Còig Bliadhna
Tha saoghal poileataigs air gluasad cho luath seachad air na seachdainean a tha air a dhol seachad bhon sgrìobh mi mu dheireadh – cho luath ‘s gu bheil e a’ faireachdainn mar gu bheil gu leòr naidheachdan airson bliadhna a lìonadh. Bha beachd no dhà agam mu dè sgrìobhainn – ‘s dòcha rudeigin a bharrachd mu na tha tachairt ann an Uibhist leis an àrainneachd agus mar a tha ceangal aig an sin ris an t-saoghal anns an fharsaingeachd – ach ‘s e Brexit agus na còig bliadhna bhon chiad Indyref a bh’ air m’ aire, bha cuideachd “Global Climate Action” ann air an 20 là den t-Sultain agus thug sin orm beagan smuaintean a chur ri chèile. Tha mi dol a choimhead air ais air na bliadhnaichean agus mar a tha mi fhìn agus gu leòr daoine òga eile air na guthan aca a lorg a thaobh a bhith bruidhinn a-mach agus a’ faighinn an sàs ann an cùisean poileataigeach.
Tha e doirbh co-dhùnadh a dhèanamh – dè sgrìobhas mi mu dhàthainn, càit’ an tòisich mi? Tha am pìos seo a’ tighinn treis beag as deaghaidh a’ chuid mhòr dhen chòrr den cholbh seo a sgrìobhadh agus tha na rudan a tha air tachairt thairis air làithean a th’ air a dhol seachad. Thòisich mi a choimhead air ais air na còig bliadhnaichean bhon referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba ach an uair sin, bha mi a’ smaoineachadh barrachd air na tha tachairt a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde. Thoisich mi a smaointinn air a’ bhuaidh a th’ aig rudan mar sin air an òigridh agus mar a tha sin a’ dol an aghaidh tòrr dhe na rudan mì-dhòchasach a tha a’ tighinn a-mach bho na h-àiteachan far a bheil na daoine leis a’ chumhachd. Leugh am pìos sgrìobhaidh seo mar seòrsa de chlàradh dhen t-slighe phoiliteagach agamsa agus mar a tha mise a’faicinn mar a tha cùisean air a dhol, a bhith coimhead air bho na h-Eileanan. Tha e caran pearsanta, ach tha mi cinnteach gu bheil gu leòr dhuinn ann an suidheachadh coltach ris!
Tòisichidh mi le neo-eisimeileachd: Tha cuimhne agam air an fhaireachdainn a bha mu chuairt air an deasbad mu neo-eisimeileachd anns an dà bhliadhna mus robh a’ bhòt ann – bha cùisean beòthail, bha deasbad math againn an lùib caraidean, teaghlach agus daoine anns a’ choimhearsnachd – ged a chanadh cuid gun robh e ag adhbharachadh sgaradh . Tha cuimhne agam cuideachd a bhith a’ deasbad san Sgoil Ealain; bha sinn uile, gu ìre, airson neo-eisimeileachd, ach dè cruth a bhiodh air an riaghaltas anns a’ Phoblachd Shòisealach ùr a thigeadh a-mach às?! Leis an seo bha mi air bioran agus làn dòchas a dhol a steach dhan latha. Bha mi ann an seòrsa de “bubble” agus mi ’n dùil gun tigeadh cùisean a-mach air taobh “Bu Chòir”. Tha fios againn nach e sin a thachair idir…
Bha am briseadh dùil agus an fhaireachdainn de dh’fhearg a dh’fhairich mi an ath-latha doirbh a chur ann am faclan. Bha mi an dèidh a bhith air mo chois a’ chuid mhòr dhen oidhche agus bha mi sgìth cuideachd—tha mi smaoineachadh nach do chuidich e gun robh mi cho làn dòchas. Bha eagal orm aig an àm sin fhèin gun tachradh Brexit – neo rudeigin coltach ris – agus gum biodh droch bhuaidh aige air cumhachd Pàrlamaid na h-Alba. Air an làimh eile bha dòchas beag agam gur dòcha gun tigeadh barrachd cumhachdan gu Phàrlamaid na h-Alba, ach cha do thachair sin idir. Bha dòchas agam gum biodh barrachd faireachdainn radaigeach a lùib an PNA ach chan eil sin air tighinn gu mòran fhathast – agus ‘s e colbh dha fhèin a bhiodh an sin. Tha e nas follaisiche a-nis dhomhsa gum feum sin neo-eisimeileachd airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson an dùthaich a dhèanamh nas fheàrr.
Seachad air na còig bhliadhna tha air a dhol seachad, tha cuisean poilitigeach anns an Rìoghachd Aonaichte air leantainn slighe a dh’fhaodadh tu ràdh tha mar seòrsa de sgàthan chun an dol air adhart anns na Stàitean Aonaichte le Trump. Ged a bha tuairmse agam gum biodh an saoghal politeagach a’ sior dhol chun na làimh dheis, cha robh dùil agam gum biodh cùisean mar a tha iad an-dràsta. Cha smaoinichinn ann an 2014 gum biodh Boris Johnston na Phrìomhaire, ged a bha mi a’ faireachdainn dona agam ma na bliadhnaichean a bha romhainn. Tha e furasta fàs ìse mu staid an t-saoghail agus sin mar a tha mise uaireannan a’ faireachdainn – chan eil an saoghal a th’ ann a’ cuideachadh slàinte-inntinn duine.
A’ smaointinn mar a tha mi fhìn air fàs anns a’ mhisneachd agam – ann an iomadach dòigh chan eil mi a’faicinn gum bithinn cho deònach a bhith an sàs ann an gnothaichean poileataigeach, neo fiù ‘s a bhith a’ bruidhinn a-mach. Rinn mi barrachd leughadh mu poileataigs agus mar sin dh’fhàs an ùidh agam anns na gnothaichean sin; mur do thachair e, cha bhithinn a’ sgrìobhadh nam beachdan agam an seo, cha bhithinn an sàs ann an obair a thaobh na Gàidhlig fiù’s – bha e transformative dhomh. Ged a thuirt mi gun robh mi poileataigeach ron an referendum, cha robh mi buileach fiosrachail gu leòr – bha eòlas agam air beagan eachdraidh an fhearainn agus beagan mu Marx, ach ‘s e nuair a bha feum agam leughadh suas air na cuspairean a bha sinn a’ toirt a-steach dhan deasbad, sin a dhùisg m’ ùidh ann a bhith a’ smaointeachadh air dè dh’fheumadh sinn a dhèanamh agus a thogail anns na mìosan agus na bliadhnaichean as deaghaidh neo-eisimeileachd. Rud a tha mi a’ feuchainn ri ràdh an seo, ‘s e gu bheil e cuideachail rud a bhith ann airson ar n-anam a thogail – ge b’ e e neo-eisimeileachd na h-Alba, am fearann, an àrainneachd, msaa neo measgachadh dhen na cùisean seo.
Tha sinn a’ faicinn an-dràsta an òigridh a tha an sàs ann an Stalc na Sgoiltean an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde – ‘s e sin cothrom air leth math airson an ath ghinealaich a tha a’ fàs suas anns na làthaichean seo diofar mòr a dhèanamh. Chan ann tric a thig cothroman neo gluasadan mar sin gu bàrr, agus bhiodh tu ceart a ràdh gun e cùis gu math nas motha agus nas èiginniche ann an iomadach dòigh na neo-eisimeileachd na h-Alba. Bha mi fhìn ag obrachadh còmhladh ris a’ chlann a rinn an stailc ann an Uibhist a Deas, ag obrachadh air Ealain agus a’ deisealachadh nam brataichean aca. An rud a sheas a-mach as motha dhomhsa ‘s e cho misneachail ‘s a bha iad, agus gun iad fhèin a chuir air dòigh a’ chuid as motha dhe na tachartasan (le beagan taic bho phàrantan), is a bha a’ sgrìobhadh chun na BPA agus an BP againn. Bha iad cuideachd cho fiosrachail mu na tha tachairt ris an t-saoghal agus bha e follaiseach am fearg a bh’ orra. Ach tha iad air am brosnachadh, gu h-àraid leis an dlùth-chomann a tha iad a’ faireachdainn bhon chuid mhòr dhen choimhearsnachd.
Tha mi a’feuchainn ri ràdh an seo gu bheil dòchas ann airson na làithean a tha ri tighinn – tha ginealach a’ fàs suas a tha misneachail agus fiosrachail. Tha feadhainn ann a tha ag iarraidh an cur sìos agus gan cumail sìos ach tha mi làn dùil gum faigh na daoine òg seachad air seo. Mu thràth, tha sinn a’ faicinn an neirt a tha aig Greta Thunberg nuair a tha bodaich a’ fàs feargach gu bheil boireannach òg gasta gan dèanamh mì-chofhurtail. Tha sinn a’ faicinn an neirt aig Xiuhtezcatl Martinez, Artemisa Xakriabá, Autumn Peltier, agus iomadach eisimpleir de dhaoine òga a tha a’ sabaid airson an àrainneachd a shàbhaladh.
Tha còir againn barachd tìm a thoirt dhan na beachdan aca – tha iad fiosrachail, ‘s iad a dh’fheumas a bhith beò air an t-saoghal anns na linntean ri tighinn. Tha cuideachd feum againn tuigsinn cho math ‘s a tha deasbad fosgailte agus àite a dhèanamh airson seo – chan e rud fallain a th’ ann dìreach aon ghuth làidir (a tha ceàrr a’ chuid mhòr dhen ùine agus a tha gu math… fireann…) a chluinntinn. Bidh sinn uile gu math nas fheàrr dheth mu leanas sinn seo agus, àidh, tha tòrr againn ri ionnsachadh bho na daoine òga.
Not a gaelic speaker? https://translate.google.com will give you a sense of the article (but not to be trusted!)