2007 - 2020

Cò tha a’ Riochdachadh Coimhearsnachd na Gàidhlig?

imagesDr Hugh Dan MacLennan looks at who currently represents the Gaelic community and asks if individuals and certain organisations could do more. Cleas iomadach ceist, tha diofar thaobhan air an dearbh cheist, a tha a’ buaireadh dhaoine an-diugh ann an iomadach dòigh. Anns a’ chiad àite, dè, no cò, th’ ann an coimhearsnachd na Gàidhlig agus càite bheil e, i, no iad?

‘S e firinn na cùise gur e beathach gu tur ùr a th’ ann an Gàidheal an latha an-diugh (ma tha sinn a’ ciallachadh cuideigin le Gàidhlig le bhith ag ràdh sin) agus gu bheil am beathach sin ri lorg ann an àiteachan no le dreach is cumadh gu math eadar-dhealaichte bhon choltas a bh’ air ‘Gàidheal’ nuair a bha mi fhèin nam ghiobal òg an Lochabar.

Tha gu leòr gam meas fhèin mar Ghàidheil an-diugh ma tha Gàidhlig aca no ùidh ‘sa chànan – biodh iad fileanta bho thùs no nan ‘luchd ionnsachaidh ùra’. Tha sin gam fàgail beachdail mun Ghàidhlig agus dè tha ceart no ceàrr mun dòigh sa bheil cuid de rudan a’ tachairt.

Feumaidh mi ràdh son mo thaobh fhèin dheth nach robh mi a-riamh gam mheas fhèin mar riochdaire do shaoghal na Gàidhlig mura robh mi air m’ fhasdadh son sin a dhèanamh. Ma bha, no tha, beachdan agam air cùisean Gàidhlig, nì mi sin follaiseach ann an dòighean a tha iomachaidh agus, tha mi an dòchas, ciallach.

‘S e dòigh car iomrall a tha sin air dèiligeadh ris a’ cheist anns a’ cheann-teagasg. Ach cò gu fìrinneach a tha a’ riochdachadh na coimhearsnachd Gàidhlig? ‘S e mo bharail fhèin gu bheil làn cheartas agus làn chòraichean aig gach neach bhon choimhearsnachd sin a bhith a’ riochdachadh na Gàidhlig – agus bu chòir sin a dhèanamh ann an dòighean a tha ciallach, innleachdach, dìreach agus susbainteach.

Ro-thric ge-tà, `s dòcha nach eil coimhearsnachd na Gàidhlig ga riochdachadh fhèin ann an dòigh a tha cho ealanta, gleusda ‘s a bu chòir. Chan eil againn ach coimhead air an dòigh sa bheileas, no nas fìrinniche nach eileas, a’ dol an sàs anns an ladarnas a bhios a’ dol mun Ghàidhlig agus gu sònraichte mun ‘ana-caitheamh airgid’ a th’ ann a’ cosg airgead poblach air a’ chànan.

‘S e an rud as draghaile mun seo nach eil buidhnean na Gàidhlig – foirmeil, neo-fhoirmeil no eile, idir deònach, sa chumantas, a dhol an sàs anns an deasdad gus còraichean na Gàidhlig a sheasamh. Tha adhbharan gu leòr ann a chur an aghaidh na tha de dh’easbhaidh anns na meadhanan, ach tha leisg uamhasach oirnn sin a dhèanamh. Tha eachdraidh, teisteanas, toradh ransachaidhean, fiùs seasamh laghail a dh’fhaodamaid a chleachdadh son car a chur an amhaich nan argamaidean ladarna a tha a’ spùtadh air Facebook, Twitter agus bho chuid de luchd-naidheachd nam pàipearan, ionadail agus nàiseanta.

‘S dòcha gu bheil ceist eile ann ge-tà, agus ‘s e sin a bheil còir dragh a bhith oirnn mu na tha de sgudal mun cuairt? Cia mheud a tha a’ leughadh phàipearan-naidheachd san latha th’ ann? Nas lugha agus nas lugha gach latha. Twitter? Facebook? Cia mheud a tha a’ leantainn bheachdan an fheadhainn a tha ri faoineas? Aig amannan chan eil cus, agus `s dòcha nach bu chòir dhuinn feart sam bith a ghabhail de na beachdan.

Gu math tric tha e air fhàgail aig duine no dithis a tha gu math dìcheallach a bhith a’ tilleadh air easbhaidh. Chan eil sin math gu leòr nam bharail-sa, agus tha làn thìde aig buidhnean Gàidhlig, bho ìre choimhearsnachd gu ìre a’ Bhùird, a dhol air an casan – chan ann le pylons a leagail no taighean còmhnaidh a chur nan teine mar bhathas uaireigin a’ muigheadh sa’ Chuimrigh, ach tro innleachdan agus le cleachdaidhean a tha tòrr nas fhearr na an fheadhainn ris a bheileas a’ coiteachadh.

Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig. Chan e na briathran agam-sa a tha sin ach na faclan oifigeil a tha a’ stiùireadh obair a’ Bhùird. Tha a leithid eile a’ stiùireadh obair an TBh. Ach dè tha a’ stiùireadh bhuidhnean eile agus gam bacadh bho chrann-tara na Gàidhlig a thogail dhan adhar agus a’ sgoileadh air an eadar-lìon is meadhanan eile? Cion fiosrachaidh, cion diù, cion misneachd? ‘S dòcha earrann mhath dhen h-uile càil an sin.

Bidh sibh a’ faighneachd dè an fhreagairt a th’ agam son a t-suidheachaidh? Ceart no ceàrr e tha mi dhen bharail gu bheileas a’ sùileachadh cus air buidhnean oifigeil leithid a’ Bhùird agus MG Alba is gun stòras no cothrom aca ach na h-uimhir a dhèanamh fo na dleastanasan laghail a th’ orra. ‘Chanadh Ùisdean sin co-dhiù’, canaidh cuid agaibh. Cha chanadh gun adhbhar, o chionn tha sinn a’ tighinn beò ann an suidheachadh gu math cugallach is èiginneach. Buidseit bho Westminster a dh’fhaodadh ionmhas na Gàidhlig a sgrios an ath bhliadhna (tro làmhan is gnìomhan Dhùn Èideann), a cheart cho math ‘s a thèid gearraidhean garbha eile a chur troimhe.

Agus ciamar no carson a thigeadh neach poileataigs sam bith gu cobhair na Gàidhlig agus seirbhisean poblach gan gearradh, sgoiltean a’ dùnadh, agus fhathast sinn a’ suileachadh fàs ann an àireamhan na Gàidhlig. Sin fuaim na h-argamaid. ‘S e fìrinn na cùise nach eil còraichean againn a dh’ fhosglas sgoiltean Gàidhlig ùra agus tha amharas agam nach bi a’ chiad ghreis. Mura bi neart is susbaint sna h-argamaidean againn chan eil an saoghal Gàidhlig gu bhith buan.

Agus a’ tilleadh gu na ceist cò tha a’ riochdachadh? Tha e nas fheàrr coimhead ri cò bhios. Bu chòir gum biodh oilthighean, buidhnean leithid a’ Chomainn Ghàidhealaich (aig a bheil neart ann an àireamhan is taic) agus buidhnean is comainn Ghàidhlig eile a’ dèanamh barrachd a thaobh a bhith a’ cur ìmpidh air comhairlean agus an dà Phàrlamaid a tha gar cumail air ais a rabhaigeadh.

Cuireamaid innleachd air dòigh sa choimhearsnachd son ar còraichean a sheasamh – agus an cabhaig.

Ùisdean MacIllInnein
Co-Rannsachaidh Soillse
Oilthigh Dhùn Èideann

Bidh seminar air a’ cheann-teagaisg aig HD ann an Oilthigh Dhùn Èideann Dihaoine 13mh aig 50 Ceàrnag Sheòrais, aig 1300

Tags:

Comments (4)

Join the Discussion

Your email address will not be published. Required fields are marked *

  1. Neil McRae says:

    Gilleasbuig! Tha Gilleasbuig Aotrom a’ riochdachadh coimhearsnachd na Gàidhlig!
    iolairelochtreig.blogspot.co.uk

  2. Ailean says:

    Tha cumhachd ann an lamhan luchd-poilitigs, civil servants agus quangos.

    Let’s take the Gaels’ most powerful representative in the Scottish Govt – Alasdair Allan MSP: in his capacity as Minister for Gaelic, has been asked directly, in a reasonable manner, to stand up for Gaels’ rights with regard to television. He has done, and said, very little when matters get difficult or challenging.

    Just one example. It would be unfair just to single out the Minister, but the truth is we can put forward as many effective arguments as we can, but if the politicians and civil servants aren’t interested, very little will be achieved.

    It is a myth that the current Scottish Govt are blindly-pro Gaelic.

    And our ‘representatives’ at a local level, na Comhairlean? Our local elected Councillors – some are excellent, but again, many do nothing for Gaelic. They are our ‘representatives’.

    Very little mention in the article about the flawed structures that exist in Scottish society.

    Why, for example, aren’t Bord na Gaidhlig’s Bord elected? Or MG ALBA?

    The Bord na Gaidhlig Chair gets £13,000 or so – no-one voted for him. Is he ‘representative’? No.

    MG ALBA the same. An unelected Chair on £11,000 a year. Board Members – unelected – on £4k per year. Do they represent us?

    COSLA? They are supposed to represent Gaels too. Gaelic always seems a secondary issue when it comes to COSLA.

    It is up to Gaels to lobby, but if the structures are flawed, and if politicians are unwilling, scared, or just not interested – no matter how effective our arguments are – we will fail.

    Time for real structural change in Scotland. That’s what this article should have addressed.

    I’d be interested to hear more about Hugh Dan’s ideas about Universities representing ordinary Gaels. Tell us more!

  3. Dòmhnall says:

    ‘S e artaigeal air leth inntinneach a tha seo.

    Chan eil mi ag aontachadh gur ann air na buidhnean Gàidhlig a tha an làn dleastanas airson riochdachadh. Cait a bheil na daoine fhèin? A bheil iad coma?

    Mar eisimpleir – nuair chaidh £43 millean a chosg air an MV Loch Seaforth, chaidh àite na Gàidhlig a lùghdachadh gu mòr. An do thog duine sam bith ceist? Cha do thog ach aon neach. Aon neach!!!!!!!!!! Tha rudeigin beagan pathetic air sin.

    Ged a tha e goirt, doirbh aideachadh, mi-chofhurtail agus eile, tha ceist mhòr agam a bheil luchd-labhairt na Gàidhlig gu ìre mhath coma fhad ‘s a tha cèilidh no dhà ann agus pròiseact eachdraidh a leageas le daoine coimhead air ais.

    Chan eil strì no eile ann a’ tighinn bho dhaoine beò airson òigridh.

    Tha sinn ann an cunnart structar mòr a thogail nach eil stèidhichte air taic na daoine fhèin.

    Chan eil e idir dìreach mu na meadhanan no eile. Tha BBC Alba ann agus an t-àm againn prìomhachas a chur air cuspairean eile.

    Tha an urra ri daoine, gu pearsanta, dleastanas ghabhail airson strì na Gàidhlig. Structaran math no dona, mura h-eil an strì ann bho na daoine fhèin, a dh’aidheoin gach duilgheadas

  4. Neil McRae says:

    A not-unrelated Bella blog from two years ago, by the distinguished blogger Gilleasbuig Aotrom:

    https://bellacaledonia.org.uk/2013/08/23/gaelic-revival-what-gaelic-revival/

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.