaid. Chan fhaodar ach Beurla a bhruidhinn ann an Westminster an-dràsta ge-tà, agus nuair a thagh cuid de bhuill-phàrlamaid à Alba na bòidean aca a thoirt seachad ann an Gàidhlig bha aca ri an dèanamh ann am Beurla cuideachd agus chaidh am magadh is an càineadh! Chan eil sin ceart no cothromach agus bu chòir cead a bhith aig daoine bruidhinn sa phàrlamaid agus aig comataidhean ann an cànan Breatannach sam bith is a bhith cinnteach gun tèid meas a thoirt dhaibh seach a bhith faighinn magaidh is càinidh.

Mar a chunnacas le NMS as t-samhradh sa chaidh, chan eil Achd na Gàidhlig ag obair mar a tha e, feumar a neartachadh

Fhad ’s a tha Achd na Gàidhlig air iomadh adhartas airson na Gàidhlig adhbhrachadh, chan eil dòigh ann daoine no buidhnean a smachdachadh nach eil a’ cumail ris na cumhnantan a th’ orra fo Achd na Gàidhlig. Dh’fhàs e gu math follaiseach gu bheil feum air ùghdarras no a leithid aig a bheil na cumhachdan sin an dèidh mar a thachair le Taisbeanadh nan Seumasach aig Taigh-tasgaidh na h-Alba as t-samhradh sa chaidh. Ged a chaidh iomadh gearan a thogail mu dhìth na Gàidhlig san taisbeanadh sin, rud a chaidh an aghaidh a’ Phlana Ghàidhlig aca fhèin, cha robh iad deònach càil a dhèanamh mu dheidhinn agus cha robh dòigh ann an co-èigneachadh.

Bu chòir gum bi Coimiseanair Cànain ann, mar a tha aig na Cuimrich is na h-Èireannaich, le cumhachdan a thoirt air buidhnean poblach tuilleadh a dhèanamh

’S e obair Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ cur an gnìomh poileasaidhean an Riaghaltais, chan ann a bhith a’ breithneachadh no ag iomairt. ’S e quango a th’ annta ag obair às leth an Riaghaltais agus mar sin tha aca ri ràdh gu bheil cùisean a’ dol gu math, ìomhaigh dheimhinneach a chumail an-àirde. Mholamaid gun tèid dreuchd Coimiseanair Cànain a chruthachadh a dhèiligeadh le gnothaichean cànain fa leth bhon riaghaltais. B’ e prìomh dhleastanas na dreuchd sin a bhith a’ misneachadh luchd-labhairt a’ chànain aig a h-uile ìre agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothromachd ann eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla, cho math ri bhith a’ cumail taic is comhairle ri buidhnean poblach. Bhiodh an coimiseanair comasach smachd-bhannan a chur air buidheann sam bith a bha a’ diùltadh gabhail ris na dleastanasan aca agus cuideachd a’ measadh is a’ breithneachadh an t-suidheachaidh.

 

Our gaelic section is for and by gaelic speakers. But if you want to read a translation Google Translate will give you an approximate understanding.