Poileasaidh Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar

Bha e deuchainneach dhuinn beachd Mhgr Uilleim Dhòmhnallaich a chluinntinn air Aithris na Maidne, 2018/09/13 (1), is e a’ cumail a-mach nach eil Comhairle nan Eilean Siar an dùil Sgoil Ghàidhlig cheart a thogail sna bliadhnaichean ri thighinn. Tha staid chugallach na Gàidhlig anns na h-Eileanan gu ìre mhòr na toradh air poileasaidh foghlaim na Comhairle thairis air an 40 bliadhna a chaidh seachad.

Thug e ìre de fhaochadh dhuinn a chluinntinn “gu bheil an àireamh (de sgoilearan ann am FMG) gus a bhith aig 50%, is gu bheil a’ chomhairle a-nise a’ cur romhpa 70% a ruighinn san àm ri teachd.(2)” Ach tha iad a’ bruidhinn an-seo mu dheidhinn clann ann an aonadan Gàidhlig taobh ri taobh clann aig nach eil Gàidhlig idir.(3) Cò cànan a bhios aca san raon-cluiche? Cuimhnichibh gu bheil sinn a’ bruidhinn cuideachd air àireamhan glè bheag de sgoilearan anns gach sgoil, chan eil teagamh gum bi na sianar no deichnear san aon bhliadhna a’ cluich ri chèile tro mheadhan na Beurla aon uair ‘s gu bheil iad a-mach às an t-seòmar-teagaisg. Mura h-eil iad a’ faighinn Gàidhlig san taigh chan urrainn dhuinn a bhith an dùil gum bruidhinn iad Gàidhlig gu fileanta a dheòin.

“Tha pàrantan air a dhèanamh gu math soilleir dhuinn nach eil iad deònach an cuid chloinne a bhith a’ siubhail airson leth-uair no uair an uaireadair a’ dol gu coimhearsnachd eile”(2)

Anns a’ chiad àite bhiomaid airson sgoiltean Gàidhlig fhaicinn anns gach coimhearsnachd, mar a tha aca le sgoiltean Cuimris ann an Gwynedd sa Chuimrigh(4), no le Gaeilge ann an sgoiltean nan Gàidhealtachdan an Èirinn. Tha a’ Chomhairle, is daoine an aghaidh FMG, gu tric a-mach air “roghainn” “choice” a thoirt do phàrantan. Ach ‘s e roghainn aig luchd-labhairt a’ mhòr-chànain a-mhàin a tha seo. Dè taghadh aig pàrantan a tha ag iarraidh an cuid chloinne a bhith air am bogadh ann am FMG, ann an cànan an àite? Tuigidh sinn cuideachd gun robh iarrtas ann an Uibhist a Tuath an 2006 agus ann am Barraigh an 2011 nuair a chaidh Sgoil Ghàidhlig a ghealltainn dhaibh nach deach coileanadh riamh on uairsin.

Tha sinn ag aontachadh gu tur le Mgr Dòmhnallach nuair a thuirt e; “Bidh sinn a’ cluinntinn an còmhnaidh ‘cha chum an sgoil leatha fhèin Gàidhlig beò, ‘s e coimhearsnachd chumas Gàidhlig beò’, agus ‘s e sinn a tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh.”(2) Ach cha gabh seo a dhèanamh le sgoiltean mar a tha iad, a’ cruthachadh leth luchd-labhairt ann an àrainneachd far a bheil Beurla an-còmhnaidh a’ faighinn làmh an uachdair.

Tha an t-àm ann dòighean ùra a lorg agus ceumannan ceart a ghabhail gus dèanamh cinnteach nach fhaic sinn fhèin Gàidhlig a’ dol à bith anns an sgìre mu dheireadh ann an Alba far a bheil i ga bruidhinn fhathast le àireamhan brìgheil de dhaoine. Mura gabh, tachraidh an aon rud a thachair air feadh na dùthcha, ann an Siorrachd Pheairt is Earra Ghàidheal, an ìre mhòr air a’ Ghàidhealtachd is ann am Muile is anns an Eilean Sgitheanach.

Bu chòir gum bi Comhairle nan Eilean Siar a’ lìbhrigeadh clasaichean cunbhalach aig a h-uile ìre air feadh nan Eilean, saor an asgaidh don a h-uile duine a tha deònach gan dèanamh. Bu chòir gum bi cùrsa bogaidh fad trì no sia mìosan ann do chloinn a’ tighinn a-steach dhan sgìre no airson clann a tha ag iarraidh gluasad gu FMG bho FhMB às dhèidh dhaibh am foghlam a thòiseachadh. Bu chòir gum bi cùrsaichean coimhearsnachd ann do luchd-ionnsachaidh, a’ leantainn an eisimpleir Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh(5), a’ sealltainn do mhuinntir nan Eilean gu bheil iarrtas ann agus gum faod iad beagan airgid a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig is chan ann dìreach bhon a bhith bruidhinn Beurla ri luchd-turais.

‘S riatanach gun seall am buidheann as motha an urra ri seasmhachd is leantaileachd na Gàidhlig mac-meanma is dealas don chànan.

1. https://www.bbc.co.uk/programmes/b0bjdw5h#play
2. https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/45507195
3. https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/31354671
4. https://www.gwynedd.llyw.cymru/en/Council/Strategies-and-policies/Education/Language-Policy.aspx
5. http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/flodigarry-16-07-2018

Comments (2)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Steaphan says:

    Is e tàmailt a bh’ ann sna 1970an nach robh foghlam Gàidhlig ann.
    Is e tàmailt a th’ ann fhathast gu bheil an leithid seo de strì a dhìth mus dèan CnanE sgàth airson Gàidhlig àbhaisteachadh an Innse Gall.
    Is e tàmailt a th’ ann nach dèan iad ach an rud as lugha ma gheibh iad às leis.
    Tha e cho mì-nàdarra nach robh Gàidhlig na meadhan conaltraidh eadar an sluagh agus a’ Chomhairle anns an Eilean Fhada thuige seo.
    Cho mì-nàdarra ‘s gun tug iad cho fada an ìre ìosal seo a ruighinn.
    Ged a b’ e an Stàit Bhreatannach agus na h-uachdarain as motha a bu choireach dhan t-suidheachadh seo, ‘s e a’ Chomhairle a tha an-dràsta ga chumail a’ dol.

  2. Donnchadh says:

    Anns na coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig fhathast beò, ‘s ann air èiginn a tha i beò. Nàire air a’ Chomhairle.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.