LÈIRMHEAS: TOGAIL CATALÒINIA ÙR Review: Building a New Catalonia

Bidh tòrr dhaoine ann an Alba a a’ cumail taic agus dlùth-phàirteachas ri sluagh Chatalòinia, muinntir Mhisneachd nam measg. Mar sin, bidh ùidh aig daoine anns an leabhar ùr seo, a tha na chruinneachadh de dh’aistean a chaidh fhoillseachadh le Pol·len edicions agus Bella Caledonia aig toiseach na bliadhna.

Tha ainmean am measg nan sgrìobhadairean a bhios aithnichte gu leòr duinn ann an Alba, leithid Mike Small (fear-deasachaidh Bella Caledonia), George Kerevan (aig a bheil colbh anns an National, agus a bha na Bhall Pàrlamaid Lunnainn airson a’ PhNA 2015-17) agus an sgrìobhadair Chris Bambury. Tha luchd-iomairt ann an Èirinn nam measg cuideachd, Fiona Ferguson agus Gerry Carroll bho People Before Profit, agus an neach-naidheachd sòisealach Paul Mason à Sasainn. Tha iad uile rin lorg anns an leabhar seo, còmhla ri luchd-lagha, luchd-rannsachaidh agus luchd-iomairt – a’ mhòr-chuid dhiubh stèidhichte ann an Catalòinia fhèin.

Tha an leabhar a’ tòiseachadh le aiste shusbainteach le Ignasi Bernat agus David Whyte (na fir-dheasachaidh), a tha a’ sealltainn, gu geur, na ceanglaichean làidir a tha fhathast ann eadar franquismo air an dàrna làimh agus structaran na stàite agus ideòlas nàiseantais na Spàinne, san latha an-diugh, air an làimh eile. Chan eil iad ag argamaid gur e stàit fhaisisteach a th’ anns An Spàinn an-diugh, ach gun do rug faisisteachas i, agus gu bheil fàileadh làidir franquista fhathast ri fhaireachdainn aice.

Anns a’ phoileas, anns an arm, anns a’ Phartido Popular, ann am bun-reachd na stàite agus ann am bun-ideòlas na Spàinnte, tha eileamaidean cudromach ann nach do dh’atharraich ann an dòigh susbainteach as dèidh bàs Fhranco fhèin ann 1978. Chaidh an staid ùr a thogail air bunaitean a chuir Franco fhèin air bhonn, agus tha i air a bhith ga leasachadh bhon àm sin, ann an dòigh glè chumhang. Tha e uabhasach doirbh atharraichean adhartach sam bith a dhèanamh ann an Spàinn – a thaobh còirichean nam ban, a thaobh smachd na h-eaglaise, a thaobh dèiligeadh ri dìleab a’ Chogaidh Shìobhalta, a thaobh cumhachdan luchd na maoin agus ann an dòighean eile – los gun deach bun-reachd agus structuran na Spàinn a dhealbhachadh le Franco agus a luchd-leantainn agus oighreachan. Mar sin, tha freumhan iomairt radaigeach na neo-eisimeileachd ann an Catalòinia, san latha an-diugh, anns an strì airson seòrsa dùthcha eile. Chan eil brìgh na h-iomairte ann an dathan na brataich no ann an ‘fèin-aithne nàiseanta’, ach anns na h-iomairtean ana-chalpach, ana-ghràin-chinnidheach agus feimineach, anns na h-iomairtean airson na Catalanais, agus iomairtean eile ann an coimhearsnachdan clas-obrach.

’S ann mu na h-iomairtean sin a tha an còrr dhen leabhair. As dèidh an aiste aig Bernat agus Whyte, tha 33 aistean goirid ann, a’ mhòr-chuid dhiubh mu thimcheall deich taobhan-duilleig a dh’fhaid. Seo againn guthan na làimhe chlì, guthan radaigeach ann an dùthaich a tha aig teas-meadhan strì eadar adhartas agus ais-cheumnachadh, eadar cumhachd luchd na maoine agus iomairtean nan luchd-obrach agus, gu seachd àraid, eadar nàiseantachas na stàitean mhòra agus còirichean mion-shluaigh.

Rud a bhios a’ nochdadh uair agus a-rithist anns na aistean anns an leabhar seo: feum aig iomairt sam bith air freumhan ann an coimhearsnachdan. A’ fàs bho na freumhan sin, tha feum ann air iomairtean sòisealta a tha làidir gu leòr gus ìmpidh a chur air an luchd-poileataigs aca. Chan eil na daoine a’ feitheamh air òrduighean no cead sam bith bho na pàrtaidhean aca: tha an gluasad air thoiseach air na pàrtaidhean. Tha iad a’ togail Catalòinia ùr mar-thà.

Tha na sgrìobhadairean onarach, le bhith ag aideachadh na fàillinnean ann an Catalòinia, agus ann an eileamaidean taobh a-staigh na h-iomairte gu ruige seo, gu h-àraidh am processismo, a chuir bacadh air an iomairt fad bhliadhnaichean. Tha lèirsinn soilleir aca gu bheil feum aig na Catalanaich fhèin air seòrsa dùthcha gu tur eadar-dhealaichte agus chan e dìreach an Spàinn nas lugha le bratach eile – chan eil iad a’ cur earbsa ann an neo-eisimeileachd air a sgàth fhèin.

’S e leabhar smuaineachail agus puingeil a tha seo, le aistean air tòrr cuspairean a tha a’ sealltainn dhuinn chan ann a-mhàin staid na h-iomairte ann an Catalòinia, ach meòrachaidhean air dòighean obrach agus air nàdar iomairtean adhartach nar làithean-ne, a bhios feumail do daoine ann an àiteachan eile cuideachd. B’ fhiach do dhuine sam bith an leabhar seo leughadh, no buidheann sam bith, a tha an sàs ann an iomairtean airson saoghal ùr, seach Catalòinia ùr a-mhàin, a thogail.

Le Donnchadh Sneddon, bho Sgioba Misneachd

Aig àm sgrìobhaidh (An Gearran, 2019), bha tè de na sgrìobhadairean, Anna Gabriel, air fògradh anns An Eilbheis. Tha fear eile aca, Jordi Cuixart, air a bhith na phrìosanach bho 2017, agus an sàs ann an deuchainn-chùirte fo chasaid ceannairc.

 

Tachartas cur air bhog ann an Dùn Èideann an-seo.
Chaidh an learmheas seo fhoillseachadh ann am Buaidh, an iris aig Misneachd
 
@MisneachdAlba
facebook.com/misneachd

Join the Discussion

Your email address will not be published.

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.