Yes Alba a’ Brosnachadh Ceist na Gàidhlig

march

Anns na seachdainnean a tha romhainn, bidh Bella Caledonia a’ ruith sreath de dh’ artaigealan anns a’ Ghàidhlig air cuspairean o eachdraidh ionadail gu sgeul mòr ar linn, an reifreann. Thathar an dòchas gun toir seo cothrom don a’ Ghàidhlig a dh’ fhàs san t-saoghal de dh’ fhoillseachadh air loidhne, roinn a tha air fàs cho mòr sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh agus a bhios air leth cudthromach san àm ri teachd don a’ chànan.

Anns a’ chiad alt, bidh Calum MacLeòid aig Yes Alba ag innse beagan mun a’ bhuidheann aige, agus carson a tha e a’ creidsinn gu bheil àite sònraichte is cudthromach aig a’ chànan chan ann san reifreann fhèin a-mhàin, ach sna mìosan is ‘s bliadhnaichean às a dhèidh.

In the weeks ahead, Bella Caledonia will be running a series of articles in Gaelic, on subjects from local history to the great story of our time, the referendum. It is to be hoped that this will give a chance for Gaelic to grow in the world of online publishing, a sector which has grown hugely in the years which have passed and which will be hugely important to the language in the future.

In the first article, Calum MacLeod of Yes Alba tells a wee bit about his group, and why he believes there’s a special and important place for the langauge not only in the referendum itself, but in the months and years which follow it.

Le Calum MacLeòid

’S e buidheann de Ghàidheil a tha a’ creidsinn gum bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileachd, agus gu bheil àite cudromach aig a’ Ghàidhlig anns an deasbad seo, a th’ ann an Yes Alba. Cha deach mi an-sàs anns an leithid de bhuidheann a-riamh roimhe.

Ged a tha mi nam bhall den Phàrtaidh Nàiseanta, ’s e seo a’ chiad uair a tha mi air pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cruthachadh buidheann ùr, às aonais taic phroifeiseanta no stiùireadh, às aonais lìonra is liosta-bhallrachd fhada, agus às aonais maoineachadh. Tha buidhnean leithid Yes Alba aig cridhe dheamocrasaidh fàlainn sam bith, agus ’s e sin a tha sinn airson a chruthachadh.

Is cinnteach gum bi gu leòr agaibh a’ leughadh seo gun ghuth a chluinntinn air Yes Alba ron an-seo, no ’s dòcha gu bheil sibh den bheachd nach eil anns a’ bhuidheann ach làrach-lìn. Tha sinn airson sin atharrachadh.

An t-seachdain ’s a chaidh, shoirbhich leis a’ bhuidheann seo san iomairt mhaoineachaidh aice, air an làrach-lìn Indiegogo. Cho fad ’s as aithne dhomh, ’s e seo a’ chiad turas a tha iomairt phoilitigeach Ghàidhlig air maoineachadh fhaighinn anns an dòigh seo. Thug barrachd na 70 daoine barrachd na £2700 seachad. Anns na làithean agus seachdainnean a tha romhainn thèid goireasan gus iomairt a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig a sgaoileadh air feadh na dùthcha. Chan eil sinn airson ’s gum bi ach aon guth Ghàidhlig ri cluinntinn, ach tha sinn airson barrachd chothroman a chruthachadh gus am bi sinn a’ ruigsinn suidheachadh far a bheil e fada nas nàdarra a bhith ag iomairt gu poilitigeach anns a’ Ghàidhlig.

Thèid an reifreann a bhuannachadh tro chòmhradh. Is ainneamh a bhios duine againn ag atharrachadh ar cuid bheachdan mu chuspair sam bith thar aon chòmhradh, ach ma nochdas na h-argamaidean uair ’s a-rithist, chì sinn na neartan agus na laigsean a tha aig gach taobh den argamaid. Thathar a’ moladh gum bu chòir dhuinn bruidhinn ri daoine mun a’ bhuadh a bhios aig neo-eisimeileachd air na rudan as cudromaiche dhaibh fhèin. Mura h-eil e comasach dhut fiù ’s an cànan aca a labhairt cha bu chòir iongnadh a bhith ort nuair nach eil na th’ agad ri ràdh cho buadhach ’s a bha thu an dùil. Tha e cudromach aithneachadh gu bheil iomadach beachd aig luchd-labhairt na Gàidhlig, cuid a tha airson neo-eisimeileachd, cuid a tha na h-aghaidh, agus cuid nach eil buileach cinnteach mu deidhinn. Mar sin, ’s e amaideas a bhiodh ann a dh’ iomairt anns a’ Bheurla a-mhàin nuair a tha comas againn a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig cuideachd.

‘S e a bhith a’ cuideachadh gus an reifreann a bhuannachadh ar prìomh amas anns a’ bhuidheann Yes Alba, ach chan eil sin ach pàirt den adhbhar a tha feum againn air an leithid de bhuidheann. Ma tha sinn gus còraichean nan Gàidheal àrdachadh tha feum againn air lìonra de luchd-iomairt air feadh na dùthcha a tha deònach agus comasach strì a dhèanamh còmhla gus an ceann-uidhe sin a ruigsinn. ’S e seo a tha Yes Alba ag amas air.

Ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, bidh cothrom againn còraichean cànain a stèidheachadh mar phàirt de bhun-reachd ùr ar dùthcha. Leis an leithid de thoiseach-tòiseachaidh bhithinn an dòchas gun rachadh againn air àite na Gàidhlig a neartachadh, mar chànan a tha aig cridhe ar dùthcha ùir. Le còraichean bun-reachdail bhiodh e fada na b’ fhàsa iomadh còir eile a ghlèidheadh no a dh’ fhaighinn airson a’ chiad turas ann an linntean. Ach chan e cùis shìmplidh a bhios ann idir. Gun teagamh ‘s ann ri strì a dh’ fheumas sinn a bhith, agus cha bhi ach greiseag, beagan mhìosan no bliadhna aig a’ char as fhaide, a bhith soirbheachail leis an amas seo. Mar sin, bidh obair gu leòr againn uile às dèidh dhuinn bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Agus dè thachras ma bhios a’ bhòt a’ dol nar n-aghaidh? Uill, bidh fhathast feum againn air buidheann de luchd-iomairt a bhios deònach a sheasamh an aghaidh nan gearraidhean agus an aghaidh nan ionnsaighean air ar cuid chòraichean cànain a bhios, gun teagamh, air fàire, ann an cruth air choireigin.

Neo-eisimeileachd ann no às, tha sinne ann an Yes Alba, agus anns an iomairt mhòr iongantach seo airson neo-eisimeileachd, air rudeigin ùr agus, tha mi an dòchas, cudromach, a chruthachadh. Chì sinn dè bhios an dàn dhuinn.

 

Comments (0)

Leave a Reply to yesvote2014 Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. yesvote2014 says:

    Uabhaidh math seo fhaicinn. Gura math théid leibh leis a h-uile nì a tha sibh dèanamh.

  2. Tocasaid says:

    Math fhèin – se iomairt ‘dà-thaobhach’ a tha seo: airson neo-eisimeileachd agus airson na Gàidhlig. Se cleachdadh ar cànan gnìomh phoilitigeach na dòigh fhèin.

  3. oighrig says:

    Moran taing, Bella, airson aite a dheanabh dha ‘r guth. Obh! Obh! Chan ‘eil an tablet agam a g’aithnachadh a’ghaidhlig lol.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.