Chan eil ach Bu chòir a’ toirt cothrom airson Alba ùr

SS-image-2014-08-04-53dfcd85ba208San alt Gàidhlig seo, tha Art MacCarmaig a’ bruidhinn air na dòchasan aige airson Alba san àm ri teachd, mun a’ phàirt chudthromach a tha e a’ cluich san Iomairt Yes air Ghàidhealtachd, agus mun an amharas a th’ aige air na tha pàrtaidhean Westminster a’ gealltainn ma tha Alba ag ràdh Nach Bu Chòir. [In this Gaelic article, Arthur Cormack speaks of his hopes for Scotland in the future, of the important role he is playing for the Yes Campaign in the Highlands, and of his suspicions of the Westminster parties’ promises if Scotland says No.]

Dòchas no Eagal? Sòlas no Aithreachas? Bu chòir no Cha bu chòir?

Nam biomaid na b’ fheàrr còmhla a’ bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, carson nach eil sinn mar-thà nas fheàrr còmhla?  Carson nach eil a h-uile càil a thathar a ghealltainn againn an-dràsta?  A bheil an fheadhainn a chanas gu bheil a’ chuid as fheàrr againn de dhà shaoghal (ge bith dè tha sin a’ ciallachadh) cuideachd a’ cumail a-mach gu bheil an Rìoghachd Aonaichte, mar a tha sinn eòlach oirre an-diugh, na h-àite tlachdmhor far a bheil a h-uile nì cho math ‘s a b’ urrainn dha a bhith?

Chan eil dath na fìrinn air sin.

Tha buaidh an riaghaltais Làbaraich mu dheireadh fhathast a’ bualadh oirnn an dèidh crìonadh san eaconamaidh a mhair fada ro fhada ri linn cion smachd air bancaichean. Tha na Tòraidhean air cùisean a dhèanamh na bu mhiosa buileach.

Tha cùisean air a bhith doirbh dhaibhsan a tha ag obair, leis gu bheil cosgaisean làitheil air èirigh cho mòr ach gun do dh’fhuirich an tuarastal aca aig an aon ìre.  Dhaibhsan nach eil ag obair, tha riaghaltas Lunnainn gam peanasachadh agus ga dhèanamh nas duilghe sochairean fhaotainn.  Seo a dh’aindeoin ’s gu bheil gu leòr san t-suidheachadh sin ri linn phoileasaidhean agus cion cùram stàit anns a’ chiad dol a-mach.
Aig an aon àm ‘s a tha na h-àireamhan de dhaoine a tha a’ dèanamh feum de bhancaichean-bìdh air èirigh gu mòr, tha riaghaltas Westminster fhathast den bheachd gur e deagh rud a bhios ann uidheamachd cogaidh a chruthachadh an àite Trident aig cosgais £130 billean.  Dh’fhaodadh an t-suim sin co-dhiù £235k a thoirt don a h-uile sgoil san Rìoghachd Aonaichte – gach bliadhna airson deich bliadhna fichead.
Dè as cudromaiche?  Uidheamachd cogaidh den t-seòrsa seo nach gabhadh a chur gu feum gu siorraidh – nan samhla den impireachd a chrìon bho chionn fhada?  No foghlam?  No slàinte?  No sochairean sòisealta?  No barrachd airgid son cùram-cloinne a leigeadh le boireannaich (agus fireannaich) a dhol air ais a dh’obair?
Chanadh cuid gun dèanadh atharrachadh san riaghaltas an Lunnainn an ath-bhliadhna diofar mòr do dh’Albannaich.  Ach leis gu bheil na Làbaraich cho math ris na Tòraidhean air barrachd cruadail a ghealltainn, ge bith cò ghlèidheas an ath thaghadh coitcheann ann an 2015, bidh cùisean fhathast gu math teann.
Chan eil mi fhìn a’ creidsinn gum faigheamaid cumhachdan a bharrachd mar a tha pàrtaidhean an aonaidh a’ gealltainn nam fuiricheadh Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.  Chan eil earbsa sam bith agam sna daoine a tha gan gealltainn agus tha e follaiseach bho gheallaidhean a thug iad seachad cheana, gu bheil mi ceart a bhith amharasach.
Co-dhiù, carson a chuireamaid cùl ris na cumhachdan uile a tha a dhìth airson Alba a riaghladh airson fada nas lugha de chumhachdan fhaighinn nan àite air a’ cheann thall?  Tha e doirbh a thuigsinn cò chreideadh gur i deagh shlighe air adhart a bhiodh sin.
Tha Alba na dùthaich bheartach.  A bheil cùisean air ìre a ruighinn far am bu chòir dhuinn a bhith sàsaichte gun bhuannachd fhaighinn às a’ bheartas sin?  No, am bu chòir dhuinn a bhith a’ lorg slighe eile?
Le neo-eisimeileachd chan eil sinn ach ag amas air suidheachadh a tha àbhaisteach don mhòr-chuid de dhùthchannan; dùthchannan far a bheil am poball a’ taghadh nan daoine a bhios gan riaghladh.  Chan ann mu dheidhinn pàrtaidh no poileataigs àbhaisteach a tha ceist an reifreinn idir ach, gu sìmplidh, mun t-seòrsa dùthaich a tha a dhìth air Albannaich agus cò bu chòir a bhith gar riaghladh.
Chan eil mise nam bhall de phàrtaidh sam bith.  Ach ’s fhada on a bha mi den bheachd gun robh làn chomas aig muinntir na h-Alba co-dhùnaidhean a ruighinn gu maith na dùthcha aca fhèin.
Nuair a chaidh iarraidh orm a bhith nam bhall den chiad ceud a chuir ainm ris an athchuinge a’ toirt taic do neo-eisimeileachd do dh’Alba, cha b’ e ruith ach leum a rinn mi.  Ghabh mi ri obair shaor-thoileach mar chathraiche air an iomairt san Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Loch Aillse agus tha cùisean air a bhith trang, beòthail agus làn deagh ghean.  Agus tha sinn air a’ Ghàidhlig a chleachdadh gu follaiseach nar n-iomairt.  ’S fhada on a bha an uiread de chòmhraidhean a’ dol air adhart ann an coimhearsnachdan.
Agus ’s ann mar sin a tha cùisean air feadh Alba.  Tha coimhearsnachdan air tighinn beò a-rithist agus, ge bith dè thachras air 18mh Sultain, tha mi an dòchas nach fhalbh sin.
Bu chòir do dhaoine ann an diofar choimhearsnachdan an cuid bheachdan a chur an cèill mu na thathar a’ sùileachadh bho riaghaltas Albannach.  Nam bheachd-sa, bidh iomadh cothrom ann don Ghàidhealtachd agus do na h-Eileanan.  Le dreuchdan ùra a bhiodh an cois buidhnean an riaghaltais ùir, bu chòir cuid aca a bhith ann an sgìrean far a bheil obraichean a dhìth agus far am biodh a’ bhuaidh eaconomach na b’ fhollaisiche; ann an àitichean far am faigh òigridh cothrom fuireach aig an taigh seach gluasad do na bailtean mòra.
Ged a tha na cothroman follaiseach dhòmhsa, tha mi ag aithneachadh gur e ceum doirbh a bhios ann do chuid a bhòtadh airson neo-eisimeileachd.  Mholainn gu mòr dhan a h-uile duine an ceum a ghabhail ge-tà.  Ged a nì sinn mearachdan ann an dùthaich neo-eisimeileach – chan eil càil nas cinntiche – bidh cothrom ann am feum as fheàrr a dhèanamh de na stòrasan a th’ againn ann an Alba gus dùthaich nas cothromaiche a stèidheachadh.  Bidh dleastanas oirnn uile a dhèanamh cinnteach gun obraich cùisean.  Ged nach biodh e uile gu lèir furasta, b’ fheàrr leam dùbhlan no dhà seach fuireach fo smachd riaghaltas ann an Lunnainn leis na tha an dàn don Rìoghachd Aonaichte.
Cuimhnichibh nach eil aon dùthaich a ghabh an ceum seo mar-thà ag iarraidh tilleadh dhan rìoghachd dom buin iad roimhe.  Cuimhnichibh gur e fìor chothrom a tha sa bhòt.  Cha bhi bhòt son neo-eisimeileachd ach na toiseach tòiseachaidh.  Ged a dh’fhaodadh cùisean san dùthaich a bhith na bu mhiosa, dh’fhaodadh iad cuideachd a bhi tòrr mòr na b’ fheàrr.  Chan eil duine a chanadh nach eil an comas aig Alba riaghladh na dùthcha a ghabhail os làimh.  ‘S ann mu dheidhinn sin – agus sin a-mhàin – a tha ceist an reifreinn.  Cuimhnichibh air bunait na ceist: Am bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?  Cò chanadh nach bu chòir?

Tags:

Comments (12)

Leave a Reply to Marconatrix Cancel reply

Your email address will not be published.

  1. alasdair91 says:

    Fìor dheagh alt a bha sin. Tha mi ‘g aontachadh leis gu mòr. Sgrìobhaibh sa Bheurla e gus am faod a h-ile duine a leughadh – tha e math sin!

    1. Fearghas MacFhionnlaigh says:

      “Sgrìobhaibh sa Bheurla e”? Tha fhios nach e ach fìor mholadh a tha fa-near dhut (agus chan eil mi gad chàineadh idir san t-seagh sin). Ach saoil gu dè an seòrsa comhairle a th’ ann an seo dha-rìribh do sgrìobhaiche Gàidhlig sam bith? – “Ma tha thu comasach, sgrìobh sa Bheurla e; mur eil thu ach meadhanach, fàg sa Ghàidhlig e”! Tha e toirt dham chuimhne rud a thuirt eòlaiche-fòghlaim Cuimreach o chionn bhliadhnaichean. Thàinig e a-nìos a dh’ Inbhir Nis gus a bheachdan a thoirt seachad. Mhol e sgoil gu tur Gàidhlig a stèidheachadh seach sgoil dhà-chànanach. Bha sgeul aige mu sgoil dhà-chànanach shìos sa Chuimrigh. Là bha seo nochd a’ bhan-cheannard na cabhag san raon-cluiche. Ghairm i a’ chlann còmhla agus dh’eubh i riutha: “This is very important, so I’m going to say it in English!”

      Mar a tha làn fhios againn, is e sabaid stèidhichte gu h-iomlan air argamaidean eaconamach a th’ air a bhith anns an iomairt reifrinn seo. Agus gu dearbh, mur eil airgead gu leòr ann gus biadh a cheannach, is ann air an easbhaidh shingilte thruagh sin a-mhàin a bhios inntinn duine gus an tig piseach air a chor beòshlàint. Ach às dèidh sin aideachadh, is cinnte gur e cultar fìor bheairteas chinnich seach airgead lom.

      O chionn linntean thionndaidh cùirt Rìgh nan Albannach bhon Ghàidhlig gu Galldais. Chaidh na Gaidheil fhàgail air an iomall. Cha robh sinn an tac an teine mhòir bho sin a-mach. Nuair a thog Seumas VI air gu smachd-acrach dhan Cheann a Deas ann an 1603, air a leantainn leis a’ Phàrlamaid againn ann an 1707, bha buaidh mhòr air cànanan na h-Alba. Thionndaidh an Rìgh agus an luchd-pàrlamaid againn do Bheurla chruaidh Lunnainn. A-nis chaidh luchd a’ Ghalldais fhèin air am fàgail san fhuachd iomallach. Oir ann an dòigh is e cridhe chultair a th’ ann an Riaghaltas. Is e cagailte mhòr a th’ ann.

      Nuair a fhuair Alba leth-riaghaltas Taigh an Ròid air ais, thill beagan a’ bharrachd blàths dhan dùthaich againn. An cois làn neo-eisimeileachd bithidh dùil againn ri àite-suidhe daingeann aig luchd na Gàidhlig an tac cagailte mòire Alba a-rithist (ach saoilidh mi fhìn gum bi sabaid a bharrachd ann mus tachair sin dha-rìribh). Ach sin ann no às, tha aon rud fìor: cha mhair a’ Ghàidhlig beò mura sguireas sinn a bhi coimhead oirnn fhìn mar leth-chultar air iomall an “fhìor” chultair. Mura bhios de mhisneachd againn fìor thlachd a ghabhail nar suidhe timcheall air teine blàth ar cànain fhèin. Gun a bhith daonnan a’ sealltainn thairis air ar guailnean fo iomagain ri “urracha mòra” na Beurla. An còmhnaidh deiseil gus eadar-theangachadh umhail a thoirt seachad riuthasan.

      A-nis ‘s a-rithist feumaidh sinn sparradh orrasan (agus cuimhne as ùr a bhith againn fhèin) nach gabh cànan sam bith eadar-theangachadh dha-rìribh gu cànan eile idir idir. Is e seo cnag-cùise cultair sam bith. Clach theth na cagailte againn. Cridhe dìomhair drùidhteach ar cànain fhèin.

      1. alasdair91 says:

        Ok… Chan e siud a bha mi ciallachadh idir. ‘S e tidsear Ghàidhlig a th’ annam ‘s mi a tha tuigs dè cho cudromach ‘s a tha e Gàidhlig a chleachdadh ‘s a bhrosnachadh. Cha robh mi ach a’ ciallachadh gum biodh e math nan cuireadh Art dreach Bheurla air a seo gus cothrom a thoirt don fheadhainn (a’ mhòr-chuid) aig nach eil Gàidhlig am pìos inntinneach, beachdail seo a leughadh.

        An t-adhbhar ‘s gun tuirt mi sin? Chan eil mi air beachd cho làidir is soilleir a leughadh sa Bheurla…

  2. Tocasaid says:

    Deagh alt dhà-rìribh. S math seo fhaicinn ann an cànan tusail na h-Alba. Tha làn thìd’ againn ar guthan a thogail.

  3. yesvote2014 says:

    Math fhéin. Tha iomairt Bu Chòir air Facebook le miltean de luch leantainn

    http://www.facebook.com/YesAlba

  4. Eman says:

    Sgoinneil. Saoil, am biodh (cùid dhe) na pàipearan-naidheachd dèonach an alt seo fhoillseachadh? No meadhanan eile? Bhiodh e math a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a ruigsinn, gu sònraichte daoine nach leughas làraich-lìn mar seo.

  5. chicmac says:

    Tha mi an dòchas gum bi e ” not-dependent” no “undependent” air am paiper na bhot ann am Bheurla. 🙂

  6. Fearghas MacFhionnlaigh says:

    Sgrìobh alasdair91
    August 18, 2014 • 22:38
    “Ok… Chan e siud a bha mi ciallachadh idir…”
    ————–
    Freagairt bho MhacFhionnlaigh:
    Gabh mo leisgeul gun do thog mi ceàrr thu sa chiad dol a-mach. Is e an rud gu bheil mi air fàs cho sgìth de dhaoine ag iarraidh eadar-theangachadh ri Beurla de chonaltradh air loidhne sa Ghàidhlig. Ach chì mi gun do leum mi ro luath an seo. Bha deagh adhbhar agad. Is mise as coireach.

  7. Des says:

    Mo lan-taic don iomairt bu choir ach eagal tha ormsa gur ann air an t-sitig a bhiodh democrasaidh ionadail as deidh laimh direach mar a tha e an drasda. Feumaidh cumhachd a bhith sa choimhearsnachd agus chan ann an Inbhir Nis, Dun Eideann agus a leithid sin – seall air Comhairlie na Gaidhealtachd, Bord na Gaidhlig, agus iomadh buidheann eile agus chithear ciamar a tha laimh an uachdar aigmeadhanachadh (centralisation)
    Ma soirbheachas sinn feumaidh sinn a chumail a dhol gus am biodh fior democrasaidh ur ann sa h-uile roinn
    .

  8. Marconatrix says:

    Théid a’ cheist a chur dhuinn ‘sa Bheurla, as ‘sa Bheurla a-mhàin. Carson a bheireadh luchd na Gàidhlig cùl taice do’n fheadhainn nach eil urram aca oirnne?

  9. So who will come and teach me to read and write properly,and of course speak the Gaelic.

    1. Marconatrix says:

      Good question. I’ve seen an online map showing the location of Welsh learners/teachers so maybe there’s something similar for Gàidhlig. If not why not 😉 Could be your next door neighbour but one has G. but you’d never know.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.