Toiseach Tòiseachaidh

In her first column Fiona MacIsaac sets out her aspirations for the subjects she wishes to touch on in the coming months in more depth. Fiona briefly touches on her own journey as a Gael and native Gaelic speaker – something she will be exploring in more depth in future columns in conjunction with happenings in the wider world. She explains her own personal anxieties about writing in Gaelic, something that she has only recently revisited after many years not having written much in the language. In the final section Fiona also talks about how she will explore topics such as climate change and politics – Scottish Independence and issues on the left. Lastly, she will talk extensively about visual art – her background being in Fine Art – and its role in exploring narratives of place and decolonisation.

‘S e seo dìreach toiseach tòiseachaidh: tha mi dìreach a’ dol a sgrìobhadh mu na cuspairean a tha mi ‘n dòchas anns a’ cholbh seo, bidh puing neo dhà ann ach cha bhi mi a’ dol ro dhomhainn a-steach ann an cuspair sam bith. Co-dhiù, tha mi an dòchas gun còrd e ribh.

Chanadh cuid nach e rud nàdarra th’ ann domh a’ bhith a’ bruidhinn a-mach, ‘s dòcha nach e rud comhfhurtail a th’ ann airson Gàidheil – bidh iad ag ràdh gu bheil sinn rudeigin diùid. Ach tha an t-àm ann sin atharrachadh, nam bheachd, chan eil na daoine tha an aghaidh ar cànan agus ar cultair sàmhach, socair, diùid. ‘S e pàirt gu math cudromach anns an t-slighe agamsa – a’ fàs comhfhurtail a’ cleachdadh mo ghuth fhìn, leis a bhith a’ cleachdadh làraich-lìn mar Twitter agus Facebook airson mo bheachdan a chur seachad. Bidh mi a’ feuchainn ri rudan a chumail aotrom air na meadhan sòisealta – beagan fealla-dhà ‘s mar sin – ach gu tric bidh mi a’ tuiteam a-steach dhan argamaid agus strì an aghaidh daoine a tha a’ gearain mu rudan mar “Gaelic Road Signs” agus frac mar sin. Tha fios agam nach eil e a’ dèanamh mòran feum do staid na cànain, ach tha e a’ toirt seachad eisimpleir cho bitheanta ‘s a tha faireachdainn an aghaidh oidhirp sam bith brosnachadh cànan ‘s cultair nan Gàidheal bhon riaghaltas neo tro fhoghlam (agus tha tòrr a’ bharrachd taic ann a dh’fhaodadh tighinn bhon riaghaltas airson ar cànan a chuideachadh). Nise, bha aon bheachd a’ seasadh a-mach dhomhsa – fear ag ràdh nach robh leithid a rud ann ri “native Gaelic speaker”… Tha fios agamsa nach eil sin faisg air a bhith fìor, tha iomadach “native speaker” ann a tha mu chuairt an aois agam fhèin, agus nas òige, ‘s urrainn dhomhsa smaoineachadh air. ‘S e beachdan mar sin a dh’fheumas sinn cur suas ris.

Ged a tha rudan mar sin a’ cur a’ chaoch orm, tha iad cuideachd a’ toirt cothrom dhomh smaoineachadh air mo fhaireachdainn nam Ghàidheal agus an t-slighe tha mi air a gabhail anns an t-saoghal Ghàidhealach on a bha mi fhìn beag – tha dùil agam barrachd a sgrìobhadh mu dheidhinn uaireigin eile, ‘s e cuspair mòr a th’ ann, ach nì mi oidhirp air criomag bheag innse dhuibh an seo airson blasad beag fhaighinn.

‘S e Gàidhlig mo chiad chànan; bha a’ Ghàidhlig agam mus robh facal Beurla agam – ‘s toil leam a bhith ag ràdh gun d’ dh’ionnsaich mi Bheurla bho bhith coimhead air an teilidh agus anns an sgoil, ach tha e fìor. Mura bithinn air Beurla chluinntinn air an teilidh ‘s dòcha gur ann anns an sgoil a bhiodh a’ chiad bhlas de chànan Gallta. ‘S e Gàidhlig a bha ga bruidhinn anns an dachaigh; bha e cho cudromach dha na pàrantan agam air sàilleabh na thachair dha na ginealaich a chaidh romhpa, agus mar a bha daoine dhan ghinealach aca fhèin a’ cur cùlaibh ris a’ chànan. Bha feadhainn a’ smaointinn gun cumadh Gàidhlig air ais a’ chlann aca – ged a tha seo mì-fhìor, chan e na daoine fhèin a bu choireach ris an seo a-mhàin; nuair a tha na tha an sàs ann an cultar smachdail ag innse dhut nach eil d’ chainnt ‘s d’ dhùthchas math gu leòr, nach eil feum air anns an t-saoghal, tro fhoghlam, na meadhanan agus ann an dòighean eile nach eil cho follaiseach dè tha dùil aig duine ris? Ma chreideas tu na tha an cultar leis a’ chumhachd ag innse dhut bidh sin a’ toirt air falbh a’ mhisneachd agad ann an luach a’ chultair thùsail agad fhèin. Tha e cuideachd cudromach a ràdh gu robh mise buileach a’ tuigsinn carson a bha mo phàrantan ag iarraidh oirnn – mi fhìn agus mo bhràthair – gun a bhith a’ cleachdadh na Beurla san dachaigh. Ach a-nis, ‘s urrainn dhomh a ràdh gu bheil mi taingeil gun robh iad cho fada air taobh na Gàidhlig.

Ged a bha mi a’ togail na Beurla, bha mo chuid Ghàidhlig fhathast nas làidire air dòigh – chun an là an-diugh, tha e nas nàdarra dhomhsa bruidhinn anns a’ Ghàidhlig na tha e ‘s a’ Bheurla. Ach cha robh uiread ùidh agam anns a’ chultair air fad, Carson a tha mi ag aideachadh seo? Uill, ‘s e eisimpleir a th’ ann cho furasta ‘s a tha e tòiseachadh air dealachadh bhon chànan nuair nach eil thu a’ faireachdainn ceangal làidir ris a’ chultar, neo a’ cur astar eadar thu fhèin agus an cultar agad mar seòrsa de “rebellion”. Cha do chùm mi orm le Gàidhlig anns an àrd-sgoil as deaghaidh nan Standard Grades agam – ged a rinn mi glè mhath anns na deuchainnean agam – agus mar sin sguir mi a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh anns a’ chànan. Chaill mi tòrr misneachd ann an sgrìobhadh Gàidhlig agam gu h-àraid – tuigidh sibh ma-thà cho doirbh ‘s a tha seo dhomh an-dràsta! Tha mi fhathast a’ cur teagamh anns a’ chomas agam mo bheachdan a thoirt seachad anns a’ Ghàidhlig; ach, beag air bheag, tha a’ mhisneachd a’ tilleadh air ais ugam. Tha mi ‘n dòchas leis a bhith cleachdadh meadhanan mar Twitter gun dèan sinn beagan oidhirp air “normalisation” dhen chànan. Ma tha mise nam thè òg bho Uibhist a’ Tuath le Gàidhlig thuathach a sgrìobhadh nam chainnt fhèin, air làrach-lìn mar Bella Caledonia, dh’fhaodadh tu a ràdh gun e eisimpleir a tha sin do dh’obair a chuireas seachad teachdaireachd gun urrainn dhut a’ chànan a chleachdadh ann an dòigh airson bruidhinn mu chuspairean cudromach.

A bharrachd air na tha mi air sgrìobhadh mu dheidhinn an seo, bidh mi a’ sgrìobhadh air cuspairean eile: mar atharrachadh na gnàth-shìde agus mar a’ bhuaidh a bhios aig sin air àiteachan mar Uibhist a’ Tuath agus an àrainneachd againn air fad agus mu fhearann agus coimhearsnachd. Tha cuideachd ùidh mhòr agam ann an feimineachas agus cuspairean poilitigeach eile mar neo-eisimeileachd na h-Alba (tha sin follaiseach gu leòr tha mi ‘n dòchas) agus tha mo phoilitigs fhèin chun an làmh chlì. Chan urrainn dhomh cuideachd gun a bhith a’ sgrìobhadh mu shaoghal na h-ealain agus iomadach cuspair eile mu chuairt air. ‘S e ealain a rinn mi anns an oilthigh agus tha h-uile dùil agam barrachd rannsachadh a dhèanamh mu Ealain agus a’ Ghàidhealtachd, agus mar as urrainn dhuinn ealain a chleachdadh agus a thaisbeanadh ann an dòigh airson coimhead air “decolonisation”; agus a’ toirt a-steach dòighean eadar-dhealaichte coimhead air an t-saoghal (“ways of seeing” mar a’ chanas ‘ad ‘s a Bheurla).

Tha rudan a’ tachairt an-dràsta air taobh fearann agus tha dragh orm gu bheil suidheachadh airson daoine òga fuireach ann an àiteachan mar Uibhist a Tuath a’ dol a dh’fhàs nas duilghe mura atharraich cùisean. ‘S e droch rud a bhiodh an sin airson slàinte cultar, cànan agus coimhearsnachd nan eilean. Feumaidh tòrr atharraichean tighinn gu h-àraid anns an dòigh smaointinn aig na daoine leis a’ chumhachd anns na comhairlean agus an riaghaltas. Mar sin, bidh mi trang seachad air na mìosan ri tighinn a’ toirt sùil air na cùisean sin agus a’ cruinneachadh nan snàithleanan a tha ceangailte ri cultar, cànan agus ar àite anns an t-saoghal.

Comments (9)

Join the Discussion

Your email address will not be published.

  1. Andy Anderson says:

    Tapadh leat Fiona,

    Chan eil mi fillanta anns a’Ghaidhlig ach tha mi a’tuigsinn a ‘chuid mhor do litreach agus tha e a’cordadh rium. Tha mi’n dochas gum chi mi moran bhon thu.

    Andaidg Mac’ill’Andrais (Anderson)

  2. Daibhidh Eyre says:

    Cho math d’ fhaicinn ‘ann an clò’ mar gum biodh. A’ coimhead air adhart gu mòr ri na colbhan eile a leughadh Fiona – na feadhainn air na h-ealain gu h-àraidh ‘s dòcha. O chionn greis bha mi a’ bruidhinn ri tè mu dheidhinn na dòighe sa bha gnìomhachasan a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh caran faoin, agus thuirt mi rithe gur e ‘cultural appropriation’ a bh’ ann dhomhsa. Agus thuirt i rium gur e sin an dearbh rud a bha mise ris – ‘s mi a’ sgrìobhadh ann an cànan nach eil mo chiad cànan. Thug sin fearg orm an tòiseach, ach tha am beachd a bh’ aice fhathast maille rium gu tric. Chan fhios a’m an e ‘coloniser’ a th’ annam, leis nach robh dluth cheangal agam ris a’ chultar gus an robh mi nam inbheach. Ach, an uairsin bidh mi a’ smaoineachadh – ‘Uill, dè th’ ann an cultar co-dhiù? ‘S e na rudan a bhios daoine a’ dèanamh. Agus ‘s e duine a th’ annam. Ma bhios mi a’ cleachdadh na Gàidhlig anns na rudan a bhios mi a’ dèanamh, nach e ‘cultar Gàidhlig’ a tha anns na rudan sin?’ Co-dhiù!

    1. Iain MacKinnon says:

      Ach tha fada a bharrachd air cultar na ‘na rudan a bhios daoine a dheanamh’. ‘S e seo a thuirt David Theo Goldberg air ‘cultur’ anns an leabhar aige ‘Racist Culture’:

      ‘Included… are ideas, attitudes, and dispositions, norms and rules, linguistic, literary and artistic impressions, architectural forms and media representations, practices and institutions. These cultural expressions and objects embed meanings and values that frame articulations, undertakings, and projects, that constitute a way of life. In this sense culture is both, and interrelatedly a signifying system and a system of material production.’

      Tha sin a ciallachadh gu bheil cultur a tachairt am broinn a thuilleadh air a-muigh.

      Nuair a tha Fiona ag innse dhuinn gum bheil i airson ‘a toirt a-steach dòighean eadar-dhealaichte coimhead air an t-saoghal’ tha mi a smaoineachadh gu bheil rudeigein mar seo a tha i a ciallachaidh, ann pairt co-dhiudh. Agus, mar a thuirt i, airson uine fada chaidh an Gaidheil diuid air bruidhinn a mach. Le sin tha e cho chudromach airson Gaidheil an diugh a bhith roinnadh ciamar a tha e air ar son – agus airson ar son [important to share how it is for us – and to share that for ourselves, so that we might find that we have not been alone in our experiences and feelings]

      Ma tha daoine bho taobh a muigh a tuigsinn air de a tha tachairt am broinn airson Gaidheil, ‘s docha nach bidh iad cho bhuailteach a bhith deanamh ‘appropriation’ air ar cultur.

      Cum ort Fiona!

      Gabhaidh mo leisgeul airson cho borb ‘s a tha mo chuid Gaidhlig.

      1. Leodhasach says:

        Tha mi smaoineachadh gu bheil againn ri cagnadh air ceist nan Gaidheil ura gun teagamh sam bith. Cionnas a tha sinn ag amalachadh daoine bho dhiofar shluaghan a-steach a shaoghal na Gaidhlig, gun a bhith fosgladh sgaraidhean le na “Gaidheil” fhein? Gu sonraichte gus nach bi sinn le suidheachadh Eireannach neo mar a’ Bhreatainn Bheag; sgaradh eadar nua-Ghaidheil is seann Ghaidheil. Tha fosgladh deasbad agus guth nas laidire do Ghaidheil duthchasach deatamach chan ann a-mhain son na Gaidheil a mhisneachadh, ach cuideachd son is gum bith rud aig luchd-ionnsachaidh air an greimich iad agus air an cnuasaich iad is iad a’ gluasad gu bhith nan Gaidheil.

        1. IAIN MACKINNON says:

          Seadh direach! Ceistean ioma-fhillte ach cudromach. Agus tha mi toilichte gu bheil Bella fhein a’ toirt foram airson ceistean agus deasbadan air an cuspair.

  3. ROBBIE KERR says:

    ‘S math a tuirt thu!

  4. Leodhasach says:

    Chòrd am pìos a tha seo rium – a’ coimhead air adhart ri barrachd a leughadh. Cha chreid mi gun gabh a dhol às àicheadh gur e meadhan Beurla a th’anns an eadar-lìon man as àbhaist; ach a-mhàin s mathaid anns a’ Ruis neo a Sìonaidh, ’s iad companaidhean Beurla a tha riaghladh. Chan e deagh rud a tha sin do mhion-chànain nan dùthchannan a th’ air an riaghladh le Beurlaich. Mar sin, tha gach àite far am faigh Gàidheil air còmhradh is deasbad a dhèanamh le chèile air an eadar-lìon luachmhor!

  5. Alasdair Ò Maolchalann says:

    Chòrd an artaigeal seo rium gu mòr. Bha e uabhasach math rudeigin a leughadh bho Gàidheal òg san latha an-diùgh; chan eil guthan mar a th’ agad ri chluinntinn sna meadhanan cho tric idir, is feumaidh sin atharrachadh san àm ri teachd, nam bharail. Bhiodh e uabhasach math cuideachd artaigealan a leughadh mu chuspairean leithid poileataigs, feimineachas is trioblaidean is ceistean a tha sinne air an làimh clì a’ dèiligeadh ris.

    Suas leat Fiona,
    Alasdair

  6. Iàsan Mac a' Lighiche says:

    Math dhut, gabhail fadachd ris a’ chòrr!

Help keep our journalism independent

We don’t take any advertising, we don’t hide behind a pay wall and we don’t keep harassing you for crowd-funding. We’re entirely dependent on our readers to support us.

Subscribe to regular bella in your inbox

Don’t miss a single article. Enter your email address on our subscribe page by clicking the button below. It is completely free and you can easily unsubscribe at any time.