An Suidheachadh. The Situation.
In this piece, Fiona NicÌosaig (MacIsaac) reflects on the difficulties faced by Gaelic speaking communities. Strong communities are vital to the longevity of the language, but how do we ensure that communities are supported? What is the situation actually like on the ground, amongst younger generations? How beneficial is it that Gaelic is the language of the home and of the everyday rather than something reserved for more formal settings? Also, what can be done, starting now!
Tha crìonadh na Gàidhlig air ais anns na meadhanan leis gun deach an leabhar aig Soillse, The Gaelic Crisis In the Venacular Community, fhoillseachadh; mar as àbhaist, no mar a bhiodh dùil agad, tha na “headlines” air an cruthachadh ann an dòigh far gum biodh tu a’ smaoineachadh nach eil dòchas ann airson a’ chànain. Ach ’s e an rud a bu chòir dhuinn cuimhneachadh air gun deach an rannsachadh a dhèanamh air coimhearsnachdan Gàidhlig agus na coimhearsnachdan làidir far am bi Gàidhlig air a cleachdadh bho latha gu latha, far a bheil freumhan a’ chànain agus a’ chultair a’ ruith domhain, far a bheil an dòchas ann air a son. Anns a’ phìos seo, tha mi dol a thoirt seachad mo bheachd fhìn agus a’ dol a thoirt seachad àitichean far a bheil cothrom againn adhartas a dhèanamh.
Sgrìobh Pàdruig Moireasdan pìos air leth (bithidh coma) far an robh e a’ toirt seachad a’ bheachd aige air an t-suidheachadh anns na h-Eileanan. Sgrìobh mi fhìn cuideachd pìos an-uiridh mun t-slighe agam-sa na mo Ghàidheal òg, mar sin feumaidh mi an toiseach a ràdh gu bheil mi duilich ma tha sibh air beagan dhen na a tha mi dol a sgrìobhadh an seo a leughadh mu thràth.
Tha fios agam gu bheil sinn nar Gàidheil eòlach gu leòr air droch naidheachd mun chànan neo fiù ’s mu na sgìrean far a bheil cuid againn a’ fuireach – an sluagh a’ dol sìos, ìre na mara ag èirigh agus a’ cur ann an cunnart talamh nan Eilean fhèin, is msaa. Tha cuid air argamaid nach dèan droch naidheachd eile ach cron air suim nan Gàidheal, ach uaireannan feumaidh fios a bhith aig duine càit a bheil iad a seasamh feuch gun urrainn dhaibh atharrachadh a dhèanamh air an t-suidheachadh aca. Tha na h-àireamhan a tha rin lorg anns an leabhar ag innse dhomhsa rud a tha mi air mothachadh nuair a smaoinicheas mi air ais gu nuair a bha mi òg, agus bho na bliadhnaichean bho thòisich mi ag obair air pròiseactan anns a’ choimhearsnachd – tha e doirbh do chuid den chloinn agus daoine òga Gàidhlig a’ cleachdadh taobh a-muigh nan sgoiltean. Tha cuid ann a bhruidhneas gu siubhlach toilichte anns a’ Ghàidhlig ach tha tòrr a bharrachd ann nach eil cho misneachail anns na sgilean cànain aca. Carson a tha an diofar seo air nochdadh? Tha cuid ann a tha eagalach an rud ceàrr a ràdh; tha an t-adhbhar seo gu math bitheanta, agus tha iomadach reusan air a chùl. Tha cuid ann a tha cho cleachdte ri bhith a’ bruidhinn na Beurla an toiseach nach smaointich iad air a’ Ghàidhlig a cleachdadh anns a’ chiad dol-a-mach, neo gu bheil daoine nas sine a’ bruidhinn riutha sa Bheurla a-mhàin (tha mise gu math eòlach air a seo, ach tha misneachd agam-sa freagairt a thoirt dhaibh anns a’ Ghàidhlig agus thàinig e le bhith a’ fàs nas sine). Tha mi a’ bruidhinn air deugairean gu sònraichte an seo; uaireannan tillidh iad chun a’ chànain, ach chan urrainn dhomh a ràdh dè cho tric sa thachras seo, gu h-àraid nuair a tha barrachd prìomhachas air a chur air a’ Bheurla.
Chan e coire dhaoine th’ ann gu bheil barrachd luach air a chur sa Bheurla. Nach e sin cànan na roinn obrach? Nach e sin an cànan as bitheanta san t-saoghal? Ach aig deireadh an latha, carson a tha e air prìomhachas fhaighinn nar beatha, nar coimhearsnachd? Teaghlach agus coimhearsnachd: sin agad rudan air nach urrainn dhut prìs a chur, dhomhsa tha a’ Ghàidhlig a’ toirt dhomh faireachdainn mar gu bheil mi aig dachaidh. Bha mise riamh mu chuairt air mo sheann-phàrantan a’ fàs suas agus cha bhruidhneadh iad rium ach anns a’ Ghàidhlig. Bha beartas cànain iongantach aca, agus tha mi mothachail, cho math ’s gu bheil mo chuid Ghàidhlig, nach eil an aon fharsaingeachd chànain agam. ’S e cànan na croite a bh’ ann; ’s e cànan mo dhachaidh agus mo dhùthaich a th’ ann, dè th’ ann an Uibhist gun a’ Ghàidhlig? Chan eil an ceangal sin agam ris a’ Bheurla, ged a bhios mi ga cleachdadh a h-uile latha cuideachd, chan eil e a’ ruith cho domhainn. Nuair a bhios mi a’ coimhead air an t-saoghal, ’s ann tro shùilean Gàidhealach a bhios mi a’ faicinn nan dathan agus gach nì mu chuairt orm, cha tug cleachdadh na Beurla sin air falbh bhuam ach mhothaich mi tharais air na bliadhnaichean gu robh mi a’ tòiseachadh smaointinn barrachd anns a’ Bheurla. Tha mi fhathast ag obrachadh air sin.
Tha barrachd ann an cànan seach faclan agus dè seòrsa leòn a nì e air coimhearsnachd de dhaoine nuair a tha an cànan tùsanach aca a crìonadh? ’S e ceist a bhios mi a’ faighneachd dhomh fhèin gu math tric. Tha seòrsa de cheannas aig a’ Bheurla, ceannas a chaidh a bhuanachadh tro ìmpidh chultarach agus an siostam calpach a nochd a-mach à ionnsaigh a ghabhail air daoine agus cultaran nach robh Breatannach, no Eòrpach, no Geal (gu leòr). Nuair a tha thu a’ cur luach eaconamaiceach air cànan tha thu a’ toirt air falbh bho na ceanglaichean daonna a th’ aige. Tha cànain a’ toirt dhut dòighean eile smaoineachadh agus dòighean eile coimhead air an t-saoghal. Bu chòir sin fhèin a bhith na adhbhar a bhith deònach a bhrosnachadh. Mar dhaoine tha sinn fada ro mhodhail, tha sin a’ ciallachadh gu bheil sinn dualach tionndadh chun na Beurla nuair a tha cuideigin nar measg aig nach eil ach a’ Bheurla. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil e nas fhasa cumail ris a’ Bheurla, fiù ’s nuair a tha thu a’ bruidhinn ri Gàidheil eile. Bu chòir dhuinn dìreach cumail a’ dol sa Ghàidhlig agus ma nach còrd sin ri luchd na Beurla? Coma leotha. Cha bhith sin furasta ge-tà, airson sluagh a tha fhathast a’ fulang fo sgleò mòr-chiùrraidh thar-ghinealach a tha a’ toirt buaidh air cho diùid sa tha sinn gu seasamh suas ri Beurlachas ar coimhearsnachdan.
Tha na molaidhean aig Soillse a’ sealltainn dhuinn gu bheil slighe ann tro na dùbhlain seo. ’S fhada bha dhìth againn air rudeigin coltach ri Urras na Gàidhlig, rudeigin a thoirear taic bhon bhun agus suas anns na coimhearsnachdan. Mu thràth tha sinn a’ bruidhinn còmhla mu dè nì sinn anns na seachdainean agus na mìosan ri thighinn, tha atharrachadh a’ dol a nochdadh a dh’aithghearr agus chan eil sinn idir a’ sealltainn dhomhsa gu bheil an teachdaireachd bhon leabhar air cron a dhèanamh – tha e air daoine a dhùsgadh agus chì sinn dè nochdas às, chan urrainn dhomhsa mòran a ràdh an-dràsta! Seall an iomairt “Dè an t-ainm a th’ ort?” aig Seonaidh Mac an t-Saor agus cho luath ’s a ghabh daoine ris; coimhead air na cunntasan Gàidhlig a tha air nochdadh air TicToc agus Instagram bho dhaoine òga! Tha fios aig duine sam bith, mar mi fhèin, a tha ag obrachadh anns na coimhearsnachdan nach tachair mòran ma nach tòisich thu an toiseach le na daoine fhèin. Tha e math gu leòr beachdachadh air dè tha daoine ag iarraidh, neo dè bhiodh feumail, bho astar ach gu tric cha fhreagair an aon rud ann an Uibhist sa fhreagradh ann an Glaschu. Sgrìobh Jane NicLeòid artaigil làidir mun na tha sinn air fhaicinn (agus air fhaireachdainn) anns na h-Eileanan, The Vernacular Gaelic Community In Crisis; a Liminal Perspective, airson barrachd fiosrachaidh.
Bu chòir don riaghaltas coimhead air dì-mheadhanachadh agus a bhith nas adhartaiche ann a bhith a’ toirt barrachd neart do choimhearsnachdan fhèin. Ciamar nach e buannachd a bhiodh ann do dhaoine air feadh Alba? Am bi an riaghaltas cho dàna sin, ge-tà? Uill, chan eil mise co-dhiù ag iarraidh fuireach gus am bi: tharais air na bliadhnaichean, bho na geallaidhean mòra ann an 2014, tha mi air beagan dòchais a chall anns an riaghaltas a th’ againn airson atharrachadh seasmhach a dhèanamh. Feumaidh sinne seasamh suas air a shon: na gabh ri faclan snog, dè feum a nì sin aig deireadh an latha? Cuimhnichibh air a’ bhuannachd a thànaig à Strì an Fhearainn, ach a-nis tha sinn a’ strì airson ar cànan agus beatha na coimhearsnachd. Tha a h-uile nì ceangailte: taigheadas, ceartas fearainn, deamocrasaidh an t-sluaigh, cothrom obrachadh anns gach gnìomh tro mheadhain na Gàidhlig. Tha am buidheann Misneachd ag iomairt airson adhartas airson a’ chànain agus an cultar, agus tha Plana Radaigeach airson na Gaidhlig aca a’ dol ris na molaidhean anns an leabhar ùr seo. Mholainn dhuibh faighinn an sàs leis a’ bhuidheann sin ma tha ùidh aig neach sam bith a tha a’ leughadh na sgrìobh mi an seo.
Feumaidh sinn a bhith dàna agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tig èisteachd ri na guthan againne anns na Sgìrean seo. Gu boil le luchd na Beurla agus “mì-rùn mòr nan Gall” na èist riutha nuair a tha iad a’ sgiamhail mu chosgais, tha an aon chead againne mar Ghàidheil a bhith beò fhathast anns an dùthaich seo. Tha freumhan na Gàidhlig a’ ruith às na coimhearsnachdan seo anns na h-Eileanan agus a’ Ghàidhealtachd agus ma bhàsaicheas na freumhan, seacaidh an lus.
Also in this series:
A Child’s Eye View of Language Revitalisation
Bithibh coma – stop being so polite
Responding Creatively to The Gaelic Crisis
A h-uile facal taghte!
Taing Mhòr, Jane. Chòrd am pìos agadsa rium gu mòr cuideachd. Tha e cho cudromach gum bruidhinn sinn a-mach.
Chòrd seo rium glan. Tha dòchas ann ‘son a’ chànain fhathast
Tha dòchas ann gu dearbha fhèin.
Làidir agus ealanta mar a bhithinn an dùil bho Fiona…. “Dè th’ ann an Uibhist gun a’ Ghàidhlig” ?
Tapadh leibh, Eairdsidh.
Tha e togail mo chridhe a chuala guthan laidir, smuaineachail bho mnathan Gaidhealach [to hear the voices of two strong, thoughtful Gaelic women] air Bella mar seo – thu fhein agus Sine. Gun teagamh tha e dochasach dhomhsa. Chord am pios seo rium gu mor.
‘Cuimhnichibh air a’ bhuannachd a thànaig à Strì an Fhearainn, ach a-nis tha sinn a’ strì airson ar cànan agus beatha na coimhearsnachd. Tha a h-uile nì ceangailte: taigheadas, ceartas fearainn, deamocrasaidh an t-sluaigh, cothrom obrachadh anns gach gnìomh tro mheadhain na Gàidhlig.’
A h-uile ni ceangailte; seadh, tro ar fein [singular agus plural] mar Gaidheil
Moran taing a charaid agus gabh mo leisgeul airson mo chuid Gaidhlig
Ag aontachadh ris a h-uile beachd anns an aithris seo.
Suas leis a’ ghàidhlig.
Agus le mì-mhodh ! Tha sinn air a bhith sollt ro fhada!