SS-image-2014-08-04-53dfcd85ba208San alt Gàidhlig seo, tha Art MacCarmaig a’ bruidhinn air na dòchasan aige airson Alba san àm ri teachd, mun a’ phàirt chudthromach a tha e a’ cluich san Iomairt Yes air Ghàidhealtachd, agus mun an amharas a th’ aige air na tha pàrtaidhean Westminster a’ gealltainn ma tha Alba ag ràdh Nach Bu Chòir. [In this Gaelic article, Arthur Cormack speaks of his hopes for Scotland in the future, of the important role he is playing for the Yes Campaign in the Highlands, and of his suspicions of the Westminster parties’ promises if Scotland says No.]

Dòchas no Eagal? Sòlas no Aithreachas? Bu chòir no Cha bu chòir?

Nam biomaid na b’ fheàrr còmhla a’ bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, carson nach eil sinn mar-thà nas fheàrr còmhla?  Carson nach eil a h-uile càil a thathar a ghealltainn againn an-dràsta?  A bheil an fheadhainn a chanas gu bheil a’ chuid as fheàrr againn de dhà shaoghal (ge bith dè tha sin a’ ciallachadh) cuideachd a’ cumail a-mach gu bheil an Rìoghachd Aonaichte, mar a tha sinn eòlach oirre an-diugh, na h-àite tlachdmhor far a bheil a h-uile nì cho math ‘s a b’ urrainn dha a bhith?

Chan eil dath na fìrinn air sin.

Tha buaidh an riaghaltais Làbaraich mu dheireadh fhathast a’ bualadh oirnn an dèidh crìonadh san eaconamaidh a mhair fada ro fhada ri linn cion smachd air bancaichean. Tha na Tòraidhean air cùisean a dhèanamh na bu mhiosa buileach.

Tha cùisean air a bhith doirbh dhaibhsan a tha ag obair, leis gu bheil cosgaisean làitheil air èirigh cho mòr ach gun do dh’fhuirich an tuarastal aca aig an aon ìre.  Dhaibhsan nach eil ag obair, tha riaghaltas Lunnainn gam peanasachadh agus ga dhèanamh nas duilghe sochairean fhaotainn.  Seo a dh’aindeoin ’s gu bheil gu leòr san t-suidheachadh sin ri linn phoileasaidhean agus cion cùram stàit anns a’ chiad dol a-mach.
Aig an aon àm ‘s a tha na h-àireamhan de dhaoine a tha a’ dèanamh feum de bhancaichean-bìdh air èirigh gu mòr, tha riaghaltas Westminster fhathast den bheachd gur e deagh rud a bhios ann uidheamachd cogaidh a chruthachadh an àite Trident aig cosgais £130 billean.  Dh’fhaodadh an t-suim sin co-dhiù £235k a thoirt don a h-uile sgoil san Rìoghachd Aonaichte – gach bliadhna airson deich bliadhna fichead.
Dè as cudromaiche?  Uidheamachd cogaidh den t-seòrsa seo nach gabhadh a chur gu feum gu siorraidh – nan samhla den impireachd a chrìon bho chionn fhada?  No foghlam?  No slàinte?  No sochairean sòisealta?  No barrachd airgid son cùram-cloinne a leigeadh le boireannaich (agus fireannaich) a dhol air ais a dh’obair?
Chanadh cuid gun dèanadh atharrachadh san riaghaltas an Lunnainn an ath-bhliadhna diofar mòr do dh’Albannaich.  Ach leis gu bheil na Làbaraich cho math ris na Tòraidhean air barrachd cruadail a ghealltainn, ge bith cò ghlèidheas an ath thaghadh coitcheann ann an 2015, bidh cùisean fhathast gu math teann.
Chan eil mi fhìn a’ creidsinn gum faigheamaid cumhachdan a bharrachd mar a tha pàrtaidhean an aonaidh a’ gealltainn nam fuiricheadh Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.  Chan eil earbsa sam bith agam sna daoine a tha gan gealltainn agus tha e follaiseach bho gheallaidhean a thug iad seachad cheana, gu bheil mi ceart a bhith amharasach.
Co-dhiù, carson a chuireamaid cùl ris na cumhachdan uile a tha a dhìth airson Alba a riaghladh airson fada nas lugha de chumhachdan fhaighinn nan àite air a’ cheann thall?  Tha e doirbh a thuigsinn cò chreideadh gur i deagh shlighe air adhart a bhiodh sin.
Tha Alba na dùthaich bheartach.  A bheil cùisean air ìre a ruighinn far am bu chòir dhuinn a bhith sàsaichte gun bhuannachd fhaighinn às a’ bheartas sin?  No, am bu chòir dhuinn a bhith a’ lorg slighe eile?
Le neo-eisimeileachd chan eil sinn ach ag amas air suidheachadh a tha àbhaisteach don mhòr-chuid de dhùthchannan; dùthchannan far a bheil am poball a’ taghadh nan daoine a bhios gan riaghladh.  Chan ann mu dheidhinn pàrtaidh no poileataigs àbhaisteach a tha ceist an reifreinn idir ach, gu sìmplidh, mun t-seòrsa dùthaich a tha a dhìth air Albannaich agus cò bu chòir a bhith gar riaghladh.
Chan eil mise nam bhall de phàrtaidh sam bith.  Ach ’s fhada on a bha mi den bheachd gun robh làn chomas aig muinntir na h-Alba co-dhùnaidhean a ruighinn gu maith na dùthcha aca fhèin.
Nuair a chaidh iarraidh orm a bhith nam bhall den chiad ceud a chuir ainm ris an athchuinge a’ toirt taic do neo-eisimeileachd do dh’Alba, cha b’ e ruith ach leum a rinn mi.  Ghabh mi ri obair shaor-thoileach mar chathraiche air an iomairt san Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Loch Aillse agus tha cùisean air a bhith trang, beòthail agus làn deagh ghean.  Agus tha sinn air a’ Ghàidhlig a chleachdadh gu follaiseach nar n-iomairt.  ’S fhada on a bha an uiread de chòmhraidhean a’ dol air adhart ann an coimhearsnachdan.
Agus ’s ann mar sin a tha cùisean air feadh Alba.  Tha coimhearsnachdan air tighinn beò a-rithist agus, ge bith dè thachras air 18mh Sultain, tha mi an dòchas nach fhalbh sin.
Bu chòir do dhaoine ann an diofar choimhearsnachdan an cuid bheachdan a chur an cèill mu na thathar a’ sùileachadh bho riaghaltas Albannach.  Nam bheachd-sa, bidh iomadh cothrom ann don Ghàidhealtachd agus do na h-Eileanan.  Le dreuchdan ùra a bhiodh an cois buidhnean an riaghaltais ùir, bu chòir cuid aca a bhith ann an sgìrean far a bheil obraichean a dhìth agus far am biodh a’ bhuaidh eaconomach na b’ fhollaisiche; ann an àitichean far am faigh òigridh cothrom fuireach aig an taigh seach gluasad do na bailtean mòra.
Ged a tha na cothroman follaiseach dhòmhsa, tha mi ag aithneachadh gur e ceum doirbh a bhios ann do chuid a bhòtadh airson neo-eisimeileachd.  Mholainn gu mòr dhan a h-uile duine an ceum a ghabhail ge-tà.  Ged a nì sinn mearachdan ann an dùthaich neo-eisimeileach – chan eil càil nas cinntiche – bidh cothrom ann am feum as fheàrr a dhèanamh de na stòrasan a th’ againn ann an Alba gus dùthaich nas cothromaiche a stèidheachadh.  Bidh dleastanas oirnn uile a dhèanamh cinnteach gun obraich cùisean.  Ged nach biodh e uile gu lèir furasta, b’ fheàrr leam dùbhlan no dhà seach fuireach fo smachd riaghaltas ann an Lunnainn leis na tha an dàn don Rìoghachd Aonaichte.
Cuimhnichibh nach eil aon dùthaich a ghabh an ceum seo mar-thà ag iarraidh tilleadh dhan rìoghachd dom buin iad roimhe.  Cuimhnichibh gur e fìor chothrom a tha sa bhòt.  Cha bhi bhòt son neo-eisimeileachd ach na toiseach tòiseachaidh.  Ged a dh’fhaodadh cùisean san dùthaich a bhith na bu mhiosa, dh’fhaodadh iad cuideachd a bhi tòrr mòr na b’ fheàrr.  Chan eil duine a chanadh nach eil an comas aig Alba riaghladh na dùthcha a ghabhail os làimh.  ‘S ann mu dheidhinn sin – agus sin a-mhàin – a tha ceist an reifreinn.  Cuimhnichibh air bunait na ceist: Am bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?  Cò chanadh nach bu chòir?